60 Call Chàirdean 1906-14
Rugadh Niall MacGillIosa nach maireann anns a’ bhliadhna 1896 is rugadh a bhràthair Dòmhnall Iain còig bliadhna an dèidh sin. Chaith Niall a’ mhòr-chuid dhe bheatha bho dh’fhàg e Hiort a’ còmhnaidh ann am baile Ghlaschu, agus b’ ann an sin a chaochail e nuair a bha a bhràthair Dòmhnall Iain, a bha air iomadach bliadhna mhòr a chur seachad ann an Canada na mhinistear, a’ tadhal air. Tha an eachdraidh a leanas air a stèidheachadh air seanchas ris an dà bhràthair sin agus ri an deagh caraid, Lachlann Dòmhnallach, a bha a’ còmhnaidh ann an Gleann Nimheis gus na chaochail e ann an 1993.
Bha an triùir uaireigin a’ dol còmhla nam brogaich dhan sgoil air Hiort. ’S e èildear na h-eaglais a bh’ ann an Iain MacGillIosa (athair Nèill agus Dhòmhnaill Iain). Fìor dhuine diadhaidh a bh’ ann. Bha guth cruaidh tlachdmhor aige. Bha e soitheamh na spiorad agus gasda na nàdar. Mar bu nòs, bhiodh e a’ gabhail an Leabhair air an fheasgar, ach an dèidh sin bhiodh e a’ dol dhan t-sabhal leis fhèin a dh’ùrnaigh. Bha buaidh aig an t-Soisgeul air beatha dhaoine anns an là ud, is bha caitheam h-beatha an t-sluaigh air a riaghladh leis an eaglais. Ach bha aca cuideachd ri strì ri staid na fairge, agus cha ghluaiseadh iad gu eunachd no cìobaireachd gun am beatha a bhith an cunnart anns na geodhaichean agus air na h-eileanan mun cuairt.
Bha deagh chuimhne aig Dòmhnall Iain air an latha a chaidh Tormod, mac Dhòmhnaill MhicGillIosa, a chall ann an geodha. Bha am balach sin anns an sgoil. Dh’fhàs e rudeigin an-fhoiseil a’ dol gu àrd-fheasgar.
“Dè tha cur dragh ort, a Thormoid?” ars an tidsear, Mgr MacLachlainn.
“Tha na balaich mhòra air falbh a-mach leis na slait,” arsa Tormod. “Gheall iad dhomh gu fuiricheadh iad rium.”
Bha Tormod cho airsnealach ’s gun tuirt an tidsear ris, “Siuthad, thoir do chasan leat.”
Cha b’ e ruith ach leum!
Nuair a ràinig Tormod an t-Sràid, chunnaic e gu robh na balaich mhòra a’ dìreadh suas gualainn Oiseabhal. Rug e air bunag slait agus, gun facal a ràdh ri a phàrantan, dh’fheuch e às. Chùm an tidsear a shùil air is fiamh a’ ghàire air aghaidh.
Chionn ’s gu robh an latha a’ teannadh anmoch, dh’ullaich e airson obair a thoirt gu crìch. Sheinn e fhèin agus a’ chlann an dàn spioradail Gus an Coinnich Sinn A-rithist. An uair sin sgaoil e an sgoil. Gu mì-shealbhach, cha do choinnich neach aca ri Tormod tuilleadh. Air an fheasgar sin thuit e – mach air a’ mhuir agus chaidh a bhàthadh. Bha cuimhne aig a’ chloinn rè am beatha air cho tùrsach ’s a bha iad a’ cuimhneachadh air briathran an dàin a bha iad air a sheinn air an latha ud.
Bha call Thormoid a’ dearbhadh cho fosgailte ’s a bha na Hiortaich do chunnart na mara. Cha robh duine aca a b’ urrainn snàmh, agus mar sin ’s ann ainneamh a bha iad comasach air iad fhèin fhaighinn às a’ chunnart aon uair ’s gu robh iad air a dhol an grèim na mara. Air an latha a chaidh Tormod a bhàthadh bha an fhairge ciùin. Cha robh ròpa aig na balaich a bha còmhla ris airson a thilgeadh thuige. Seach nach robh cothrom snàmh aca, bha aca ri seasamh a’ coimhead an caraid gus an do dhìobair e fo uachdar na mara.
