[68]

30 Oigear a’ Chùil Duinn

Mo ghaol òigear achùil duinn, LINEBREAK dhan tug mi mo loinn cho mòr. LINEBREAK Dhfhuilinginn dhut pòg san anmoch, LINEBREAK ged bhiodh càch ri seanchas oirnn. LINEBREAK Mo ghaol òigear achùil duinn, LINEBREAK dhan tug mi mo loinn cho mòr.

Gura mise tha gu h-uallach LINEBREAK on a thàinig an duin’ -uasal, LINEBREAK le mo ribinnean mun cuairt dhiomLINEBREAK cumaidh iad mo ghruag air dòigh. LINEBREAK Mo ghaol òigear achùil duinn, LINEBREAK dhan tug mi mo loinn cho mòr.

Dhòmhnaill uallaich MhicGhillIosa, LINEBREAK bha uair a bha thu astrì rium, LINEBREAK ach on thàinig an tighearnIleach LINEBREAK sguir (idh) mi dhe dbhriodal beòil. LINEBREAK Mo ghaol òigear achùil duinn, LINEBREAK dhan tug mi mo loinn cho mòr.

Beul sìos air luchd na farchluais; LINEBREAK luchd nam breug, chan iad as fhasa – ’s mi gu siùbhleadh fadair astar LINEBREAK dhèisdeachd cantanas do bheòil. LINEBREAK Mo ghaol òigear achùil duinn, LINEBREAK dhan tug mi mo loinn cho mòr.

O, nam bithinn-sa cho fìnealtLINEBREAKs gun dèanainn litir a sgrìobhadh, LINEBREAK rachadh fios thugaibh a dhIle LINEBREAK nach ben fhìrinn thug iad oirnn. LINEBREAK Mo ghaol òigear achùil duinn, LINEBREAK dhan tug mi mo loinn cho mòr.

Mo ghaol òigear achùil duinn, LINEBREAK dhan tug mi mo loinn cho mòr. LINEBREAK Dhfhuilinginn dhut pòg san anmoch, LINEBREAK ged bhiodh càch ri seanchas oirnn. LINEBREAK Mo ghaol òigear achùil duinn, LINEBREAK dhan tug mi mo loinn cho mòr.

title30. Oigear a’ Chùil Duinn
internal date1995.0
display date1995
publication date1995
level
parent textAn t-Seann Aimsir (1730–1852)
<< please select a word
<< please select a page