51 Calum MacCuithinn
Bha Calum Fhionnlaigh Mhòir air aon neach a theàrn à creach na Priscilla, agus gu sealbhach dh’fhàg e againn eachdraidh sgrìobhte air mar a chaidh dha na Hiortaich a chuir an cùl ri tìr an eòlais.
Tha e cuideachd a’ toirt dhuinn seallaidhean air mar a bha caitheamh-beatha an eilein na linn. Tha an cunntas a leanas air a stèidheachadh air sgrìobhaidhean Chaluim, a leig Kelman Mac Cuithinn ann an Astràilia (iar-ogha Chaluim) dhuinn a leughadh agus a chur gu feum an seo.
Cha do chaill mi riamh cuimhne air a’ bhad anns an robh cathair mo dhaoine. Chaidh mo bhreith air Hiort air Latha na Nollaig, 1828. ’S e Fionnlagh an t-ainm a bha air m’ athair. B’ e Cairistìona Fhearghastan mo mhàthair. Chaochail ceathrar chloinne leotha mus tàinig iad gu inbhe. Thuilleadh air sin, bha còignear anns an teaghlach againn — Iain, Anna, Catrìona agus Raonailt, is iad uile na b’ òige na mise. B’ e m’ athair mac Iain. Bha bràthair na b’ òige aige air an robh Dòmhnall, agus peathraichean cuideachd. Phòs Màiri Iain Fearghastan (còig mic agus aon nighean) Chaochail Raonailt mus robh i ach 25. Phòs Catrìona Alasdair MacGillIosa (ceathrar mhac agus dà nighean); chaidh aona mhac a Chanada. Phòs Anna Dòmhnall MacCruimein. Bha ise na bantraich le aona leanabh nuair a thàinig mise a dh’Astràilia.
LINEBREAK Am bàillidh; eilthireach aig an robh ùghdarras anns an eilean
Bha mo sheanair anns a’ Cholaisde fad trì bliadhna. Cha b’ ann à Hiort a bha athair-san (mo shinn-seanair) idir. Tha min dùil gur ann à Uibhist a bha e air a thighinn. Bha e math air a dhòigh mus tàinig e. Thuit e ann an gaol le caileag, agus tha mi smaoineachadh gur ann à teaghlach nan Dòmhnallach a bha i. ’S e Catrìona Dhòmhnallach, bean Iain MhicCuthinn mo sheanmhair. Bha ise 52 nuair a chaidh m' athair a bhreith.
Bha m’ athair mu chuairt air 28 bliadhna dh’aois nuair a phòs e Cairistìona, nighean Iain Fhearghastain. ’S e an t-Urr. Iain Dòmhnallach (Abstol a’ Chinn a Tuath) a phòs iad nuair a rinn e a’ chiad aiseag gu Hiort, ann an 1822. Bhaist e mise nuair a rinn e an tadhal bho dheireadh, ann an 1830. Tha cuimhne mhath agam a bhith a’ coiseachd sios chun na h-Eaglais air mo ghurt fhìn, a’ dol gam bhaisteadh.
B’ e Iain Fearghastan athair mo mhàthar. Bha teaghlach aigesan leis a’ chiad mhnaoi, Anna Dhòmhnallach. B’ ise màthair mo mhàthar. Nuair a chaochail mo sheanmhair, phòs e Màiri NicCuithinn piuthar mo sheanar eile, agus anns an teaghlach acasan bha Dòmhnall, Fionnlagh, Niall, Eachainn, Beathag agus Calum. Thàinig Calum agus Fionnlagh à Victoria agus chaochail iad an seo.
’S e sgiobair no meit soithich a bha nam shinn-seanair (athair Iain Fhearghastain), agus bha e air soithichean a bhiodh a’ ruith eadar Tìr-Mòr agus Hiort. B’ esan Fionnlagh Fearghastan, agus thuit esan cuideachd an gaol le caileag à teaghlach nan Dòmhnallach agus chuir e sìos a chrann air an eilean. San t-samhradh, b’ ann ainneamh a bhiodh caisbheart air na daoine, seach air Didòmhnaich agus nuair a thigeadh coigrich. Bha mòran sneachd anns a’ gheamhradh, agus nam òige chunna mi cidhichean anns an robh 40 troigh a dhoimhne.
Mu chuairt air an àm anns na phòs mo phàrantan (1822), bha na taighean cruinn nan cròileagan; ach nuair a bha mi eadar ochd is deich, thàinig luchd-fearainn agus roinn iad an talamh-àitich na lotaichean. Bha aig a h-uile fireannach ri thighinn agus a bhith an làthair fhad ’s a bhathas a’ tarraing chrann. An uair sin chaidh na taighean a thogail. Bha eadar ochd agus deich acraichean aig a h-uile teaghlach agus bha deich acraichean anns a’ ghlìob.
Bha barrachd chaorach aig m’ athair na bha aig duine sam bith eile. Bha mu chuairt air 200 aige air Boraraigh. Bha dà chuibhle snìomh againn agus beairt. ’S e an clò a bha sinn a’ fighe a-mhàin a bha a’ toirt dhuinn an uireas airgid a bha tighinn thugainn. Bha na mnathan ris an t-snìomh agus na fir ris an fhighe, agus bha sin gar cumail a’ dol airson na mòr-chuid dhen gheamhradh agus ùine mhath san t-samhradh. Bha sia no seachd a dh’eich aig
LINEBREAK Calum MacCuithinn
m’ athair, agus crodh cuideachd. Bha e a’ togail nan each agus gan reic anns a’ choimhearsnachd.
Bha h-uile teaghlach a’ fàs mòran arbhair anns an aimsir ud anns an robh an sluagh cho lìonmhor. Bha iad cuideachd a’ pàigheadh a’ mhàil le sìol-coirce.
Nuair a thigeadh an samhradh, bha aig deichnear no dusan fireannach ri dhol gu Sòdhaigh, far an robh eadar mìle agus 1400 caora leis an oighre. Bha aig na fir ris na caoraich a rùsgadh, ’s gun aca mar thuarasdal ach am biadh a dh’itheadh iad. Ach ged a bha sin mar sin, bha iad a’ faighinn choibhneasan eile bho àm gu àm. Cha robh na caoraich ach truagh. Nuair a reiceadh sinn iad, chan fhaigheadh sinn mar bu trice ach leth-chrùn an tè orra. Chan fhaigheadh duine air a’ chaora a b’ fheàrr a bh’ anns an sprèidh aig an àm sin ach sia tasdain.
LINEBREAK Tha cuimhne agam Sir Iain Mac a’ Phearsain MacLeòid fhaicinn air an eilean. B’ esan mac a’ Chòirneil MhicLeòid a bha air a bhith na Chief Justice ann an Calcutta airson còrr is fichead bliadhna. Bha sinn a’ pàigheadh a’ mhàil dhàsan tro bhàillidh. Bha sinn a’ faighinn deich caoraich an asgaidh, ach air a h-uile tè san sprèidh air chùl sin bha againn ri tasdan a phàigheadh, agus sia sgillinn air a h-uile othaisg. Bha aona mhart againn an asgaidh cuideachd, ach bha seachd tasdain sa bhliadhna air gach mart eile. Bha aig na teaghlaichean cuideachd ri £35 a phàigheadh eatarra airson cead na h-eunachd. Air muin sin bha aca ri £5 a phàigheadh eatarra airson na caoraich a bhith aca air Boraraigh. Bha deich tasdain thar fhichead air a h-uile teaghlach airson màl na lot. Bha sin a’ ciallachadh gu robh aig fear-taighe ri lìbhrigeadh mu chuairt air £25 gach bliadhna.