Thàinig an lionn-dubh buileach air Hiort ann am mìos a’ Mhàirt an 1909, le tubaist a thachair do dh’eathar a bha air a dhol dhan Dùn. Anns an eathar bha Dòmhnall Dòmhnallach (athair Lachlainn air an tug sinn iomradh) agus Iain MacGillIosa (athair Dhòmhnaill Iain agus Neill). Bha triùir eile innte: dà bhràthair, Iain agus Tormod MacCuithinn, agus Niall MacFhionghain. Cha robh aca ach geòla ’s i air a dèanamh de dh’fhiodh tana, agus bha iad air a dhol dhan Dùn a dh’obair air na caoraich. Dh’iomair iad mu chuairt air dà mhìle. Bha sìde mhath ann, gun deò air a’ ghaoith, agus am muir bàghach. Seo, nuair a bha an eathar a’ teannadh a-steach ris na creagan, ’s ann a bhuail an druim aice ann am bogha agus chaidh i thairis. Chaidh dà mhac MhicCuithinn agus Dòmhnall Dòmhnallach a bhàthadh. Chum Iain MacGillIosa grèim air druim na h-eathair agus fhuair Niall MacFhionghain air e fhèin a chumail air bhog le grèim a chumail air dà ràmh. Ach ’s e guth làidir MhicGillIosa a shàbhail an dithis. Chualas e a’ glaodh ged a bha e faisg air dà mhìle air falbh bhon bhaile. Aig an àm sin, bha Dòmhnall MacLachlainn na mhiseanaraidh ann a Hiort. Bha e fhèin agus a bhean Ailis gu math dachaigheil ann. ’S e Gall a bh’ ann an Ailis (rugadh ise ann a Haddington ann an Lodainn), ach bha e follaiseach tro na sgriobh i fhad ’s a bha i air Hiort gun do chòrd beatha an eilein rithe. Bha i na tidsear agus air leth ealanta air ceòl agus air obair na clòimhe. B’ e Ailis Bean MhicLachlainn a’ chiad neach anns a’ Bhaile a bha air èighe na h-èiginn a chluinntinn. Seo mar a sgrìobh i anns an leabhar-latha aice.
Diluain 22 Màrt LINEBREAK Latha àlainn. Tha mi a’ sgrìobhadh seo ’s mi anns an leabaidh. Cho blàth ri latha samhraidh. Dh’fhàg dà eathar mu chuairt air 10, no goirid an dèidh sin, airson a dhol a Bhoraraigh airson nan caorach. Nuair
a thàinig Ceit a-nuas airson an rùm a sgioblachadh, dh’innis i dhomh gu robh còignear air a dhol dhan Dùn le eathar Uilleim: Dòmhnall Dòmhnallach, Iain MacGillIosa, Niall MacFhionghain, Tormod MacCuithinn agus a bhràthair. Bha Ceit dìreach air an rùm fhàgail agus bha i air an uinneag fhàgail fosgailte seach gu robh an latha cho brèagha. Gu h-obann chuala mi na ràin uabhasach a’ tighinn thugainn às an Dùn. Dh’èigh mi ri Ceit agus ruith ise a-mach agus thòisich i ri glaodhaich gu robh rudeigin uabhasach air tachairt anns an Dùn. Thàinig Duine [companach an sgrìobhaiche] dhachaigh às an sgoil agus chuidich e Aonghas aosda, Fionnlagh Mòr agus Fionnlagh MacCuithinn (leis an robh an eathar), agus ann an ùine ghoirid bha iad thall anns an Dùn. Bha muinntir a’ bhaile air fad air bhiod leis an fhadachd. Bha na mnathan gu lèir còmhla a’ caoineadh ’s a’ rànaich. Tha e thar chomais dhomh innse mar a bha. Nuair a thill an eathar, thug i fa-near a h-uile deuchainn ron an robh eagal againn. Bha Dòmhnall Dòmhnallach agus an dà bhràthair Tormod agus Iain MacCuithinn air am bàthadh. Ged a bha an dithis eile ann an suidheachadh cianail lag, bha iad tèarainte. B’ iadsan Niall MacFhionghain agus Iain MacGillIosa. Fhuaireadh corp Dhòmhnaill air uachdar na mara, ach bha an dà bhrathair Tormod agus Iain air a dhol fodha, is grèim aca air a chèile. Chan urrainn an uirsgeul a h-innse. Bha Duine shuas (aig na dachaighean) dà uair. Chaidh lòchran a losgadh air Bearradh na h-Eige airson iarraidh air na fir a bha muigh a’ marbhadh shùlairean tilleadh dhachaigh. Dòmhnall Og bochd, agus Eòghainn Dòmhnallach cuideachd.
