23 Tobar nam Buadh
Tha trì tobraichean coisrigte air Hiort, ach ’s e Tobar nam Buadh a bha air leth ainmeil. Tha i air taobh thall an eilein, mu dhà mhìle bhon bhaile, anns a’ Ghleann Mhòr faisg air Taigh na Ban-àrmainn. Bha ar sinnsearan a’ creidsinn gu robh uisge na tobrach seo na ìocshlaint, agus tha e coltach gum biodh iad a’ tighinn thuice nan dròbhan leis a h-uile seòrsa tinneis airson an leigheas. O chionn beagan is dà chiad bliadhna chaidh bodach Hearach a bha air a bhith fulang airson bhliadhnachan gu ruige Hiort airson uisge òl à Tobar nam Buadh. Bha na lighichean anns na Hearadh air a h-uile cung-leigheis a bha aca fheuchainn air a’ bhodach gun slàinte fhaighinn dha. Tha cunntas air mar a chòrd uisge na tobrach ris a’ bhodach, ach chan eil fhios an robh buaidh aig na dh’òl e air a thinneas. Co-dhiù, ma bhios sibhse a’ faighinn bhur dùbhlan leis a’ chnatan no leis an t-siataig, ’s math dh’fhaodte gum biodh sibh airson tiotadh a-mach gu Hiort airson seipinn fhaotainn à Tobar nam Buadh! Ma bhios, cuimhnichibh nach eil e ceadaichte dhuibh a dhol chun na tobrach le làmh fhalamh. Faisg air an tobar chì sibh clach-altarach. Tha e air a ràdh gu bheil an spiorad còir subhach a tha a’ riaghladh an uisge a’ còmhnaidh mu thimcheall na cloich sa agus gu bheil e a’ sùileachadh tiodhlac beag air choreigin bho gach neach a thadhaileas. Fàgaibh an tiodhlac air a’ chloich — poca shiùcaran no pacaid teatha. O chionn còrr is dà cheud bliadhna bha an spiorad rèidh gu leòr ri bhith faighinn shligean agus clachan-muil, luideagan, prìneachan, snàthadan agus tàirnean meirgeach. Mar tha fhios againn, tha còrr is leth-cheud bliadhna bho sguir daoine a thadhal na tobrach le an tinneasan agus a’ còmhradh ris an spiorad agus ga chatanaich le tiodhlacan. Nan deigheadh sibh le grosaraidh chun na tobrach, chan eil fhios am biodh an spiorad coibhneil idir ribh. Ach aon nì tha cinnteach: chòrdadh an t-uisge ribh agus gheibheadh sibh sòlas agus toil-inntinn anns a’ Ghleann Mhòr bhòidheach ud, an Cuan Siar a’ bualadh aig bun na h-Aibhne agus creagan cas a’ Chambair ri ur taobh ’s iad geal le eòin mhara.
title | 23. Tobar nam Buadh |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | An t-Seann Aimsir (1730–1852) |