[149]

65 Latha an Fhàsachaidh

Cha robh an Riaghaltas airson gum biodh fir-muinntireas nam pàipearan-naidheachd an làthair air latha an fhàsachaidh. Chaidh aona iarrtas bho phàipear-naidheachd a chur gu No. 10 Downing Street gu Oifis na h-Alba. Fhuair am Prìomhaire an naidheachd: “Tha an Admiralty an aghaidh craobh-sgaoileadh naidheachd air an fhalamhachadh. Agus tha Mgr. Tom MacIain dhen bheachd gum bu chòir a h-uile oidhirp a dhèanamh airson èiginn agus dubhachas nan Hiortach bochd a chumail bho bhith ann am beul an t-saoghail.”

LINEBREAK Na fìr air latha muladach: ciste-laighe Màiri NicGillosa, a bhàsaich leis achaitheimh aig aois fichead bliadhna, trì seachdainean ro latha an fhàsachaidh


[150]

Chuir ro-chunntas air cosgais an fhalamhachaidhmu £500ceannardan an Ionmhais às an toinisg. Thuirt iad, “Bha sinn deònach bhon toiseach air suidheachadh nan Hiortach a leasachadh agus a h-uile cuideachadh a chur nan lùib airsoncinnt a dhèanamh gufaigheadh iad air an casan air tìr-mòr. Ach bha sinn deònach air sin a dhèanamh, cinnteach gun deigheadh a h-uile oidhirp a dhèanamh air achosgais a chumail aig ìre reusanta. Tha an ro-chunntas nas daoire na bha dùilagus tha sinn airson thu aithne a thoirt dhuinn a bheil agad ri taighean ùra a thogail do dhfheadhainn dhe na teaghlaichean a tha gun dhachaighean dhaibh san amharc.” Anns acheann thall, chosg falamhachadh Hiort £800.

Be an 29mh dhen Lùnasdal an latha. Thàinig an sloop Harebell bhon Riaghaltas agus thòisich na teaghlaichean aslaodadh no agiùlain na h-àirneis aca sìos chun achidhe. Chaidh mòran fhàgail anns na taigheansèithrichean, beairtean, eadhon deilbh air na ballachan. Chaidh a h-uile rud a bha sin a bhreothadh le fuarachd agus fuachd.

[151]
[152]

LINEBREAK Seann rum-sgoile

title65. Latha an Fhàsachaidh
internal date1995.0
display date1995
publication date1995
level
parent textLinn nan Creach (1852–an-diugh)
<< please select a word
<< please select a page