Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Seadh. Right. Uill a-nist, an aon cheist eile a tha mi airson beagan a dhèanamh oirre fhads a tha sinn ag obair ann an Gàidhlig ann a sheo, ’s e rud air an robh sinn abruidhinn an-ceartuair, agus sin gnothach nan eaglaisean agus abhuaidh a bhaca air òrain agus air ceòls air gnothaichean. do bharail fhèin air an seo a-nist, a Shomhairle?

Somhairle MacGill-Eain (SM): Uill, tha mi asmaoineachadh gun robh buaidh mhòr aca an aghaidh ciùil agus an aghaidh òrain, ach bha teaghlaichean ann a chumadh sin a dhaindeoin.

DE: ’S bha seo ann an Ratharsaigh fhèin?

SM: O, bha seo an Ratharsair fhèin. Ach feumaidh tu cuimhneachadh, bha an eaglais, coltach ris an Eaglais Shaor Chlèireach agus an Eaglais Shaor mar a bha iad aig an àm, cha bhiodh còignear às a h-uile ceud agabhail comanachaidh, agus mòran dhe na daoine nach robh agabhail comanachaidh, ged nach cailleadh iad searmon uair sam bith, uill nuair a bhiodh rudan ann coltach ri bainnseans an dèidh beagan deoch, agus fios agad, cha robh an eaglais sin riamh ag ràdha nach robh còir aig duine deoch-làidir òl uair sam bith, fios ad, bha òl fìona sa Bhìoball, agus tha fhios aig a h-uile duine nuair a, fios agad, mar a thèid aon drama gu dhramas gu trì dramaichean, agus an uair sin, fios agad, bhiodh na h-òrain fhaoines na dannsaichean, bhiodh iad dìreach mar gum biodh iad atighinn chan eil fhios às, agus bha fad a bharrachd eòlais, nuair a bha mi fhìn òg, air rudan sin am measg an t-sluaigh na shaoileadh duine.

Ach bha luchd-aideachaidh glè fhada an aghaidh sin. Tha cuimhnagamsa, duine dhem aois fhìn ag ràdha mu athair, ’s ann anns an Eaglais Shaor a bha an duine seo, gun robh athair anabarrach eòlach air eachdraidhs rudan mar sin, ’s gun robh e na phìobaire, agus nuair a bhiodh a mhac afaighneachd dheth mu dheidhinn eachdraidh, eachdraidh dhaoine, ’s ann a stadadh e agus chanadh e: “ ’S e obair fhaoin a tha sin.” Eadhon eachdraidh fhèin, chan e eachdraidh [???] no eachdraidh dìreach, ach eachdraidh, nach robh dad, fios agad, no gur e obair fhaoin a bhann. Agus, fios agad, tha e. .. uill bha feadhainn ag ràdha rium, ged nach cuala. .. chan eil cuimhnagamsa gun cuala mi riamh e, seo, ach bha feadhainn ag ràdha gun canadh iad. .. gum bruidhneadh iad mu àm nuair an thàinig an Soisgeul, agus bhiodh sin aciallachadh nuair a thàinig an Dùsgadh Mòr ann an toiseach na 19mh linne, nuair a thàinig. .. uill, can nuair a thàinig am fear ud MacFhearchair dhan Eilean Sgitheanach. Tha e coltach gun robh rud anns an Eilean Sgitheanach mus robh e ann an Leòdhass anns na Hearadh, fios agad, oir tha e coltach gum biodh diadhairean atighinn às Leòdhass às na Hearadh a choimhead air an Dall Munrotha mar a chanadh iad. Tha iad abruidhinn, fios agad, gu bheil Leòdhasach ainmeil ris an canadh iad Murchadh Mòr nan Gràs, gu bheil e air a thiodhlacadh ri taobh an Doill ann an Cladh Shniothasort. Fear a thàinig a choimhead air agus dhfhàs e tinn nuair a bha e acoimhead air, agus dhiarr gum biodh e. .. O bha an Dall beò aig an àm agus, tha fhios agad gun tug Iain Gobha na Hearadh ainm Dhòmhnaill Mhunrotha air a mhac bu shine aige.