Dimàirt 23 LINEBREAK Rudeigin nas fheàrr. Thug mi steach an còignear a bha a’ dèanamh na ciste-laighe do Dhòmhnall Dòmhnallach. Thug mi dhaibh an teatha agus an diathad. Thug mi cofaidh do Niall MacFhionghain cuideachd. Bheir e ùine mus fhaigh e thairis air na thachair. ’S e àite uabhasach a tha seo.
Diciadain 24 LINEBREAK Tiodhlacadh Dhòmhnaill dhà-riribh tùrsach.
Diardaoin 25 LINEBREAK Mòran luchd-tadhail. Chan eil mi fhìn gu math — ach rudeigin nas fheàrr. Na h-eathraichean air tìr.
Dihaoine 26 LINEBREAK An t-seachdain sa cho fada ri mìos. Cha d’fhuaireadh na cuirp. Bha Duine agus Ceit shuas. Beagan grèine. A-muigh is mo chòta orm.
Disathairne 27 LINEBREAK A-muigh na b’ fhaide an-diugh. Raonailt Fhearghastan gu math ìosal an-diugh; an sluagh a cheart cho muladach.
Didòmhnaich 28 LINEBREAK Gun sgeul air na cuirp. Latha mo bhreith. Bha mi ’n-àird a chuid mhòr dhen latha. Ràinig Capt. Walckner tron latha. Troimhe chèile leis an naidheachd. Chaidh e mach a sgrìobadh airson nan corp, ach gun chomharr. Bha na seirbheisean san eaglais uabhasach dubhach an-diugh. Cha robh e ceadaichte dhomh a dhol a-mach.
Diluain 29 LINEBREAK An sluagh nas dalma an-diugh. Na truaghain. Tha a’ chuis fìor dhuilich, gu h-àraid do bhean Thormoid. Gailleann an-diugh ’s an-dè.
LINEBREAK Mhair an sealladh, a bhith toirt dhachaigh cuirp nan daoine a chaidh a bhàthadh ann an innteanan na h-òigridh. Bha deagh chuimhne fhathast aig Lachlann Dòmhnallach* air an latha a chunnaic e corp athar ga ghiùlain suas chun an taighe air druim fear dhe charaidean. Bha cuimhne aig Dòmhnall Iain MacGillIosa* air a’ ghàirdeachas a rinn iad ri an athair fhèin a theàrn. Bha cuimhne aca air an oidhirp a chaidh a dhèanamh air Dòmhnall Dòmhnallach a lorg. Ron Chiad Chogadh Mhòr bha mòran dhaoine air a’ Ghàidhealtachd a’ cur bhrògan fiodh orra a dhèanamh obair an fhearain. B’ e sin a’ chaisbheart a bha air Dòmhnall an latha ud. Nuair a chaidh an eathar air a beul foidhpe, chaidh esan a thilgeadh air a cheann dìreach. Chùm na brògan fiodha a chasan an uachdar agus a cheann fodha. Fhad ’s a bha an sluagh air Hiort, cha deach duine tuilleadh gu muir le caisbheart fhiodha.
