35 Sgiobadh na Charlotte: 1839
Dà bhliadhna dheug an dèidh do Mhòr Mhoireasdan a leannan Ileach a chall, thàinig ochd duine deug de dh’eilthirich air tìr air Hiort, ’s an t-soitheach aca air a dhol fodha aig Rocabarra — no Rockall mar a dh’aithnicheadh sinn an-diugh e. Ann an eachdraidh na naodhamh linn deug, tha iomradh air sgiobaidhean dà shoitheach a chaidh a chall aig Rocabarra. Ann am beagan làithean ràinig iad cladaichean Hiort.
’S iongantach cho cunnartach ’s a tha Rocabarra, sgeir nach eil mòran nas motha na togalach thrì stòir a dh’àird a chitheadh tu anns a’ bhaile mhòr. Tha i, mar gum biodh, na h-aona stob dubh na sheasamh ann an sgaoilteach mhòr a’ chuain, dà cheud mìle an iar air Hiort, a tha air iomadach soitheach a spealgadh às a chèile. Anns a’ bhliadhna 1839, chaidh bàta Sasannach, an Charlotte, a-mach à baile-puirt Hull, a tholladh air Staca Rocabarra. An ceann seachdain ràinig an sgiobadh aice taobh siar eilean Hiort. Far an deach iad gu tìr leis an eathar a bh’ aca, tha na creagan cho cas is cho cunnartach ’s gu robh e do-dhèanta dhaibh dìreadh gu am mullach. Ghabh na h-eilthirich fasgadh ann an uaimh, agus tha cinnt gum biodh iad air am bàs fhaighinn an sin mura biodh gille òg Hiortach air a dhol faisg air beul geodha iomallaich, far an tug e an aire dhaibh.
Bha an gille air a bhith buachailleachd cruidh, ach dh’fhàg e an crodh agus ruith e trì mìle dhachaigh a dh’innse gu robh “Goill air an eilean”. Mar a thurchair, bha mòran dhe na fir a-muigh a’ tional eunlaith, agus ’s e Dòmhnall MacFhionghain — preasaintear às na Hearadh a bha a’ tadhal ann a Hiort — a chaidh còmhla ris na bodaich a dh’fheuchainn ris na h-eilthirich a theàrnadh. Chaidh Dòmhnall sìos air an lon ’s na bodaich os a chionn, agus cha b’ fhada gus na ràinig e na Sasannaich. Bha na truaghain an sin, gu bhith marbh leis an acras agus aon fhear dhiubh na shìneadh ’s a chas briste. Chaidh fear air fhear a tharraing gu bàrr na creige leis an ròpa, agus mu dheireadh dh’fhalbh am buidheann air fad air an t-slighe chun a’ bhaile, ’s bha e gu bhith dorch mus do ràinig iad. Bha mnathan a’ bhaile air ghoil ag ullachadh airson nan Sasannach. Agus tha e furasda a thuigsinn gu robh e duilich leapannan agus biadh fhaighinn do dh’ochd duine deug. Co-dhiù, bha Hiort a-riamh ainmeil airson fialaidheachd nan daoine, agus chaidh a h-uile duine dhe na coigrich fhaighinn a-steach fo thughadh mus do dhùin an oidhche umpa.
Chaidh fear na coise briste a ghiùlain gu taigh far an deach a chur na shìneadh ann an crùb. Cha do chòrd an leabaidh chloich ris an t-Sasannach, ach cha robh e ann an sin fada. Chaidh a ghiùlain chun a’ mhansa. Bha am ministear gu math ealanta air cnàmhan a chàradh, oir bha sreap nan creag a’ cumail na h-obrach sin ris bho bhliadhna gu bliadhna. Chuir am ministear spealtan ris a’ chois, agus ann am beagan làithean bha na Sasannaich uile dòigheil, taingeil air mar a chaidh an anacladh. Ach bha e coltach gun do dh’aidich bodach na cois dhan mhinistear gu robh e air a bhith air chrith le eagal aig toiseach a rèis am measg nan Hiortach. Nuair a chaidh a chur dhan chrùb bha e a’ smaoineachadh gu robh na daoine ga shadadh ann an tobar. Agus nuair a chaidh a ghiùlain chun a’ mhinisteir an dèidh sin, bha eagal air gu robhas a’ dol ga chronachadh airson a bhith ’g èigheachd!
Co-dhiù, tha e air aithris gun deach Dòmhnall MacFhionghain nan cois air an aiseag bho Hiort chun na Hearadh. Rinn iad an t-aiseag air an eathar aca fhèin, a fhuair na Hiortaich air a shàbhaladh dhaibh.
Nuair a ràinig iad eilean Phabaigh ann an Caolas na Hearadh, thug iad an eathar mar thiodhlac do MhacFhionghain. Reic MacFhionghain i, agus chuir e na naodh notaichean a fhuair e oirre gu sluagh Hiort. Ach cha b’ e sin an uireas ris an robh dùil aig na Hiortaich. Bha na Sasannaich air mòran a ghealltainn dhaibh — spòg mhath airgid agus rudan a bhiodh annasach dhaibh. Bhòidich na Sasannaich gun cuimhnicheadh iad air fialaidheachd an t-sluaigh agus mar a bha iad air an togail a-mach à beul a’ bhàis.
’S duilich an naidheachd a h-innse gun do rinn na h-eilthirich dearmad air na bha iad air a ghealltainn, ’s nach tàinig sgillinn ruadh a-riamh bhuapa gu teaghlaichean an eilein.
LINEBREAK Sràid a’ Bhaile
LINEBREAK Bàgh a’ Bhaile bho mullach Chonachair
[78]LINEBREAK Taigh na Ban-tighearna Grange
LINEBREAK An Stac Bhiorach
LINEBREAK Air Conachair, a’ coimhead ri Boraraigh; air an làimh chlì, an Stac Lì, agus Stac an Armainn
LINEBREAK An Lag Bho Thuath
LINEBREAK Eòin praise
LINEBREAK Aig bun na Sgarbh Stac
[85]LINEBREAK Air bàrr a’ Mhullaich Bì, a’ coimhead 1100 troigh sìos dhan fhairge
LINEBREAK Cleiteachan faisg air a’ bhaile
title | 35. Sgiobadh na Charlotte: 1839 |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | An t-Seann Aimsir (1730–1852) |