63 Iorram na Truaighe
Chuir fear is bean ribean air bearraidhean Chonachair airson fulmair a ghlacadh. Chaidh an duine, a bhràthair agus fir eile an dèidh sin a-mach gu Boraraigh a dh’eunachd. Nuair a bha an eathar aca air an t-slighe air ais, thug an sgiobadh an aire do sgoid* a’ seòladh anns an fhairge a-staigh fo Chonachar. Shaoil iad gum b’ e closach caorach a bh’ ann, ach bha an sruth cho làidir ’s nach robh iad comasach air a dhol na bu dàine air na creagan airson sin a dhearbhadh. Lean an eathar oirre gu Bàgh a’ Bhaile.
Bha am fear a bha air na ribean a chur air Conachar rudeigin airsnealach anns an eathar. Fo anail, bha e a’ seinn Iorram na Truaighe — òran a bha e air a dhèanamh, beagan bhliadhnachan roimhe sin, mar chuimhneachan air a mhac, a chaidh a mharbhadh. Chailleadh an gille sin ann an seòrsa de dh’aimlisg a bha gu math neo-àbhaisteach air Hiort. Bha e air a bhith air each a ghabh eagal nuair a thòisich clann chrosda ag èigheachd ris. Thilg an t-each an gille, agus mharbhadh e gun chrith.
Bha na mnathan a’ feitheamh ris an eathar mar bu nòs, ’s iad deiseil airson na fir a chuideachadh gu tìr. Ach bha aona bhean nach robh idir ri fhaicinn — a’ bhean a bha air a bhith ag eunachd air Conachar.
Anns an eathar chaidh a companach sàmhach, oir thug e mun airidh gum b’ e corp a mhnatha a bha iad iar fhaicinn air seòladh anns an t-sruth air cùl Chonachair. Thuirt a bhràthair ris, “Cha robh adhbhar agad air Iorram na Truaighe a sheinn gu seo!”
Rinn am bàrd an t-iorram ùr seo air a mhnaoi.
Nuair a dh’fhalbh uat an todha LINEBREAK ’S nach robh mo lomhainn gu feum dhut, LINEBREAK Chaill mi iuchair mo dhorais, LINEBREAK Is pàirt de dh’onair mo cheud ghràidh; LINEBREAK Chaill mi ’n stiùir bha air m’ fhàr(d) aich, LINEBREAK Is cuid am bàta an àite èigheach; LINEBREAK Chaill mi cearcall earraich mo thaighe, LINEBREAK Is m’ aighearr gu lèir leat. LINEBREAK Nuair thilleas mi dachaigh LINEBREAK O thional eunlaith is uighean LINEBREAK Gun theine gun lòn air mo choinneimh, LINEBREAK Nuair thig mi à eilean; LINEBREAK Cha choinnich (thu) air tràigh mi, LINEBREAK Is bidh mo chridhe bristeadh LINEBREAK A’ faicinn mo phàisdean.
LINEBREAK * Flotsam
title | 63. Iorram na Truaighe |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | Linn nan Creach (1852–an-diugh) |