52‘California’
Mar a chunnaic sinn, thog na Hiortaich orra anns a’ bhliadhna 1852, agus sgap cuid aca air feadh an domhainn. Chaidh feadhainn aca à Astràilia do New Zealand agus do dh’Ameireaga agus tha an sliochd anns na dùthchannan sin chun an là an-diugh. Ach dè an ceangal iomraiteach a bha eadar Hiort agus California? B’ e an ceangal sin gu sònraichte aon dhuine — Eòghainn MacGillIosa.
Nuair a bha Eòghainn sia bliadhna fichead a dh’aois, phòs e air Hiort. Thog a’ chàraid òg orra mach gu taobh eile an t-saoghail. Ghabh iadsan cuideachd an t-aiseag a dh’Astràilia, agus ann an sin fhuair Eòghainn beòshlaint ris an obair-latha. Fhuair iad a’ chiad duine teaghlaich fhad ’s a bha iad ann a Victoria. Co-dhiù, dh’fhàs a’ Hiortach searbh dhen obair, agus dh’fhalbh e a-mach air turas dha na fàsaichean a lorg an òir. Thug e ùine ann an sin a’ cladhach ’s a’ nighe na moralaich ri bruaichean nan aibhnichean, agus nuair a thill e chun na mnatha ann a Victoria bha craiteachan math òir aige na chois. Cheannaich Eòghainn tuath, agus chaidh an dàrna leanabh a bhreith dhaibh. Cha robh e fada na thuathanach gus na chaith an t-ionmhas a bh’ aige, agus thàinig air an tuath a reic. Chaidh e an uair sin le mhnaoi ’s le theaghlach gu Melbourne. Dh’fhàg e ann an sin iad ann an dachaigh air màl, agus ghabh e aiseag dà mhìle mìle mara gu New Zealand, a’ coimhead airson tuilleadh òir. Fad ’s a bha e ann an New Zealand cha do chuir e facal gu a mhnaoi. ’S nuair a thill e à New Zealand gu Melbourne ann an ceann dà bhliadhna, fhuair e mach gu robh a bhean air fear eile a phòsadh. Cha mhòr gun creideadh e an naidheachd.
Mach à seo leis a dh’Ameireaga, agus ann an sin chaidh e ris an t-saighdearachd. Bha e suidhichte gu leòr an sin gus an cual’ e gu robhas air òr a lorg ann an California. Aon oidhche dhorch, theich e às an Arm agus chuir e aodann air California agus na mèinnichean òir. Dìreach mar a bh’ air an Astràilia, bha sealbh air ann an sin cuideachd, agus rinn e beag-fhortan. Nuair a bha a sporan làn leig e às an obair an California, agus sheòl e air ais gu Melbourne. Thadhail e air a mhnaoi ’s a theaghlach, agus thug an lagh dha cead a’ chlann a thoirt thuige fhèin. B’ aindeonach, dubhach a bha a bhean nuair a chuir a’ chlann cùl rithe an Astràilia. Ach dh’fhalbh Eòghainn còir leotha, ’s e air aiseag air ais gu ruige Breatainn agus Hiort.
Nuair a ràinig e Hiort ann an 1871, rinn an sluagh gàirdeachas ris agus ghràdhaich iad a’ chlann. Ach cha do mhair Eòghainn fada ann an eilean a bhreith. Cha robh e aig an taigh ach airson mìos gus na sheòl e air ais gu Glaschu air aiseag gu Ameireaga. Thug e ann an Ameireaga aon bliadhna deug ’s an cianalas ga lèireadh.
“Nam biodh agam,” ars esan, “glaim à closach bùthaigir, thogadh e dhìom mo neòil.”
Uill, fhuair e sin. Thill e a Hiort nuair a bha e a’ streap ri trì fichead bliadhna dh’aois. Cha robh mòran dhe na càirdean a dh’aithnicheadh e uair, ’s a dhèanadh gàirdeachas ris, fhathast maireann. ’S bha a’ chuideachd a bha ann a’ sealltainn air mar choigreach. ’S mathaid cuideachd gu robh Eòghainn fhèin air fàs rudeigin mòr-chùiseach, còmhraideach. Bha uiread aige ri ràdh mu dheidhinn Ameireaga ’s gun tug iad ‘California’ air mar fhar-ainm.
Ach bha aon nighean air Hiort nach robh gràineil air a sheanchas, agus thuit Eòghainn ann an gaol leatha. Agus b’ e sin deireadh na sgeòil. Phòs iad agus thug iad an casan leotha a dh’Ameireaga ’s dh’fhàg iad Hiort aig fois aig na Hiortaich agus aig na h-eòin mhara.
title | 52. ‘California’ |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | Linn nan Creach (1852–an-diugh) |