[106]

48 Laoidh Fhionnlaigh Oig

Rinn Fionnlagh Og MacCuithinn an laoidh seo an 1842 (Urr. N. MacC.)

Bha sgeula air fhoillseachadh LINEBREAK Air machaire nan coilltichibh, LINEBREAK Is buachaillean na h-oidhche LINEBREAK Ghabh oillt is crith fheòla.

Na gabhaibh an sgàth dheth!” LINEBREAKS e thubhairt na h-aingle; LINEBREAKTha slàinte air foillseadhLINEBREAK Bha seinn tighinn à Glòir ann.

Is rugadh an tràth sdhiubh LINEBREAK Ann am baile Dhaibhidh LINEBREAK An Slànaighear gràsmhor LINEBREAK San stàball neo-dhòigheil

Gu ceartas a dhìoladhLINEBREAKS gu saoradh o phiantaibh, LINEBREAKs an lagh a choilìonadh LINEBREAK Mar dhiarradh on òige

Bha reulta na h-oidhche LINEBREAK Mar chomharra cinnteach LINEBREAKS i falbh le a soillse LINEBREAK Ro Dhraoidhean an dòchais.

Bha thrusgan cho suarach LINEBREAKS e paisgte mu chuairt da LINEBREAKS cha sheòmar duin’ -uasail LINEBREAK A fhuair e gu còmhnaidh.

Cho luaithe chaidh innsdo LINEBREAK Luchd-àitich na tìre, LINEBREAK Bhan cridhe fo mhì-ghean LINEBREAK An Rìgh gun bhith dòigheil.

Thàinig guth anns an oidhche LINEBREAK Gu Iòsaph: “Gabh greum air LINEBREAK Is falbh leis an naoidheanLINEBREAK Tha nàimhdeas cho mòr da!”

Bhan sgeul ud cho prìseil LINEBREAK Cha dfhan i san tìr sin LINEBREAK Tha ig imeachd sna h-Innsibh LINEBREAKS h-uile mìr den Roinn-Eòrpa.

Is thàinig in taobh sa LINEBREAK Cha dfhàgadh air chùl i: LINEBREAK Tha slàinte ri fhaotainn LINEBREAK Do dhaois is do dhòige.

Cha dèan beatha no bàs e, LINEBREAK No eilen làthairLINEBREAK Ar sgaradh gu bràth LINEBREAK O Ard-rìgh na glòire.

Chan fhacas cha chuala, LINEBREAK Chan urrainn neach luaidh air – ’N sonas tha shuas ann LINEBREAK Don t-sluagh a gheibh còir air.

title48. Laoidh Fhionnlaigh Oig
internal date1995.0
display date1995
publication date1995
level
parent textLinn nan Creach (1852–an-diugh)
<< please select a word
<< please select a page