[146]

64 An Cogadh Mòr air Hiort

Goirid an dèidh dhan Chiad Chogadh Mhòr tòiseachadh, chaidh War Signal Station a thogail air Hiort. Chaidh barags fhiodha a chàradh faisg air aBhaile agus chuireadh còmhlan sheòladairean air tìr airson awireless station obrachadh. Ann an cois an ullachaidh sin, fhuair fir an eilein obairadùsgadh thrainnsichean timcheall achampa, acuideachadh le bhith falamhachadh luchd bhàtaichean agus agiùlain eallaichean eadar an cidhe is an campa. Chaidh ceathrar a thaghadh airson a bhith nan sùil-bheachdan shuas air Conachar, air Oiseabhal agus air aMhullach Sgar. Mar bu trice be na Hiortaich a bha ri


[147]

faire anns na mullaich air an oidhche, is na seòladairean air an latha. Bha aca ri naidheachd a thoirt dhan wireless station air a h-uile soitheach a chitheadh iad agluasad air sgaoilteach aChuain Siar. A lathas a dhoidhche bha sraon dhe na naidheachdan sin ga chraobh-sgaoileadh chun an Uillt Bheithe ann an Siorrachd Rois, acumail aithne ri ceannardan na Nèibhidh air gluasad shoithichean a bha uaireannan suas ri ceud mìle bho chladaichean Innse Gall.

Bha na luchd-saire Hiortach acosnadh deich tasdain thar fhichead anns an t-seachdain, ’s bha na fir a bha ris an obair-latha afaighinn tuarasdal math cuideachd. Be siud achiad uair a fhuair fir Hiort tuarasdal a lean tron bhliadhna nan dùthaich fhèin. Air eagals gum biodh na seòladairean muladach ann am bad cho iomallach, bha an Nèibhidh acur sgiobadh ùr air an eilean a h-uile ceithir mìosan. Cho luaths a gheibheadh muinntir abhaile eòlas air aon bhuidheann, dheigheadh am buidheann sin a thogail air falbh agus coigrich eile a chur nan àite. Mar sin, bha na Hiortaich afaighinn eòlas air fir às gach ceàrnaidh de Bhreatainnfir le dòighean eadar-dhealaichte nam measg fhèin, agus le iomadach seòrsa blais air an cainnt. Nuair nach biodh iad air diùtaidh bha iomadach fear aca deònach air teaghlaichean an eilein a chuideachadh le obair an fhearainn. Mar a leugh sinn a cheana, bha clann-nighean eireachdail air an eilean gach linn; ’s chan fhacas seòladair a-riamh nach robh gasda, èasgaidh ann an làthair chaileagan eireachdail!

Thàinig samhradh 1918 agus le sin naidheachd gu robh an cogadh adol an aghaidh aCheusair. Beagan thar bheagan, bhathar aceannsachadh airm agus cabhlaichean na Gearmailt. Bfhada a bha blàir na Roinn-Eòrpa bho chladaichean Hiort. Ged a bha eilthirich acòmhnaidh air Hiort le uachdaranas air an t-sluagh, bha soirbheas air a thighinn nan coisairgead agus goireasan neo-àbhaisteach. Cha be droch rud idir a bha air a bhith anns achogadh dhaibhsan.

Madainn bhrèagha a bhann air a15mh latha dhen Chèitean an 1918. Nuair a dhith iad am bracaist chaidh cuid dhan an obair-latha agus cuid a ghrèidheadh an fhearainns nam beathaichean. Bha na caoraich-uain shìos aig bun nan lotaichean, feadhainn aca leis amhulad is iad abreith nan uan. Choisich Tormod MacCuithinn sìos achlais, agus fhuair e lorg air chaora leis a bha air breith san oidhche. Thog e an uan gu moiteil ri Niall Fearghastan. Ach cha bann air greadhnachas a nàbaidh a bha aire Nèill. Bha esan le shùil gu deas acoimhead shoitheach-luchd a bha air fàire fadàs, iad deas air Uibhists an cùrsa gu an ear. Ach bha rionnag bheag dhubh eile air aodann achuain a ghlac a fhradharcrionnag nach robh ach mu mhìle a-mach bhon Bhaile.

