40 An Eaglais
(le Lachlann MacGillEathain)
Tha e furasda dhuinn a thuigsinn mar a bha an creideamh ann a Hiort airson iomadach linn na bhrochan de dhraoidheachd ’s le chràbhadh a’ Phàp. Iad gun oideachadh, gun oileanachadh, cha shùilicheadh sinn dad tuilleadh. Anns a’ bhliadhna 1641 ruith Colla Ciotach à Hiort le bheatha. B’ e Colla ceann-feadhna nan Dòmhnallach ’s bha am far-ainm Ciotach air a chionn ’s nach robh air ach aona làmh — an làmh chlì. Bha e air an làmh dheas a chall ann an cath. Fhad ’s a bha e air fògradh anns an eilean, chuir e seachad an tìde ag ionnsachadh dhan t-sluagh Urnaigh an Tighearna, na h-Aithntean agus an Creud, anns an dòigh Chaitligeach.
Nuair a thadhail Mgr. Màrtainn orra anns a’ bhliadhna 1697, bha e leotha mar gum biodh Knox air tighinn thuca, a’ tilgeadh sìos an cuid altaran agus a’ sgiùrsadh an toil-adhraidh. Chan eil an Gàidheal, neo-fhiosrach ’s mar a tha e, gun shubhailcean a b’ fhiach dhan mhòr-shluagh a leantainn mar eiseamplair. Eadhon ann an linn Mhàrtainn, bha e mar nòs a bhith a’ co-thional anns a’ chill air Didòmhnaich airson labhairt Urnaigh an Tighearna, nan Deich Aithntean agus na Creud. Sguireadh iad a dh’obair aig meadhan-latha air Disathairne agus cha dèanadh iad car a-rithist gu Diluain. Nuair a thigeadh eug dhan eilean, cha rachadh neach sam bith a dh’obair gus am biodh an t-adhlacadh seachad. Bha iad a’ creidsinn anns an Trianaid agus cuideachd ann am Flath-innis (eilean na gaisgeachd) agus ann an Ii-Bhròin (eilean a’ bhròin). Nuair a dh’èireadh iad anns a’ mhadainn ghoireadh iad air ainm Dhè, ’s bha an conaltradh air fad gun dhroch cainnt.
title | 40. An Eaglais |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | Linn nan Creach (1852–an-diugh) |