58 Turas gu Boraraigh
Cha b’ e snìomh agus luadh agus bleith an t-sìl an aon seòrsa obrach a bh’ aig a’ chlann-nighean. Bha mòran de dh’obair an fhearainn aca ri dhèanamh cuideachd, agus tha fhios againn uile nach robh na seòid leisg no dìomhain. Bha aca ri am beatha a chur seachad ag iasgach agus ag eunachd, agus nuair a thuiteadh an geamhradh dorch greannach air an eilean bhiodh na fir a’ fighe chlòitean, a’ dèanamh chuaranan à peileid nan caorach agus a’ dèanamh ribean airson na buthaigirean a ghlacadh nuair a thilleadh an samhradh. Bha na caileagan cuideachd èasgaidh chun na creige. Thug Iain Sands dhuinn dealbh àlainn air cho ealanta ’s a bha iad air muir agus air an t-sreap air Hiort o chionn ceud bliadhna. Seo mar a sgrìobh e.
Air an treas latha deug dhen Og-mhìos chaidh mi ann an eathar gu Sodhaigh còmhla ris na fir, is iad a’ dol a dh’fheannadh nan caorach. B’ e siud a’ chiad uair a thadhail mi air an eilean agus, nuair a chunna mi na creagan a bha aig na fir rin sreap, thug mi bòid gu fuirichinn far an robh mi air tobht an eathair gus an tilleadh iad. Bha na fir air na creagan mar chuileagan agus cha robh iad air iolla mhath iasgaich. Bha lìn-mhòra aca leotha agus leig iad sin chun a’ ghrunna. Nuair a bha iad air sin a dhèanamh thog mise orm a’ phìob mhòr, ’s mi anns an deireadh. Thuirt mi ris na caileagan gu robh mi dol a chluiche port dhaibh airson an gaol a bha agam dhaibh a dhearbhadh, oir b’ ann aca, gun teagamh, a bha a’ mhisneachd is iad a’ dol gu eilean iomallach Bhoraraigh. Suas leis a’ cheòl ’s mi cumail buille bho bhuille ris an iomradh. Latha teth grianach a bh’ ann, ’s cha b’ fhada gus an robh na fir le braon fallais. Thug na caileagan dhiubh na neapaichearan brèagha a bha dùinte mu am muineal agus cheangail iad iad mu bhathaisean nan gillean. Lean mise orm leis a’ phìob, ach cha b’ fhada gus na dh’fhàs na caileagan an-fhoiseil, luasganach. Dh’èirich iad mu dheireadh a-mach às an tuim far an robh iad air a bhith nan suidhe còmhla ris na coin, agus chaidh iad nan suidhe còmhla ris na fir air na tobhtaichean. Abair thusa sealladh greannmhor — na caileagan, mar a bha na fir, air am brosnachadh le ceòl an sinnsireachd ag iomradh an eathair gu Boraraigh, ’s a’ ghrian gu h-àrd a’ sgàineadh an adhair le gathan an t-samhraidh.
Tha Boraraigh mu cheithir mìle an ear-thuath air eilean Hiort. Tha e mìle is cairteal a dh’fhad agus tha am bidean na mhullach còrr is mìle troigh os cionn na mara. Tha an t-eilean air a chuartachadh le creagan cas, ach an siud ’s an seo tha na creagan ’s na leòidean a’ tuiteam chun na fairge, air briseadh às a chèile nan garbhlaichean. Tha mullach an eilein air a chòmhdach le feur, agus ’s ann an sin a tha na caoraich ruadha a’ còmhnaidh.
Dh’iomair an sgiobadh an eathar gu taobh an ear-dheas an eilein, far an robh fèath, agus leum fear gu carragh agus ròpa ceangailte uime. Leum an uair sin fear eile agus cheangail esan an ròpa os cionn a’ chiad fhir. An dèidh sin, chaidh na caileagan gu tìr air sàilean a chèile, gach tè a’ leum gu làmh an fhir a bha gu h-ìosal air a’ charragh. Chaidh mise air tìr cuideachd, ’s mi a’ cuideachadh leis an uidheam — basgaidean sràbhadh làn bìdh agus aodaich agus coire le teine mònach air a thasgadh na bhroinn. An uair sin chaidh na coin a thogail gu tìr agus thòisich sinn uile a’ sreap. Bha na caileagan a’ gearain air blàths an latha, ach a dh’aindeoin sin chaidh iad suas na stiodhaidhean cho subailte ris na gobhair. Ach bha na coin suas romhpa, agus bha e follaiseach gu robh deagh aithne aca air an obair a bha ri dèanamh air Boraraigh. Mu dheireadh thall ràinig sinn cluain agus leig sinn nar sìneadh a’ gabhail ar h-anail. Thòisich na coin anns a’ bhad a’ sgrìobadh nan toll agus a’ glacadh nam buthaigirean. Cha b’ fhada gus an robh na caileagan cuideachd dian ri obair na h-eunachd. Chuireadh tè a làmh ann an toll agus shlaodadh i mach eun. Cha robh aice ri dhèanamh ach car a chur ann an ceann a’ bhuthaigir agus bha e marbh. Ann an ùine ghoirid bha gad bhuthaigirean aig a h-uile caileag crochaichte mu a meadhan. Nuair a dhìrich sinn slighe ghoirid os cionn a’ chluain far an robh sinn air a bhith nar suidhe, chunna sinn na mìltean bhuthaigirean, is bha na sùlairean fhèin a cheart cho lìonmhor ri sin.
Bha trì taighean air an eilean — seann thogalaichean anns am biodh na mnathan bho chian a’ gabhail fasgadh. An toiseach cha shaoileadh duine gur e taighean a bha annta. ’S ann a tha iad coltach ri tomanan uaine agus iad air an iadhadh le talamh agus feur. Tha am fear as motha
còig troighean deug de dh’fhad agus sia troighean a dh’àird. Tha beingean cloiche anns gach taigh agus ’s ann air sin a bhios na caileagan nan suidhe agus nan cadal.
Nuair a dhealaich sinn ris na caileagan bha an Tiomnadh Nuadh aig an tè bu shine. Dh’aithnich mi nach biodh an eathar fada air a cùl a chur ris an eilean gus am biodh seirbheis aca anns an t-seann nòs.
Cho luath ’s a ràinig mi an eathar thog mi orm a’ phìob. Chunna sinn na caileagan a’ smèideadh rinn gus an robh sinn gu bhith à fàire.
title | 58. Turas gu Boraraigh |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | Linn nan Creach (1852–an-diugh) |