[137]

61 Iorram air Niall Dòmhnallach

Rinn banacharaid an t-iorram seo do Niall, a chaill a bheatha, fhads a bha e air na creagan asireadh fhulmair. (Urr. N. MacC.)

S ann Dihaoine ron Dòmhnach LINEBREAK Fhuair sinn sgeula gun sòlas; LINEBREAK Bhith caoidh an fhir òr-fhuilt LINEBREAK Thug deòir air mo ghruaidh.

S truagh nach bu mi bhair ceann tacair LINEBREAK Nuair chaidh thu as tfhaicillLINEBREAK Dhèanainn dìcheall air tfhasdadh, LINEBREAK Fiù do sheachnadh on uair.

Tha do phàisdean gun taice, LINEBREAK Achuid tha làidir is lag dhiubh, LINEBREAK Mu chas dèanamh an tapaidh LINEBREAKS nach bu lapach san ruagadh.

Tha do bhean air a ciùrradh LINEBREAK O a beulaibhs a cùlaibh; LINEBREAKS i bhith caoidh a fir dùcaich, LINEBREAK Dhfhalbh a cuid às gach uair.

Mo cheist colann na cèille, LINEBREAKS e do bheul nach robh breugach; LINEBREAK O, ’s tu nach labhradh na breugan, LINEBREAKS tu nach labhradh acheilg.

Gu robheusach is suairce LINEBREAK Bràthair mo mhàthar a chràidh mi; LINEBREAK Bidh air maire gu bràth thu LINEBREAK Gus an càirtmi san uaigh.

title61. Iorram air Niall Dòmhnallach
internal date1995.0
display date1995
publication date1995
level
parent textLinn nan Creach (1852–an-diugh)
<< please select a word
<< please select a page