32 Rè an t-Samhraidh LINEBREAK (Na facail le C. McFh.)
Rè an t-Samhraidh bha mo dhùil ris, LINEBREAK Mo ghean sùrdail ’s mi ga feitheamh LINEBREAK Sùil gu Deas a dh’fhaicinn siùil LINEBREAK Mu Rubh’ an Dùin, tighinn dlùth ri fearann; LINEBREAK Rè an t-samhraidh bha mo dhùil ris, LINEBREAK Mo ghean sùrdail ’s mi ga fheitheamh.
Cha b’ e gleusadh fear na fìdhle LINEBREAK A rinn inns’ mo ghràdh bhith tighinn LINEBREAK ’S cha b’ e ceilear dheas na pìob’ LINEBREAK A thog ruidhle fàilt’ e ruighinn; LINEBREAK Cha b’ e gleusadh fear na fidhle LINEBREAK A rinn inns’ mo ghràdh bhith tighinn.
Thog fir sùil-bheachd sgairt le fiamh LINEBREAK Gu robh na nàimhdean air an stairsnich, LINEBREAK Bagart creich le daga ’s lann, LINEBREAK Is theich sinn crom ri fasgadh cladaich; LINEBREAK Thog fir sùil-bheachd sgairt le fiamh LINEBREAK Gu robh na nàimhdean air an stairsnich.
Bha mo ghràdh a’ ruith nan gleann, LINEBREAK Mac-talla meallta ris a’ freagairt, LINEBREAK ’S a chlaisneachd geur ri guth na h-òigh LINEBREAK A thug a bòid gum biodh i leth ris, LINEBREAK Bha mo ghràdh a’ ruith nan gleann, LINEBREAK Mac-talla meallta ris a’ freagairt.
Chualas faram chnag is ràmh LINEBREAK Is leig mi ràn nuair thug mi ’n aire LINEBREAK Gu robh mo ghràdh gu bhith a fàir’ LINEBREAK ’S a bhratach àrd ’s e tilleadh dhachaigh; LINEBREAK Chualas faram chnag is ràmh LINEBREAK Is leig mi ràn nuair thug mi ’n aire.
Dh’fhàg e còirean Hiort gun ghò, LINEBREAK Tighearna òg nam pògan meala, LINEBREAK Dh’fhàg e òigh a’ sileadh dheòir LINEBREAK An creachadh dòchais chaoidh bhith maill’ ris; LINEBREAK Dh’fhàg e còirean Hiort gun ghò LINEBREAK Tighearna òg nam pògan meala.
Nàile, mise a tha caoineadh LINEBREAK Beatha gaoil mu sgaoil le sochair, LINEBREAK Oir chuireadh aontrachd orm le faoineas LINEBREAK ’S mi nis às aonais laoich is tochair; LINEBREAK Nàile, mise a tha caoineadh LINEBREAK Beatha gaoil ma sgaoil le sochair.
(Seann cheòl Hiortach)
title | 32. Rè an t-Samhraidh |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | An t-Seann Aimsir (1730–1852) |