Bha am bàillidh dèonach air a h-uile beathach èisg a ghlacadh sinn leis na lìn-mhòra a cheannachd air ceithir tasdain an t-earball. Cha robh sinn a’ glacadh de sgadan ach na bha sinn a’ cur gu ar feumalachd fhìn. Bha lìn mhogallach againn agus lìn-mhòra. Bhiodh sinn a’ cur nan lìon-mòra sa mhadainn agus gan togail feasgar. Bha an fhairge ro chas airson iasgach geamhraidh. Bha sinn uile dèidheil air iasgach nan creag, gu h-àraid airson mhucan-creige agus liùghannan. An t-iomall nach robh sinn ag ithe ùr, bha sinn a’ sailleadh, agus bha sin a cheart cho blasda ann an ceann bliadhna ’s a bha e nuair a bha e seachdain a dh’aois. Bhiodh bàtaichean-iasgaich a-staigh ris na cladaichean againn daonnan. Cha toireadh iad ach dhà no trì làithean ag iasgach gus am biodh iad loma-làn.
LINEBREAK Tha e duilich dhuinn èiginn na Priscilla a thuigsinn — fuaim na mara agus luaisgean na soithich, cànran na cloinne agus acfhainn nan euslainteach, glaodhaich luchd-caoidh agus guthan crònanach luchd nan salm. A-rithist, tha na leanas stèidhichte air a’ chruadal tron deach Calum MacCuithinn agus an eachdraidh a rinn e air.
Ann am mòran bhailtean air feadh na Gàidhealtachd bha caoidh agus cianalas. Bha teaghlaichean gam fuadach, le fòirneart agus le truacantas, à tìr an eòlais. Ach ann an saoghal beag Hiort, far nach robh ach beagan is ceud anam, saoilidh mi gu robh an dealachadh air leth dòrainneach dhuinn. ’S e àite a bh’ ann anns an robh gach neach ceangailte ri càch le càirdeas nan iomadh linn. Cha b’ e fòirneart nan uachdaran a chuir an comann againne mu sgaoil. Cha do rinn sin ach a’ bhochdainn gheur agus gum faca sinn dòigh air faothachadh fhaighinn le siubhal gu saoghal na grèine.
Anns an deich bliadhna ro 1852 cha robh cùisean idir soirbh dhuinn. Bhuail an gràinne-dubh am pòr buntàta, agus lom e na h-imrichean. Gu sealbhach, cha do mhair an galair sin ach beagan bhliadhnachan, agus cha tàinig an t-acras cus ro theann oirnn. Fhuair na teaghlaichean taighean ùra geala eadar 1832 agus 1844, ach nuair a chuir an t-Urr. Niall MacCoinnich cùl rinn, chaidh ar cuartachadh le mulad agus le mì-chinnt. Anns a’ bhliadhna 1846 dhùisg an t-Urr. Iain Dòmhnallach an sluagh gu fìrinn an t-Soisgeil agus cheangail iad iad fhèin ris an Eaglais Shaoir.
Ach aig an aon àm chuir an Eaglais Stèidhte a-mach luchd-teasgaisg dhan eilean agus lean iad mar a b’ àbhaist, a’ grèidheadh togalach na h-eaglais agus gàrraidhean na glìob. Thàinig fathann dhan eilean gu robhas a’ dol a dh’fhuadach an t-sluaigh às na dachaighean ùra agus gun tigeadh oirnn cùl a chur ris an eilean. Co-dhiù, bha am màl a bha aig na teaghlaichean ri phàigheadh na eallach agus na uallach, a dh’aindeoin ’s gun tug an t-oighre gealladh nach deigheadh neach air bith èigneachadh. Anns na làithean dubhach sin, ràinig naidheachd sinn bhon Comann Eilthireachd na Gàidhealtachd ’s nan Eilean. Agus b’ e sin an naidheachd a choisinn gun do spealg an comann. Anns a’ cheann thall, rinn naodh teaghlaichean iad fhèin suas ri teiche à Hiort agus aiseag a ghabhail a
dh’Astràilia.Chan eil e duilich dhan Ghàidheal tuigsinn cho cruaidh ’s a bha e oirnn an t-eilean fhàgail. Reic sinn uile gach ainmhidh is àirneis a bh’ againn, agus le cnead nar broillichean dhealaich sinn ris na dàimhean a bha leagte ri fuireach am measg chreag agus eun. Sheòl sinn à Bàgh a’ Bhaile — sia duine deug thar fhichead — ann am bàta a chuireadh a dh’aona ghnothaich air ar tòir. B’ ann leis a Mhnaoi-Uasail Sarah Dhòmhnallach a bha am bàta. Stad sinn tamall anns na Hearadh, agus an dèidh sin chaidh sinn dhan Eilean Sgiathanach. Dh’fhuirich sinn an sin mu chuairt air cola-deug. Mach leinn à sin gu ruige Glaschu. Cha robh sinn an sin ach airson ceithir uairean fichead gus an robh sinn a’ dèanamh astar gu ruige Liverpool.
Fèar mus do chuir sinn cùl ri Glaschu, thàinig Sir Iain Mac a’ Phearsain MacLeòid air bòrd agus shiubhail e còmhla rinn gu Liverpool. B’ esan oighre Hiort, agus bha e nar cuideachd fad na h-ùine gar ceasnachadh, ’s gar n-earalachadh gu tilleadh dhachaigh.
Aig ar ceann-uidhe, thairg e ar faradh air ais a Hiort an asgaidh. Gheall e cuideachd gun toireadh e dhuinn gach còibhneadh a bha dhìth oirnn airson dà bhliadhna. Ach ’s ann a fhreagair sinn gu robh sinn dhen bheachd nach robh ach beagan ùine gus an togadh na bha air am fàgail dhen t-sluagh an imrich a-mach às an eilean.
“Dè a’ chomhairle,” ars esan, “a bheireadh sibh orm airson na teaghlaichean a chumail far a bheil iad?”
Dh’innis sinn dha cho neo-thoileach ’s a bha an sluagh — gu robh iad uile nam buill anns an Eaglais Shaoir, ged a bha an eaglais agus am mans ann an crannchur na h-Eaglais Stèidhte.
“Carson?” arsa sinne, “nach toir sibh an eaglais agus am mans bho uachdaranachd na h-Eaglais Stèidhte airson an toirt dhan Eaglais Shaoir?” Thuirt e nach robh e na chomas sin a dhèanamh. Uine an dèidh dhuinn Astràilia a ruighinn, leugh sinn gu robh an duine uasal air na togalaichean ud a cheannachd agus air an toirt dhan bhaile — nì a mhisnich an sluagh agus a thug dhaibh mòr-thoileachas.
