[138]

62 Eachdraidh Bean MhicLachlainn (1906)

B’ ann à Muile a bha Pàdraig MacLachlainn. Chaidh e do dh’Oilthigh Ghlaschu an toiseach, ach nuair a ghluais an t-Ollamh Blackie às a sin gu Oilthigh Dhùn Eideann, lean Pàdraig agus oileanaich Ghàidhealach eile e. Nuair a chrìochnaich Pàdraig anns an Oilthigh, bheachdaich e air togail air a Chanada. Ach thòisich e a’ leantainn na h-eaglais, agus thug sin atharrachadh air cùrsa a bheatha. Ghabh e os uallach a dhol na mhiseanaraidh air ais chun na Gàidhealtachd. Phòs e Ailis Sgroggie, mar a chunnaic sinn, a rugadh ann a Haddingtona bha air a’ mhòr-chuid dhe foghlam fhaighinn ann an Sasainn. Mus do phòs i Padraig, bha i air a bhith ann a York a’ teagaisg ealain, fuaigheil agus a’ phiàna. Bha i cuideachd sònraichte math air seinn. Gus na choinnich i ri Pàdraig, cha robh eòlas sam bith air a bhith aice air a’ Ghàidhlig. Mar sindheth, chan eil e na iongnadh ged a bha i caran teagmhach a’ cur cùl ris a’ Mhansa ann an Gairbh (far an do thog Pàdraig a


[139] dhreuchd) agus a’ dèanamh an aiseig gu Hiort ann an samhradh 1906.

Cha robh am beatha idir furasda dhaibh fhad ’s a bha iad air Hiort. A dh’aindeoin sin, bha iad sona gu leòr, nam pòsadh agus nan dreuchd. Gu sealbhach, sgrìobh Ailis leabhar-latha fhad ’s a bha i anncriomag ghoirid a h-uile latha. Seo earrainnean às an leabhar-latha, a’ sealtainn na toil-inntinn a fhuair i, am measg dhaoine a bha coibhneil gasda, ann an eilean a bha (le aimsir mhath) fìor bhòidheach.

Lùnasdal 1906

Dìmàirt 14

Tha Ceit ar searbhant anabarrach snog, agus a dhèanainn às a h-aonais. Chan eil sinn fhathast air na daoine uile fhaicinn, oir tha na fir air falbh a’ sealg an fhulmair, agus na mnathan a’ giùlain nan eun dhachaigh. Chaidh sinn a dh’fhaicinn Raonailt NicCruimein, an aon neach a tha fhathast ann an taigh-tughaidh. Cha charaicheadh i às an t-seann thaigh airson a dhol a thaigh-geal. Tha na cearcan còmhla rithe anns an aon rùm. A rèir Phàdraig, tha i air leth tuigseach agus bha a cuid Gàidhlig coileanta: tha grunnan de sheann daoine san àite, iad uile a’ faighinn thairis air a’ bhanachagach a chuir dhotair orra o chionn cola-deug. Dh’fhàg iadsan air a’ bhàta air an tàinig sinne.

Dimàirt 21

Na fir fhathast ris an fhulmair. Chaidh sinn an-diugh a mhullach Chonachair. Bha na mnathan ’s na caileagan ann an sin, agus chaidh iad seachad oirnn air an t-slighe dhachaigh, iad fo na h-eallaich. Roilig mi poca fhulmairean sìos cliathaich Chonachair le mo bhata!

Diardaoin 23

Bidh feadhainn a’ tighinn a-steach a shealltainn oirnn a h-uile latha. Tha gach duine a thig às ùr a toirt thugainn fhulmair is iad air an spìonadh agus air an ullachadh airson na praise.

Disathairne 25

Latha math fionnar. Thàinig bàta mòr mhucan-mhara dhan Bhàgh a raoir, fèar mus deach sinn nar laighe. An-diugh chuir iad dhith gual a thug iad dha na daoinecòig tonna. Thug na teaghlaichean dhan chaiptean deise chlò. An dèidh dhaibh sgur a dh’obair air a’ ghual, chaidh na fir a dh’iasgach. Fhuair sinn tìodhlacan èisgcarbhanaich. Tha latha àlainn air a bhith ann. Tha an Dùn agus na cnuic mun cuairt oirnn bòidheach ann an ciaradh an fheasgair.

