Bha siud fear ann afuireach uaireigin o chionn fadan t-saoghail shìos ann an Cùl na Beinne Mòire. Àite ris an can iad Rosal, ’s ann a bha a dhachaigh ann. Bha teaghlaichean air an suidheachadh anns an àm a bha sin sìos mun achladaich ann an siud an cùl na Beinne Mòire, agus bha feadhainn dhiubh nach robh fuathasach math dheth. Cha robh aca ach beagan stuic, agus cha robh aca ach spaid, no cas-chrom no cas-dhìreach, airson am beòshlaint a thoirt às an talamh. Bhiodh iad ri beagan iasgaich ceart gu leòr, agus bhiodh iad ga chreic cuideachd, an àm an t-samhraidh, nuair a thòisicheadh iad air iasgach, ’s a-null as t-earrach. Aguss e min a bhiodh iad afaighinn airson an èisg. Bha muilnean an uair sin air an taobh an iar na dùthcha, agus fhads a mhaireadh amhin anns na muilnean bhiodh iad aceannach na mine le iasg ùr.

Ach co-dhiù, bha fear a bha seothach, bha teaghlach mòr air tighinn air, agus bha e uabhasach fhèin doirbh dha faighinn tron t-saoghal agus biadhs aodach a chumail ris achloinn. Cha robh aca, tha fhios agaibh, ach bàtaichean beaga, agus cha robh iad adol fuathasach fada o thìr ann. Co-dhiù, abhliadhna bha seo, bha an t-iasg gu math gann, fada na bu ghoinne na bàbhaist dha a bhith. Agus bha an duine bochd a bhann a sheo, bha e car riaslach, agus chan fhaigheadh e a-mach ach corra uair, agus cha bhiodh e ach beag gu leòr dha fhèin airson an teaghlaich, na gheibheadh e, agus cha burrainn dha dad dheth a reic ach uair glè ainneamh. Agus bha e uabhasach fhèin iomagaineach.

Ach co-dhiù, an oidhche bha seo, chunnaic e aisling anns a chadal. Chunnaic e leth-sheann duine glas atighinn far an robh e, agus thuirt e ris nach ruigeadh e a leas a bhith gun airgead nan gabhadh e a chomhairle-san, agus nan togadh e air agus falbh leis an sgothaidh a-null gu ruige Àrasaig, gun robh seann chaisteal ann a shin, agus nan cladhaicheadh e aig bonn achaisteil, gum faigheadh e ann a shin na chumadh e fhèin agus an fheadhainn a thigeadh bhuaithe glè mhath gu bràth.

Co-dhiù, nuair a dhùisg e an làrna-mhàireach, bha e afìor mheòrachadh air an aisling, gu bu sgialt dhi, agus nuair a bha e fhèin agus a bhean agus an teaghlach aig am biadh, ’s ann a dhinnis e dhan bhean an aisling a chunnaic e a-raoir.

An-,” ars ise, “is tu a chunnaic an droch aisling,” ars ise. “Innsidh mise dhut,” ars ise, “ as sgialt dhan aisling a tha sin,” ars ise. “Tha thu,” ars ise, “iomagaineach,” ars ise, “mu dheidhinn,” ars ise, “an teaghlaich, agus an t-eagal ort nach fhaigh thu tron t-saoghal. Ach,” ars ise, “cha tàinig duine riamh chun an t-saoghail nach deachaidh fhòghnachdainn a chur a-mach dha. Agus na bi thusa asmaoineachadh idir,” ars ise, “nach fhaigh thu air aghaidh,” ars ise, “mar a fhuair,” ars ise, “an fheadhainn a bhann romhad. Agus ged a tha sinn,” ars ise, “air bheagan am-bliadhna, faodaidh sinne a bhith an ath-bhliadhna cho math ri feadhainn eile. Agus na biodh,” ars ise, “na rudan sin,” ars ise, “acur cùram sam bith ort, agus leig às do cheann e.”