Thug sinn trì no ceithir a sheachdainean ann an Liverpool air bòrd na soithich a bha dol gar toirt a-null thairis. B’ ise am Priscilla, bàta tapaidh a lìon le teaghlaichean Gàidhealach fhad ’s a bha i ris a’ chidhe. Nuair a sheòl i air an 13mh latha dhen Dàmhair 1852, bha 298 anam na luchd, ’s a’ mhòr-chuid aca a’ bruidhinn na Gàidhlig. Anns na ceithir mìosan eadar am Priscilla seòladh agus i ruighinn Melbourne, chaidh ceathrar chloinne a bhreith air bòrd. Ach mo thruaighe! Cha b’ e asaid mhnathan a ghlac inntinnean an luchd-siubhail. Cha do rinn sin ach na bàsan cruaidh a lean gar bualadh fad an t-siubhail, oir chailleadh dà fhichead neach ’s a h-aon mus do ràinig sinn caladh.
Bho chaidh am fearann à fàire air an 13mh latha dhen Dàmhair, chan fhacas fearann no eadhon boillsgeadh air soitheach eile gus na ràinig sinn na rubhaichean a-mach bho Mhelbourne. Cha robh sinn fada aig muir gus an d’ fhuair sinn fìor dhroch naidheachd — gu robh a’ ghriùrach am measg na cloinne. Thòisich an èiginn mhòr air na teaghlaichean Hiortach mus robh sinn ach cola-deug air an t-slighe. Aon uair ’s gun do bhuail am bàs sinn, ro dheireadh mìos an Dàmhair, cha do sguir glaodhaich nan euslainteach agus caoineadh nan taighean-fhaire airson ceithir seachdainean.
B’ e Raonailt, mo phiuthar ghràdhach, a’ chiad Hiortach a chaill sinn. Cha robh i ach naodh bliadhna deug a dh’aois. Dhrùidh oirnn uile gu robh againn ri a càradh ann an cuan cian air na cladaichean a b’ aithne dhuinn. Chaochail i air an 16mh latha dhen t-Samhain. ’S gann latha an dèidh sin nach do thadhail am bàs sinn. Chaochail Màiri Mhoireasdan (aois 57) air an 9mh latha — Màiri a bha cho misneachail ged a bha i gun chompanach gun theaghlach, a’ cur a h-aodann ris an t-saoghal ùr far am bu mhiann leatha a thighinn gu deireadh a latha. Shiubhail Ruairidh Dòmhnallach (aois 47) air an 11mh latha; Mòr, bantrach Ruairidh (aois 48), agus Dòmhnall MacCruimein (aois 32) air a’ 14mh latha; Catrìona Dhòmhnallach (aois 51) air an 17mh latha; Màiri NicCruimein (aois 6) agus a bràthair Dòmhnall (aois 5) air an 22mh latha; air an ath latha am piuthar Mòr (aois 9) agus air an 26mh latha, Fionnlagh Beag MacCuithinn (aois 44). Chaochail Ciorstaidh NicCruimein (aois 1) air an 27mh latha; b’ ise am ball deireannach anns an teaghlach sin, oir bha triùir eile agus an athair air siubhal roimhpe. Ged a bha galairean air bòrd, bha mòran dhe na h-euslaintich a’ dìobradh tron bhriseadh-cridhe. ’S e mo bharail gur ann mar sin a dh’èirich do bhantrach Fhionnlaigh Bhig, oir chaochail i (aois 44) air an 30mh latha.
Dh’fhalbh mìos an Dàmhair le aon neach deug, ’s cha robh an sgrios fhathast seachad, oir bha neul a’ bhàis gar sìor leantainn, ’s bha sin ri fhaicinn ann an gnùis mòran dhe ar càirdean. Cha robh creach cho uabhasach air a thighinn oirnn bho bha a’ bhreac air ar bualadh ann a Hiort bho chionn sia fichead bliadhna. Ghlaodh sinn ri Dia nar n-èiginn, agus le ar n-uile chridhe dh’aslaich sinn ris tròcair a bhith aige rinn. Bha an lighiche leibideach a bha air bòrd gar foireachadh suas chun na deic airson gum biodh sinn fosgailte ri gaoth na mara. Ach bha na h-euslaintich a bhathas a’ toirt a tùim na soithich, airson a bhith nan sìneadh gu h-àrd, cus ro lag agus ro thinn leis an teasaich airson gun dèanadh gaoth agus grian an leigheas. Cha b’ fhada gus an robh crith nam feòil agus snagardaich air am fiaclan cho luath ’s a bhathas gam fosgladh os cionn bhòrd. Cho-dhùin sinn gu robh an an-shocair a bh’ orra air an deic a’ giorrachadh am beatha, oir chaochail mòran aca far an robh iad nan sìneadh. Mu dheireadh dhiùlt sinn dhaibh na h-euslaintich a charachadh. Anns an Dùbhlachd, cha robh na bàsan ann buileach cho tric, ged a bha gach bàs oirnn mar bhuille chruaidh air nach robh leigheas no ìocshlaint. Chaill sinn trì leanabanan àlainn gràdhach — Màiri Fhionnlaigh Bhig (aois 1), air an 2mh latha dhen Dùbhlachd; Màiri nighean Eòghainn MhicGillIosa (aois 1) air an 3mh latha; agus Màiri nighean Chaluim Fhearghastain (aois 3) air an t-6mh latha.
Tha e furasda a thuigsinn nach b’ e greadhnachas a bh’ againn air latha na Bliadhn’ Uire. Bha sinn uile anns a’ chunnart, oir cha robh duine againn air bòrd a bha slàn. Lean a’ chreach am measg nan Gàidheal ach cha do bhuail e air an uireas a bh’ againne air ar fàgail chun an 25mh latha dhen Fhaoilleach. Cha robh air fhàgail ann an teaghalach MhicCruimein ach aon neach — bantrach
LINEBREAK Air an slighe a-null, aig àm dìnneir
Dhòmhnaill. Bha Anna air a companach agus a ceathrar phàisdean a chall. Cha deach beatha ri a h-anail ach beagan arain agus uisge. Chaochail i fhèin leis a’ bhriseadh-cridhe air an 25mh latha dhen Fhaoilleach, seachdain an dèidh dhuinn ar ceann-uidhe a ruighinn, aig Port Phillip Heads mu choinneimh Melbourne.
LINEBREAK Ann am pàipear-naidheachd Astràilianach, an Argos, chunnacas ann am mìos a’ Ghearrain cunntas air turas na Priscilla.
The Priscilla arrived at the Port Phillip Heads January 19th since which time she has been in quarantine on account of the number of deaths that had taken place which were as follows: LINEBREAK 12 adults, 24 children, 5 babies, principally from general causes. The classification of the emigrants now on board is as follows: 32 married females: 44 single men: 58 single women and 66 children: 3 married men: 3 married women, 1 single man, 7 single women and 16 children still remain on board the Lysander at the Sanitary Station but are all convalescent. The Priscilla carries no cargo for this port but coals for Bombay.
LINEBREAK Chaidh na Hiortaich a chumail air an Lysander greis an dèidh do chàch a dhol air tìr. Ged a bha an t-soitheach sin aig acair agus pailteas bìdh agus uisge ri làimh innte, bha bruthainn a’ slaopadh na feadhainn a bha fhathast ann am braighdeanas. Thàinig an teasach dhearg nam measg. Chaochail Catrìona (aois 23), bean Chaluim Fhearghastain, air an 9mh latha dhen Ghearran, agus cola-deug an dèidh sin chaochail Fionnlagh (aois 4), dìlleachdan a bha Fionnlagh Beag ’s a bhean air fhàgail air an allaban.