Seachd bliadhna an dèidh Bàthadh an Dùin, chaidh dithis eile a chall. Bha Iain Dòmhnallach air ùr-phòsadh nuair a thòisich eunachd an fhulmair. Air an 17mh latha dhen Lùnasdal, 1916, chaidh e fhèin agus Eòghainn MacGillIosa a-mach gu cùl a’ Mhullaich Mhòir. Dh’aontaich iad le chèile cromadh aig àite faisg air a’ Bhradastac — àite far am biodh e furasda do dh’fhear na h-acrach a bhonnan a chumail an grèim. Seach gu robh a’ bhile creige air an robh Iain na sheasamh a’ druideadh a-mach bho aodainn a’ bhearraidh, bha aig Eòghainn ri dreallag a dhèanamh air ceann na loin chùm ’s gu faigheadh e air e fhèin a shadadh a-steach gu palla air am faodadh e seasamh. Bha uspagan gaoithe ga ghlacadh fhad ’s a bha e ris an oidhirp sin. Gun dhùil aige rithe, thàinig aona sgal gaoithe a shad e a-steach air dhòigh ’s gun deach a chorp a theannachadh ann an stiodhaidh chumhang dhomhainn. Bha a ghàirdeanan glacte teann ri a chliathaich, ’s a’ chliabh glaiste anns a’ chreig. Cha b’ urrainn dha snaoitheadh. Thòisich e ag èigheachd ri a charaid ach bha onfhadh na gaoithe
LINEBREAK * Nach eil maireann ach air an robh deagh eòlas againn.
agus sgreuchail nan eun a’ mùchadh a ghuth. Gu h-àrd, bha Iain a’ gabhail iongnadh nach robh e a’ cluinntinn dùrd no a’ faireachadh gluasad air an lon. Ann an ceann greis, cho-dhùin e gu robh rudeigin fada ceàrr. Anns a’ cheann thall, ged a bha cunnart mòr ann gun a bhonnan a bhith aige an sàs, chaidh e air a bheul fodha agus thòisich e a’ sleuchdadh gu oir na bile. Ann an sin chunnaic e an suidheachadh anns an robh a charaid. Thill e suas agus sheas e air àird a dhroma. Rinn e cinnteach gu robh ceann na loin aige ceangailte mu a mheadhan agus a bhonnan seasmhach an taic na creige. An uair sin, thòisich e a’ slaodadh air an lon le uile neart. Leis an eireapais a bhuail e, cha robh e toirt fa-near mar a bha faobhar na creige a’ bhleith na loin.
Nuair a bhris an lon thuit Iain an comhair a chùil, a’ sporghail air a’ chreig. Mus d’ fhuair e air grèim a ghabhail, chaidh e leis a’ gheodha.
Chiar an fheasgar ’s bha sùil muinntir a’ bhaile chon a’ Mhullaich Mhòir. Nuair a thuit an dorchadas agus nach do thill an dà eunadair, chaidh am baile fo iomagain. Anns a’ mhadainn, dh’fhalbh gach òg agus sean a-mach chun nan geodhaichean a’ lorg nan gillean. Cha d’fhuaireadh sgeul air aon seach aon aca. Beagan làithean air chùl sin, bha luchd airm a-muigh air na cnuic leis na prosbaigean a’ sùil-bheachd air gach nì a bha a’ gluasad mu chladaichean Hiort. B’ e fear acasan a dhearc air Eòghainn anns a’ bhearradh aig a’ Bhradastac.
Chaidh sreapadairean sìos aodann na geodha. Dh’fhaothaich iad corp Eòghainn a-mach às a’ chreig agus ghiùlain eathar e timcheall gu Bàgh a’ Bhaile. A dh’aindeoin gach ceum a thugadh a’ siubhal nan cladaichean air a thòir, cha d’ fhuaireadh a-riamh corp Iain.
title | 60. Call Chàirdean 1906-14 |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | Linn nan Creach (1852–an-diugh) |