28 Eug an Cois na h-Eunachd: Deich Marbhrainn
Anns an tiomnadh a dh’fhàg an t-Urr. Niall MacCoinnich (Urr. N. MacC. ), a bha air a bhith na mhinistear air Hiort ann am meadhan na naodhamh linn deug, bha faisg air fichead pìos bàrdachd. B’ e marbhrainn a’ mhòr-chuid dhen sin, cuid mhath dhiubh a’ caoidh chàirdean a bha air am beatha a chall ag eunachd.
’S gann pìos bàrdachd am measg nam marbhrann Hiortach a chanadh duine a tha fìor mhath. Dh’aindeoin sin, tha sreath an siud ’s an seo a tha a’ glacadh a’ bhròin ’s na deuchainn a bha a’ gabhail grèim air an t-sluaigh nuair a dheigheadh fear no bean no pàisde ‘leatha’. Bhàrr air sin, tha dìleab an Urr. MhicCoinnich a’ toirt dhuinn cunntas air facail Hiortach a bha annasach am badan eile, agus tha e eadhon air oidhirp a dhèanamh an siud ’s an seo air an dòigh a bha aca air facail fhuaimneachadh fhàgail againn. Tha seo ri fhaicinn anns na deich marbhrainn a leanas.
a) Dha Mo Chuileana Gaolach
Chaidh an t-òran seo a dhèanamh le Mairead nighean Ruairidh Mhòir, a chaill a companach ’s a bràthair còmhla, ’s iad ag eunachd.
Bheir mi toiseach mo thuiridh
Dha mo chuileana gaolach –
An dithis bha tapaidh,
’S a bha air leacaig nan sìneadh.
Chan e clann rinn mi fhàgail
Ach fir dhàicheil dheas, dhìreach,
Gu ma geal a gheibh an anam
Ann an gleannan na saorsa.
Fhir nach d’ bhagair mo bhualadh,
’S nach d’ chuir gruaimean air m’ inntinn,
Dh’aithnichinn t’ iomram air bàta
Tighinn far thonnan a’ chaolais.
Ga h-iomradh ’s ga h-èigheach,
’S tu bu bhinn leam bhith ’g èisdeachd;
’S mòr an teist aig an tuath ort,
’S bu tu ruagair nan caorach.
Dh’aithnichinn bris-cheum do choise,
’S bu leat an toiseach a dhèanamh,
Gun luaidh air m’ òganach tapaidh –
B’ e fàth nan creach thu bhith dhìth oirnn.
Chaill mo mhàthair a fradharc
’S chaidh a roghainn a dhìth oirr’;
Chuir thu maill air a h-astar
’S cha dìrich cas-bheinn an fhraoich i.
b) Bàrdachd Bantrach Shomhairle
Chaidh Somhairle agus an nighean aige a mach chon nan creagan an coinneamh an làmhaidh. Fhad ’s a bha iad a’ sreap, thàinig bàirlinn a dh’fhalbh leotha, agus chan fhacas iad a chaoidh tuilleadh. Seo pìos dhen bhàrdachd a rinn bantrach Shomhairle, mar a bha e aig an Urr. MacCoinnich.
’S goirt a dh’fhairich mi bhliadhna,
’S cha b’ e biadh a bha ’n aire orm;
Cha b ’e crodh air na blàraibh,
Ged a dhràbhadh iad seachad;
Ach mi bhith ’g amharc, ’s gur cruaidh,
Far na sguabadh a-mach sibh;
Ach gur muladach tha mi
Ann am àros, ’s tha sac orm,
’S gu bheil mise fo mhì-ghean
’S mi dìreadh na cas-bheinn.
Chaill an aona bhoireannach an dàrna companach a bh’ aice. A-rèir an Urr. MhicCoinnich, chaidh a bhàthadh anns an loch* fhad ’s a bha e a’ feuchainn ri faighinn gu tìr nuair a bha droch mhuir air a’ chladach.
*Bàgh a’ Bhaile
’S tric mi ’g amharc gach là,
A rùin, an roilig do bhàis – ’S ann a-muigh air an tràigh
Chaidh an cunnart oirbh.
Thu bhith muigh gu fliuch fuar
Ann an iomall a’ chuain,
’S gun ann ad fhàrdaich, a luaidh,
A’ fuireachd ort.
Do chlann bheag air mo sgàth
’S nach urr’ iad do stàth –
Bhith gan iomain gu càch
Gur duilich leam.