’S gann gun dh’èirich Hiort tuilleadh bhon bhuille a leag e ri linn uiread de shluagh cùl a chur ris ann an 1852. Ach cha b’ e a-mhàin gu robh mòran dhen òigridh air dealachadh riutha gun dòchas gu faiceadh iad cach-a- chèile a chaoidh tuilleadh — ’s e a rinn an ionndrain buileach geur gun do dh’eug mòran aca gun an ceann-uidhe a ruighinn. Nuair a thill am bàillidh Osgood MacCoinnich às an eilean anns an Og-mhìos an 1853, rinn e inneas air an fhàilte a bha roimhe nuair a ràinig am bàta aige dlùth air cladach Bàgh a’ Bhaile.
Cha mhor nach robh a h-uile fireannach agus giullan cruinn airson ar fiathachadh. ’S cha robh sin na iongnadh. Cha robh iad air anam fhaicinn, ach muinntir an eilein fhèin, airson naodh mìosan, agus bha iad togte ri naidheachd fhaighinn air na càirdean a chaidh a-null thairis air an fhoghar a dh’fhalbh.
LINEBREAK Tha e do-dhèanta dhuinn tuigsinn mar a rinn an naidheachd sin an sluagh a chràdh. Airson grunn làithean cha mhòr gu robh iad comasach air gluasad a-mach às na dachaighean leis cho trom ’s a bha an deuchainn orra. Chaidh na coinneamhan is na searmonan aca nan taighean-fhaire agus, airson ùine, ’s gann gu robh cuspair sam bith eile aca ach creach na Priscilla.
Ann a Victoria b’ fheudar dha na Hiortaich a bha air teàrnadh as a’ Phriscilla agus an Lysander an inntinnean a thogail gu h-aithghearr bho na càirdean. Bha iad a-nis ann an saoghal cruaidh fàsachail Astràilia agus cha robh dòigh air adhartas a dhèanamh ach tro chruaidh-obair. Fhad ’s a bha iad air an Lysander bha iomagain air a bhith orra uile. Air an cuingealachadh ann am bruthainn na soithich, bha iad for neul a’ bhàis. Sgrìobh Calum MacCuithinn eachdraidh air mar a fhuair iad air an casan.
Anns a’ bhliadhna ud, chaidh 20,000* Gàidheal air tìr ann an Victoria. Tro gach àmhghair a bh’ againn air a’ Phriscilla bha iomadh fear agus bean ann a sheas sinn le carthannas agus le coibhneas. Ach bha e duilich dhomh dìochuimhneachadh an dotair a bha air a bhith a’ sgiùrsadh nan euslainteach suas chun na deic gus na chuir sinn stad air an ana-dhòigh sin.
Bu mhise an duine mu dheireadh air an tàinig an tinneas. Bha bean òg agus bantrach air leth coibhneil rinn. Bha Frang MacCoinnich agus Ailig Dòmhnallach cuideach gasda, carthannach, còir. Gu mì-shealbhach, cha robh iadsan maireann ach airson ùine ghoirid an dèidh dhaibh Astràilia a ruighinn. Lean an ceathrar a theàrn dhen teaghlach againne slàn ri cheile gus an tàinig sinn an seo. Ràinig sinn Mia-Mia’s of Ti-trees, ach chan fhaca mi togalaichean de sheòrsa sam bith. Bha an Dr. Dòmhnallach à Baerald Hill ann nuair a ràinig sinn. Bha e air ruighinn air an Allison romhainne. Dh’fhàg esan le còmhlan dhen mhuinntir Ghàidhealach cola-deug an dèidh sin. Ach mus do dh’fhàg e, chaidh mi gu seirbheis a rinn an Dr. Dòmhnallach, agus nuair a dh’fhalbh e, rinn mise seirbheis Ghàidhlig. Bha mu chuairt air 1000 anns a’ chuideachd, a’ mhòr-chuid aca bhon Ghàidhealtachd.
An dèidh còig seachdainean, aig deireadh a’ Ghearran, rinn sinn aiseag suas gu Melbourne. Bha mi ann am Melbourne airson seachdain. Air an t-slighe bha
LINEBREAK * Chan eil dearbhadh againn air an àireamh seo.
grunnan luchd-siubhail a bha air am faradh a phàigheadh, agus bha mise air aon dhiubh sin. Cha robh sinn idir dòigheil nach robh goireasan na b’ fheàrr againn air bòrd na soithich na bha aig an luchd-siubhail a bha còmhla rinn air chosgais an Riaghaltais. Nuair a labhair mi ri fear dhe na ceannardan, dh’fhaighnich e dhomh dè an t-ainm a bh’ orm. Nuair a dh’innis mi dha, thuirt e rium nach robh gnothaich sam bith aca rium seach nach b’ e ‘eilthireach’ a bh’ annam; gu faodadh iad làrna-mhàireach ar tilleadh, ach nach dèanadh iad sin. Mar sin, chaidh mo ghearain nam aghaidh agus bha làmh-an-uachdair aigesan. Bha sin rudeigin cachdanach leam, oir bha m’ athair air £120 a phàigheadh airson an teaghlach fharadh. Bha MacLeòid air prìs an turais a phàigheadh dha gach neach eile nach robh comasach air sin a dhèanamh leis fhèin.
LINEBREAK Fad a bheatha bha an eaglais agus an diadhaidheachd air aire Chaluim. Chosg e air leabhrachan fhoillseachadh de dhàin spioradail a bha e fhèin air a dhèanamh, cuid (thathas a’ creidsinn) mus do dh’fhàg e Hiort. Eadhon an Astràilia, bha inntinn air na trodan ’s na caran a bha air na h-eaglaisean air Hiort a chur bun-os-cionn.
Tron t-seachdain bhiodh na fir air falbh, mar bu trice leis na h-eathraichean aig aon dhe na h-eileanan, a’ coimhead às dèidh chaorach no ag eunachd. Aon fheasgar Diciadain bha an t-Urr. Niall MacCoinnich a’ searmonachadh — sàr-dhuine agus deagh fhear-teagaisg a bha Dòmhnallach na Tòisidheachd air iompachadh againne ann a Hiort nuair a thadhail e mu dheireadh. Tha cuimhne agam Bean MhicGillIosa a bhith a’ caoineadh. Bha naodhnar no deichnear anns a’ choinneimh. An dèidh làimh, bha mi air a dhol sìos chun a’ chladaich agus chuala mi fear dhe na fir a bha air a bhith anns a’ choinneimh ag ràdh ris na seòid a bha tighinn gu tìr às na h-eathraichean, “Tha mi creidsinn gu robh Spiorad Dhè ag iadhadh a’ choitheanail a-nochd”. B’ e sin toiseach an Dùsgaidh Mhòir.
Bhiodh coinneamh-taighe ann a h-uile Dimàirt airson na ceistean a mhìneachadh; air Diciadain, bha coinneamh anns an eaglais; air Diardaoin bha coinneamh ann dhan luchd-comanachaidh leotha fhèin; agus air Dihaoine bha clas ann airson luchd-ullachaidh. Nuair a bhiodh am ministear air falbh, bhiodh Iain Fearghastan a’ teagaisg. Cho fad ’s tha cuimhne agam, bhiodh Iain a’ dèanamh sin anns a’ Ghàidhlig ’s anns a’ Bheurla gus an robh e còrr air ceithir fichead.
