7 Beathaichean Hiortach
Eich
Mus do dh’fhàg na daoine, ann an 1930, cha robh each air an eilean — agus bha sin air a bhith mar sin airson dhà no trì linntean. Chaidh aon nighean bheag a tha fhathast maireann air turas a Steòrnabhagh agus, nuair a thill i gu Hiort le a h-eachdraidh air a’ bhaile mhòr, dh’innis i gur e each is cairt aon dhe na mìorbhailean a bha i air fhaicinn.
O chionn dà cheud bliadhna, bha deich eich air an eilean — eich bheaga chruaidhe, gu math èasgaidh agus gu math dealbhach. Aig an àm sin bha eich lìonmhor air feadh nan eileanan, agus bhiodh e a’ cur iongnadh air luchd-tadhail na h-eallaich na bha iad comasach air a ghiùlain. Bha Goill a’ cumail a-mach gu robh buntanas eadar an seòrsa feòir air an robh na beathaichean sin ag inghilt agus an neart a bh’ annta. Bha aon fhear ag ràdh: “Tha am feur a’ fàs ann an talamh gainmhich ri taobh na mara, agus air an adhbhar sin tha e air a neartachadh le smùirneanan a tha dualtach air fuil nam beathaichean a bhrosnachadh agus spionnadh a chur nan cnàmhan.”
Anns an t-seachdamh linn deug, bhiodh farpaisean aig na Hiortaich leis na h-eich.
Bha na gillean a’ dol air dromannan nan each gun dhìollaid ’s gun shrian. ’S cha robh umpa fhèin ach pilleag aodaich mun cruachanan — coltach ri Innseanaich Aimeireagaidh. Bhiodh na Hiortaich a’ stiùireadh an eich le grèim aca le aona làimh air a’ mhaing.
Latha mòr toileach a bh’ ann an latha nan Each! Bha na teaghlaichean a’ dol chun na cluain a dh’èigheachd ris na ridirean agus a chumail misneachd riutha — dìreach mar a bhios uaislean Shasainn a’ dol, anns an linn againn fhìn, gu Latha nan Each aig Ascot! ’S gu dearbha, nach bu mhath a bhith nan cuideachd!
Caoraich
’S e na caoraich Hiortach na caoraich as sine gnè anns an Roinn-Eòrpa. Tha iad coltach ris na caoraich fhiadhaich a chaidh a chàllachadh agus a thugadh a Bhreatainn às an Roinn-Eòrpa bho chionn 5000 bliadhna, agus a bha cumanta anns gach rìoghachd mun cuairt bho chionn mìle bliadhna. A-mach às na caoraich dhonn dh’fhàs treubhan ùra nas motha anns a’ chorp agus le clòimh gheal orra — treubhan a chaidh òrdanachadh le tùr nan tuathanach ’s nan cìobairean. Ach air Hiort agus air Sòdhaigh, far nach robh sgil luchd-grèidhidh a’ tighinn nan lùib, mhair na caoraich dhonn leis an aona choltas is gnè ’s a bha air caoraich mhìltean bliadhna air ais. Chan eil fhios cuin a chaidh na ciad chaoraich a chur air Sòdhaigh. ’S e sgrùdadh luchd-àrsaidheachd a dh’innseas anns na bliadhnachan ri teachd cò às a dh’èirich an treubh a tha air an eilean. Anns an naodhamh linn deug bha caoraich le ceithir adhaircean air Hiort, ach chan fhacas gin dhiubh air an eilean bho chionn bhliadhnachan.
Chaidh na caoraich gheala uile a ghluasad à Hiort ann an 1930 agus 1931. Ann an 1932 chaidh còrr air ceud caora dhonn a thoirt air aiseag à Sòdhaigh agus a leigeil saor air Hiort, far na dh’fhàs iad gu math lìonmhor. Aig amannan tha an àireamh cho àrd ri 1800, agus aig amannan eile cho ìosal ri 700. Thathas a’ cumail a-mach gu bheil ceangal eadar soirbheachadh nan caorach agus feabhas aimsir an t-samhraidh, agus gu h-àraid dè cho math ’s a tha am pòr feòir air an eilean airson na caoraich-uan a bheathachadh.
title | 7. Beathaichean Hiortach |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | An Aois Og (ro 1730) |