’S e tuathanach a bha seo ma-, agus bha e acumail dithis sheirbhiseach, ’s bha iad acadal ann am bothy, an dithis sheirbhiseach. Agus bha aon fhear dhiubh, bha e afàs fuathasach truagh. Bhiodh e agearan a h-uile madainn cho goirts a bhiodh a chnàmhan, ’s nach burrainn e car a dhèanamh. Bha e asìor chnàmhs adol às, agus bha e acur iongnadh air an fhear eile gu bha ceàrr air. Cha robh e agearan cràdh no sìon, ach a chnàmhan. ’S e a bhiodh acadal air aghaidh na leapa daonnan, agus bhiodh am fear eile acadal an taobh thall dheth.

Ach an oidhche a bha seo, thuirt e ris an fhear eile: “Bfheàrr leam,” ars esan, “gun caidleadh tu nam àite a-nochd,” ars esan. “Chan eil mi afaighinn cadal ceart an siud idir,” ars esan.

, faodaidh mi sin,” ars am fear eile.

Dhfhalbh e, ’s shioft iad, ’s chaidh esan ri cùl na leapa an àite an fhir eile.

Bha e afuireach na dhùsgadh, ’s cha robh e afaighinn cadal ceart. Ach dhfhairich e an seo a bhith afosgladh an dorais, agus gu chunnaic e atighinn a-staigh ach abhana-mhaighstir, agus srian eich aice. Agus chrath i an t-srian ri aghaidh an fhir a bhair aghaidh na leapa, ’s e na chadal, agus thuirt i dha no trì a dhfhacail agus leum e na each a-mach às an leabaidh, agus chuir i an t-srian na cheann agus ghabh i a-mach leis. “Dia,” thuirt e ris fhèin, feumaidh gur e seo an rud bha atighinn ris-san. Nach biongnadh ged bhiodh esan truagh.

Eadar sins toiseach an latha thàinig i air ais leis. ’S ann a thug i an t-srian às a cheann. Bha e na dhuine mar a bha e roimhes bha e a-staigh san leabaidhs e na shuainte chadail. Dhùisg i am fear eile, ’s dhèirich e sa mhadainn agus dhèigh e dhàsan èirigh. Cha do ghluais e.

A Dhia manam chan èirich, chan urrainn mi,” ars esan. “Tha mise ullamh.”

tha ceàrr?” ars esan.

O cha eil fhios am, ” ars esan. “Tha dìreach . . . tha mi asmaointinn gu bheil a h-uile cnàimh a thannam pronn. Gu dearbh ma bha thusa,” ars esan, “mar seo a h-uile h-oidhche a bha thu acadal ann, chan iongnadh ged a bhiodh tu truagh,” ars esan.

Hod, dhfhaodadh e bhith,” ars esan, “nach dèan thu aon oidhche dheth co-dhiù,” ars esan. “Feumaidh gu bheil rudeigin mollaichte ma-,” ars esan, “far . . . an seo,” ars esan. “Ach feumaidh sinn èirigh co-dhiù.”

Dhèirich iad, ’s chaidh iad a-mach a dhobair. An sin, an ath-oidhchnuair a bha iad adol a chadal: “An caidil thu a-nochd nam àite?” ars esan.

Gu dearbh cha chaidil, non ath-oidhch,” ars esan, “mise nad àite,” ars esan, “agus chan eil sìon a dhfharmad agam riut fhèin,” ars esan, “dol a chadal ann,” ars esan.

O uill,” ars esan, “feumaidh mise cadal an àiteigin,” ars esan.

Chaidh iad dhan leabaidh, agus bha an cadal ga thoir a-mach, ’s bha esan feuch am fanadh e na dhùsgadh. Bha e abreith air fhèin le fhiaclan, feuch am fanadh e na dhùsgadh. Ach dhfhairich e an seo abhana-mhaighstir atighinn, agus thàinig i a-staighs an t-srian aice, agus chrath i an t-srian ri aghaidh, agus i adèanamh a dhà no trì fhacail a bha seo, agus leum e na each a-mach às an leabaidh, agus e na dhùsgadh.

Dhfhalbh i leiss chaidh i seachad air cuan leis. Thàinig i an sin gu taigh mòr far an robh gu leòr dhe seòrsa fhèin ri mallachadh agus ris a h-uile -riaghailt, agus thug i an t-srian às a cheann, agus nuair a thug i an t-srian às a cheann bha e na dhuine mar a bha e roimhe. Agus bha gu leòr dhe sheòrsa ann, ’s iad nan seasamhs iad nan cadal, dìreach mar gum biodh statues. Bha esan acoimhead feuch n do chuir i an t-srian, agus dhfhalbh e agus fhuair e an t-srian, agus nuair a bha iad an seo asgaoileadh air falbh, bha esan aig an doras, agus nuair a bha ise atighinn a-mach, chrath e an t-srian ri h-aghaidh agus thuirt e na facail a thuirt i fhèin ris-san, agus leum i na pònaidh gorm glas air a bheulaibh. Chàirich e an t-srian inntes leum e air a muin. Nuair a bha e atighinn a-nall seachad air achuan, dhfhaighneachd ise dheth: “ bhios sibh ag ràdh,” ars ise, “nuair a bhios sibh adùnadh an dorais?” ars ise.

Marcraich romhad a dheamhain,” ars esan.

bhios sibh ag ràdh,” ars ise, “nuair a bhios sibh ag èirigh sa mhadainn?” ars ise, feuch an toireadh e iomradh dhan Math.

