[154]

67Sunderland ML858

Thuit trì plèanaichean air Hiort anns an Dàrna Cogadh: Beaufighter, bomair Wellington agus Sunderland Flying-boat.

Thàinig an Sunderland sìos air gualainn aMhullaich Mhòir agus cha do stad i gus na ràinig i uachdar aGhlinn Mhòir na spealgan. Cha mhòr nach robh i ùr nodha. Be ML858 an àireamh aice. Chaidh a lìbhrigeadh air a14mh latha dhen Chèitean 1944 anns an Oban, far an robh an Ferry Training Unit 302 suidhichte. Ràinig an sgiobadh aice air an 22na latha airson crìoch a chur air an trèanaigeadh mus deigheadh an cur a-mach a dhAfraga a Tuath.

Bha sianar innte à New Zealand, aon fhear à Astràilia agus triùir à Breatainn. Be Warrant Officer Osborne à New Zealand am poidhleatfear a bha gu math eòlach air itealas. Bha e air a bhith thall ann an Sierra Leone, far an robh e air com-pàirt a ghabhail ann an nàimhdeas achogaidh. Bann air Catalina Flying-boats bu mhotha a bha a dheòlas aige — ’s ann orrasan a bha e air a thrèanaigeadh fhaighinn anns an Oban bliadhna no dhà roimhe sin. Bha achorr dhen chriutha air an trèanaigeadh fhaighinn aig Alanais, an Siorachd Rois. Bha iomadach rud neònach mun dòigh anns an deach an ML858 às an rathad air madainn an 8mh latha dhen Og-mhìos, 1944. Bha e na chleachdadh an Sunderland a bhith aig acair aig eilean Cheararaigh mu choinneimh an Obain. Chaidh an criutha aiseag a-mach gu ML838 aig naodh uairean feasgar. Ged a bha culm air an iarmailt, cha be droch oidhche a bhann idir agus bha solas an latha fhathast aig na seòid nuair a chaidh iad air bòrd. Dhèirich am bàt’ -adhair air iteig aig deich uairean, ’s a cùrsa air a h-òrdachadh gu bhith deas air Colbhasaigh, tuath air Ceann Bharraigh, a-mach dhan chuan gus an ruigeadh i dlùth air Hiort agus, an uair sin, sgrìob air ais deas air sin air an t-slighe air ais dhan Oban.

Bha ML858 uidheamaichte le làn-trusgan armachd, ’s i ullaichte airson dèiligeadh ri nàmhaid sam bith air an tigeadh i anns an fhairge no air iteig. Mar a bfhaide a lean i oirre air a turas, bann bu dhùmhaile a dhfhàs an aimsir os cionn 300/400 troigh, le ceò agus le ciùtharanaich.

Bha e mar uallach air Warrant Officer Osborne sanas-rèidio a chur dhan Oban a h-uile uair a thìde. Aig aon uair deug rinn e sin. Aig meadhan-oidhche cha do rinngu -shealbhach, bha e fhèin agus na bha còmhla ris ann an ML858 nan laighe ann an uaigneas Hiort.

Chionns gu robh an Sunderland cho seasmhach anns amhuirs a bha i anns an adhar, cha do chaill an t-RAF dòchas gu faigheadh iad lorg oirre air bhog am badeigin anns achuan. Airson trì latha, bhon 8mh chun an 10mh latha dhen Og-mhìos chaidh oidhirp mhòr a dhèanamh air lorg fhaighinn air ML858 ann an sgaoilteach mhòr mara an iar agus an iar-thuath air an Oban. Ach cha dfhuaireadh sgeul oirre.

Chionns gu robh acheò na cùrtair na laighe ìosal san iarmailt, cha robh e comasach dhen luchd-amhairc mòran dhen fhearann a sgrùdadh anns achròileagan de dheileanans de stacaichean aig Hiort. Ach anmoch air an 10mh latha dhen Og-mhìos fhuaireadh fios bho thrì plèanaichean gu robh lèirsgrios air Hiort bho Anson Bomber air iteag à Beinn na Fadhla, bho Warwick à Tiriodh agus bho Oxford à


[155]

Steòrnabhagh. Air an oidhche sin fhèin chaidh MTB (motor torpedo boat) òrdachadh a-mach à Steòrnabhagh airson Hiort a thadhal. Air an 11mh latha dhìrich an criutha aice dhan Ghleann Mhòr, agus an sin fhuair iad an ML858s gun duine beò na broinn. Thill an MTB air ais am fheasgar sin.

