[92]

37 A’ Challainn

Bha a’ Challainn ga cumail ann a Hiort mar a bha i air feadh na Gàidhealtachd. Bhiodh na gillean, eadhon suas gu toiseach an Dàrna Cogaidh Mhòir, adol timcheall nan taighean le Duan na Callainn ann am bailtean nan eilean, bho Phort na h-Abhainne ann an Ile gu Lìonal ann an Leòdhas. Ach ann a Hiort chuir an eaglais crìoch air àbhachd na Callainn ceud bliadhna roimhe sin. Ged a thachair sin, ’s fhiach dhuinn sealltainn ris aghreadhnachas a bhiodh am measg nan Hiortach nuair a bha seann nòs na Callainn ceadaichte dhaibh. Cha be Duan Callainn a bha aig fir an eilein. Cha robh aca ach Nuallan. ’S cha robh an Nuallan air a chantainn ach ann an dàrna leth nan taighean bho bhliadhna gu bliadhna. Seo mar a bha. Bha taighean na Sràid air an roinn airson na Callainn nan lethan Ceann Thall agus an Ceann a-Bhos. Dhullaicheadh mnathan aChinn Thall bonnaich air achiad bhliadhna agus thigeadh gillean aChinn a-Bhos le Nuallan na Callainn a dhiarraidh nam bonnach. Air an ath bhliadhna thigeadh gillean aChinn Thall a dhiarraidh nam bonnach bho mhnathan aChinn a-Bhos. Bha na bonnaich air an dèanamh de mhin-eòrna is bhiodh iad uaireannan uiread ri clach-bhràthainn. An dèidh dhaibh na taigheans na teaghlaichean a bheannachadh leis an Nuallan, bheireadh na fir na bonnaich dhachaigh agus dhitheadh iad ann an sin iad. Dhitheadh iadtoradh an t-Samhraidhle càis. Uaireannan bhiodh mu leth-chlach min-eòrna anns gach bonnach. Dhinnseadh iad air làrna-mhàireach abhean a bha air am bonnach a bfheàrr fhuine. Mar bu trice, bha feàrrad abhonnaich a rèir a mheud. Nuair a bha na fir adol timcheall nan taighean bha craiceann caorach aca leotha. Anns na h-eileanan eile bhiodh an craiceann air druim fir dhiubh, agus bhiodh fear an taighe gu math tric aslacadaich air leis achlobha, fhads a bha na gillean adol deiseal timcheall an teine. Dhfheumadh siubhal nam balach a bhith deisealsin adol chun na làimhe deise, air cùrsa na grèinefhads a bha iad acantainn an Nuallain. Thigeadh droch shealbh air an dachaigh nan deigheadh iad tuathal mun chagailte — ’s e sin adol timcheall chun na làimhe clì. Ann a Hiort bha craiceann na caorach aig fear na phòca. Bheireadh e an craiceann do dhfhear an taighe. Chuireadh esan sgeòid dheth dhan teine gus an loisgeadh e. An uair sin thogadh e gu a shròin e airson fhàileadh fhaireachdainn. Bha an Nuallan agealltainn gun cumadh am fàileadh cùbhraidh a bha sin slàn e airson ùine.

Faodaidh sinn a bhith cinnteach gu robh Nuallan na Callainn (no duan rudeigin coltach ris) ga ràdh ann a Hiort leis na linntean fada mus deach an Soisgeul a thoirt ann. Bha an Nuallan ateàrnadh no acoisrigeadh na dachaigh aig toiseach BliadhnUir. Chan eil fhios an robh clèir na h-Eaglaise an aghaidh na Callainn a chionns gu robh an Nuallan na chuimhneachan air creideamh no cràbhadh nan draoidhean a bha aig an t-sluagh mus tàinig an Soisgeul. Ach co-dhiù, tha eachdraidh na h-Eaglais anns an eilean asealltainn gu robh achlèir airson rud sam bith a bha toirt toileachas dhan t-sluagh nach robh co-cheangailte ris na Sgriobtairean a mhùchadh. Gun teagamh, feumar aideachadh nach robh co-cheangal eadar an Nuallan agus na Sgriobtairean, ach a dhaindeoin sin tha e duilich fhaicinn gu robh lochd sam bith ann.

Thàinig mise seo gur h-ionnsaigh LINEBREAK A dhùrachadh dhuibh na Callainn; LINEBREAK Cha ruig mi leas sin innseLINEBREAK Bha i ann bho linn mo sheanar. LINEBREAK Thèid mi deiseal air an fhàrdaich LINEBREAK Is teàrnaidh mi aig an doras; LINEBREAK Gabhaidh mi null uimpe mar as còir dhomh LINEBREAK Cùlaibh caol-druim fear an taighe. LINEBREAK Craiceann Callainn na mo phòca, LINEBREAKS math an ceò a thig on fhear udLINEBREAK Chan eil neach a gheibh fhàileadh LINEBREAK Nach bi e gu bràth dheth fallain. LINEBREAK Gheibh fear an taighe na làimh e LINEBREAK Is sparraidh e a cheann san teallaich; LINEBREAK Thèid e deiseal air na pàisdean, LINEBREAK Ach gu h-àraid gheibh a bhean e. LINEBREAK Gheibh a bhean e – ’s i as fhiach eLINEBREAK Làmh-riarachaidh na Callainn. LINEBREAK Leis an tart a thair an dùthaich, LINEBREAK Chan eil dùil againn ri dramaLINEBREAK Rud beag de thoradh an t-samhraidh, LINEBREAK Tha min geall air leis an aran; LINEBREAKS mòr tha siud a thagainn ri fhaotainn; LINEBREAKS ma dhfhaodas sibh, na cumaibh maille.

title37. A’ Challainn
internal date1995.0
display date1995
publication date1995
level
parent textLinn nan Creach (1852–an-diugh)
<< please select a word
<< please select a page