Cha robh air an sin ach sin fhèin co-dhiù, ach an ceann oidhche no dhà às a dhèidh sin, chunnaic e acheart dhuine atighinn far an robh e, agus dhaithnich e glè mhath e.

Cha do ghabh thu,” ars esan, “mo chomhairle idir.”

Agus on is e gun tuirt e nach do ghabh: “An-,” ars esan, “gabh thusa mo chomhairle-sa,” ars esan, “agus falbh,” ars esan, “agus gheibh thu ann an siud,” ars esan, “na chumas,” ars esan, “gu bràth thu. Agus,” ars esan, “mura gabh thu mo chomhairle,” ars esan, “cha bhi thu,” ars esan, “ach glè bhochd dheth,” ars esan.

Ach co-dhiù, cha do leig e dad air. Cha do dhinnis e guth an làrna-mhàireach dhan bhean, ach smaointich e aige fhèin, ged a bha an t-astar fada, gum feuchadh e an gnothach, feuch mar a rachadh dha. Agus an latha bhann a sheo, thuirt e ris a bhean: “An- a-nis,” ars esan, “tha a h-uile dad deiseil againn,” ars esan, “agus tha mi adol a choimhead,” ars esan, “air càirdean dhòmhsa a tha afuireach anns acheann a deas. Agus bheir mi,” ars esan, “lathaichean,” ars esan, “mun till mi. Cha ruig thusa a leas,” ars esan, “cùram sam bith a bhith ort,” ars esan, “nach till mi, airsons dòcha gum bi dhà no trì lathaichean,” ars esan, “ma dhfhaodte mun till mi, agus ma dhfhaodte,” ars esan, “gun till mi nas luaithe na sin.”

O,” ars ise, tha sin ceart gu leòr. Cha bhi cùram sam bith ormsa,” ars ise, “nuair a tha fios am, ” ars ise, “càit a bheil thu.”

Dhfhalbh e a-nist amhadainn a bhann a shin, agus bha sgoth aige shìos aig an acarsaid, agus dhiomair e mun cuairt achladaich, agus nuair a fhuair e pìos air falbh, far nach fhaiceadh duine e, thog e seòl rithe, agus dhfheuchadh tarsainn cuan Uibhist. Agus air treis dhen oidhche a bha sin, ràinig e Àrasaig, agus cheangail e an sgoth ann am bàgh ann a shin.

Ach cha robh sìon a dhfhios aige fon chruthachadh càit an robh e adol, ach bha e aspaistearachd ann a shin gus an do shoilleirich i; cha robh an oidhche ach goirid. Ghabh e suas. Bha e acoimhead thuiges bhuaithe. Chunnaic e an siud seann chaisteal a bhair a leigeil suas nach eil fhios meud . . . no gu an ùine on a bha daoine afuireach ann, agus ghabh e suas thuige. Agus bha seann ghàradh ann a shin, agus e air tuiteam thalls a-bhos. Agus bha clachan abhalla fhèin air tuiteam nan tòrr thalls a-bhos air gach taobh dheth.

Agus thuirt e ris fhèin: “Uill, mas e seo an caisteal a chunna mise anns an aisling, cha tàinig (1) duine riamh a gheibheadh sìon an seo, no gu mar idir a ghabhadh e cladhach. Ach is mi a bha gòrach nach do ghabh mi comhairle na mnatha agus nach do dhfhan mi a-staigh.”

Ach co-dhiù, bha e afaicinn taighean pìos shuas bhuaithe agus thuirt e ris fhèin gun rachadh e gu fear dhe na taighean feuch gu a gheibheadh e a-mach, no a chitheadh e, no gu a chluinneadh e. Agus ghabh e air a shocair fhèin suas an rathad, agus nuair a bha e pìos math suas on chaisteal, agus e ateannadh air na taighean, thachair duine caol glas ris air an rathad, agus sheas e agus chuir e fàilte airsan, agus chuir e fàilte air.