Didòmhnaich 26

Chaidh mi dhan sheirbheis agus dhan Sgoil-Shàbaid. Tha achlann uabhasach diùid. Coitheanal math, ach bha an t-seinn rudeigin na bfheàrr air an t-seachdain a chaidh.

Dimàirt 28

Thàinig geòla steach bhon bhàta-mhucan. Chaidh sinn sìos chun achidhes thug sinn dhaibh bainne. Thug an Caiptean Brymwolf sinn a-mach chun na soithich a dhfhaicinn nam mucan-mara. Bha aon dhiubh trì fichead troighs a còig. Sheall an Caiptean dhuinn dealbh a mhnas a theaghlaichs thug e dhuinn lof mar a bha i ùr air a thighinn às an àmhainn. Bha e snog afaicinn nan eilthireach. Nuair a thàna sinn air tìr bha Anna NicGillIosa agus bean Thormoid MhicCuithinn acèilidh. Tha stamag Dhuine acur dragh air.

Diardaoin 30

Chaidh ar clisgeadh aig meadhan-oidhche le feadag àghmhor na Hebrides. Bha mi cho luaisgeanach nam inntinns nach dfhuair mi mòran cadail. Thòisich na sirens aig beagan an dèidh còig uairean sa mhadainn.

Raonailt NicCruimein


[140]

Leum sinn a-mach às ar leapannan. Chaidh stuth aphuist a thoirt air tìr aig meadhan-oidhche, ’s nuair a chaidh sinn sìos dhan phàrnalair bha cruach romhainn air abhòrd. Còrr air 40 litir. Pàipearan-naidheachd, irisean agus gu leòr de chairtean-puist! Dhfhàg sinn an taigh dìreach nuair a bha achiad eathar de luchd-turais atighinn gu tìr. Cuideachd shnog nam measg. Thug mi dhan eaglais iad agus sheinn sinn uile Oh for a Closer Walk with God air an fhonn St Kilda. Bha an ceòl brèagha, brèagha.

Dihaoine 31

Latha fliuch. Tha triùir bhalach òg afalbh a Ghlaschu air bàta-mhucan. An toiseach, dhan Tairbeart, agus à sin air an Johanna air an t-seachdain sa tighinn gu ruige Glaschu. Feasgar thàinig iad a dhiarraidh màileid air Duine, ’s thugadh sin dhaibh gu dùrachdach. Thug sinn dhaibh òrduigh a bheireadh iad air ais thugainn bho Coopers. Chaidh sinn sìos aig 8 sa mhadainn gan smèideadh air falbhTormod MacCuithinn, Niall MacGillIosa agus Eòghainn MacGillIosa. Mòran caoinidh air achidhe; fàsgadh làmh; agus pògan am pailteas.

Sultain 1906

Disathairne 1

An lathas àille. Aghrian teth, teth. Shìos aig achidhe amhòr-chuid dhan latha. Oidhche àlainn. Dhèigh Duine orm agus choisich sinn sìos cho fada ris achidhe. Chan fhaca mi riamh sealladh na bu bhòidhche. Aghealach slàn (no faisg air). Air an làimh chlì, Oiseabhal na seasamh acur dìon mun Bhàgh; agus air an làimh dheis, an Dùn ag èirigh cho sgurrach àrd. Eadar na dhà, ann an adhar a bha gun smal, aghealach, ’s a soillse na staran de sholas a bha abriseadh aig ar casan air tuinn achladaich. Bha sinn afaireachdainn gum bu chòir dhuinn fuireachd a-muigh fad na h-oidhche! Bha na cnuic eile air chùl nan taighean cho sgiamhach ann an solas na gealaich, bha an sealladh gu lèir eireachdail. Cha do dhfhairich mi riamh cho miannach air gum burrainn dhomh dealbh a pheantadh bho nàdars a dhfhairich mi a-nochd. Leabaidh aig 10.30.

Didòmhnaich 2

An lathas eireachdaile dhen t-samhradh. Cho blàth, cho soilleir. Chan eil bàtaichean anns aBhàgh an-diugh, ach nuair a thàine sinn a-mach às an eaglais bha am Bodach a-staigh le mhuc. Cha robh uiread anns an eaglais. Bha sinn ag ionndrain na muinntir a tha air falbh an Glaschus an Scalpaigh. Rinneadh iarraidh is ath-iarraidh air Dòmhnall Fearghastan a dhol a dhùrnaigh, ’s mu dheireadh rinn e sin. An dèidh na coinneimh thàinig Niall MacFhionghain a-steach a chèilidh. Leugh mi mòran. Tha Duine nas fheàrr.

