Bha mi latha a bha siud ag iasgach le seann Alasdair, agus a leithid Alasdair air innse sgeulachdan, cha robh ann am Muile air fad. Cha robh, ann an àite sam bith. Bfheàrr leam a bhith ag èisteachd ri Alasdair ag innse sgeulachdan na gun toireadh tu dhomh an leabhar a bu taitniche a leugh thu riamh.

Bha sinn ag iasgachs thuirt e an latha seo: “Ah,” ars esan, “mura bheil iasg ann,” ars esan, “bidh sgeulachd ann.”

S thionndaidh e an sin riums thuirt e: “Bheil thu acreidsinn,” ars esan, “ann an tamhaisg?”

O, chan eil fhios am, ” arsa mi fhìn. “Bidh feadhainn ag ràdh gum bi tamhasg ann agus ... ”

Ah, chan eil mi fhìn acur mòran creidsinn ann,” ars Alasdair. “Ach chan urrainn dhomh a ràdh, a laochain, nach fhaca mi aon tamhasg, agus innsidh mi dhut mu dheidhinnibh.”

Bha mi air chèilidh ann an taigh Dhòmhnaillic Alasdair,” aguss e Dòmhnall mac Alasdair an tàillear a bàbhaist a bhith san àite. Bha e afuireach mu chuairt air mìle gu leth bho Fhionnphort. ’S e taigh math cèilidh a bhann, tha e coltach, san àm. “Ach bha sinn ann an siud, ochdnar againn a-staigh, ’s cha robh mi leam fhìn. Cha bu mhise an aon fhear a chunnaic an tamhasg. Chunnaic a h-uile duine bha a-staigh e.”

Bha an curs cathadh-sneachd ann. Thàinig an sneachd, thòisich an sneachd an dèidh dhuinn an taigh a ruigheachd, ach bha i searbh uile-gu-lèir a-muigh. Bha lanntair os cionn far an robh an tàillear afuaigheal agus thàinig plathadh de ghaoth fhuar a-staigh, mar gum fosgladh an duine an dhoras, cuideigin an dhoras, agus chaidh an solas às. Agus thàinig am fear an seo a-staigh ro dhoras na clàraidh. Fears feusag dhubh air agus bha aodann cho geal, cho geal ri brèid. Sheas e anns an ùrlar, ach thuirt bean an taighe ris: ‘Nach tig thu air daghaidh a laochain agus thu cho fliuch.’ Nise, bha fhios againn gun robh sneachd ann, ach cha robh coltas sneachd airsan idir. Ach bha an t-uisge asruthadh dheth; an t-uisge atighinn dheth na ruithean. Agus cha tàinig e na bfhaide, ach thuirt e: ‘Ò,’ ars esan, ‘chan eil sneachd far a bheil mise, agus ma thèid sibh a-null gu tràigh geal Eilean Earraid, gheibh sibh mi ann an sin, agus an cuaran a bhair mòrdaig, tha e dìreach mu thrì troighean bhom cheann.’ Agus le sin a ràdh, dhfhalbh e.”

Nis,” ars Alasdair, “chunna mi sin lem shùilean fhèin, agus Peigi, thuit iagus Anna cuideachdthuit iad ann an neul, an dithis aca. Bha a h-uile duine a bha a-staigh agus eagal am beatha orra. Stad an stoirm shneachd mu chuairt air aon uair deugs fhuair mi dhachaigh, tha fios agad, bha an rathad mòr math fom chois, fad an rathad. Ach madainn an làrna-mhàireach bha sgrìob mhath de ghaoth bhon iar-dheas agus chualaig muinntir a bhaile, mun dinnis mise guth dhaibh, chualaig iad mun tamhasg a bhann an taigh an tàilleir. ’S bha am fear an seo, Colla, agus Aonghas, aguss e a smaointich iad, bhon a bha an tràigh. .. bhon a bhiodh an tràigh freagarrach aig Eilean Earraid, gun rachadh iad a-null dìreach feuch an tachradh dad de dhfhìrinn a bhith ann.”

