[48]

22 A’ Bhan-tighearna Grange(1734–42)

Ann am beul-aithris an eilein tha sgeulachdan mu dheidhinn ban-àrmann a bha acòmhnaidh ann a Hiort. Tha seann thogalach cloich anns aGhleann, air iadhadh le feur, air a bheil an t-ainm Taigh na Ban-Armainn. abhan-àrmann, no an linn anns an robh i beò, chan urrainn do dhuine a ràdh le cinnt. Ma chreideas sinn aon sgeulachd, bha i maireann nuair a bha blàr mòr fearainn aceangal Hiort ri Innse Gall, agus chleachd i a bhith asealg fhiadh air each air na slèibhtean eadar Hiort agus na Hearadh. Co-dhiù, ma bha i adèanamh sin, cha bann an- a bhann!

Air taobh eile an eilein bho Thaigh na Ban-àrmainn, tha àite ris an abrar Poll na Ban-tighearnaàite eireachdail a chaidh ainmeachadh air boireannach ionmhainn a bha air Hiort o chionn cheud bliadhna gu leth. ’S fhiach sgeulachd na ban-tighearna sin a h-innse, chionns gu bheil i air eachdraidh cho cianails a tha air a sgrìobhadh mun an eilean.

Anns abhliadhna 1709, phòs Raonailt Cheisley à Dail Rìgh, faisg air Dùn Eideann, fear Seumas Erskine, an dàrna mac a bhaig Iarla Mhàirr. Fear-lagha a bhann an Seumas Erskine, agus goirid an dèidh dha pòsadh chaidh àrdachadh gu Lord Justice Clerk ann an Dùn Eideann. Ann an ceann ùine chaidh uaisleachadh gu Tighearna, agus ghabh e an t-ainm an Tighearna Seumas Grange. Bha an Tighearna Seumas agus a Bhan-tighearna Raonailt air an àireamh am measg uaislean na h-Albann. Bha iad pòsda airson fichead bliadhna, is ochdhnar a theaghlach aca, ’s gun amharas aig duine air taobh a-muigh na dachaigh nach robh iad sona gu leòr le chèile. Tha e coltach nach robh iad idir sona, ach gu robh iad geur, gràineil air càch-a- chèile. Mu dheireadh, dhfhàs an Tighearna Grange cho searbh ri mhnaois gun do dhealaich e bhuaipe.

Anns an linn ud cha robh am pòsadh a bha eadar Sasainn agus Alba càil na bu toilichte na bha am pòsadh eadar Seumas agus Raonailt. Bha Sasainn air Gearmailteach a ghabhail mar rìghfear nach bruidhneadh Beurla no Gàidhlig, agus a bha air na Stiùbhartaich, an t-seann shliochd rìoghail a bha air a bhith an Alba airson iomadh linn, a ruagadh a-mach à Breatainn. Ach ged a bha na Stiùbhartaich air teiche dhan Fhraing, cha robh iad gun chàirdean ann an Alba. Bha mòran dhe na cinn-chinnidh aguidhe riutha tilleadh airson crùn na h-Albann a chosnadhaguss mathaid crùn Shasainn cuideachd a chosnadh bho Rìgh Deòrsa. Bha an Tighearna Seumas Grange air aon dhiubh sin a bha air cùl na ceannairc an aghaidh Rìgh Deòrsa. Ach bha aon rud acur dragh air: bha amharas aige gu robh deagh fhios aig Raonailt air acheangal a bha eadar e fhèin agus muinntir na ceannairc, agus gu robh aithne aice air an ullachadh a bha iad adèanamh.