DE: Agus seo mar gum bitheadh an Dùsgadh a thàinig toiseach na 19mh linn, an Evangelical Revival mar a chanas iad, nach e? ’S e. Uill, nist ge-, dhfhaodadh e a bhith, nach fhaodadh, cha robh a h-uile duine a bha ag aideachadh, no acomanachadh mar a chanadh iad, anns an Eaglais Shaor no anns an Eaglais Shaor Chlèireach, cha robh a h-uile duine a bha acomanachadh buileach cho cumhang sin. Bha gu leòr dhiubh a bhruidhneadh air eachdraidhs air sloinneadhs air a leithid sineach.

SM: Bha, ach mar bu trice cha bhruidhneadh. Mar bu trice. Uaireannan dhfhaodadh iad sin a dhèanamh ach mar bu trice cha dèanadh. Ach bha daoine eile nach robh nan luchd-aideachaidh, agus feumar cuimhneachadh cho ainneamhs a bha luchd-aideachaidh. Anabarrach ainneamh.

DE: Bha. Nist, bha gu leòr dhen fheadhainn, tha cuimhnagaibh fhèin air an seo math gu leòr tha mi cinnteach, agus tha cuimhnagamsa air cuideachd, bha gu leòr ann a bha, abair, mar a thuirt sibh, adol dhan eaglais daonnans bhiodh iad agabhail an Leabhair a-staigh mochs anmoch, ach cha robh iad nan luchd-aideachaidh.

SM: O, achuid mhòr. Achuid mhòr. Agus. ..

DE: Mar sin, chan e a-mhàin an luchd-aideachaidh a bhiodh agabhail an Leabhair a-staigh?

SM: O chan e, ach cha mhòr a h-uile duine. Niste, tha mise asmaoineachadh seo. Nuair a sguir na luadhaidhean, chailleadh mòran dhe na fìor sheann òrain. Agus mar sin, tha mi asmaoineachadh nuair a bha mise òg, gun robh mòran òrain am measg an t-sluaigh nach robh cho sean, fios agad, nach biodh ach mu 50 bliadhna no 60 bliadhnas rud mar sin, oir, fios agad, tha mi asmaoineachadh gun tàinig seòrsa de lagachadh air cruas na h-eaglaise, fios agad. Uill, fios agad, bha Ratharsair air leth, oir bha naodh. .. ’s ann san Eaglais Shaor Chlèireach a bha barrachd na naodh creutair a-mach às a h-uile deich. ’S ann anns an Eaglais Shaor fhèin a bha càch. Ach tha mi cinnteach gun tuirt sinn mar-thà e, tha mi asmaoineachadh gun do rinn na searmoin fhada agus na bhann, gun do rinn e mòran feum dhan achànan air dòigh eile. O, anabarrach tha mi asmaoineachadh. Tha mi asmaoineachadh gun do rinn.

DE: O rinn. Rinn Gàidhlig na searmoin, bha e atoir mar gum bitheadh. .. bha e mar gum bitheadh atoir seòrsa cainnt eile a-staigh dhan achànan nach robh ann gu bitheanta.

SM: ’S e, agus cuideachd le bhith aig àm comanachaidhean, ’s ministearans èildearan atighinn à àite eile, bha iad afaighinn eòlas air gnàthasan Gàidhlig o cheàrnaidhean eile dhen dùthaich. ’S mar a bha mi ag ràdha riut, fios agad, bha mathair, uill bha am maighstir-sgoile a bha an Ratharsair, ’s ann à, aig an àm nuair a bha mathair òg, ’s ann às sìos taobh a deas Siorrachd Earra-Ghàidheal a bha e. Agus bhiodh e abruidhinn mòran Gàidhlig. Ris achlann san sgoil. Ris achloinn san sgoil. Agus cuideachd bhiodh e, tha mi cinnteach gum biodh e. .. o bha esan, fios agad, bha e na phearsa-eaglais cuideachd.