Nis, Eilean Earraid, chan eil e ach na eilean gu letheach ... an dèidh letheach tràghaidh, faodaidh duine dol a-null ann le cas thioram, no letheach lìonaidh. Chan eil e ach na eilean an dèidh letheach lìonaidh. ’S dhfhalbh an triùir agus ann an tràigh geal Eilean Earraid, fhuair iad ann an siud corp duine. Agus mar a chunnaic Alasdair fhèin, mar a chualaig e mun chuaran a bhair òrdaig, fhuair e e dìreach far an tuirt etrì troighean bho cheann. Chuir iad an sin ... dhfhalbh aon dhiubh sin gu taigh muinntir an taigh-sholais a bha afuireach anns an eilean. Agus nuair a chualaig muinntir an taigh-sholais gun do thachair a leithid, thug iad leotha barachans. .. barachan-làimhe agus thàinig a h-uile h-aon dhiubh a burrainn dhaibh. .. gum burrainn tighinn, ’s thug iad an corp sìos gu cidhe Eilean Earraid agus tarsainn an sin air an fhadhail gu na Fidean agus fhuair iad sin cairt a thug do dhFhionnphort e.

Agus cha robh fhios aca ris ... dha a thoireadh iad fios gun dfhuair iad e, gun dfhuair iad an corp. Ach chaidh fioscha robh telegraph ann san àmchuir iad fios suas a Bhun Easain. Agus chaidh craobh-sgaoileadh a dhèanadh an sin cho maths a dhfhaodadh iad, gus mu dheireadh, thàinig fear às an Apainn agus dhaithnich e gur e a mhac a bhann, fear Iain Mac aPhearsain. Bha e na mheit air bàta ris an abradh iad am Fair Holm agus chaidh i air tìr air Tòrraigh, taobh an iar-thuath Èireann agus chailleadh a h-uile h-aon den sgioba a bhair bòrd. Agus thàradh air clach far an do leugh mi e iomadh uair, gun tàinig e an t-astar cheud mìle ann an naoi latha deug de dhùine gus an tàinig e air tìr ann an Eilean Earraid.

Nis, chan urrainn dhòmhsa teagamh a chur ann an rud a dhinnis Alasdair dhomh, gum faca e an tamhasg, e fhèin. Chionn, ’s e duine fiosrach a bhann. Duine a shiubhail an saoghal air luingeas nuair a bha e òg. ’S cha be amadan a bhann idir. Agus mura bheil daoine eile acreidsinn gum faca e an tamhasg, tha mise ga chreidsinn co-dhiù. Ach biodh ur barail fhèin agaibhse. Achs ann mar sin a thàinig Iain Mac aPhearsain gu bhith air a thiodhlacadh ann an cladh Fhionnphort. Agus duine sam bith a thèid do dhFhionnphort, ’s chì iad achlach an siud. ’S i an aon chlach a thanns achladh a thair a dèanadh air clach sglèat.

Nis dhìochuimhnich mi a ràdh: nuair a dhfhalbh an tamhasg, sheall na feadhainn a bha a-staighna feadhainn a burrainn sealltainnair an ùrlar, agus cha robh mìr de choltas uisge air, ged a bha iad afaicinn an uisge asruthadh far an aodach aig an duine a bhann. Cha robh mìr de choltas uisge

titleTaibhse a thàinig gu taigh anns an robh cèilidh
writersDugald MacCormick
internal date1953.0
display date1953
publication date1953
level
notesSgeulachd a chuala Dùghall MacCormaig bho a chàraid Alasdair nuair a bha iad ag iasgach mu taibhse agus duine a chaochail aig muir. Tha an sgeulachd stèidhichte ann an sgìre Fhionnphort agus Eilean Earraid. [Tobar an Dualchais]
parent textSgoil Eòlais na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page