54 Cuid a’ Bhaile gun Chùram Dheth: (sealladh le Raibeart Conail, 1885)
Thaobh an iasgaich, ’s e Sòisealaich a tha annta. Bidh dà eathar an gnàth a’ dol gu muir le seisear anns gach tè. An seo a-rithist, thathas a’ roinn an èisg air sia cruinn dheug, a chionn ’s gu bheil sia croitean deug anns a’ Bhaile. Bhàrr air an àireamh a tha taghte airson an iasgaich, tha gillean tapaidh eile ann. Ach tha acasan ri seasamh sùmhail, roinnte, air chùl na sgioba-iasgaich. Tha an sgaradh a tha eatarra mar gum biodh e air èirigh eadar iadsan a tha feumail fòirneartach agus iadsan a tha lag chùiseach. An dèidh còig latha deug air an eilean, thug mi man airidh gu robh na Hiortaich a’ ceasnachadh tro fheallsanachd nan Sòisealach, Ciod e ceartas? Mar thoradh air a’ cheasnachadh sin, chan eil iad idir cinnteach às an dleasdanas fhèin. Chan eil teagamh nach eil an fheallsanachd ri a coireachadh airson a bhith a’ toirt an deò à cosnadh an iasgaich. Tha na ceithir eathraichean a chaidh a thoirt dhaibh mar thìodhlac a’ dol a dhìth. Chan eil ach aon adhbhar air sin, agus ’s e sin gur ann leis an t-sluagh a tha na h-eathraichean, ’s mar sin gu bheil iad air uallach a’ chomainn air fad. Ma thogair, their an aon neach, chan eil ann ach cuid a’ mhòr-shluaigh! Mar dhearbhadh air sin, thathas a’ leigeil dha na h-eathraichean a bhith nan laighe air a’ chladach a’ lobhadh, gun a bhith air uallach duine air bith. An ath uair a thig litir iarrtais à Hiort, bu chòir dhan luchd-tabhairt cùmhnantan a chur air na Hiortaich mus tèid tìodhlac a chur thuca. A chaoidh tuilleadh, mus tèid eathar a chur thuca, bu chòir a h-uallach a chur air an leth-dusan fireannach as fheàrr a bheir aiste ’s a nì a grèidheadh. B’ fheàrr sin na a toirt aon uair eile dhan chomann air fad.
title | 54. Cuid a’ Bhaile gun Chùram Dheth |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | Linn nan Creach (1852–an-diugh) |