Dhèigh Tormod, “Uan fireann agus uan boireann.”

Fhreagair Niall, “ ’S e mo bheachd gum bi annas naidheachd eile againn anns aBhaile mus gabh sinn an dìnnear!”

Thionndaidh Tormod chun na mara agus chunnaic esan cuideachd an rionnag. Aig an dearbh àm sin thòisich conocag asèideadh aig awireless station agus dhaithnich an sluagh uile gu robh nàmhaid atarraing dlùth. Cha bfhada gus an robh gach sean agus òg ag èaladh a-mach às na taigheans am mana chun an Ullt Thioraim, far an robh iad ameas gum biodh iad sàbhailte bho ghunnachan nan Gearmailteach.

Aig 10.40 bha an nàmhaidbàta-tumaidh Gearmailteachair a thighinn a-steach eadar an Dùn is am Baile. Nuair a chunnaic na bodaich i adlùthadh cho earbsach, guanach air achladach, cho-dhùin iad gum be a bhinnte ach bàta Breatannach. Gu dearbha, bha fear no dithis aca, a bha afulang gu dona leis acharghas, a roghnaich eathar a chur a-mach airson tombaca a thagradh bhon chriutha. Ach cha robh fada aca ris an deasbad sin. Chuir am bàta a slinn ris abhaile agus stad i, is an criutha aice cruinn mun ghunna mhòr air an deic. An uair sin chualas guth Gearmailteach abruidhinn ris an t-sluagh anns aBheurla tro mheagafòn. Thuirt an guth gu robh am bàta-tumaidh air a thighinn airson awireless station a sgriosgu robh aig an t-sluagh ri fasgadh a ghabhail air falbh bho na taighean. Chrùb a h-uile duine, gach fireann is boireann afeitheamh ris an sgriosadh tòiseachadh. Nuair a loisg i achiad iorchaill, bha am fuaim cho uabhasachs gun do dhèirich na ceudan de mhìltean de dhèoin mara bho nabearraidhean air iteig. Ghabh crodh an eilein an cuthach agus cha do stad iad a ruith gus na ràinig iad aBheinn Mhòr.

Ach cha robh an sin ach toiseach tòiseachaidh. Loisg am bàta còrr air trì fichead iorchaills a deich. Sgriosadh awireless station. Chaidh am mansas an eaglais a bhualadh, agus ballaichean thaigh-còmhnaidh a bhriseadh. Chaidh an taigh-stòir air achidhe cuideach a mhilleadh, agus chaidh eathar a bha nan laighe ri taobh a chur às an rathad. Ach a dhaindeoin


[148]

gach spreaghaidh a bhuail an t-eilean, cha robh call beatha ann idir. Chaidh aona uan a leòn agus bfheudar a mharbhadh. Fhuaireadh air an rèidio anns awireless station a chur air ais a dhobair mus robh an latha seachad.

Trì seachdainean an dèidh dhi an t-onfhadh sin a chur air an eilean, thadhail am bàta-tumaidh Hiort aon uair eile. Air an turas sin, cha robh a dalmachd idir cho saor dhi! Mus dfhuair i air tuilleadh sgriosaidh a dhèanamh, thàinig tràlair a bha air a h-uidheamachadh le armachd, agus loisg iad air a chèile. Chaidh an tràlair a tholladh os cionn an uisge. Bhuaileadh conning-tower aGhearmailtich agus chaidh triùir dhan chriutha a mharbhadh. Bfheudar dhan tràlair i fhèin a ruith air tìr air Hiort. Chuir am bàta-tumaidh a cùrsa gu tuath. Bha e do dhèanta dhi a dhol fon uisge. Nuair a bha i faisg air na h-Eileanan Flannach, choinnich i ri distroidhear Breatannach agus ghlacadh i gun iorchaill tuilleadh a losgadh.

Nuair a sguir an cogadh, cha dfhuair Hiort aona sgillinn ruadh airson achall a dhfhulang e bho iorchaillean nan Gearmailteach. Cha do rinn an Riaghaltas dad an coinneimh abhrisidh a rinneadh air na taighean agus na h-eathraichean ach ullachadh a dhèanamh air gunna mòr a chur air an eilean. Fhuair na fir obair-latha atogail làrach cloich dhan ghunna.