Cò sheall anns a’ ghrèin
No cheangail orra brèid
Nach bitheadh mo sgeula-sa
Duilich leo?
Bhith faicinn an t-sliochd
Rinn i àrach fo crios
Aig tè eile gun mheas
Gur duilich leath’.
Làmh dhèanamh an stàth,
Thoirt an fhraoich chum an làir,
Cha bhiodh tu ad thàmh
’S cha b’ fhurasd’ leat.
Ormsa thàinig a’ chlaoidh,
’S cha b’ e roinn chur am mhaoin
Seo tha mise ga caoidh
Gu muladach.
c) Oran Màiri Nic Shomhairle
Rinneadh an t-òran seo nuair a chuala Màiri gu robh a companach ‘air a dhol leatha’ a’ sireadh an làmhaidh.
’S tric mi ’g amharc, ’s gur cruaidh leam,
Far na sguabadh a-mach thu –
Far na choinnich an t-aog thu
’S nach do dh’fhaod thu thighinn dhachaigh.
Chaidh mi ’n iomall nan càirdean
’S tha mis’ an dràsd’ gun chùl-taice:
’S gur mairg nì bun às an t-saoghal,
Ged chinneadh caoraich is mairt leis.
B’ fheàrr bhith tric air na glùinibh
Gul an ùrnaigh bheir ceart leis
Na bhith le moit no le àrdan –
Chuir Dia mu làr e, ’s bu cheart sin.
Fhuair mi roimhe ’n tùs m’ òige
Am fleasgach còir a bha tapaidh;
Is o nach b’ airidh mi fèin air,
Thug Mac Dhè uam e dhachaigh.
d) Call na h-Inghinn
Bàrdachd a rinn athair nuair a chaochail an nighean aige.
Chan e uisge nan gleannta
Dh’fhàg mo cheann-sa cho tinn
Ach na thriall uam dhachaigh
Air an astar nach till.
Ged bhiodh fuachd ann is frasan,
Cha ruig thu fasgadh mo thaoibh;
Seachd beannachd do mhàthar
Gad chumail sàmhach, a laoigh.
e) Goirt Mo Thuireadh
Rinn bantrach an marbhrann seo an dèidh dhan duine aice a bheatha a chall ag eunachd.
Ach, Righ, ’s goirt mo thuireadh –
Ged ’s goirt, ’s èiginn dhomh fhulang,
Ged dh’fhalbh mo chraobh mhullaich fèin.
Thug siud leagail air m’ inntinn
’S chaidh mo bheadradh a dhìth orm;
’S truime m’ inntinn na pìob chaidh gun ghleus.
Is nach mi bh’ air do chùlaibh
An uair dh’fhàillig do dhùirn thu,
As acfhainn làn lùiths bhith ad dhèidh.
’S mi chuireadh ri t’fhasdadh
No dhìobradh mo phearsa,
Is cha bhiodh deò neairt agam fèin.
Na h-earb (creid) à gaol an fhir-phòsda;
Ach dealachadh cho òg rinn
Mo chridhe leònadh gu m’ eug.
Ge nach b’ àrd thu on talamh,
Bu docha leam na fear-bail’ thu,
Ged bhitheadh tu falamh o sprèidh.
Ge nach b’ chraobh a bha àrd thu,
Bu chraobh mhath a chum stàth thu –
Dh’aithnichinn thu a gàrradh leat fèin.
Gur fliuch cluasag mo leapa
An dèidh mo chur ’s mi tighinn dachaigh – ’S iomadh tè bha na dalta dhomh fèin.
f)) Bàrdachd Màthar a Chaill a Mac san Dùn
Chaidh dithis, athair agus mac, chon an Dùin air earrach a ghlacadh làmhaidh. Chaidh am mac gu h-ìosal anns a’ bhearradh agus athair air ceann an lon gu h-àrd. Seach gu robh an lon ga chuingealachadh, chur am mac dheth an dul a bha timcheall a bhroillich. Thàinig sgaoth dhen lamhaidh a-steach chon na creige agus thòisich am mac gan glacadh. Gu mì-shealbhach, leis an spàrdanaich ’s a’ chlisgeadh a bha air am measg nan eun, nach ann a thuit e an comhair a bheòil dhan fhairge. Bha athair ga fhaicinn anns na tuinn a’ feuchainn ri e fhèin a theàrnadh gus na dhìobair e agus gus an deach e fodha. Rinn màthair a’ ghille a’ bhàrdachd seo.