Thug an Dotair Dòmhnallach Dòmhnall MacFhionghain air falbh leis dhan Cholaisde. B’ e an Dòmhnall MacFhionghain sin am maighstir-sgoile a bh’ agamsa. B’ esan cuideachd am bàillidh. Bha coigrich uaireigin air £25 sa bhliadhna fhàgail airson maighstir-sgoile a phàigheadh. Airgead mòr a bha sin. Cha robh MacFhionghain agus am ministear idir a’ còrdadh, agus bha earbsa an t-sluaigh anns a’ mhinistear. Chaidh gearain a dhèanamh air a’ bhaillidh agus chaidh a ghluasad a-mach às an eilein. ’S e Ruairidh a bha an seo ann a Victoria nuair a thàinig Fionnlagh Fearghastan ann, mac le Dòmhnall MacFhionghain sin.
Nuair a chuir MacCoinnich cùl ris an eilean chan fhacas ministear tuilleadh gus na dh’fhàg sinn Hiort.
Aig àm Briseadh na h-Eaglais, nuair a chaidh muinntir an eilein a-null chun na h-Eaglais Stèidhte agus a thàinig Mgr. MacEòghainn na mhaighstir-sgoile, chunnaic e gu robh na h-èildearan a’ cumail sheirbheisean mar bu nòs. Bha esan cuideachd airson seirbheisean a chur air dòigh, ach bha an sluagh an aghaidh sin. Chùm aona theaghlach air falbh bho na seirbheisean aige. An uair sin chuir Fionnlagh MacGillIosa (seanair Fhionnlaigh a tha maireann) cùl ris, ’s an dèidh sin mar an ceudna an Dòmhnallach, a bha air Betty Scott à Cataibh a phòsadh. Bhiodh na trì teaghlaichean sin a’ tighinn cruinn anns an taigh againne airson coinneimh. Cha b’ fhada gus an robh an coitheanal sin againn dùbailte. Nuair a thàinig Niall bràthair mo mhàthar thugainn, ghluais sinn gu rùm na bu mhotha ann an taigh Ruairidh MhicGillIosa. Bha sinn an sin airson leth-bhliadhna, agus bha an sluagh eile leinn, ach mu chuairt air 15 no 16. As an àireamh bheag sin bha naodhnar a bhiodh a’ faighinn math na glìob. Bha eagal orrasan gu robh buaidh air choreigin aig MacEòghainn air uachdaranas fearann na glìob. Aig an ìre sin bha Tormod MacRaghnaill am baillidh làn troid. Mhaoidh e gu rachadh neach sam bith a dhiùltadh a dhol dhan eaglais fhuadachadh às a dhachaigh.
Cha robh cumhachd no cead aige sin a dhèanamh agus bha an t-oighre an aghaidh dha an seòrsa maoidhein sin a bhith aige ris na daoine. Goirid an dèidh sin dh’fhàg
MacEòghainn an t-eilean, agus cho luath ’s a thachair sin chaidh an sluagh air ais dhan eaglais. Nuair a bha mi mu chuairt air 22 no 23 thàinig còmhlan de dhaoine à Glaschu airson maighstir-sgoile a stèidheachadh. Cheannaich aon fhear aca a h-uile slat clò a bh’ againn. MacGilleMhoire an t-ainm a bh’ air, agus thug e dhuinn dà sgillinn an t-slat a bharrachd air na bhiodh am bàillidh a’ toirt dhuinn. Bha triùir aca ri cheasnachadh: Calum Fearghastan, Fionnlagh MacCuithinn agus mi fhìn. Sia bliadhna roimhe sin, bha Fearghastan aig an t-sluagh air a thaghadh airson naoi mìosan a’ teagaisg na cloinne. Bha iad an dòchas anns an ùine sin gun tigeadh coigreach ris an dreuchd. Dh’fhaighnich iad dha na h-èildearan cò bha iadsan airson a chomharrachadh. Thuirt iadsan gum b’ e mise. Thug iad a-mach chun a’ gheata mi agus chuir iad deuchainn orm. Nuair a bha iad sàsaichte, thuirt iad rium gu robh agam ri Beurla a theagaisg, agus gu h-àraid Gàidhlig. Thug iad dhomh Bìoball Beurla. Mar sin, bu mhi am maighstir-sgoile airson bliadhna mus do chuir mi cùl ri Hiort.
LINEBREAK Cha robh mòran airgid aig na teaghlaichean a bhathas a’ leigeil saor às an Lysander. Bha saoghal mòr farsaing romhpa — dùthaich anns nach robh mòran sluaigh agus nach robh
LINEBREAK ’S e Calum MacCuithinn (na shuidhe) an treas duine bho thaobh na làimhe clì, agus air a làimh chlì-san tha a bhràthair-cèile, Dòmhnall MacSuain a dh’fhalbh à Ratharsaigh. Air cùlaibh Chaluim tha a mhac, an t-Urr. Fionnlagh MacCuithinn. LINEBREAK Thogadh an dealbh seo mu 1910, nuair a bha Calum gu bhith 82. Bha a bhean air caochladh ann an 1905
fhathast air a fosgladh a-mach gu ìre mhòr sam bith le ròidean, bailtean agus gnìomhachas. Ciamar a-rèisd a bha na Hiortaich comasach air am beòshlaint a chosnadh?
Fhuair Calum MacGillIosa (bràthair mo mhàthar) agus mise obair aig Walstab of Brighton. Bha a bhean còmhla ri MacGillIosa, ach bha bean Chaluim air bàsachadh air an Lysander. ’S ann a’ spealgadh fiodha airson breigichean a losgadh a bha sinn. Thug sinn mu chuairt air sia mìosan ris an obair sin.
Bha Wymmes a’ còmhnaidh aig Brighton. Bha bean Mhic a’ Mhaoilein agus Bean Wymmes air leth coibhneil ri mo mhàthair. Bha na mnathan fìor ghasda. Thug Walstab an ‘sac’ do MhacGillIosa. Shaoil e gu robh e leisg, oir bha e air a ghlacadh na shuidhe anns a’ chruaich-fheòir. Nuair a chunnaic e nach d’fhuair e a thuarasdal, chaidh MacGillIosa gu Lachlann MacFhionghain, a bha ag obair aig oifis an Arguis dhan chomann a bha a’ cur a-mach nan Gàidheal. Dh’earailich MacFhionghain e a dhol air ais gu Walstab agus an tuarasdal air an robh e airidh a dhamandadh — ’s mura toireadh Walstab sin dha, e a thighinn air ais thuigesan. Air an ath latha, nuair a chaidh MacGillIosa air toir an tuarasdail, bha Walstab deiseil dha leis an airgead. Chan eil mi smaoineachadh gu robh aig Walsteb na rùn an t-airgead a chumail bhuaithe. Fhad ’s a bha sinn anns an àite ud chaochail m’ athair, agus chàirich sinn e ann an cladh na h-Eaglais Bheurla ann an New Street — an eaglais bu mhotha a bh’ ann am Brighton.