Fhuair Niall Fearghastan uallach aghunna agus tuarasdal dha rèir£25 sa bhliadhna. Mus robh ullachadh an làraich buileach aig a chrìch, chaidh an t-sìth èigheach, agus cha deach iorchaill a-riamh a losgadh às aghunna. Airson beagan bhliadhnachan chum Niall air agrèidheadh aghunna agus afaighinn a thuarasdail, ach stad an t-airgead agus leig Niall dheth an t-uallach.

Air an t-6mh latha dhen Ghearran, 1919, thugadh an còmhlan sheòladairean mu dheireadh far an eilein. Ged a bha na h-eilthirich uile toilichte gu robh iad atilleadh dhachaigh, is an t-sìth air a h-èigheach, bha fear no dithis aca a bha duilich afàgail leannan àlainn air an cùl. Bha caileagan cuideachd air Hiort a bha len sùil guTtìr-Mòr. Ach cha be meanmna nan caileagan a-mhàin a lean na h-eilthririch. Be Uilleam Dòmhnallach achiad cheann teaghlaich a thog a theaghlach agus a rinn imrich air falbh. Chuir sin tulg ann am misneachd nan daoine a dhfhan air na seann chòraichean. Sgrìobh iadsan litrichean cianail gu Uilleam ag innse cho muladachs a bha iad, adol mun dachaigh aiges an doras dùintes gun solas anns an uinneig air an fheasgar. Aona latha leig an S.S. Hebrides às a h-acair ann am Bàgh aBhaile, agus nuair a sheòl i air ais gu Tìr-Mòr bha Dòmhnall Iain MacGillIosa air bòrdòganach aig nach robh facal air an t-eilean fhàgail air an oidhche roimhe. Cha do rinn e ach a chuid aodaich a thrusadh ann am poca agus aiseag a ghabhail. Bha càirdean aige ann an Glaschu. Fhuair e obair air bàta-sgrìobaidh le Urras Maraicheachd Chluaidh, ach cha robh e fada an sin gus an deach e dhan Cholaisde airson na ministrealachd. bhliadhna an dèidh dha Hiort fhàgail, bha e na mhinistear air sgìre ann am British Columbia. An sin rinn e cliù, agus dhfhuirich e anns an dùthaich sin airson achòrr dhe bheatha.

Anns an fhichead bliadhna gu deireadh aChiad Chogaidh bha iomadach seòrsa caochlaidh air a thighinn air Hiort. Ann an 1889 bha Mgr. Iain Ros, am maighstir-sgoile, asgrìobhadh mun eagal a bha aig na boireannaich ro choigrich. An corra uair a thigeadh tràlair chun an eileins a thigeadh eilthirich air tìr, ruitheadh na mnathan dhachaighs an anail nan uchd. Mus robh an Cogadh seachad bha gach fireann is boireann air Hiort cleachdte ri eilthirich, airgead agus goireasan abhaile mhòir. Bha na Gearmailtich air dearbhadh gu robh obair nan sùil-bheachdan air Hiort air am buaireadh agus air a bhith gu math feumail ann an dìon cladaichean Bhreatainn. Gus an tàinig nàimhdean dhan astar sin, cha robh mòran diù aig an Riaghaltas bha tachairt air Hiort. Ach riamh bhon latha a loisg an nàmhaid air an eilean, cha do chaill an Riaghaltas sealladh air an luach a bha anns acharragh iomallach ud trì fichead mìle an iar air Uibhist. An dèidh aChogaidh lean bàtaichean atadhal, ach nas minig na bha iad a-riamh roimhe. Bha e an uair sin a cheart cho furasda do mhuinntir an eilein fàgails a bha e dha na h-eilthirich a thighinn. Agus bha a bhuil!

title64. An Cogadh Mòr air Hiort
internal date1995.0
display date1995
publication date1995
level
parent textLinn nan Creach (1852–an-diugh)
<< please select a word
<< please select a page