Iain Peatarsan (IP): Siuthadaibh a-nise, innsibh mun an seo.

Seonag Chaimbeul (SC): Mu dheidhinn sgoil?

IP: Sheadh.

SC: Uill, man a bha ... man a bha an cleachdadh a bha an seo, bha a h-uile duine againn atòiseachadh aig còig bliadhna a dhaois, agus bha againn ri coiseachd leth-mhìle chun na sgoil, bhiodh e, latha math no fliuch, no fuar no cabhadh. Cha robh e gu diofar. Agus bhiodh sinn atoirt leinn pìos, a thaobh agus cho fadas a bha ar dachaigh bhon an sgoil. ’S ann am Brèascleit a bha an sgoil, agus chan eil càil ... an t-ainm a bhaca air ... An tòiseach an aibidil. Agus bha a-rithist man a chanadh iad fhèin, Class 1, 2, 3. Às dèidh sin bha 6, X6, XX6. Bha sin nuair a bha sinn atighinn chun amhaighstir-sgoile.

IP: Bha, dìreach.

SC: Agus, bha ... nuair a gheibheadh sinn an aibidil, bha iad ag ionnsachadh leughadh dhuinn, agus bhiodh mo mhàthair gar teagaisg, anns aBheurla, mus deachaidh sinn dhan an sgoil, ’s bha beagan, cha robh aBheurla againn ceart, ach bha beagan againn, agus cha robh e cho duilich dha feadhainn againn aBheurla a thogail. Agus tha cuimhne agam air latha sònraichte agus mi anns a’ ... Class 2. ’S ann anns achiad ... anns abhun-sgoil ... bun ... a’ chiad ... a’ chiad rud gu lèir às dèidh an aibidil. Bha abhan-sgoilear, an bha ateagaisg, bha i ag ionnsachadh bàrdachd Bheurla dhuinn, agus dìreach beagan ron an latha sin, bha mise an dèidh bràthair beag a chall, agus bha mi asmaoineachadh iomadach uair cho beag smaoineachadhs a bha i. ’S e ... canaidh mi anns aBheurla e man a fhuair sinn e:

Oh bring my brother back to me, I cannot play alone. The spring has come with flowers and bees, Where has my brother gone?

Agus thòisich mi agal. ’S ann an uair sin a chunnaic i an rud a rinn i.

IP: Agus, ’s ann à leabhar a bha ...

SC: ’S ann, às leabhar a bha i ga thoirt.

IP: ’S ann dìreach, agus bha i aleughadh seo ...

SC: Bha i aleughadh sin anns aBheurla.

IP: Bha, dìreach.

SC: Agus às dèidh sin ma-thà ... Dhìochuimhnich mi ... nuair a bha sinn afalbh anns agheamhradh dhfheumadh sinn fàd a thoirt leinn.

IP: O, dhfheumadh.

SC: An robh siud agaibhse?

IP: Bha, tha mi acreidsinn.

SC: Toiseach an teaghlach [???]

IP: Seadh.

SC: Agus bheireadh i an uair sin ... an fheadhainn nach tugadh leotha fàd, bheireadh i a-mach chun ... air beulaibh chàich iad agus chuireadh i fàd air an ceann. Agus às dèidh achlas sin ma-thà, bha sinn adol a-nis ... bha rùm eadar rùm an fheadhainn bheaga agus bha sinn adol dhan rùm mheadhanach, chun an fheadhainn a bha ... cleachdadh rud a bhathas ateagaisg dhuinnleughadh, sgrìobhadh agus bha sinn an dèidh a thighinn chun an staid anns an robh iad adol a thoirt dhuinn sgrìobhadh, bu chaomh ... “What would you like to be when you grow up?

Agus chuir fear dhe na balaich sìos an sglèat ann an ùine bheag, ’s thuirt i ris: “Donald John,” ars ise, “are you finished?

Yes, Miss.Bha sinn air sin ionnsachadh.

Agus nuair a bha càch deiseil, thuirt i ris achlas: “We’ll now read your ... what you’ve written down. Donald John,ars ise, “Would you please read what’s on your slate?” ’S e sglèatan a bhagainn.

IP: ’S e, dìreach.

SC: Agus sheas e, ’s an sglèat aige na làmh: “I would like to be a soldier, and march and fight in Cape Wrath.Bha e adèanamh feum dhe wrath.

IP: Bha, dìreach.

SC: Sin ach beagan dhen an ... chan fhiach e bruidhinn air ann an seagh. Ach an dèidh sin a-nise, thàinig sinn gun ... clas amhaighstir-sgoile. Bhiodh sinn timcheall air trì bliadhna anns an rùm mheadhanach, ’s chaidh sinn an uair sin gu clas amhaighstir-sgoile. Agus bha sinn afaighinn ... cha dfhuair sinne riamh leasan Gàidhlig.

IP: Cha dfhuair, dìreach.

SC: Ach aona latha, tha cuimhne agam a bhith aleughadh ... thug e dhuinn, aona latha, thug e dhuinn leasan às aBhìoball, feuchainn faighinn leughadh sinn. Agus nuair a thàinig e thugamsa, bha mi na mo sheasamh, man a dhfheumadh sinn seasamh an-àirdes leughadh, agus cha do ... cha burrainn dhòmhsa facal a leughadh ach aon fhacal a ghlac mi, bho chàch.

Come on, Joanna,ars esan.

Jacob,” arsa mise, agus shuidh mi.