DE: Dìreach aon cheist mu dheidhinn sin. Cha robh. .. nuair a bha ur n-athair adol dhan sgoil, an robh e air toirmeasg dhan chloinn a bhith abruidhinn Gàidhlig, can timcheall air an sgoil no sìon mar sin?

SM: Uill, cha chreid mi gun robh MacPhàrlain, oir bhiodh e fhèin abruidhinn Gàidhlig. Cha chuala mi riamh gun robh MacPhàrlain adèanamh sin. Aguss e duine anabarrach a bha am MacPhàrlain. Alasdair MacPhàrlain an t-ainm a bhair. ’S e duine anabarrach a bhann, an obair a bha an duine adèanamh, agus cha chuala mi riamh gun robh e atoirmeasg Gàidhlig, aguss ann a bhiodh e atoirt far-ainmean air cuid dhen achloinn, agus far-ainmean Gàidhlig. Os e duine. .. agus tha e coltach gum biodh feadhainn dhen achlann ag argamaid ris ann an Gàidhlig.

DE: Uill, uill. Ach cha bhiodh e atoir dhaibh leughadh no sgrìobhadh ann an Gàidhlig uair sam bith, am bitheadh?

SM: O uill, fhios ad, sin an rud nach eil fhios am. Cha chreid mi gum bitheadh. Cha chreid mi gum bitheadh. Ach fios agad, leis aBhìoballs leis na searmoin bha iad uile math air Gàidhlig a leughadh. Gàidhlig aBhìobaill co-dhiù. Agus cuideachd bhiodh leabhraichean aca, fios agad, eadar-theangachaidhean coltach riTuras aChrìosdaidh’ ’s rudan mar sin. Bha sin, fios agad, air an eadar-theangachadh an Gàidhlig. Fios agad, bhiodh sin anns a h-uile taigh.

DE: Bha, dìreach. Nist, saoil an innis sibh dhomh fhathast, an naidheachd bheag a bha sibh ag innse dhomh mu dheidhinn pòsadh a bha siud agus bha. .. ciamar a bhann a-nist?

SM: O, an Eaglais Holmain. An Eaglais Holmain. Bha pòsadh an Eaglais Holmain, ’s bha latha fliuch anns bha còtaichean air daoine a-staigh an eaglais, ’s bhiodh iad afalbh, chan eil fhios am an ann dhan Tòrran no a dhÀrnais chun na bainnse, ’s bha am ministear, agus ah, ’s e duine anabarrach math a bhann. Bha a h-uile duine ag ràdha, bha e. .. uill, bha e ag ràdha riutha gun robh e an dòchas nach biodh dannsa agus pìobaireachd aig abhanais às dèidh an rud, agus bhuail fear am pìobaire, agus bha aphìob fo chòta agus leig am màla a-mach. .. uill, leig e a-mach fuaim, leig am màla a-mach co-dhiù, agus thàinig snodha-gàire air aodann amhinisteirs cha tuirt e dad. Fhios agad, bha fhios aca. .. tha mi cinnteach gun robh fhios aca co-dhiù ged a bhiodh an dannsa agus aphìobaireachd air an toirmeasg, gun toireadh beagan dhen òl beò iad.

DE: Agus cha robh an t-òl air a thoirmeasg chun na h-aon ìre, bha sibh aràdh, idir?

SM: Ah uill, cha robh. Chan e. .. fios agad, bha iad ag ràdha, cha robh còir duine an deoch a ghabhail, ach fios agad, bha deoch-làidir, bha fìon anns aBhìoball agus mar sin cha robh e air a thoirmeasg gu tur.

