[26]

9 Tha Giullan Agam Fhìn

(Na facail caillte; facail ùra le C. MacFh.)

Dannsaidh mi le Fionnlagh
Mulaidh air, cho sunndach;
Is seach gu bheil mo ghiullan mear,
Miridh e ri cunntais.
Dìridh e na creagan cas
Chunntadh nan uighean dhomh;
Streapaidh e an Stiodhaigh Ghlas
Cùl Bhoraraigh
Streapaidh e an Stiodhaigh Ghlas
Chunntadh uighean dhomh.

Pòsaidh giullan Màiri
Caileag laghach àlainn,
Is seach gu bheil an dithis cleas,
Nach danns iad dhuinn an dràsda.
Dìridh e na creagan cas – ’S e gheibh uighean di;
Streapaidh e aBhearraidh Gheal
N taobh Oiseabhal;
Streapaidh e aBhearraidh Gheall – ’S e gheibh uighean di.

Gleusaidh sinn na fìdhlean
S cluinnear sinn an Ile,
Is seach gu bheil an comann deas
Air stapadaich na ruidhle,
Dìreamaid na creagan cas
Chunntadh ghugachan;
Dìreamaid an Staca Bhreac
Stùc Bhradastac:
Dìreamaidh an Staca Bhreac
Chunntadh ghugachan.

Dèanamaid an ruidhle
Do dhFhionnlagh beag na fìdhle
Fionnlagh lurach beag cho mear,
S en giullan agam fhìn e.
Cluichidh e mun Staca ,
S eòinridh amagadh air;
Cluichidh e air Mullach ,
S raon Chonachair;
Cluichidh e air mullach
S eòinridh amagadh air.

Fulmair is làmhaidh
S buthaigir an àigh dhomh
Gheibh mo ghiullan measg nan creag
Na annlann do na càirdean.
Cuiridh e gu dannssinn,
Fionnlagh afeadalaich;
Giaban ris aghanntar,
S ceòl aighearach;
Giaban ris aghanntar
S Fionnlagh afeadalaich.

title9. Tha Giullan Agam Fhìn
internal date1995.0
display date1995
publication date1995
level
parent textAn Aois Og (ro 1730)
<< please select a word
<< please select a page