Nuair a dh’fhàg mi Walstab, chaidh mi gu Dòmhnallach Mhordiallic. Còmhla rium bha m’ uncail, Calum Eòghainn MacGillIosa, agus fear Niall Dòmhnallach a bha air a bhith nar cuideachd. ’S e an obair a bh’ againn breigichean a dhèanamh airson an taigh-òsda a tha an-diugh na sheasamh dìreach mar a chaidh a thogail aig an àm ud. Cha robh sinne riamh air breigichean a dhèanamh air ar gurt fhèin, agus fhuair an Dòmhnallach fear Mgr. Straker airson ar h-oideachadh gan dèanamh agus gan losgadh.
Rinn sinn 40,000. Cha b’ urrainn do dhuine uachdaran na b’ fheàrr fhaighinn. Bha fear A. MacLeòid a’ fuireachd aig Mordiallic (an dèidh sin aig Cheltenham). Bha feadhainn ann cuideachd air an robh an t-ainm MacCoinnich — saoir a bha a’ dèanamh eathraichean. Bha sinn anns an astar sin airson trì mìosan, agus an dèidh sin thàinig sinn an seo airson am fearann a bha Wilkinson a’ reic fhaicinn. Thugadh an t-ainm Gaelic Town air an fhearann sin. Cheannaich mi aon acair airson £50. Cheannaich m’ uncail Calum agus MacGillIosa mar an ceudna. Fhuair MacGillIosa a’ chuibhreann ri ar taobh. Air an latha a cheannaich mi am fearann dh’aontaich mi ri Calum MacGillEathain gun tugadh sinn na cisteachean suas le cairt an daimh, agus chaidh sinn a chòmhnaidh air an fhearann ann an teantachan.
Dh’aontaich sinn ri Wilkinson gun rachadh sinn a dh’obair dha airson an t-uisge a dhèabhadh à breun-loch ris an canadh iad ‘The Double Lagoon’ *. Bha sinn a’ dùsgadh dhrèanaichean agus a’ cur an talaimh air an raon. ’S e deagh thuathanach agus deagh mhaighstir a bh’ ann. Sgaoil sinn an sputraisg agus chuir sinn buntàta. Cha robh mòran feum anns a’ chiad phòr — cha robh càil ann ach barran agus sìolagan.
Ach an ath bhliadhna chuir Wilkinson buntàta a-rithist, gun innearadh, agus fhuair e an saoghal bràth de bhuntàta. Dhealaich MacGillIosa ruinn. Chaidh e steach a Mhelbourne airson greis agus an uair sin dh’fhalbh e chun na ‘diggings’* *. Cha chualas dad air MacGillIosa airson ùine mhòir.
Lean sinn oirnn a’ faighinn deich tasdain anns an latha ag obair aig Wilkinson. Chuir Mac a’ Mhaoilein à Brighton fios oirnn agus dh’fhaighnich e an tiginn thuige a
LINEBREAK * A rèir Kelman MhicCuithinn, iar-ogha an sgrìobhaiche, ’s e ‘Double Lagoon’ a tha air litir cead-pòsaidh Chaluim Mhòir mar àite-còmhnaidh. Tha e cuideachd cinnteach gu robh a’ bhreun-loch far a bheil Spring Road ann a Highest an-diugh. LINEBREAK ** a’ lorg an òir.
LINEBREAK An Eaglais agus am mansa ann am Brighton
dhèanamh bhreigichean. Bha e deònach air ar pàigheadh (mi fhìn agus m’ uncail Calum) — £5 airson gach 1000 breige.
Aig an àm sin, bha mi a’ suirghe air Màiri NicSuain (MacSwain) à Eilean Ratharsaigh. Thàinig m’ uncail Dòmhnall gam chuideachadh fhìn is Chaluim leis na breigichean. Phòs Calum aig an àm sin. Chleachd e a bhith sgur a dh’obair cho luath ’s a dhèanadh e 1000 breige. Na bharail-san bha pailteas ann am 1000!
Thill mi gu South Brighton beagan ron Nollaig. Thog mi callaid timcheall an àite far an robh dùil agam mo dhachaigh a dhèanamh. An uair sin thòisich mi air an taigh. Rinn mi e le weather-board, le lìnigeadh de lathaist air an taobh a-staigh, agus crèadh a’ calcadh nan sgàineanan. Bha an t-slinnteach còmhdaichte le fiodh cruaidh (shingles). Phòs an Dr. MacAoidh sinn aig taigh Mhic a’ Mhaoilein ann am Brighton. Bha an Dr. MacAoidh air a bhith searmonachadh ann an Eaglais Ghàidhlig an Naoimh Anndra air an fheasgar mus do phòs sinn. Chaidh ar pòsadh air an 22mh latha dhen Lùnasdal. Chaidh sinn dhan eaglais air an Didòmhnaich an dèidh dhuinn pòsadh, ach air an t-slighe air ais ghabh sin cab gu ruige St Kilda!
LINEBREAK Chan eil teagamh nach robh iongnadh air na Hiortaich gu robh a leithid de dh’àite ri St Kilda romhpa ann an Astràilia. Fhuair am baile an t-ainm anns a’ bhliadhna 1835. Bha sgùnair air an robh an t-ainm Lady of St Kilda air a dhol air tìr mu choinneimh far an deach am baile a thogail. Bha an sgùnair le Sir Thomas Dyke Acland, fear a bha gu math eòlach ann a Hiort. B’ esan an duin’ -uasal a bha air an t-eilean a thadhal ann an 1830 agus a bha air fichead ginidh fhàgail aig a’ mhinistear airson an toirt dhan chiad cheannard-teaghlaich a thogadh taigh geal. Anns na sgrìobh e chan eil iomradh aig Calum MacCuithinn air an ainm St Kilda. Ach carson a bhitheadh? Nach eil e ag aithris gu robh na Gàidheil lìonmhor anns a’ chearnaidh ud dhen t-saoghal, is eadhon corra dhuine à Hiort ann mus do rinn muinntir na Priscilla ceum air tìr ann an 1852.
Bha Iain, m’ uncail Calum agus Sàra (bean Chaluim) còmhla rinn a thuilleadh air sin. Bha cairt againn dha na mnathan ’s bha greigh mhath cruidh againn gan ruagadh romhainn. Thug sinn naodh latha air an turas. Stad sinn airson latha gu leth aig Gleann Wyllen, 50 no 60 mìle an taobh seo de Sheep Hills. Chaidh sinn seachad air àite ris an canadh iad Cattle Station mu dhusan mìle bho Ghleann Wyllen. Airson nan ciad sia mìosan dh’fhuirich sinn aig ‘Homestead’. Chaidh mise agus Màiri an dèidh sin a-mach gu àirigh bheag faisg air toll-uisge mòr mu thrì mìle bho Warracknabeal (ris an canadh iad anns an latha ud ‘Scots Station’ ). Bha sinn ann an sin airson ùine leinn fhìn. Thàinig mo mhàthair a dh’fhuireachd còmhla rinn. Cho luath ’s a thiormaich an t-uisge a bh’ anns an toll, thog sinn oirnn gu ‘Homestead’. Dh’obraich mi còmhla ri Niall — aon dhe na bràithrean (a bha cumail tuarasdal rinn) — a’ cur suas àirighean (huts), agus nuair a bha mi dìomhain chleachd mi a bhith dol a-mach leis na caoraich. Cha robh mo mhàthair idir sona far an robh sinn, agus dh’fhàg sinn. Bha sinn air an t-each ’s a chairt againn fhìn a thoirt leinn suas, ach chaidh an t-each bochd a mharbhadh. Cheannaich sinn each eile bho fhear Stiùbhart air £36.