DE: Agus a bheil sibh. .. an innis sibh dhomh fhathast a-nist am ministear a bha seo? Bha sibh aràdh gur e duine gu math ainmeil a bhann?

SM: Uill, chan eil fhios am an robh e anabarrach ainmeil. ’S e fear MacRath a bhann. ’S ann às Srath Charrann a bha e, agus mu àm deireadh aChogaidh Mhòir dhfhàg e an eaglais Shaor Chlèireachs chaidh e dhan Eaglais Shaor còmhla ri fear ris an canadh iad MacÀidh Mòr. Chrìochnaich e na phroifeasair ann an Colaiste an Eaglais Shaoir. Ach a h-uile dad a chuala mi riamh mu MacRath seo, bha iad ag ràdha gur e duine anabarrach math a bhann. Duine anabarrach ceart, còir, coibhneil. Cha chuala mi duine riamh ag ràdha ach gur e duine dìreach air leth a bhann air a h-uile dòigh, seòrsa de: “Sin an duine a bha uabhasach math dha feadhainn a bhiodh iad tinn,” ’s a h-uile dad mar sin a chanadh iad mu dheidhinn.

DE: Agus cuin a-nist a bha abhanais seo ann, a Shomhairle?

SM: ’S ann beagan bhliadhnaichean ron aChiad Chogadh.

DE: Agus an innis sibh dhomh fhathast am pìobaire a bhann?

SM: Bha, Seumas Iain Uilleim. Dhe na daoine, dhe na. .. uill, dhe. .. Bha e fhèin agus Uilleam, mar a chanadh iad, Uilleam Eairdsidh, Uilleam Chill Chreagain, bha iad. .. mic an dithis bhràthar.

DE: Bha, dìreach. Nist, bha sibh aràdh, ri ur cuimhne fhèin, bha, ’s dòcha. .. bha sibh acanail gur dòcha gum biodh banais adol fad ùineachans nach biodh guth air ceòl no dannsa no a leithid sin. Cuin a bha sibh aràdh. .. ’s dòcha, , suas gu. ..

SM: Uill, bhiodh e doirbh a ràdha. Bhiodh e doirbh a ràdha, ach ged a. .. dhfhaodadh feadhainn a bhith ann nach gabhadh òrain gus an robh an deoch mhath orra. An uair sin thigeadh na h-òrain agus bha e anabarrach na bhann dhiubh.

DE: Agus bha sibh aràdha gur dòcha gun tòisicheadh aphìobaireachds an dannsas na h-òrains dòcha mu uair sa mhadainn no às a dhèidh sins gun ghuth orra ron sin?

SM: Glè thric. Glè thric.

DE: ’S bha e mar gum biodh an gnothach air a chumail fo thuinn, mar gum bitheadh, ’s gun tàinig e an uachdar. ..

SM: Uill, fios agad, bhiodh an luchd-aideachaidh, cha bhiodh iad an làthair. Cha bhiodh iad an làthair.

DE: Ach bhiodh fhios aca math gu leòr bha adol air adhart?

SM: Ah uill, bhiodh e doirbh dhaibh gun fhios a bhith aca. Bhiodh e doirbh dhaibh gun fhios a bhith aca.

DE: Niste, aon cheist eile. An robh luadhadh agus a leithid sin, an robh e air sgur ann an Ratharsair museil cuimhnagaibhse?

SM: O bha. Bha e air sgur mus robh cuimhnagamsa, ach dìreach, nuair a thàinig mi air ais às an arm, bhithinn ag iasgach glè thric còmhla ri duine ris an canadh iad Eòghann Alasdair Bhig Alasdair [???] , aguss e duine anabarrach fiosrach. .. O, bha e eòlach air mòran rudan, ’s bha cuimhnaigesan air Màiri Mhòr nan Òran atighinn gu luadhadh ann an Rònaigh.

DE: An robh gu dearbh?

