Bha nigheanan a’ chutaidh a’ tighinn latha a bha seo, ’s chuir iad brath gun robh iad . . . gun robh aghriùthrach aca. Agus bha Maighstir Ailean, à Èirisgeigh, atighinn còmhla riutha, ’s bha e gan nursadhs atoirt an aire dhaibh atighinn air an rathads iad glè bhochd. ’S nuair a bha iad adol seachad, chuireadh air tìr air abhiod iad, ’s nuair a bha e adol seachad air an taigh againne, thàinig e a dhiarraidh deoch dhaibh. Am pathadh orra. ’S thug mo mhàthair dha siuga bainne. ’S bha botal ruma aige, agus chuir e am botal ruma ann an ceann an t-siuga bhainne, agus thug e a-null thuca e. Bha iad nan suidhe an taobh thall dhen taigh, ’s thug e a-null thuca e. ’S rinn sin cuideachadh mòr dhaibh. Neartaich e iads dhfhàg e làidir iad airson coiseachd a-null gu Taobh aChaolais. Agus bha . . . Chaidh iad a-null. Fhuair iad an t-aiseag a-null an oidhche sin gu Taobh aChaolais, ’s Maighstir Ailean còmhla riutha. Agus an làrna-mhàireach, bha dithis dhiubh . . . dheug dithis dhiubh leis aghriùthraich. Ach thàinig an triùir . . . an ceathrar eile air aghaidh. ’S bha e uabhasach math dhaibh, cianail math dhaibh, Maighstir Ailean.

FC: Cha do ghabh gin agaibh fhèin aghriùthrach an turas a bha sin? Cha do ghabh esan e?

PA: Cha do ghabh. Cha do ghabh Maighstir Ailean aghriùthrach idir. Cha do ghabh.

FC: No gin agaibh?

PA: No duine againne. Cha do ghabh e aghriùthrach. Chuir e dheth an t-aodach a bhairs a h-uile sìon, ’s cha tug e a-staigh an t-aodach-uachdair a bhair idir. Dhfhàg e a-muigh e. Thàinig e a-staigh agus thuirt e rim mhàthair nach ruigeadh i a leas eagal sam bith a bhith oirre; nach fhàgadh e aghriùthrach idir.

Ghabh mise i,” ars esan, “mar-thà, ’s cha toir mi leam i,” ars esan, “mar sin.”

S bha e cianail math dhaibh, ’s uabhasach coibhneil riutha. Bu toigh linn Maighstir Ailean. Bu toigh linn air fad Maighstir Ailean. Duine math a bhann.

Thàinig e an sin latha chun an taigh againn, nuair a bha sinn air Gleann Dail. Thadhaileadh e daonnan nuair a bhiodh e a-nulls a-nall. Thadhaileadh e atighinn far Dalabrog, nuair a bhiodh e adol a dhÈirisgeigh. Coiseachd a bhiodh e daonnan, daonnan, ’s thadhaileadh e a h-uile triop a thigeadh e. ’S latha a bha seo, bha mo mhàthair an dèidh teine mòr a thogail, ’s i adol a thòiseachadh ri fuine agus bha an taigh làn ceò, làn toit. ’S thàinig esan a-staigh, ’s dhfhalbh mo mhàthairs rug i air sèithear, adol thoirt dha sèithear airson suidhe air.

Chan eil mi adol a shuidhe idir,” ars esan.

Ma-thà,” arsa mo mhàthair, “bidh sibh cho dall leis an toit. Falbhaidh na sùilean asaibh leis an toit.”

O chan fhalbh,” ars esan. “Tha seo,” ars esan, “blàth. Far a bheil an toit,” ars esan, “bidh am blàths. ’S toigh leamsa,” ars esan, “toit na mònadh.”

S bha e uabhasach toilichte. Thug i dha deoch bhainne, ’s thàinig am bàta ga iarraidhs fhuair e a-null a dhÈirisgeigh.

FC: Bha e air teine a lasadh?

PA: Bfheudar dha. Rinn e smùid. Rinneadh smùid. Dhfhalbh mises cuideigin eile còmhla rium sìos, ’s rinn sinn smùid, ’s bha esan a-staigh, a-staigh againn fad an t-siubhail. Nuair a thàinig sinn a-nuas, thuirt sinn ris gun robh sgoth atighinn. Dhfhalbh e an uair sin. Bha àite ann airson a bhith adèanamh smùid dha daonnan, daonnan, nuair a bhiodh e atighinn. Dhaithnicheadh iad gura h-esan a bhiodh ann nuair a chitheadh iad an smùid.

titleMgr Ailean agus a’ Ghriùthrach
writersPeggy MacRae
internal date1951.0
display date1951
publication date1951
level
notesTha Peigi Anndra NicRath ag innse sgeulachd mu Maighstir MacDhòmhnaill à Èirisgeigh agus nuair a chuidich e nigheanan a’ chutaidh nuair a bha a’ ghriùthrach orra. Cha robh i air. Bhiodh e a’ cèilidh an teaghlach aig Peigi nuair a bha e anns an sgìre. [Tobar an Dualchais]
parent textUrras Nàiseanta na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page