47 An t-Urr. Niall MacCoinnich: 1838
A’ sealltainn air ais ris an dà cheud bliadhna mus deach Hiort fhàsachadh, saoilidh sinn gu robh coire aig an Eaglais ri mar a chaidh an deò a thoirt às an t-sluaigh agus am misneachd a bhriseadh. Dh’aindeoin sin, ma nì sinn sgrùdadh air beatha nam ministearan agus air an obair a rinn iad, chì sinn gu robh iomadach fear ann a neartaich an sluagh ’s a bha còir, carthannach ris na Hiortaich air a h-uile dòigh.
Bha an t-Urr. Niall MacCoinnich air Hiort bho 1829 gu 1843. Bha esan na shearmonaiche, na cheistear, na fhear-teagaisg air leasan a’ Bhìobaill, agus na sgrìobhaiche dha na teaghlaichean. Bha a’ bhochdainn cho mòr air an eilean ’s gun do rinn e uile dhìcheall ri cuideachadh fhaighinn dha na teaghlaichean bho Thìr-Mòr. Cha robh aige fhèin ach £50 anns a’ bhliadhna, agus chaith e a’ mhòr-chuid dhen sin ris na daoine. ’S nuair a gheibheadh e tiodhlac bho uaislean agus bho a chàirdean, bha e a’ cur sin seachad air fhèin airson na teaghlaichean a leasachadh. Aona bhliadhna chaidh Mgr. MacCoinnich a Ghlaschu. Chaidh e timcheall nan uaislean anns a’ bhaile sin agus nuair a thill e bha iomadach seòrsa rud aige na chois a bha feumail air an eilean: àirneis airson nan taighean, uinneagan le lòsain agus muileann airson sìol a bhleith.
Nuair a chaochail an t-Urramach, dh’fhàg e cunntas air an eilean na làimh-sgrìobhaidh fhèin agus chaidh sin fhoillseachadh goirid ron Chiad Chogadh Mhòr.
Seo pàirt dhen eachdraidh a sgrìobh e, air a’ bhliadhna 1838:
Fìor dhroch bhliadhna a bh’ ann. B’ ann air èiginn a bha de chonnadh againn na dheasaicheadh biadh ’s a chumadh sinn blàth. Mu dheireadh, bha sinn a’ losgadh fiteach (sin a chanadh na Hiortaich ri connlach), droch chonnadh dha-rìribh, mura h-eil i tioram! Nas motha cha robh maidsichean againn no dòigh air teine a thogail ann an cabhaig. Ach gu sealbhach bha pailteas ola air an eilean airson na lampaichean a chumail thuige.
Tha cuid de na teaghlaichean fhathast a’ còmhnaidh ann am bothanan dubha. Tha na taighean sin gu ìre bhig cruinn, agus na ballaichean aca air an dèanamh de leacan mòra mu chuairt air sia no seachd troighean de thighead. Bha na taighean sin air an iadhadh le talamh agus feur agus tha fear no dhà a tha cho ìosal anns an ùir ’s gu faodadh tu ràdh gu bheil e fon talamh.
Bha balla-cloiche — am fallan — a’ roinn an taighe na dhà leth, a’ cumail a’ chruidh ’s nan con air leth bho na daoine. ’S e beagan àirneis a tha far an robh an teaghlach a’ còmhnaidh. Bha brà aig a h-uile teaghlach agus clach shoillse. Bha i sin na cùis-iongantais dhomh. Bha sloc domhainn ann am meadhan na cloich-shoillse, ’s bha sin làn ola agus èibhleag rèisg air seòladh innte airson siobhag. B’ e sin a bh’ aca airson lampa. Air an làimh eile, tha cuid de theaghlaichean aig an robh lampa iarainn ris an canadh iad crùisgean.
Bha lòban ann — tuba air a dèanamh de dh’fhodar — agus buta, truinnsear fiodha, agus cuman, soitheach fiodha beagan nas lugha na buta.
Far an robh an teaghlach a’ còmhnaidh, bha àird an taighe a rèir de an ràith dhen bhliadhna anns an tomhaiseadh tu e. Le sin tha mi a’ ciallachadh gu robh na bha iad a’ sadadh air an ùrlar bho earrach gu earrach a’ giorrachadh na h-àird a bha eadar an t-ùrlar agus mullach an taighe. Bha an teaghlach a’ sgapadh luatha, uisge salach, agus rudan na bu mhiosa, air an ùrlar a h-uile latha ’s a’ cur sin fodha le smùr mònadh. Mar sin, bhiodh an t-ùrlar ag èirigh fad an t-samhraidh, fad an fhoghair agus fad a’ gheamhraidh gus an deigheadh an taigh fhalamhachadh san earrach. Bhiodh an t-ùrlar ga mheasgachadh ri todhar a’ chruidh, agus bhiodh sin na dheagh innear airson nan imrichean.
Cha robh e furasda do choigreach a dhol gu teaghlach ann an dachaigh mar sin, ann am meadhan geamhraidh. Dh’fhosgladh tu an doras nach robh ceithir troighean a dh’àird. Bha banntaichean agus glas fhiodha air an doras. Glè thric thigeadh coin nad choinneimh a-mach às an dorchadas. Dheigheadh tu steach tron todhar agus chuidicheadh an teaghlach thu tarsainn air an fhallan, a bha ceithir troighean a dh’àird. Bha agad an uair sin ri bhith air do làmhan ’s do ghlùinean a’ dìreadh gu àite far am faigheadh tu air suidhe no dhol air àird do dhroma ag adhradh.
Chan fhaiceadh tu an latha ach tro tholl na deathaich, toll anns an tughadh os cionn a’ bhalla trom biodh an deathach a’ faighinn a-mach. Shìos anns a’ bhalla fodhad, chitheadh tu a’ chrùb agus ’s mathaid cailleach na laighe
innte. Cha robh iongnadh gu robh m’ ùrnaigh gu tric a’ tionndadh gu cuspair an t-Solais agus an fheum a th’ againn uile air lèirsinneachd nar beatha.
Bha na taighean aig an àm ud nan dà shreath air gach taobh de fhrith-rathad ris an canadh na Hiortaich an t-Sràid. Thathas a’ creidsinn gu robh an sluagh air a bhith a’ còmhnaidh air an t-Sràid bho thoiseach eachdraidh an eilein.
LINEBREAK B’ e Sasannach a choisinn dha na Hiortaich gun d’fhuair iad taighean ùra a thogail. Thadhail Sir Tòmas Dyke Ackland air an eilean timcheall air 1840 agus dh’fhàg e aig Mgr. MacCoinnich fichead ginidh airson a thoirt dhan chiad teaghlach a thogadh taigh geal le similear agus slinnteach air a mhullach.
Mus robh dà bhliadhna seachad cha robh teaghlach nach robh ann an taigh-geal. Chaidh na taighean-dubha, mar a chaidh iad nar linn fhèin, fhàgail nam bàthaichean. Chaidh an t-Sràid a thogail às ùr — ochd taighean deug, ceann ri màs, nan aona shreath. Bha sia deug dhiubh sin le slinnteach sinc orra agus na dhà eile le tughadh.
Mar sin bha na Hiortaich ann an dachaighean geal — faisg air ceud bliadhna air adhart air Gàidheil Innse Gall, oir mar a tha fhios againn uile, cha do thòisich iad sin a’ cur an cùl ris na taighean-dubha gus an robh a’ Chiad Chogadh Mòr seachad.
LINEBREAK Sùil bhon bhaile chon an Dùin
title | 47. An t-Urr. Niall MacCoinnich: 1838 |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | Linn nan Creach (1852–an-diugh) |