Be Walwyns Castle aon de thrì armed mine-sweeper trawlers a bha ag obair a-mach à Steòrnabhagh a chuireadh chon an lèirsgrios. Ged a tha e duilich dhuinn a chreidsinn an-diugh, bha na Gearmailtich na bu dripeile acur mhèinnichean mu chladaichean na Gàidhealtachd na chaidh riamh aideachadh. Tha e furasda dhuinn a thuigsinn carson a rinn iad sin. Bha e mar chleachdadh aig cabhlach air chùl cabhlaich de bhàtaichean- luchd seòladh anns aMhaoil, agus oirthir na Gàidhealtachd aleantainn deas gu Glaschu agus gu bailtean-puirt Shasainn, iad loma-lan dhen a h-uile seorsa teachd-an-tìr a bha Ameireagaidh acur a-nall airson an sluagh a choibhneadh agus airson dùbhlan a chumail ri fòirneart Hitler. Bha aWalwyns Castle air sgrìob ann an Cuan an Orc, eadar Rubha Robhanais agus an Carbh, nuair a fhuair i sanas-rèidio tilleadh a Steòrnabhagh. Ann an sin chaidh innse dhan sgiobair Iain MacFhearghais gu robh aige ri ministear agus còmhlan de bhalaich an RAF a ghabhail air bòrd agus astar a dhèanamh, gun dàil, gu Hiort.

Sheòl aWalwyns Castle à Steòrnabhagh air an 13mh latha dhen Chèitean, is gailleann asèideadh. Air bòrd bha comanndair stèisean an RAF anns an Oban, Wing Commander Caimbeul, agus an t-Urr. Lachlann MacLeòid, ministear Eaglais Chaluim Chille ann an Steòrnabhagh. Oirre cuideachd bha ceathrar ghillean òga bhon RAF, aig an robh obair gu math duilich ri dhèanamh ann an Gleann Mòr Hiort.

Bha an fhairge na leòmhann! Ann am Bagh aBhaile bha na tuinn adìreadh ris na creagan gu ìres nach fhaigheadh eathar a-steach ris an laimrig. Mu dheireadh thàinig air fear dhen chriutha snàmh gu tìr le ròpa ceangailte mu mheadhandìreach mar a chleachd an geingeach a bhith dèanamh anns na seann làithean nuair a bhiodh na Hiortaich adol a dheunachd gu Boraraigh.

Aon uairs gu robh càball eadar an eathar agus an cladach, chaidh achòrr dhen sgiobadh air tìr. Mu dheireadh dhìrich ochdnarbalaich às aWalwyns Castle agus balaich an RAFsuas chun an ML858, agus ann an sin chunnaic iad sealladh nach robh furasda a ghiùlain. Cha robh anns aWellington, agus anns na bealaich mun cuairt oirre, ach seachdnar a-mach às an deichnear ris an robh dùil. Lean na fir an cladhan a bha am plèan air a threabhadh ann an gualainn na beinne airson faisg air cairteal amhìle. Air an t-slighe thàinig iad air gillean eile a bha air am bàs fhaighinn. Bha feadhainn dhe na cuirp air an droch mhilleadh le teine agus le spreaghadh iorchaillean, agus air chùl sin le farspagan agus fithich. Bha e follaiseach gu robh dithis no thriùir a bha air am bàs fhaighinn nuair a leum iad aiste fhads a bha an Sunderland aruith sìos aodann aGhlinne. Chaidh na mairbh a phasgadh ann an isligean canabhais agus a ghiùlain gu sòlaimte chon aWalwyns Castle. Bann an sin a chaidh dearbhadh gu robh aon duine deug air bòrd an ML858 air an oidhche a chailleadh i. Cha deach sin a-riamh innse gu h-oifigeil, agus eadhon ann an clàir an RAF chan eil cunntas gun do chaochail ach an deichnear criutha a chaidh air bòrd le cinnt aig eilean Cheararaigh.

Dlùth air Boraraigh rinneadh seirbheis. Bha gach duine a bha air bòrd an làthairs a cheann rùisgte, gun fuaim ri chluinntinn ach guth an Urr. MhicLeòid ag adhradh os cionn tàladh na mara agus sgiamhail nan eun a bha nam mìltean acuartachadh na soithich. Dhainmich Wing Commander Caimbeul na fir a bhathas ag adhlacadh anns achuan.

