49 Briogais nan Uighean
Bha aona sgeul aig na bodaich a bhiodh a’ toirt iomadach gàire air na Hiortaich. Thàinig bàta mòr eilthireach chun an eilein, ach cha bu diù leis na h-uaislean a bh’ oirre a thighinn a-steach gu Bàgh a’ Bhaile a chonaltradh ris na daoine. Dh’fhuirich iad air cùl an Dùin ann an teas an t-Samhraidh. Chaidh fir Hiort chun an Dùin a thional uighean. Nuair a chaidh iad gu geodha àraidh, cò a chunnaic iad an sin fodhpa ach na seòladairean agus iad ris an obair cheudna. “Nise,” arsa fear dhe na seòid, “nach eil sin dìreach coltach ri rud a dhèanadh Gall, a thighinn a-steach a ghoid a’ bhìdh às ar beòil.”
“Ta,” arsa fear eile, “seach gu bheil sinne os an cionn an seo, tha e furasda gu leòr dhuinn dearbhadh dhaibh gu bheil uachdarain agus ìochdarain ann an aodann creige.”
Siud ’s ann a chunnaic iad seòladair a’ toirt dheth a bhriogais. Cheangal e na casan aice ri chèile agus thòisich e fhèin ’s a chompanaich a’ lionadh somag na briogais le uighean. Chàirich iad na h-uighean gu faiceallach, sgùird air sgùird, gus an robh a’ bhriogais làn gu a bus. Nuair a chaidh na h-eilthirich timcheall oirre airson a’ bhriogais a thogail a-steach a bhroinn an eathair, leag na Hiortaich ulpagan mòra cloiche bho bheul na geodha. Thuit na sgeirean sìos air na h-eilthirich nan sradagan, mar gum biodh crith-thalmhainn ann. Chan fhacas riamh eathar ga h-iomradh cho luath ris an tè a dh’fhalbh an latha ud às an Dùn. Agus cha robh duine a bha cho èasgaidh air an ràmh ris an fhear a bha gun bhriogais! Chuir an t-soitheach cùl ri Hiort agus ris a’ bhriogais uighean. Thug na Hiortaich a’ bhriogais dhachaigh agus bha i aca airson iomadh bliadhna. Bha i mar gum biodh na dearbhadh air a’ bhreitheanas a thig air an neach a tha gu h-ìosal nach eil umhail dhan Tì a tha gu h-àrd, gu h-àraidh nuair a tha an neach sin an dùil a dhol a thional uighean anns an Dùn. Bha i cuideachd na cuimhneachan air bodach a dh’fheuch ri cuid nan Hiortach a ghoid agus a chaidh a chur dhachaigh ’s a thòin rùisgte. Bha i na cùis-iongantais ann a Hiort o chionn còrr air trì cheud bliadhna ann an linn anns an robh fir an eilein air an còmhdach anns an fhèileadh mhòr.
title | 49. Briogais nan Uighean |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | Linn nan Creach (1852–an-diugh) |