39 Cumha na Bantraich Hiortaich
(Am fonn le C. McFh.)
Gur mis’ tha fo ghruaim, LINEBREAK ’S tric snigh’ air mo ghruaidh LINEBREAK Cha chaidil mi uair gun dùsgadh; LINEBREAK Anns an tulach ud shuas LINEBREAK Dh’fhàg mi m’ aighear ’s mo luaidh LINEBREAK Fo lic dhaingeann nach gluais ’s nach tionndaidh.
Mo thruaighe mi fèin LINEBREAK Gun fhear taighe nad dhèidh, LINEBREAK Gur dubhach dhomh cèis do ghiùlain; LINEBREAK Làmh thùrail an àigh, LINEBREAK Bu mhath d’fheum anns gach àit’ – LINEBREAK Cha bu lapach thu ’n dàil no tùirneil.
Mi faicinn leam fèin LINEBREAK Do chuid uidheam ri stèill, LINEBREAK Làmh a dhèanadh an fheum gun dùil ris; LINEBREAK ’N ciste chaol an dà thaobh LINEBREAK Chuir mi tasgadh mo chuim, LINEBREAK ’S chan fhidir i caoidh no ionndrain.
Ach, a Thì as mòr glòr, LINEBREAK Neartaich fèin a shliochd òg LINEBREAK Tha gun taca, gun stòr an cùl riuth’ LINEBREAK ’S tric mi smuaintinn leam fèin LINEBREAK Air grad-theachd Mac Dhè LINEBREAK Is a ghiorrad gu ’m pill sinn còmhla.
title | 39. Cumha na Bantraich Hiortaich |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | Linn nan Creach (1852–an-diugh) |