[98]

42 Cnatan nan Gall (1696-1900)

Anns na chaidh a sgrìobhadh mu Hiort anns an trì chiad bliadhna a dhfhalbh, gheibhear leabhar an dèidh leabhair atoirt iomradh air an tinneas ris an canadh na Hiortaich Cnatan nan Gall. Tinneas iongantach a bhann an Cnatan nan Galltinneas a choisinn do luchd-tadhail a bhith amagadh air na Hiortaich agus gam bùirt às a thaobh eagal a bhith orra ro annlochdan nan eilthireach.

Tha e coltach nach robh bàta a bhuaileadh cladach an eilein

LINEBREAK Sona gu leòr fhads nach tigeadh cnatan no dèideadh


[99]

nach robh acur eucail am measg an t-sluaigh, ’s atoirt orra a bhith asreathartaichs acasdaich. Bho ruigeadh eilthirich, bhiodh na Hiortaich atreothail nan èiginn airson trì latha. Cha be mhàin gu robh na firs na mnathan mar sin, bha cuideachd a h-uile leanabh, eadhon naoidhean na cìche, air èigneachadh anns an aon dhòigh.

Anns an t-seann aimsir, nuair nach biodh mòran ach bàta amhaoir adol gu ruige Hiort, bhiodh daoine acur às leth nan Hiortach gu robh iad aleigeil orra tinneas a bhith orra, gus am biodh iochd aig amhaor riutha is nach cuireadh e màl ro throm orra. Bha cuid eile acreidsinn gu robh an cnatan grànda a bha seo aca airson am maor a chumail bho an dorsan agus, ’s mathaid, am maor fhuadachadh às an eilean!

Ach eadhon nuair a thòisich luchd-tadhail adol chun an eilein gu tric, anns an naodhamh linn deug, lean na Hiortaich orra agearain air Cnatan nan Gall. Agus cha bann na bu lugha a dhfhàs an fhealla-dhà air muinntir an eilein. Bha iomadach leabhar atoirt cunntais air, agus sgeulachdan anns na pàipearan-naidheachd, ’s a h-uile aon acur a bhreithneachaidh fhèin air adhbhar na trioblaid.

Sgrìobh Raibeart Connell, a chaidh chun an eilein dhan Ghlasgow Herald ann an 1885, mar seo.

The arrival of a vessel is now a more commonplace affair than it used to be and it consequently must give rise to less commotion, though even yet it is sufficient to send these poor invertebrate creatures into a fit of nervous excitement such as cool-headed Saxons have really no conception of.

LINEBREAK Sin mar a bha -rùn mòr nan Gall anns an latha a bha sin. Chan eil iongnadh ged a bha Mgr Connell, agus mòran eile na latha, dualtach air bùirt às gearain a dhèanadh Gàidheil air cnatan! Dhaindeoin sin, cha be gearain shuarach gun bhun a bha aig na Hiortaich. A rèir an Urr. Niall MacCoinnich, ministear an eilein, chaochail triùir leis an tinneas eadar 1830 agus 1846.

Bha na Hiortaich dhen bheachd nach robh na bàtaichean bho Ghlaschu is Liverpool atoirt thuca cnatan buileach cho trom ris na bàtaichean a thigeadh thuca bho na Hearadh agus Uibhist. Bha bodaich an eilein acreidsinn bho riamh gum be droch àidhear a bha na h-eilthirich agiùlain thuca bho Thìr-Mòrgu robh àidhear Hiort fhèin cho fìorghlans nach robh eucail no dochann sam bith eile adol gu an anailgus an tigeadh eilthirich thuca le plàigh de shalchar nam bailtean mòra.

A rèir lighiche ainmeil, Mgr. John E. Morgan à Manchester, cha robh anns aChnatan Hiortach ach tinneas a bha ag èirigh à biadh agus beòshlaint an eilein. Bha lighichean eile acreidsinn gum be aghaoth an ear a bha acosnadh an tinneis.

Tha faisg air ceud bliadhna a-nis bho thòisich luchd-foghlaim atuigsinn nàdar an annlochd a tha ag adhbhrachadh iomadach seòrsa eucail agus bho thòisich lighichean afaighinn tuigse agus eòlas air na marbhanaich chrìon sin ris an abair sinn virus agus bacterium. Thòisich iad cuideachd afaicinn gu robh co-cheangal eadar Cnatan nan Gall air Hiort agus luchd-tadhail an eilean. Chuala iad mu dheidhinn eileanan eile, ann an àitichean iomallach air feadh an t-saoghail, ’s mar a bha an sluagh orra air an èigneachadh le euslaintean coltach ris achnatan, a h-uile uair a thadhladh coigrich iad. Bha Tristan de Cunha air oirthir an iar Afraga, agus eilean Muriori, còig cheud mìle bho New Zealand, air eilean eile a bha air an droch ghrèidheadh le Cnatan nan Gall.

Anns acheann thall, nuair a leughas sinn an iomadh theory a bha aig luchd-foghlaim air bha ag adhbhrachadh tinneas nan Hiortach, chì sinn nach robh aon dhuibh cho faisg air an fhìrinn ris an theory a bha aig na Hiortaich fhèin. Be sin gu robh àidhear an eilein cho fìorghlan, gun eucail gun chearb, ’s nach robh dad agànrachadh sin ach an àidhear a bha atighinn chun an eilein le bàtaichean nan Gall.

Agus ma sinn mion-sgrùdadh air eachraidh an t-sluaigh, chì sinn cuideachd gu robh iomadach dòigh ann air an robh na h-eilthirich agànrachadh beatha an eilein agus atoirt an lùths à smior nan daoine.

Rabhd (le C. MacFh.)

Ho bodaich Liverpool, a lìbhrigeas na leigheasan LINEBREAK Air sgiullaidhean is guireanan is uireasbhaidh nan dall.

Ho bodaich Ghlaschu, feallsanaich nan tinneasanLINEBREAKS tric a thug bhur lighichean ar n-eireapais a-nall.

Ho bodaich Ghàidhealach, ar càirdean anns na h-eileanan LINEBREAK Stubaibh ri bhur cladaichean is fuiribh fada thall.

Ho bodaich eilthireach, às bith dha a bhuineas sibh, LINEBREAK Fanaibh far an iomchaidh dhuibh le Cnatan grod nan Gall!

title42. Cnatan nan Gall (1696-1900)
internal date1995.0
display date1995
publication date1995
level
parent textLinn nan Creach (1852–an-diugh)
<< please select a word
<< please select a page