[108]

50 An Ceann-Uidhe Astràilia: 1852

Anns a’ bhliadhna 1852 dh’fhalbh seachd soithichean deug le còrr air 2600 Gàidheal a dh’Astràilia. B’ e siud linn nam fuadaichean anns an robh sluagh na Gàidhealtachd gan sgiùrsadh air feadh an domhain. Sheòl am Priscilla a-mach à Liverpool air an trìtheamh latha deug dhen Dàmhair 1852, le 298 air bòrdamhòr-chuid aca à gleanntan agus à eileanan na h-Albann. Anns an latha bha siud, bha call beatha aig muir cumanta gu leòr. Ach air aPhriscilla bha an call beatha co-ionnan ris an t-seòrsa call beatha a bha tric air bàtaichean nan tràillean a bha afaradh nan daoine dubha à Afraga gu ruige Ameireagaidh. Chailleadh 41 anns na trì mìosan a bha i air an aiseag.

As na 34 Hiortaich a sheòl air aPhriscilla, chaochail 18. As an dusan inbheach a chaochail, bha deichnear à Hiort; agus às na naodh pàisdean thar fhichead, bha ochdnar Hiortach. Bha achùis na dearbhadh gu robh na Hiortaich (a bha iomallach air galairean amhòr-shluaigh) na bu bhuailtichte air tuiteam le galair neo-àbhaisteach na bha daoine eile. Bann mar seo a chaidh dhan chuideachd a chuir cùl ri Hiort airson beatha na bu shocraiche fhaighinn dhaibfhèin ann an saoghal torrach grianach Astràilia.

LINEBREAK Càirdean air bòrd mus do dhfhàg an t-soitheach caladh


[109]

MELBOURNELINEBREAK St Kilda LINEBREAK Brighton LINEBREAK Mordialloc LINEBREAK Skye LINEBREAK Geelong LINEBREAK PORT PHILLIP LINEBREAKFingal

Seo cunntas air an fheadhainn a dhfhalbh, le an aoisean, agus na galairean a bha orrasan a chaochail.

MacCuithinn LINEBREAK Fionnlagh (58) Theàrn LINEBREAK Ciorstaidh (50) Theàrn LINEBREAK Calum (24) Theàrn LINEBREAK Raonailt (19) Chaochail (aghriùrach, 16 Samhain 1852) LINEBREAK Iain (13) Theàrn

MacCuithinn LINEBREAK Fionnlagh (44) Chaochail (abhuinneach mhòr, 26 Samhain 1852) LINEBREAK Catrìona (44) Chaochail (an teasach cuim, 30 Samhain 1852) LINEBREAK Dòmhnall (18) Theàrn LINEBREAK Mòr (16) Theàrn LINEBREAK Catrìona (12) Theàrn LINEBREAK Anna (9) Theàrn LINEBREAK Niall (7) Theàrn LINEBREAK Fionnlagh (4) Chaochail (tinneas an acrais, 21 gearran 1853) LINEBREAK Màiri (1) Chaochail (aghriùrach, abhuinneach mhòr, 2 Dùbhlachd 1852)

Fearghastan LINEBREAK Calum (31) Theàrn LINEBREAK Catrìona (23) Chaochail (an teasach dhearg, 9 Gearran 1853) LINEBREAK Màiri (3) Chaochail (abhuinneachd mhòr, aghriùrach, 6 Dùbhlachd 1852)

MacCruimein LINEBREAK Dòmhnall (32) Chaochail (abhuinneach, 14 Samhain 1852) LINEBREAK Anna (32) Chaochail (laige, 25 Faoilleach 1853) LINEBREAK Mòr (9) Chaochail (abhuinneach mhòr, aghriùrach, 23 Samhain 1852) LINEBREAK Màiri (6) Chaochail (abhuinneach mhòr, aghriùrach, 22 Samhain 1852) LINEBREAK Dòmhnall (5) Chaochail (abhuinneach mhòr, aghriùrach, 22 Samhain 1852) LINEBREAK Ciorstaidh (1) Chaochail (abhuinneach mhòr, aghriùrach, 27 Samhain 1852)

Dòmhnallach LINEBREAK Ruairidh (47) Chaochail (abhuinneach mhòr, aghriùrach, 11 Samhain 1852) LINEBREAK Mòr (48) Chaochail (abhuinneach mhòr, aghriùrach, 14 Samhain 1852)

Dòmhnallach LINEBREAK Niall (22) Theàrn LINEBREAK Catrìona (51) Chaochail (abhuinneach mhòr, aghriùrach, 17 Samhain 1852) LINEBREAK Anna (15) Theàrn

Moireasdan LINEBREAK Màiri (57) Chaochail (an teasach mheirbheanach, 9 Samhain 1852)

Fearghastan LINEBREAK Eachainn (35) Theàrn LINEBREAK Màiri Theàrn

MacGillIosa LINEBREAK Eoghainn (27) Theàrn LINEBREAK Mairead (28) Theàrn LINEBREAK Màiri (1) Chaochail (abhuinneach mhòr, aghriùrach, 3 Dùbhlachd 1852)

aghriùrachmeaslesLINEBREAK abhuinneach mhòrdysenteryLINEBREAK an teasach cuimmesenteric feverLINEBREAK tinneas an acraismarasmusLINEBREAK an teasach dheargscarletinaLINEBREAK abhuinneachdiarrhoeaLINEBREAK laigedebilityLINEBREAK an teasach mheirbheanachgastric fever

title50. An Ceann-Uidhe Astràilia: 1852
internal date1995.0
display date1995
publication date1995
level
parent textLinn nan Creach (1852–an-diugh)
<< please select a word
<< please select a page