Nuair a bha sinn a’ tilleadh leis an each ’s a chairt bho Sheep Hills Homestead mu chuairt air deich mìle mus do ràinig sinn Warmera, chunna mi cù a’ tighinn a-mach às na creagan, agus thòisich e a’ comhartaich. Stad mi an t-each agus thug mi sùil dè bha ceàrr. Chunna mi teant faisg air taobh an rathaid. Thàinig duine a-mach agus bha e cho lag ’s nach mòr gun deigheadh aige air labhairt. Bha e ri uchd bàis leis a’ phathadh. Thug mi leam e gu allt, agus nuair a bha sinn gu bhith aig an uisge, ruith e thuige. Chan fhaca mi tuilleadh e. Rinn mi campa airson beagan làithean aig Cattle Station agus an dèidh sin lean mi orm tro Ghleann Wyllen. Ann an sin choinnich sinn ri m’ uncail Calum agus a bhean. Seach gur e an samhradh a bh’ ann, bha an rathad math agus cha tug sinn fada a’ cromadh às na cnuic. Ràinig sinn feasgar, agus fhuair sinn a-mach gu robh bean MhicGillIosa (a bha sinn air fhàgail a’ coimhead às dèidh nan taighean) air falbh dhan bhaile. Thog an Dòmhnallach agus Calum agus mise faisg air fad mìle de challaid. Bha an Dòmhnallach air an taigh-òsda a thogail fhad ’s a bha sinn anns na cnuic.
Dh’fhàs cùisean gu math doirbh air feadh na dùthcha. Bhathas a’ fosgladh soup kitchens mun bhaile agus ’s e a bheag de dh’obair a bha ri fhaotainn. Fhuair sinne fiach trì mìosan de dh’obair bho Mhgr. Caimbeul agus Mgr. Russell a’ dèanamh ròidean. Aona latha thàinig Calum thugam agus thairg e dhomh sia acraichean fearainn agus achadh (paddock) airson £10. Phàigh mi e agus thug e
dhomh na pàipearan a bha dleasadh dhomh nan còraichean.
Bhris sinn aodann a’ chnuic leis a’ chrann agus chuir sinn coirce. Thug Padwick dhomh £9 air an tràthach a bha mi airson a reic. Bha buntàta agam cuideachd. Bha Iain còmhla rium an com-pàirt mun fhearann. Chaidh Iain dhan mhargadh agus rèic e am buntàta.
Nuair a chaidh Calum Fearghastan gu Mordiallic cheannaich sinne a chuid fearainn. Agus nuair a chaidh Murchadh MacGillEathain gu Purman cheannaich sinn an acair aigesan cuideachd. Cheannaich sinn dà acair bho bhean MhicGillEathain, agus an dèidh sin cheannaich sinn a’ chòrr dhen fhearann a bha aig Backhouse.
Cha do chaill a’ mhuinntir againn cleachdadh na h-eaglais ged a chuir sinn cùl ri ar dachaighean air a’ Ghàidhealtachd. Air an dearbh latha an dèidh dhuinn a dhol gu tìr ann a Victoria (mun 20mh latha dhen Ghearran 1853), chaidh sinn gu seirbheis Ghàidhlig ann an Talla nam Pròsdanach air Stephen Street (Exhibition Street a-nis) ann am Brighton. Ann an ceann dà mhìos dheug, leig am ministear a-mach gu robhas a’ dol a dhèanamh oidhirp air làrach fhaighinn airson eaglais Ghàidhlig a thogail. Choinnich sinn anns an talla airson dà bhliadhna. Air Sàbaid àraidh, chaidh innse gu robh an Dr. MacAoidh a’ dol a dh’fhàgail. Bha trì deug de theaghlaichean an seo aig an àm agus cha robh iongnadh gur e ‘Gaelic Town’ a bh’ aca air. Chionn ’s gu robh clachairean air am pàigheadh aig còig tasdain dheug san latha, cha robh cùis na h-eaglais soirbh. Ach chaidh Ailig MacGillEathain fhasdadh mar Chlàrc na h-Obrach agus thàinig an Dr. MacAoidh a-mach gar faicinn aon uair sa mhìos. B’ e fìor dhuine smaoineachdail a bh’ ann agus tha deagh chuimhne agam air iomadach fear dhe na cuspairean-teagaisg a bh’ aige.
Rinn e deich searmonan air Cosamhlachd an Fhir-chura. Bhiodh m’ uncail Calum agus mise a’ dèanamh seirbheis aig dachaigh mo chuideachd-chèile agus chleachd sinn a bhith dol a-steach dhan bhaile (chun na h-eaglais) aon uair air a’ char bu lugha, a h-uile Sàbaid. Thathas ag ràdh gun do chosg Eaglais an Naoimh Anndra ann am Brighton £12,000 a togail. Bha mi aice nuair a dh’fhosgladh i ann an 1855. Agus chuala mi air an latha sin an Dr. MacAoidh a’ searmonachadh air ‘an not’ Bha aoibhneas orm an uair a thuirt iad rium, Do thaigh an Tighearna thèid sinn. Chaidh searmon eile a theagaisg le Mgr. Uilleam Mac an t-Saoir a N.S. W. anns a’ Bheurla anns a’ mhadainn agus anns a’ Ghàidhlig feasgar. Chaidh £456 a chur dhan bhrod air latha an fhosglaidh. Cola-deug an dèidh dhan eaglais a bhith air a fosgladh, chaidh mise agus Màiri a phòsadh leis an Dr. MacAoidh. Chaidh m’ uncail Calum (a bha air a bhean a chall anns a’ Phriscilla) a phòsadh còig mìosan deug roimhe sin.
Dh’fhàs cùisean gu math cruaidh oirnn, agus sgap mòran dhe na Gàidheil an tòir air obair. Dh’fhàs na coitheanalan na bu lugha. Airson seachd bliadhna an dèidh dhomh pòsadh lean mi orm a’ dol dhan t-searmon Ghàidhlig aig dà uair feasgar. Bha an coitheanal gun mhinistear airson ùine an dèidh do MhacAoidh fàgail, agus chleachd Calum agus mise a bhith cumail na seirbheis a’ dol eadarainn. Bhiodh coinneamh-ùrnaigh againn air oidhche Dhiardaoin. Chleachd an t-Urr. Frisealach a bhith gar tadhal airson cùram na h-eaglais a ghabhail. Bha e na b’ fheàrr air searmonachadh anns a’ Bheurla na bha e anns a’ Ghàidhlig. Lean Mgr. Begg a Warrnambool, e an uair sin Mgr. MacGriogair; Mgr Wade air chùl sin; agus an uair sin Mgr. MacEachairn às a’ Chromba.