Mi gun suigeart ’s mi gun sòlas
’S mo leanabh uam feadh na gòlaibh*
Ach tha mo dhùil an Rìgh an Domhain
Gun d’ ghlac do Mhaighstir còir ort,
Mur do phill do pheacadh mòr thu
Mo cheist a’ ghruaidh a bha bòidheach
Gus na rinn an t-aog do leònadh;
Dh’fhàg thu t’ athair dubhach brònach,
Cha dìrich cas-bheinn an fheòir e;
Ach ged ’s mise dh’àraich òg thu,
’S i tha truagh dheth do bhean-phòsda –
Dh’aithnichinn t’ fheannag, ’s cha bhiodh sgòd oirr’.
* na tonnan
g) Marbhrainn le Anna Mhaol Dòmhnaich
Am measg sgrìobhaidhean an Urr. N. MhicCoinnich bha duilleagan ann an làmh-sgrìobhaidh neach eile. Seo mar a bha orra, ach gun deach an litreachadh atharrachadh gu modhan ar latha fhìn;
“Rinneadh am marbhrann seo le boireannach àraidh a bha san àit’, dam b’ ainm Anna nighean Mhaol Dòmhnaich da bràthair is da dithis mhac.”
Bidh mo bhràthair air thùs –
Gum bu chomain siud dhuinn,
Gum bu shilteach do shùil mu m’ chràdh.
Dè, cha deach mi a-steach,
’S ann, a ghaoil, na do theach
On là thugadh thu mach às marbh.
Mi mam Dhòmhnall ùr òg,
Bheathaich mi thu glè òg,
Gur e Ruairidh thug bròn seach càch.
Gura mis’ th’ air mo chlisgeadh
’S mi ri leughadh do litreach;
Gad a ghlèidh mi mo ghibhtean,
Fhuair mi fios air a’ bhròn.
Tha mo cheist an t-òg spèiseil –
Cha do rinn thu riamh eucoir;
Bu tu beannachd nam feumach
A rèir ’s na bha d’ phoc.
Tha mo cheist an t-òg fearail;
’S tric a fhuair mi a cheanal
Agus seudan gun d’ cheannaich
On fhear tha Shìol Leòid.
Cò bhean no cò mhàthair
Rinn gillean riamh àrach
Nach creid mar a tha mi,
’S mi air fàgail mo dheò.
Rinneadh am marbhrann seo leis a’ bhoireannach cheudna dhan aon fhear.
Tha mo cheist an Leòdach
Gu math dhan tig a’ chòta –
Na fhuair mi dha do shòlas
Na adhbhar-bròin domh ’n tràth seo.
Làmh gheal bu mhath gu sgrìobhadh,
Gum b’ alainn anns an ruidhl’ thu;
’N àm tarraing dhut na fìdhle,
Cò ’n t-aon neach bheireadh bàrr ort?
Gur mis’ a’ mhàthair mhuladach,
’N còmhnaidh ris an turraban,
Smuaineachadh air m’ uireasaibh –
Thuit buileach orm an gàrradh.
Cha ghàrradh a rinn clachairean
Dh’aireamh mi san fhacal ud
Ach ailleachd nam fear maiseach
Chuir mi ’n tasgadh uam an càradh.
h) Oran Caitrìon’ Oig
Cha d’fhuair an t-Urr. MacCoinnich ach beagan dhen òran sa, a rinn ‘Catrìon Og’ air Hiort, a rèir cunntais timcheall air 1780.
Is olc leam mar thachair,
Cèile mo leapa...
Air a ghlasadh gun airidh( ?)
Their gach tè rinn mo ruigheachd
Gur ro righinn leam fèin t’ èirigh;
Cha... fhada is tha mi
Am laigh an taobh an taighe gun èirigh.
Cha dèan leighean dlan mi,
Ged bhiodh làmh rium na ceudan
’S ann tha m’ dhùil ri dhol dhachaigh
Gu maitheanas an Dè mhòir.
’S gur truagh nach taitneach mo bheus riut;
Cha téid air fhalach an cùil mi,
Is mo dhroch cùis dhomh ga stèidheadh
Ribe a bhiodh aca na laighe air a’ chreig
title | 28. Eug an Cois na h-Eunachd: Deich Marbhrainn |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | An t-Seann Aimsir (1730–1852) |