Bha e air aithris aig an àm gum be Mac Shimidh, ceann-cinnidh nam Frisealach, a fhuair leigheas air achuis. Aon oidhche thàinig greigh bhrogach Gàidhealach gu dachaigh na Ban-tighearna agus ghoid iad i. Ghabh iad a-mach leatha gu tuath, asiubhal air an oidhches agabhail fois air an latha. Mu dheireadh ràinig iad Heillsgeir, faisg air Uibhist a Tuath. Bha càirdean na Ban-tighearna ga lorg thalls a-bhos, agus mu dheireadh thòisich iad acur theachdaireachdan gu ruige nan gleanntan a biomallaiche a bhair aGhàidhealtachd.

Ann an 1734, an dèidh bhliadhna na prìosanach air Heillsgeir, chaidh aBhan-tighearna a chur air bàta a sheòl leatha gu Hiort.

An sin, chaidh taigh ullachadh dhitaigh a bha beagan na bu mhothas na bu spaideile na na bothanan àbhaisteach. Bha sheòmar annaon anns an robh aBhan-tighearna agabhail còmhnaidh agus fear eile do dhFhionnlagh Dòmhnallach, am fear a bha air a phàigheadh airson a cumail anns achuimh.

Bha sluagh an eilein truasail, coibhneil ri Raonailt, agus thigeadh iad gu tric thuice le tiodhlacan de dheòin, de dhuighean, no de fhlùran a bha iad air a bhuain air na cnuic. Dhaindeoin nan coibhneasan sin, cha robh inntinn Raonailt ach air aona rudteachdaireachd fhaighinn gu a càirdean dligheach ann an Dùn Eideann. Chaidh na bliadhnachan seachad agus rinn Fionnlagh Dòmhnallach sèithear-cuilc dhitiodhlac a bha aice gu latha a bàis.

Mu dheireadh, fhuair i air litir fhaighinn chun na mòr-thìr. Ged a bha i air iomadach litir a chur air seòladh anns achuan, ’s iad ceangailte ri maidean, cha robh aon dhiubh sin air a ceann-uidhe a ruighinn. Be searbhant a dhfhàg Hiorts a chaidh gu Gleann Eilg a thug leatha litir na Ban-tighearna, ’s i aice air a fuaigheal na còta-bàn. Nuair a fhuaireadh a-mach ann an Dùn Eideann far an robh aBhan-tighearna air a cuingealachadh, chuireadh gnothaichean air chois airson a cuideachadh. Mu dheireadh, ràinig bàta Hiort air a tòir, agus cha robh Fionnlagh Dòmhnallach comasach air aBhan-


[49] tighearna a chumail bho a sgiobadh. Gu dearbha, tha e coltach gu robh Fionnlagh gu math ceangailte ris aphrìosanach agus gu robh e ro thoilichte ga faicinn afàgail Hiort, saor, gu a càirdean fhèin. Mus do dhealaich i ri Fionnlagh thug i dha thasdan dheug airson an t-suidheachain a bha e air a dhèanamh dhi.

Litir na Ban-tighearna Grange, à Hiort 1738

Thugadh aBhan-tighearna bho Hiort gu Dùthaich MhicAoidh agus à sin, an ceann thrì bliadhna, dhan Eilean Sgiathanach. Cha robh e fhathast sàbhailte dhi tilleadh a Dhùn Eideann.

Fads a bha i air Hiort acaoidh an tionndaidh a bha air a thighinn air a beatha, rinn i bàrdachd anns aBheurla a bha asealltainn an fharmaid a bhaice ri mnathan Hiort. Bha i fhèin gun Ghàidhlig, gun eòlas air eunachd, air iasgach no air rud sam bith co-cheangailte ri obair an fhearainn. Seo mar a dhinnis i mar a bhiodh àbhachd agus ceòl am measg nan Hiortach nuair a ruigeadh an sgoth a-steach gu cladach an dèidh dhi a bhith aig iolla no ri eunachd.

title22. A’ Bhan-tighearna Grange (1734-42)
internal date1995.0
display date1995
publication date1995
level
parent textAn t-Seann Aimsir (1730–1852)
<< please select a word
<< please select a page