LINEBREAK Tha e follaiseach gun do rinn Calum còir adhartas, mar a rinn iomadach Gàidheal eile a chaidh a-null thairis anns na linntean a dh’fhalbh. Chan eil e duilich fhaicinn anns na sgrìobhaidhean aige nach robh e cho càirdeil ri MacGillIosa ’s a chuireadh duine mu choinneimh. ’S mathaid gu robh e a’ coireachadh Eòghainn MhicGillIosa airson gu robh e gu tric aig teis-meadhan a’ mhì-rian! Anns na cunntasan a sgrìobh e air na trioblaidean a bha eadar an Eaglais Stèidhte agus an Eaglais Shaor, thuirt e:
Tha cuimhne agam air athair Eòghainn MhicGillIosa agus Calum Dòmhnallach ’s mi fhìn a bhith anns an eaglais. Bha seann MhacGillIosa air a bhith air a bhuaireadh le ceist an fhearainn, agus thuirt e gu robh e a’ creidsinn gu robh an sluagh ceàrr briseadh ris an Eaglais Stèidhte. Nuair a dh’fhalbh e, thuirt Calum Dòmhnallach rium, “Nach ann an siud a tha an duine aineolach.”
Uair eile bha seann MhacGillIosa a’ bruidhinn air an aona chuspair, le aithreachas air gu robh e air an Eaglais
Stèidhte fhàgail, agus rinn a mhac Eoghainn casaid air, a’ cuimhneachadh dha gum b’esan an dàrna duine anns a’ bhaile a bha air ainm a chur ris na pàipearan a bha ga cheangal ris an Eaglais Shaoir.
“Ta,” ars esan, “cha tug mi man airidh an nì a bha mi a’ dèanamh. Bha mi air Iain Fearghastan fhaicinn a’ soighneadh, agus le m’ aithne, cha robh mi riamh air esan fhaicinn a’ dèanamh mearachd no càil dona. Bha mi a’ smaoineachadh gum bithinn sàbhailt gu leòr a’ leantainn na h-eiseamplair aigesan.”
LINEBREAK Chaochail Calum MacCuithinn agus a bhean ann am Melbourne — Màiri air an 14mh latha dhen Iuchar, 1905, agus Calum (is e aois 85) air an 16mh latha dhen t-Samhain an 1913. Tha cuid dhe shliochd fhathast ann a Victoria. ’S ann aig Kelman MacCuithinn ann a Victoria a tha an dìleab sgrìobhaidhean is dhealbh a dh’fhàg e. Tha lethbhreac dhe na cunntasan a dh’fhàg e anns a’ Bheurla aig an National Trust an Dùn Eideann.
Mar a chunnaic sinn, sgrìobh agus dh’fhoillsich Calum leabhar bàrdachd ann an Astràilia, agus tha an aona lethbhreac dheth air a bheil lorg aig Kelman. Chuir esan dealbh dhen leabhar thugainn agus cead a’ bhàrdachd fhoillseachadh anns an leabhar sa. Bha ceithir dàin spioradail ann, agus b’ e seo an ro-ràdh a bha aige:
Beloved friend whoever you may be that gets this little book into your hand, I would remind you that the salvation of your soul is of more consequence to you than the whole world for what will it profit a man if he gain the whole world and lose his soul. I therefore hope that these Poems will be valued by you for the sake of your never-dying soul, and in reading them you will be careful to notice the subjects on which they are composed, for though they might have produced better Poems than these yet I trust they may suit the purposes for which they are intended. I would here remind the reader that when these poems were composed I never expected that they would be made public, and as I was requested by several friends and others to have them printed before I had time to re-write or correct them, I hope the reader will kindly overlook all errors and misapplications occuring in them.
I will now conclude by saying that I trust God will effectually bless these poems to some of you who may read them, which is the earnest prayer of your sincere friend, M. MacQueen.
Ròs Shàroin
Tha seachd rannan deug anns an dàn Ròs Shàroin a bha air a sheinn air fonn ’S e Fulangas Mo Shlànaigheir. Seo trì rannan às na seachd deug:
Is Ròs ro ghlan o Shàron mi LINEBREAK As àillidh anns gach buaidh; LINEBREAK Tha maise ’s gloir na Diadhaidheachd LINEBREAK Gu sìorraidh ann am shnuadh; LINEBREAK Dlùth-chompanach Iehòbhah mi LINEBREAK Sa ghlòir sin a tha shuas, LINEBREAK Oir maille ris o shìorraidheachd LINEBREAK Bha mise raimh gach uair.
Mun d’chruthaicheadh an saoghal leam LINEBREAK No aon nì th’ air san uair, LINEBREAK Bha mise dèanamh gàirdeachais LINEBREAK An làthair m’ athar shuas – LINEBREAK Seadh, bha mi dèanamh gàirdeachais LINEBREAK San àit’ am biodh mo shluagh, LINEBREAK Is tlachd mo chridh’ o shìorraidheachd LINEBREAK Nan dìon ’s nan slàinte bhuan.
Nam faiceadh tu an tràth sa mi LINEBREAK Sa ghòir a tha do-luaidh! LINEBREAK Is maisich’ gu neo-chrìochnach mi LINEBREAK Na ghrian sna speuraibh shuas; LINEBREAK Oir grian is sòlas sìorraidheachd LINEBREAK Is mi gu siorraidh buan; LINEBREAK ’S mi deàlradh pears’ Iehòbhah, LINEBREAK ’S mi Ròs as àille shuas.
LINEBREAK Saidhbhreas Gràis
Agus seo trì rannan as an dàn Saidhbhreas Gràis, anns a bheil seachd rannan deug cuideachd. LINEBREAK Seinnear an dàn seo air fonn Tha Sion a’ Seinn
Nam b’ urrainn an tràth s’ mi dàn a ghabhail LINEBREAK ’S e gràs a sheinninn gach uair – ’S e seo air mhodh sònraicht’ ’s òran molaidh LINEBREAK Don aireamh shona tha shuas; LINEBREAK Is peacaich a tha an tràth s’ air thalamh LINEBREAK ’S rinn gràs a tharraing o thruaigh, LINEBREAK Nach buin dhaibh gach là an gràs a mholadh LINEBREAK Nì iadsan sona gu buan.
Nì saidhbhreas a’ ghrais s’ gu bràth an t-anam LINEBREAK Tha anfhann, lag agus sgìth LINEBREAK A bheothachadh suas ’s gach uair a neartach’ LINEBREAK Gu gluasad ceart anns an t-sligh’; LINEBREAK Do bheir e dha treòir ’s nì threòrach’ tuille, LINEBREAK ’S a sheòladh uil’ anns gach nì LINEBREAK San t-sligh’ air an còir dha ’n còmhnaidh imeachd, LINEBREAK ’S bheir sòlas, misneachd is sìth.
An t-anam sin chaidh le gràs a thilleadh LINEBREAK An tràth s’ o shlighibh a’ bhàis, LINEBREAK Nach còir dhaibh gach là an gràs a mholadh LINEBREAK Gu bràth a choisinn an slàint’; LINEBREAK ’S nach buin dhaibh rim beò len òran tuille LINEBREAK A’ ghlòir gu h-uile thoirt dha, LINEBREAK Is innse do chàch a ghràdh do-labhairt, LINEBREAK ’S a shlàinte mhaireann ’s a ghràs.
title | 51. Calum MacCuithinn |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | Linn nan Creach (1852–an-diugh) |