25 An Lon
’S e lomhainn no lon a theireadh na Hiortaich ris an ròpa a bhiodh aca airson a bhith gan cuideachadh a’ sreap anns na creagan. Bho chionn dà cheud bliadhna bha an lon air a dèanamh de leathar, ach dh’ionnsaich na linntean a thàinig air chùl sin an lon a dhèanamh de shìoman. Mus do chuir na daoine cùl ris an eilean ann an 1930, bhathas a’ ceannachd nan lon anns na bùthan an Glaschu.
Bha an lon leathrach gu math seasmhach. Bha fireannaich air an eilean a bha air leth ealanta a’ gearradh seichean mhart. Thòisicheadh iad leis an sgithinn aig oir na seiche, a’ gearradh mu a h-iomall mar gum biodh iad a’ buain taod aiste gun bhriseadh gus an ruigeadh iad teis-meadhan na seiche. Bha an gearradh ga dhèanamh le fionnadh na seiche leth ris an ùrlar, ’s an sgian a’ gearradh deaseill. Faodar a thuigsinn nach earbsadh duine a bheatha ri lon a bha air a gearradh no air a toinneamh tuathal! Bha barrachd air aona sheich a’ dol dhan lon, oir bha trì duail innte, is iad air an toinneamh ri chèile mar fhigheachan. Nuair a bha an leathar air a chartadh agus air a chiùradh anns an t-sàl, chuireadh na Hiortaich cèis de pheileidean chaorach mun lon. Bha an craiceann peileid a bha sin feumail airson an lon a dhìon bho ghearraidhean agus sgrèidheadh a bhiodh sgiofanan geura biorach am measg nan creagan dualtach air a chur oirre nuair a dheigheadh a tarraing teann is cuideam oirre. Anns a h-uile seagh, bha beòshlaint agus beatha an t-sluaigh an crochadh ris an uidheam sin. Nuair a dhèanadh athair tiomnadh, b’ e an lon a’ chiad rud a dh’ainmicheadh e, oir b’ e sin an rud bu luachmhoire a bh’ aige agus an tiodhlac a b’ ionmhainn leis a thoirt dha mhac. Nan tachradh nach robh mac anns an teaghlach ’s gu faigheadh nighean an lon, bhathas a’ meas gu robh i air deagh thochar fhaighinn anns an robh luach an dà mhart a b’ fheàrr a bha air Hiort.
Bha lon leathrach a’ seasamh ri trì ginealaichean. Air earbsa nan lon, bha dithis fhireannach a’ dol a shreap chreagan a bha cho uabhasach ’s nach deigheadh duine glic à eilean eile air an àrainn! Bha dithis an urra ris an lon: fear trom làidir gu h-àrd ’s a chasan an tac; agus fear aotrom subailte gu h-ìosal, gun luairean ’s gun eagal aige ron chraos mhòr dhomhainn anns am biodh aige ri cromadh agus dìreadh. Bha aona cheann na loin air a cheangal mu chaol-droma an fhir a bha gu h-àrd. Anns an dòigh cheudna, bha ceann eile na loin air a cheangal mu chliabh an fhir a bha gu h-ìosal. Nam briseadh a’ chreag fo chasan an fhir a bha gu h-àrd, gheibheadh an dithis am bàs. Ann an eachdraidh an eilein, tha iomadach sgeula air fireannaich a chaill am beatha tro dhol “leis na creagan” (t.d. 60). Nuair a gheibheadh duine am bàs ann an dòigh sam bith, theireadh na Hiortaich, “Chaidh e leatha”. Bha iad a’ faicinn am beatha mar gum biodh i a’ crìochnachadh aig bearradh cas, uabhasach, agus iad a’ tuiteam gu cuan na sìorraidheachd nuair a bhriseadh lon am beatha. Mar sin, bha aig a h-uile neach ri ‘dhol leatha’.
Ann an litreachas, tha cunntas air aimlisg a chunnaic am Maor a bha air Hiort anns a’ bhliadhna 1760. Bha an naidheachd a dh’innis am Maor na mìorbhail dhan linn sin. Bha am Maor air a thighinn gu beul geodha far am fac e dithis aig eunachd. Gu h-àrd bha seana dhuine a’ leigeil a-mach na loin a bha na cuibhle aig a chasan. Gu h-ìosal bha an t-eunadair a’ tional uighean. Cha robh aca ach leth na loin a-muigh nuair a bhris a’ chreag leis an eunadair. Gu sealbhach, fhuair e air glaodh ris an fhear a bha shuas gu robh e a’ call a ghrèim. Thuit an t-eunadair gu fad na loin. Bha e crochaichte iomadach ceud troigh os cionn na mara mar gum biodh damhan-allaidh air snàil an lìn. Bha an seana dhuine a bha gu h-àrd cho calma ’s gun do chum e a chasan ann an tac, agus a ghrèim air an lon. Thog e an t-eunadair beagan air bheagan gus an d’fhuaireadh air a tharraing às a’ gheodha.
Tha cunntasan cuideachd air cho gaisgeil, treun-chùiseach ’s a bha cuid dhe na gillean ann an linn far an robh an sluagh lìonmhor lùthmhor.
Cha robh idir iarrtas agam air cleasachd cho dalma. Ach bha mi air uiread a chluinntinn mu chluiche-mhòir nan eunadairean ’s gun deach mi gu beul na creige a dh’aindeoin luairean agus frionas. Mus robh a’ chluiche-mhòr letheach slighe, bha mise le braon fallais dhìom agus le deuchainn gu robh mi air a bhith nam fhianais air cunnart cho coimheach.
Chaidh dà iorrach a thaghadh às a’ choitheanal a bha aig oir a’ bhearraidh — an dithis a bhathas a’ meas a b’ ealanta air a’ chleasachd. Chàraich fear aca e fhèin air palla gu h-àrd agus chrom am fear eile air na loin, mu thrì fichead aitheamh. Nuair a bha e aig ceann an loin, leig e sgarathart às agus leum e mach bho aodann na creige. Ann an sin, crochaichte os cionn doimhneachd na fairge, thòisich e a’ cleasachd — a’ leumadaich ’s a’ cur
Bha na h-eilthirich a bha còmhla riutha làn toileachais agus seanchais a’ coimhead na cleasachd, agus bha feadhainn dhuibh a bha cho dalma ’s gun do dh’èigh iad facail brosnachaidh ris an dithis a bha aig obair na loin. B’ ann air èiginn a b’ urrainn dhòmhsa sealltainn nuair a thòisich am fear a bha gu h-ìosal a’ sreap suas air ais, agus e a’ marbhadh eun fhad ’s a bha e air a shlighe thugainn.
Bha na Hiortaich ag oireadaireachd gus na dhìrich e às a’ bhearradh. Thàinig e air fàire, is gad mòr eun aige mu a mhuineal agus àireamh mhòr uighean aige na bhroilleach. Chaidh na h-eilthirich uile uime le ceala-ghlòiris meal-a- naidheachd. Ach thug mise dà latha mus b’ urrainn dhomh innse dha cho beag ’s a bha an euchd aige air còrdadh rium!
Tormod MacCuithinn le slat-eunachd
title | 25. An Lon |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | An t-Seann Aimsir (1730–1852) |