SM: O, tha e coltach gum biodh Màiri Mhòr asiubhal na dùthcha, o luadhadh gu luadhadh. Chan eil fhios am an aois a bhiodh i an uair sin, ach bha. .. Chan eil fhios am a-niste cuin a bha an luadhadh mu dheireadh an Ratharsair no an Rònaigh. Ach fhios agad, feumaidh duine cuimhneachadh, chaidh a leithid de dhaoine a chur dhe ceann a deas Ratharsair, ’s an fheadhainn nach deachaidh thairis a Chanada no a dhAstràilia, bha iad shìos ann an ceann shìos Ratharsairs ann an Rònaigh, agus tha mi asmaoineachadh, fios agad, gun robh na seann nòsan, mar a thuirt mi roimhe, gun robh iad. .. gun robh barrachd dhiubh, uill, gun robh seann spiorad co-dhiù, na bu treasa ann an ceann shìos Ratharsairs ann an Rònaigh na bha iad sa cheann a deas. Fios ad, bha an Taigh Mòr, air dòigh, mar a bha mi. ..

DE: Bha. Bha sibh aràdh sin.

SM: . . .milleadh achinn a deas. Achs e rud eile a ràdha, bha na daoine sin uile, air acheann shìos agus ann an Rònaigh, ’s ann dhen Eaglais Shaor Chlèireach a bha iad. Chaidh iadsan cha mhòr uile, o chaidh, dhan Eaglais Shaor Chlèireach. ’S e glè corra dhuine nach deachaidh.

DE: Saoil a-nist am biodh cuimhnaig ur màthair fhèin nuair bha i òg, am biodh cuimhnaicese air an luadhadh a bhith adol an Ratharsair? Uill, ’s anns aBhràighe gun teagamh. ..

SM: ’S ann. Uill, fios agad, sin an rud nach eil fhios am. Chan eil cuimhnam air sin glè mhath. Ach bha cuimhne glè mhath aice air Màiri Mhòr atighinn a choimhead oirre, fios agad, bha Màiri Mhòr atagairt càirdeas oirre. Niste, fios agad, rugadh mo mhàthair bliadhna Achd nan Croitearan, sin 1886. Agus mar sin, bhiodh i mu cheithir-deug. .. mu dhusan, abhliadhna a chaochail Màiri Mhòr. Bhiodh i mu dhusan nuair a chaochail Màiri Mhòr. Ach fios agad, siud rud nach eil cuimhnam mu dheidhinn, cuin a bha an luadhadh mu dheireadh ann.

DE: Ann an Ratharsaigh?

SM: Dhfhaodainn am fios ud fhaighinn a-mach, cuin a bha an luadhadh mu dheireadh an Ratharsair.

DE: Agus an robh e adol. .. bha e adol ann an àiteachan san Eilean Sgitheanach às a dhèidh sineach, tha fhios? Ann an cuid a dhàiteachan.

SM: Ah chan eil mi ro chinnteach. Ach fios agad rud a bha mise asmaoineachadh. ’S ioma. .. uill, thuirt mi sin, tha mi asmaoineachadh gun robh mòran de sheann òrain a chaidh atharrachadh.

titleBuaidh na h-eaglaise air cànan, ceòl, òrain is eile
writersSorley MacLean
internal date1982.0
display date1982
publication date1982
level
notesTha am fiosraiche a’ bruidhinn mu dheidhinn buaidh na h-eaglaise ann an Ratharsair. Mar as trice, chan e buaidh mhath a bh’ aca air ceòl agus òrain air an eilean, air sgàth ’s gu robh na h-eaglaisean an aghaidh riutha. Ach bha na h-eaglaisean taiceil ris a’ Ghàidhlig. Tha e ag ràdh cuideachd gu robh Gàidhlig ga bruidhinn nuair a bha athair ann an sgoil. [Tobar an Dualchais]
parent textSgoil Eòlais na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page