Warrant Officer C. Osborne RNZAF, Captain LINEBREAK Flying Officer R. Ferguson RNZAF, 2nd Pilot LINEBREAK Flying Officer W. Thompson RNZAF, Navigator LINEBREAK Sergeant R. Lewis RAF, Flight Engineer LINEBREAK Warrant Officer J. Lloyd, Wireless Officer/Air Gunner LINEBREAK Flight Sergeant B. Bowker RAF, Wireless Officer/Air Gunner LINEBREAK Flight Sergeant O. Reed RNZAF (Australia), Wireless Officer/Air Gunner LINEBREAK Sergeant D. Roulston RNZAF, Air Gunner LINEBREAK Sergeant F. Robertson RNZAF, Air Gunner LINEBREAK Sergeant J.S. Thomson RAF, Air Gunner

Chaidh an ML858 a bhriseadh às a chèile gus nach biodh i amealladh luchd-sùil-bheachd air plèanaichean eile sìos gu faicinn am be plèan a bhinnte a bha air tuiteam às ùr. Tha an ioma-ghaoth mu Chonachair cho greimeantas cho calaisdeach


[156]

s gu bheil i daonnan cunnartach do phlèan a tha asiubhal iosal mun eilean.

Air an 9mh latha dhen Iuchar, 1944, chaidh tràlair à Steòrnabhagh gu ruig Hiort le crash-crew aig an robh ris an ML858 a spealgadh às a chèile. Ghabh na seòid còmhnaidh anns amhansa. An dèidh sin, thug iad latha acuachail ann an ceò dhùmhail eadar aGhlac bhon Tuath agus an Cambar, alorg an lèirsgrios. Mu dheireadh fhuair iad i, agus cha do rinn iad dàil ga h-ullachadh airson a spreaghadh às a chèile le dynamite. Nuair a las iad an dynamite bha brag ann a chuir a h-uile eun a bha ceithir-thimcheall Hiort air iteig. Gu h-iongantach, dhfhuirich closach na Sunderland slàn mar a bha e.

An dèidh sin chaith an sgiobadh bho sheachd uairean sa mhadainn gu leth-uair an dèidh ochd feasgar a h-uile latha ag obair abriseadh phìosan agus gan tìodhlacadh san riasg ann an seachd amaran fichead a bha 8 troighean x 4 troighean x 4 troighean. Faodar a thuigsinn nach robh e furasda dha na balaich sin a bha an sàs anns an obair ochuimhne a dheanamh air amhìos a chuir iad seachad ann an 1944 atiodhlacadh ML858 anns an robh fichead tonna de chuideam!

Tha fhios gu robh eòlas aig Caiptean Osborne air achunnart a dhfhaodadh cnuic àrda Hiort agus Bhoraraigh a chosnadh, gu h-àraid ann an ceò. a choisinn a-rèisd do Chaiptean Osborne agus an luchd-iùil an slighe a ghabhail cho faisg air Hiort, agus cho ìosal? Bhuail am pleàna am Mullach Mòr aig àird 800 troigh mus deach i air a blian sìos dhan Ghleann Mhòr. Rinn an luchd-sgrùdaidh dheth gu robh mearachd anns an navigation air neo gu robh an t-altimeter ceàrr.

Ach a bhàrr air a bha mar mheadhan air an tubaist, tha cheist ann a bfhiach a freagairt. an t-aonamh neach deug a bha air an ML858 air nach robh aithne aig an RAF agus aig nach robh cead ofigeil a bhith air bòrd? Mìos no dhà an dèidh na tubaist, bhathas, a rèir beul-aithris, acoimhead airson gille òg à Glaschu a bha air a bhith ag obair anns an Oban, agus a chaidh air chall mu chuairt air an 8mh latha dhen Og-mhìos. ’S mathaid gum be sin am fear a bhann, agus e air cead iarraidh air fhear dhen chriutha airson turas fhaighinn air an t- Sunderland. Co-dhiù, be sin an deasbad a bha abuaireadh criutha na Walwyns Castle (amhòr-chuid aca à Innse Gall), ged nach dfhuaireadh a-riamh dearbhadh an robh an naidheachd sin fìor.

Aig àm a bhith asgrìobhadh seo, tha sinn afeuchainn ri sgeul fhaighinn ann an New Zealand air càirdean nan gillean a chaidh a mharbhadh. Nach biodh e neònach nam be Flying Officer R. Ferguson fear de shliochd ball dhen chinneadh sin a bha air cùl a chur ri Hiort anns na linntean a dhfhalbh?

LINEBREAK Bearraidhean cunnartach air an Dùn

title67. Sunderland ML858
internal date1995.0
display date1995
publication date1995
level
parent textLinn nan Creach (1852–an-diugh)
<< please select a word
<< please select a page