Marcraich romhad a dheamhain,” theireadh esan.

Nuair a thàinig iad an sin air tìr, nuair a thàinig e gu fearann an tuathanaich, bha ceàrdach ann, a bhiodh e adol innte daonnan, agus ghabh e a dhionnsaigh na ceàrdaich, ’s bha an gobha, bha e na chadal. Dhùisg e an gobha, agus dhèigh e dha èirigh.

tha ceàrr?” ars an gobha.

Èirich cho luaths a rinn thu riamh,” ars esan, “oir is gun cruidheadh tu am pònaidh tha seo,” ars esan, “dom mhaighstir, ’s aige ri falbh bhon taigh,” ars esan.

O Mhic an Fhir Mhòir,” ars esan, “a bheil thu fhèins do phònaidh. Cha bàm dhut seo tighinn a chruidheadh pònaidh.”

O cha robh fios aige gun robh e afalbh gus o chionn glè ghoirid,” ars esan. “Èirich cho luaths a rinn thu riamh.”

Dhèirich an gobhas thòisich e air cur teine anns acheàrdaich. Thug esan a-staigh am pònaidh. Sheall an gobha air. “Cuin a fhuair e am pònaidh a tha seo?” ars esan. “Chan fhaca mi am fear seo riamh,” ars an gobha.

O am fear ud gun toir thu fhèins e fhèin air falbh,” ars an gille, ars esancuir thusa na cruidhean a dhèanamh, ’s e tha mise ag iarraidh ort a dhèanamh, ’s chan e ameas pònaidh,” ars esan.

Thòisich an gobha an seo air cur nan cruidhean air. Nuair a bha e acur nan cruidhean oirre, bha sruthain a-nuas o na sùilean aicese.

Uill, uill,” ars an gobha, “chan fhaca mi beathach riamh cho bog rithe,” ars esan. “Seall thusa na sruthain a thair na sùilean agad.”

O gun toir an Donas,” ars esan, “sruth od shùilean fhèin. Nach dèan thu cabhag,” ars esan.

Thalla leatha,” ars an gobha, “ma-thà a-nis, agus bheir an droch àite ort leatha ma-thà. Tha mise clìoras i.”

Dhfhalbh e leathas teine aige às an rathad mhòr, ’s nuair a ràinig iad, thug e an t-srian às a ceann. Bha ise na boireannach mar a bha i roimhe, ’s ghabh i a-staigh, agus ghabh esan dhan bhothy.

Nuair a dhèirich e sin, ’s a chaidh iad a-mach dhan stàbla sa mhadainn, thigeadh a-staigh ach am maighstir, ’s e atuireams arànaich, ’s a bhean gus a bhith deiseil aige.

tha ceàrr oirre?” ars an gille.

O, tha am bàs,” ars esan. “Tha i dìreach gus a bhith ullamh,” ars esan.

Obh, obh, obh,” ars an gille, “a bheil i cho fad sin air ais?” ars esan.

O tha gu dearbh,” ars esan.

Uill, gu dearbh,” ars esan, “bu mhath leam fhìn a faicinn,” ars esan, “fhads a bhiodh i beò.”

O uill, ma-thà, faodaidh tu tighinn a-staigh,” ars esan.

Dhfhalbh e fhèins an gille a-staighs bha ises a h-aghaidh a-null.

Tha sibh bochd, bochd,” ars an gille.

Seachain thusa mi,” ars ise.

Agus dhfhalbh es chuir e a làmh a-staigh fon aodachs rug e air làimh oirre, ’s shlaod e a-mach is bha an crudha air an dèarnaidh aice.

Bheil thu afaicinn siud?” ars esan, ’s e ationndadh ri mhaighstir.

Aidh, aidh,” ars a mhaighstir.

Rugadh air chois oirres thugadh a-mach i, ’s bha crudha air gach cois, ’s air gach làimh.

Sin ceithir chruidhean a chuir mise a-raoir oirre,” ars esan. “Chan iongnadh,” ars esan, “ged a bhithinnsa truagh agadsa,” ars esan, “gam mharcrachd aig an Deamhan a h-uile h-oidhche,” ars esan, “ach siud na mise dhut,” ars esan.

O uill,” ars an tuathanach, “cha dèan thu sin idir. Chan fhalbh thu idir,” ars esan.

Cha robh ach breith oirre, ’s teine a dhèanamh, ’s a càradh ann. Chaidh a losgadh. Agus sin an dìol a bhathar adèanamh air na bana-bhuisrichean. A h-uile a dhèante a-mach oirre, cha robhar ach ga losgadh. Sin an lagh a rinneadh dhaibh mu dheireadh, agus bha an gille ceart gu leòr tuilleadh. Dhfhan e aig an tuathanach ùine mhòr an dèidh ise a losgadh.

titleTè nan Cruidhean
writersAngus MacLellan
internal date1958.0
display date1958
publication date1958
level
notesSgeulachd mu dithis shearbhantan a bha a’ fuireach ann am bothag ag obair airson tuathanach. Bha aon dhuibh sgìth fad na tìde, gus an tuirt am fear eile gun gabhadh e a àite. Nochd bean an tuathanaich agus thionndaidh i am fear gu bhith na each, ’s dh’fhalbh i leis. An ath latha nuair a bha iad air ais, thionndaidh e am boireannach fhèin gu bhith na each. Aig deireadh an latha, chaidh i a losgadh air sgàth ’ gu robh i na bana-bhuidseach. [Tobar an Dualchais]
parent textUrras Nàiseanta na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page