41 Boch oirinn, O
’S truagh, a Rìgh, nach mi bha thallad, O, LINEBREAK Anns an tìr sa bheil mo leannan O. LINEBREAK Boch oirinn O, Boch oirinn, oirinn, LINEBREAK Boch oirinn, O.
Anns an tìr sa bheil mo leannan, O, LINEBREAK Tìr nam beann, nan gleann ’s nam bealaichean, LINEBREAK Boch oirinn, O.
Tìr nam beann, nan gleann ’s nam bealaichean, LINEBREAK Eòin air gèig is fèidh san langanaich. LINEBREAK Boch oirinn, O.
Eòin air gèig is fèidh san langanaich, LINEBREAK Far am biodh na h-uaislean d’an dual a bhith barrasach. LINEBREAK Boch oirinn, O.
Far am biodh na h-uaislean dan dual a bhi barrasach, LINEBREAK Rachadh don bhlàr ’n coinneimh nàmhaid mar dhealanach; LINEBREAK Boch oirinn, O.
Rachadh don bhlàr ’n coinneimh nàmhaid mar dhealanach, LINEBREAK Bha mo leannan fèin ann ’s gur beusach fearail e. LINEBREAK Boch oirinn, O.
Bha mo leannan fèin ann ’s gur beusach fearail e: LINEBREAK ’S truagh nach mi bha seòladh thairis leat. LINEBREAK Boch oirinn, O.
title | 41. Boch oirinn, O |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | Linn nan Creach (1852–an-diugh) |