IP: Seadh, dìreach.

SC: ’S bha far-ainm Jacob ormsa airson trì bliadhna.

IP: Bha dìreach. O, sin mar a gheibheadh daoine far-ainm.

SC: Agus, a thaobh na ... an luchd-teagaisg, cha robh duine aca anns an oilthigh.

IP: Cha robh, dìreach.

SC: Ann an colaiste a bha iad. ’S cha robh litrichean aig duine aca. Agus bha dithis aca nach robh riamh seachad air an Nicolson. ’S e sin an fheadhainn a bhiodh gar teagaisg. ’S am bochdanas a fhuair sinn, an fheadhainn nach dfhuair dhan an Nicolson, ’s e sinn fhìn a dhionnsaich e.

IP: ’S e, sibh, tha mi acreidsinn.

SC: Dhfheumadh sinn ionnsachadh leinn fhìn.

IP: Dhfheumadh, dìreach.

SC: Dìreach ... ann ar beatha tro chàch, ’s aglacadh ... nuair a tha an inntinn ... nuair a tha an inntinn fosgailte airson teagaisg, beiridh sibh air.

IP: Beiridh.

SC: ’S cumaidh sibh e. Agus bha achuip cuideachd. Bha achuip aca. O, bha, bha achuip aca gu cinnteach, agus bha comannd aca a chumail. Dhfheumadh iad a bhith modhail.

IP: Dhfheum ... O bha, bha.

SC: Bha sin air ionnsachadh aig an taigh, aig an dachaigh. Ach nan deigheadh iad seachad air an sin, gu cinnteach ceart gheibheadh iad sgal nach biodh beag.

IP: Gheibheadh, gheibheadh.

SC: Tha cuimhne agam a faighinn aon uair, ’s bha mi agal. Ach, nise, bhiodh sinn afaighinn uair a thìde airson cluich, aig amheadhan-latha, agus bhiodh sinn acluiche, man a thuirt mi ... dhinnis mi mar-thà dhuibh mu dheidhinn rounders.

IP: O, dhinnis.

SC: Agus na clachan beaga. ’S bhiodh na balaich acluich marbalan.

IP: Bhitheadh.

SC: Nead an siud, ’s bhiodh iadsan thall an sins bhiodh iad ... siud man a dhèanadh iad.

IP: Os ann, len òrdaig mhòir.

SC: Seadh. Agus bha ìne òrdag mhòr mo bhràthar air a bleith, gun abhlonaig. An canadh sibhse siud? an t-ainm a bhagaibh air an rud a tha fon ìne?

IP: Uill, chanamaid chun na feòla, bheil fhios agad?

SC: Chun na feòla? Uill, canaidh sinne blonaig.

IP: Blonaig.

SC: Agus canaidh sinn blonaig ri ... agus tha ris an èisg.

IP: ’S e.

SC: Agus blonaig ris na beathaichean. Agus bha cho e goirt. Bha e agal. Agus rud eile, bha sinn acluich le ròpa, aguss e aBheurla bhagainn airsgiobaigeadh.

IP: ’S e. Chuala mi sin cuideachd.

SC: Agus sreathan, man a thuirt mi. Sreathan. Clann-nighean, sreath an siuds sreath an seo, ’s bhiodh rabhd againn anns aBheurla, ’s dheigheadh an sreath seo chun an fheadhainn ud, ’s dheigheadh iad air ais, ’s thig an fheadhainn ud thucasans dheigheadh iad air ais.

IP: O, seadh, seadh. Agus bhiodh sibh aseinn?

SC: Bhitheadh.

IP: Seadh, agus an e rudan Beurla a bhiodh sibh ...

SC: Os e Beurla fad na tìde. Dhfheumadh sinn; bha e air iarraidh oirnn.

IP: Bha, dìreach. Agus nach gabh sibh cuid dhe na faclan a bha sin ma-thà, ged as e aBheurla a thann?

SC: There ... dh’innis mi ... There came a poor widow from Sunderland, with all the children in her hand, some could knit and some could sew, and some could knead the lily-white dough. Please take one in. Agus dheigheadh dhen achlann-nighean sin chun an t-sreath seo. Now my Mary she is gone, she is gone, she is gone, now my Mary she is gone, goodbye Mary, goodbye, goodbye. Bha a h-uile facal dhen aBheurla ceart againn, ann an sin. Agus bhiodh am maighstir-sgoile. uaireannan air falach air cùl na cruaich, ag èisteachd rinn. Cha chanadh e càil rinn, gun do rinn e e, ach bha sinn ga fhaicinn.

IP: Bhitheadh dìreach, bha. O bhiodh esan, bhiodh e asmaoineachadh seòrsa faclan a bhagaibh.

SC: Agus an t-adhartas a bha sinn adèanamh.

IP: Sin agaibh e.

titleBeagan fiosrachaidh mun sgoil
writersJoan Campbell
internal date1982.0
display date1982
publication date1982
level
notesTha am fiosrachadh a’ bruidhinn mu dheidhinn sgoil ann am Brèascleit ann an Leòdhas. Tha i ag innse dè bha na balaich agus na nighean a’ cluich, agus gum biodh iad a’ sgrìobhadh air sglèat. Cha chluinnear deireadh an fhacail mhaighstir ann am maighstir-sgoile, e.g. ma-sgoile an àite maighstir-sgoile. [Tobar an Dualchais]
parent textSgoil Eòlais na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page