45 A’ Ghàidhlig
Bha uaislean na rìoghachd a’ creidsinn gu robh buntanas eadar a’ chainnt a bh’ aig na Hiortaich ga bruidhinn agus a’ bhochdainn a bh’ orra. Faodar a bhith cinnteach gu robh iomadach ìochdaran ann, eadhon am measg nan Gàidheal fhèin, a bha deiseil airson rud sam bith a theireadh uaislean na Beurla a chreidsinn len uile chridhe. Anns an ochdamh linn deug rinn an Comann airson Sgaoileadh a’ Chreideimh Chrìosdail (SPCK) oidhirp air na Hiortaich a chuideachadh, le bhith cur mhinistearan dhan eilean, gach fear airson bliadhna no dhà. Bha an Comann sin an ceart aghaidh na Gàidhlig, agus rinn e uile dhìcheall — aig toiseach eachdraidh co-dhiù — air a’ chànan a spadadh às.
Seach nach robh facal Beurla idir aig na Hiortaich, bha aig a’ Chomann ri ministearan Gàidhealach a chur chun an eilein. Ged a bha e ceadaichte dha na ministearan a’ Ghàidhlig a bhruidhinn air an eilean, bha e air a chur orra mar dhleasdanas a h-uile oidhirp a dhèanamh air a’ Bheurla a theagaisg dhan chloinn.
A rèir aona mhinistear a chaidh gu Hiort, bha na Hiortaich an aghaidh na Beurla agus gun spèis anns gach cainnt eilthireach eile. Chan eil iongnadh a-rèisd ged a bha na ministearan dubhach, neo-dhòchasach nam measg! O chionn dà cheud bliadhna, bha Goill cho tearc a’ tadhal an eilein ’s nach robh iad a’ faicinn iomchaidh Beurla a thogail ’s gun feum air thalamh innte. Nuair a bha bean-uasal à Dùn Eideann air thuras ann a Hiort ann an 1830, cha robh ach aona bhoireannach air an eilean a bha comasach air beagan sgrìobhaidh is leughaidh a dhèanamh, agus ann an 1856 cha robh an sluagh mòran na b’ adhartaiche na sin ann am foghlam sgoile. A-rithist, cha robh air an eilean ach aona bhoireannach a bhruidhneadh a’ Bheurla, ’s bha i sin air a breith ’s a h-àrach air Tìr-Mòr. Fichead bliadhna an dèidh sin bha fear MacDhiarmaid na mhinistear air Hiort. Bha e air a bhith ron sin na mhaighstir-sgoile ann an Garbh ann an Siorrachd Rois. Dh’aindeoin sin, cha do rinn e oidhirp sam bith air a’ chlann oideachadh ann an dòigh na sgoile. Cha robh ùidh aige ann an càil a-mach air leasan a’ Bhìobaill is searmonachadh. Ach feumar a thuigsinn gum b’ e sin a dhreuchd air an eilean, agus bha £80 aige anns a’ bhliadhna airson an dreuchd sin a choileanadh.
Seo beachd Sheòrais Seton, fear-lagha à Dùn Eideann a thadhail an t-eilean ann an 1878.
Tha an sluagh a’ fulang leis a’ Ghàidhlig, a tha na mallachd air an eilean. Bha Gall a tha na oifigeach air fear de dh’eileanan Innse Gall ag innse dhomh gu robh e air co-dhùnadh gu robh dà mhallachd air a’ Ghàidhealtachd — a h-aon a bhiodh e nàr dhomh ainmeachadh an seo, agus am fear eile leanmhainneachd na cainnt Ghàidhlig. Ach tha bàs na Gàidhlig a-nis deimhinne ged a tha droch amharas agam gun toir i ùine mhath air leabaidh a bàis. Tha am marbhrann aice ri chluinntinn eadhon ann a Hiort. Thathas ag innse dhomh gu bheil na Hiortaich gràdhach air a’ Bhan-rìgh, ach their cuid gu bheil iad mar sin a chionn ’s gu bheil tuairmeas nam measg gu bheil dèidh aig a’ Bhan-rìgh air na Gàidheil. Nuair a bha a’ Bhean-uasal NicLeòid air an eilean o chionn ghoirid, rinn na daoine ceasnachadh oirre gu mion air naidheachd na Ban-rìgh — cò ris a bha i coltach, dè bhiodh i ag ràdh ’s a’ dèanamh agus an e boireannach math a bh’ innte. Tha sinn an dòchas nach ruig an naidheachd Hiort gu robh a’ Bhan-rìgh bho chionn ghoirid ann an eathar a bha ga h-iomradh air Loch Maol Ruibhe air Latha na Sàbaid!
LINEBREAK Dòmhnall Og (le Iain Sands)
title | 45. A’ Ghàidhlig |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
parent text | Linn nan Creach (1852–an-diugh) |