Diluain 3

Latha glòrmhor eile. Bha dùil an sgoil a thòiseachadh an-diugh, achs e an-diugh madainn na Coinneimh Mhìosail, ’s le sin cha robh sgoil ann. Chaidh sinn dhan t-seirbheis aig -reug. Bha sinn an sin airson uair a thìde gu leth nuair a dhèirich Dòmhnall Fearghastan agus thuirt e às aghuth-thàmh, “ ’S bidh sinn a-nis acrìochnachadh”! !! An dèidh sin, thàinig e gu Duine agus thuirt e gu robh gheat air a thighinn a-steach dhan Bhàgh. Agus bann mar sin a bha. Abair ùpraid! Gheat mhòr bhreàgha, aVerdura le Mgr. Mann Thompson. Bha a phiuthar ann, aBhean-Uasal Robinson à Caisteal Dhùn Bheagain; agus dithis dhaoin’ -uaisle eile. Bha iad anabarrach gasda. Thug sinn suas iad a dhfhaicinn achlaidh agus Taigh an t-Sìthiche. Cheannaich iad a h-uile slat clò a bhanns aBhaile.

Dimàirt 4

Dhfhosgladh an sgoil aig 10 uairean le fichead oileanach; dithis dheth. Chaidh mise a-steach an dèidh sin, ach cha robh mi fada an làthair nuair a chualas conocag gheat. Upraid! Thug sinn orra suidhe sàmhach, agus an uair sin leig sinn às iad. ’S e sin am fasan. Rinn sinn uile cabhaig sìos chun achidhe. Ach chaidh ar tàmailteachach. Cha do rinn agheat ach car a chur agus a-mach à seo leatha. Bha na fir air eathar a chur air bhog agus bha an sluagh cho cachdanach. Na truaghain, bha iad cho togte ri coigrich fhaicinn.

Diardaoin 6

Fad an fheasgair anns an sgoil, acuideachadh leis achloinn bhig. An dèidh na sgoile, chaidh sinn dhan achadh, far an robh Ceit dripeil agearradh an fheòir. Bha ise is Duine, neach mu seach, agearradh agus mise aràcadh. Bha e coltach ri sileadh. Thog Ceit am feur bu thiorma dhan chleit. Dòigh a tha mìorbhaileach math air am feur a thiormachadh. Tha na cleitean air an dèanamh de chlachan-taighe le talamh air am mullaichean. Bithear acàrnadh tiùrran feòir a-steach annta. Chan fhaigh an t-uisge chon an fheòir tro mhullach achleit, agus tha aghaoth, le bhith daonnan afeadalaich eadar na clachan, atiormachadh gach a chuireadh annta.

Dihaoine 7

Ceit cho sgìths gu bheil i an-diugh thar chomais. Tha am Bodach air tilleadh. Cha robh sgoil ann feasgar. Thàinig trì eathraichean a-steach leis na fir. Cha


[141] deach iad a Ghlaschu. Chaidh an t-òrdugh a thug sinn dhaibh a thoirt dhan Chaiptean Ritchie a thair an Evening Star. Bha Mgr. Herlofson air an Tairbeart air bacadh a chur air na fir a dhol gu ruige Glaschu air sgàth mar a bha an aimsir. Bha an seann Chaiptean atarraing às Ceit, ag ràdh rithe gu robh e dol ga goid a-null a Nirribhidhgun do chaochail a bhean, ’s gum pòsadh e ise. Cha robh an sin ach abhreug! Tha abhean beò le naodhnar a theaghlach. Tha esan aseanchas le Beurla cham agus Ceit leis aGhàidhlig, ’s thaan t-suirgheaca air leth èibhinn. Thuirt Ceit ris gum bu chòir dha mhnaoi bàsachadh an toiseach, ’s an nuair a dhèanamh i sin gu rachadh ise leis. Chuir Mgr. Herlofson thugainn an ceithir tonna guail a bha sinn air òrdachadh bhuaitheduine coibhneil. Tha na Hiortaich atarraing aghuail air tìr a-nochd.

Gu -shealbhach, leis an eallach mu dheireadh chaidh an eathar às a chèile agus cha mhòr gun dfhuair iad air tìr. Bha an eathar leathach-làn sàil agus uabhasach trom. Na truaghain, dhobraich na fir cho cruaidh. Leabaidh 10.30.

