Catrìona Pheatarsan (CP): Aonghais, bha thu adol a dhinnse dhuinn mu Aonghas mac Thormoidic Alasdair a thàinig à Manitoba.

Aonghas MacLeòid (AM): Uill, bha. Tha dìreach seòrsa de chuimhnagamsa air fhaicinn an dèidh tighinn à Manitoba, agus tha mi asmaoineachadh gur ann à Bàgh aChàise a dhfhalbh iad an toiseach. Agus chaidh iad ... chaidh e sin dhan an t-Òb, dha na Hearadh. ’S e saor a bhann. Aguss e muillear a bhanns an t-Òb aig an àm a bhann a shin. Agus bha na h-emigrants afalbh gu ruige Manitoba, agus fhuair e air falbh còmhla ri muinntir Mhanitoba an uair sin. Bhàsaich a bheans dhfhalbh e leis achloinn a-null gu Manitoba.

S cha robh dachaighs cha robh rud eile aige, ach gun dfhuair e fearann ann a shin aguss e teant a bhaca. Bha iad anns an teant an oidhche a bhann a sheothach agus shil an t-uisge. Deàrrsach uisges bha e acluinntinn brag an-dràstas brag a-rithist air an teant. Cha robh fhios gu rud a bhann a shin. Mu dheireadh dhfhalbh an teant. Thòisich achlann arànaichs thòisich e air achlann a chomhairleachadh an uair sin: “A bheil cuimhnagaibh air a bhith acoimhead air seòladairean, apasgadh nan seòl air na slatan? ’S nach fhaod sibhse tòiseachadh air pasgadh na teant còmhla riumsa?”

Fhuair iad an teant co-dhiù a chur air dòigh a-rithist, agus bhann a shin ach cipean anns an talamh airson an teant a chumail. ’S bha còir aige – ’s cha robh fhios aige air an sinbha còir aige nuair a thigeadh an t-uisge a bhith air na ròpan a bhair na cipean a shlacadh. ’S bha na cipean ... na ròpan adol a-staigh leis an uisge, ’s bha iad atarraing nan cipean às an talamh. Agus mu dheireadh fhuair e an teant a chur air dòigh, ’s mar a bha i roimhe, ’s fhuair e achlann a chur a chadal, ’s bha iad alright an uair sin.

Thòisich e an uair sin air gearradh coille, ’s thòisich e air ... rinn e taigh. ’S e saor a bhanns nuair a chunnaic an fheadhainn eile a bha timcheall air e, thòisich e air ... ’s ann a bheireadh iad dha obair adèanamh ... atòiseachadh air saorsainneachd. Sin achiad start a bhaige asaorsainneachd. Atogail bhàthchannans atogail thaighean.

Bha am fear sa, thog e taigh dhas thog e bàthach dha, ’s nuair a bha e a-nis adol ga phàigheadh, dhiarr e air a dhol suas còmhla ris dhan an t-seann bhàthaich. ’S chaidh iad suas dhan an t-seann bhàthaichs dhùin e an doras. Fhuair e an gràpa, ’s bha tòrr mòr innearach ann am meadhan na bàthcha, ’s nuair a dhùin iad an dorass a h-uile càil, thòisich am bodach leis aghràpas dhùnaich e a-mach am bogsa anns an robh an t-airgead aige às an tòrr innearach, agus thug e ... phàigh e Aonghas an uair sin. ’S e bha air a dhòigh leis na fhuair e a dhairgead an uair sin, ’s dhfhalbh e dhachaigh.

CP: Agus ciod thuige a bha bogsa. ..

AM: Bogsa innearach aige, siud far an robh e acumail an airgid am falach bho na robairean an uair ud air aHighways agoid an airgid air na daoine a shaoil iad a bhiodh airgead aca. Siud an t-àite aige airson cumail an airgid a bhann.

CP: ’S a-nist, bhiodh an duine sin a-bhos anns an rìoghachd seo anns na 1900s? Early 1900s, an ann?

AM: O bha e a-bhos ro àm aChogaidh Mhòir. Bha. Cha robh mise ach nam bhalach beag adol dhan sgoil nuair a bha e a-staigh againn.

CP: Agus a-nist an aois mum biodh an duine sin an uair sin?

AM: O chan eil ... Tha cuimhn’ a’m, bha feusag mhòr gheal air co-dhiù. Sin achuimhna thagamsa air.

CP: ’S an ann do mhuinntir Bheàrnaraigh a bhuineadh e?

AM: Feumaidh gur ann do mhuinntir Bheàrnaraigh a bhuineadh e, do mhuinntir ... ach bha buinteanas air choreigin aige ri muinntir Bheàrnaraigh – ’s ann a thaigh Aonghais Iainic Dhòmhnaill a thàinig e a dhfhuireach. ’S thàinig e ... bhiodh e a-nis acèilidh, ’s bha e acèilidh air mathair, ’s dhfhan e fad na h-oidhche a-staigh againne, ’s chaidil e ann an oidhche sins chaidh e a thaigh Aonghais sìos an làrna-mhàireach. Chan eil còrr a chuimhne agamsa cuin a dhfhalbh e no tuilleadh, ach bha a h-uile duine dhe a chuid chloinne pòsta timcheall air thall ann a shiud, ’s bha iad glè mhath dheth. Gheibheadh iadsan obrachadh gu cruaidh airson a h-uile càil a fhuair iad.

titleMar a thachair do dh’fhear a chaidh do Mhanitoba
writersAngus MacLeod
internal date1970.0
display date1970
publication date1970
level
notesTha am fiosraiche a’ bruidhinn mu duine (Aonghas mac Thormoid ’ic Alasdair) a ghluais do Mhanitoba. Bha an duine às na Hearadh, agus chaidh e a Mhanitoba le a chlann. An toiseach, cha robh ach teanta aige, ach thog e taigh, agus fhuair e obair mar saor. Phàigh aon duine e le airgead a dh’fholaich e air sgàth ’s gu robh eagal air air gadaichean. [Tobar an Dualchais]
parent textSgoil Eòlais na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page