Diluain 17

Latha rapach fliuch; anns an sgoil feasgar. Bha blàr agam ri Iain MacGillIosa a thaobh againn a bha gu bhith na uachdaran (no na bana-uachdaran). Chùm mi staigh e agus bhruidhinn mi ris gu cas. Mu dheireadh dhiarr e maitheanas. Chaidh sinn a dhfhaicinn nan teaghlaichean uile an dèidh sin. Fhuair sinn mòran charbhanach; shaill sinn iad.

Damhair 1906

Dimàirt 2

Sgoil mar as àbhaist an-diugh. Chaidh mi steach feasgar. Nuair a bha sinn aig ar teatha chuala sinn na glaodhan. Ann an tiotadh thàinig na fir sìos, agus an

Closaichean mhucan-màra anns aBhàgh, 1928


[142]

ùine nas giorra na tha e atoirt bhuam seo a sgrìobhadh chuir iad eathar air bhog. Bha na mnathan asgreuchails a fàsgadh an làmhan. Tha e coltach gu robh Tormod beag MacGillIosa (a bha air faighinn às an sgoil rudeigin tràth) air a dhol gu Gob Cholla a dhiasgach charbhanach. Bha e air tuiteam dhan mhuir. Bha sruth feagalach ann. Cha robh ach aon fhireannach anns an astar. Thàinig esan le lon agus shad e aona cheann cho fads a ghabhadh, ach thug an sruth air falbh e gus nach ruigeadh am balach air. Ruith na balaich mhòra dhachaigh a dhinnse na h-uirsgeil. Chaidh Tormod MacFhionghain gu Gob Cholla na chabhaig agus chunnaic e am balach, ’s grèim aige air a shlat, adol fodha. Cha robh smid aig abhalach mus deach e à sealladh. Ràinig an eathar ro anmoch airson i


[143]

bhith gu feum. Chaidh sinn chun na dachaigh còmhla ris achòrr dhen chuideachd agus dhfhuirich sinn anns an taigh-fhaire gu 9 uairean. Bha an staid air leth tùrsach. Bha am màthair bochd glic sàmhach, ach ann an suidheachadh a bha truagh. Ach bha an athair às a reusan. Cùis-thruais. Catrìona bheag bhochd anns an leabaidh tinn. Thàinig mi dhachaigh le buille nam cheann agus tinn.

Diardaoin 25

Tràthach againn ga dèanamh air Conachair. Fionnlagh MacCuithinn gu math nas fhèarr, ach fhathast bochd. Dòmhnall Fearghastan an ceann na coinneimh a-nochd. ’S toigh leinn e dha-rìribh. Tha spionnadh na theagaisg.

Diciadaoin 31

Latha balbh ciùin. Chaidh sinn an dèidh na diathad a choimhead nan Hiortach aruagadh (ational) nan caorach air Oiseabhal air chùl aMhansa. Chaidh Dòmhnall MacGillIosa a phronnadh nuair a thuit e air na creagan. Nigh Duine is mise a chas agus chuir sinn dhachaigh e. An uair sin an sgoil. Chuala sinn gu robh Fionnlagh MacCuithinn na bu mhiosa. Coinneamh-ùrnaigh. Dhfhuirich sinn còmhla ri Fionnlagh gu 9. Chan eil guth fhathast air an Evening Star. Leabaidh 11.30.

Samhain 1906

Dihaoine 2

Na fir acur chaorach air an Dùn. Chaidh na bodaich iad fhèin mhìle le eathar agus theàrn iad caora a bha air tuiteam dhan mhuir.

Diluain 5

Latha na Ceist. Annasach. Thog fear earrainn às aBhioball a tha gu math duilich. Labhair Duine an toiseach agus dhiarr e air càch an smaointean air achuspair innse. Dhinnis, seach dithis. Bhruidhinn cuid gu math pungail.

Dimàirt 13

Duine dona leis an dèideadh fad na h-oidhche.

Diciadain 14

Fìor dhroch oidhche. Duine le neuralgia. Chaidh mi dhan sgoil ga iarraidh.

Diardaoin 15

Chunna sinn soitheach atighinn. Nas fhaisges nas fhaisge. Be seo am bàta à Fleetwood ris an robh dùil againn bho chionn fhada. Gàirdeachas. Fhuair sinn dhusan litir. Iad uile gu math aig an dachaigh. Dhfhuirich an t-soitheach ris na litrichean a sgrìobh sinn airson an cur dachaigh.

Didòmhnaich 18

Gailleann gaoith agus uisge. Bhris am balg a bha air beul Dhuine. Dhfhalbh an dèideadh anns an spot.

Diciadain 21

Achlann dìreach aingidh. Mi faighinn air adhart gu math leis achuibhrig.

Disathairne 24

Latha uabhasach. Leabaidh gu àm diathad, ach meadhanach. Duine cho còir riummòran nas còire na bhios mise ris-san.

Didòmhnaich 25

Dhèirich mi ron diathad. Latha breàgha. Fhads a bha an Sgoil-Shàbaid ann, thàinig am Baile a shealltainn orm! Tha iad cho gasda. An dèidh an S.S. thàinig na sgoilearan a-steach cuideachd. Tòrr nas fheàrr a-nochd.

Diluain 29

Dòmhnall Fearghastan is Fionnlagh MacCuithinn a-staigh asuirghe air Ceit.

Dùbhlachd 1906

Dihaoine 7

Chuir Raonailt Fhearghastan sìos pìos muilt-fheòil le Niall beag. An sgoil feasgar. An uair sin sgrìobhadh litrichean agus snìomh. Bhruich mi prais mhòr eòrna dha na cearcan.

Disathairne 8

Chuir na balaich air flod an St. Kilda Mail an-diugh, aghaoth bhon àirde cheart.

Dimàirt 25

Nollaig air Hiort! !! Sneachda trom. Dripeil anns achidsin fad na madainn adèanamh duff na Nollaig; aròstadh eun. Diathad air leth. An sgoil feasgar. Mi toilichte air Hiort an Nollaig seo, le mo Dhuine snog fhìn. Chan eil mi ciallachadh leth nan rudan a tha agam anns an leabhar ga chàineadh! Mo ghaol air.

Anns an earrach an 1909 dhullaich Ailis agus Pàdraig airson achiad duine teaghlaich.

Giblean 1907

Diardaoin 8

Gaoth mhath agus grian ghlòrmhor. Ceit air a dòigh. Mise trang anns achidsin. Thàinig Mairead a-steach a dhfhaicinn nambadan beaga’. Mòran àbhachdais. Bha bean Fhionnlaigh MhicGillIosa a-staigh an-. Dearg uabhas oirre. Cha robh i riamh air gùn fada naoidhein fhaicinn. Ghabh Mairead a teatha còmhla rinn.

Dihaoine 16

An naoidhean ag ullachadh airson a thighinn. Mairead (Sarah Gamp) còmhla rinn.

Disathairne 17

Ràinig an nighean bheag àlainn a chaidh a chur thugainn aig 10 uairean sa mhadainn. Bha Ceit agus bean Nèill Fhearghastain atighinn a-steach dìreach nuair a thàinig i dhan t-saoghal. Sgamhan làidir. Falt fada,


[144] glè dhorch an-dràsda. RinnSairyuabhasach math. An taigh làn leis a h-uile boireannach a thanns an àite. Cèic agus fìon; agus teatha! !!

Thug Susan (annighean bheag àlainn’ ), a tha air iomadh bliadhna a chur seachad ann a Harare, Zimbabwe, dhuinn cead air na h-earrainnean ud de dhobair a màthar fhoillseachadh. Anns na sgrìobhaidhean aig Ailis tha mòran de dhfhacail Ghàidhlig (ged is e aBheurla a bhaice) – facail a tha atoirt beachd dhuinn air mar a bha na Hiortaich aig an àm gam fuaimneachadh (no mar a bha Ailis gan cluinntinn). Seo feadhainn aca.

Berenahake’ – Bearradh na h-Eige; ‘Cruvack’ – Craobhag (ainm ); ‘Meirut’ – Mairead; ‘Toromich’ – Tormod; ‘Botoch’ – Bodach; ‘Roenig’ – Raonailt; ‘Feulach’ – Faoilleach; ‘scrabillay’ – sgrabaire; ‘waaví’ – làmhaidh; ‘triplitch’ – trioblaid; ‘bandragh’ – bantrach.

Sùlaire (a bhroinn air a dhinneadh le itean) ann an làmhan Fhionnlaigh MhicCuithinn, an neach bu shine a bha air Hiort

title62. Eachdraidh Bean MhicLachlainn (1906)
internal date1995.0
display date1995
publication date1995
level
parent textLinn nan Creach (1852–an-diugh)
<< please select a word
<< please select a page