Co às,” ars esan, “a dhuine,” ars esan, “a thàinig thu?”

An-,” ars esan, “thàinig mi,” ars esan, “à Uibhist.”

O seadh,” ars esan, “à Uibhist. mar a thàinig thu à Uibhist?”

Thàinig,” ars esan, “le bàta.”

O seadh,” ars esan. “ ’Seil fad o dhfhàg thu sin?”

, dhfhàg mi,” ars esan, “e an-.”

“ ’S a bheil,” ars esan, “feum agad air biadh?”

An-,” ars esan, “cha chuirinn droch fheum idir air.”

Ma-thà,” ars esan, “tha an taigh agamsa,” ars esan, “ ’s e as giorra a-bhos ann a shin,” ars esan, “ ’s thig thu suas còmhla rium,” ars esan, “ ’s gheibh thu do bhiadh.”

Bha an duine a dhfhalbh à Rosal asìor bheachdnachadh air an duine, agus bha e ag ràdh ris fhèin: “Seo dìreach an dearbh dhuine a chunna mise anns an aisling.”

Agus bha am fear eile asìor bheachdnachadh air fhèin, nach robh e ag ràdh mòran.

Co-dhiù, chaidh e gu taigh an duine, ’s dhinnis an duine dhan bhean gun robh fear srainnsear an seo a thàinig à Uibhist, agus i dhèanamh biadh agus gum faigheadh e biadh, agus rinn i sin. Agus fhuair e a bhiadh agus gabhail aige glè mhath. Dhfhaighneachd an uair sin an duine a bhann an sineach dheth an robh e adol a dhàite sònraichte sam bith anns an àite bhann a sheo no an ann seo a bha e atighinn.

An-,” ars esan, “is beag,” ars esan, “a tha a dhfhios agam,” ars esan, “càit a bheil mi adol.”

Dhinnis e facal air an fhacal dha an suidheachadh anns an robh e, agus far an robh e afuireach, agus mar a chunnaic e an aisling, agus thuirt e gun tàinig an duine a bha seo thuige anns a chadal agus gun tuirt e ris nan tigeadh e gu leithid seo a chaisteal ann an Àrasaig, gum faigheadh e fhortan ann.

,” ars esan, “mas e an seann chaisteal a tha shìos an siud,” ars esan, “a chunna tu anns do chadal,” ars esan, “cha mhòr fhortan,” ars esan, “a gheibheadh tu an sin. Cha chreid mi,” ars esan, “gun robh mòran fortain aig an fheadhainn a bha afuireach ann, a rèirs mar a chuala mi aig seann daoine. Chan eil,” ars esan, “anns na h-aislingean a tha sin,” ars esan, “ach rud gòrach,” ars esan, “a bhith,” ars esan, “acreidsinn idir annta. Chunna mise mi fhìn,” ars an duine, “aisling. Agus,” ars esan, “bha i a cheart cho neònach,” ars esan, “ris an aisling a chunna tusa. Cha robh mise mi fhìn,” ars esan, “ach riaslach ann a sheo atogail teaghlaich agus is iomadh uair a bha mi ag ràdh rium fhìn,” ars esan, “nach deargainn idir air,” ars esan, “agus chan eil mi,” ars esan, “ach riaslach fhathast cuideachd. Agus chunna mi oidhche,” ars esan, “aisling,” ars esan, “agus duine atighinn far an robh mi,” ars esan, “agus thuirt e rium,” ars esan, “nan rachainn,” ars esan, “gu ruige Uibhist a Chinn a Deas, air taobh an ear na dùthcha cuideachd,” ars esan, “agus gun robh bàthach ann a shin,” ars esan, “anns an robh mart maol dubh, agus mart ruadh, agus gun anns abhàthaich ach iad fhèin, agus eadar na dhà sin gum faighinn ann mfhortan. Agus an duine ud,” ars esan, “a chunna mi,” ars esan, “anns an aisling,” ars esan, “chan fhaca mi duine riamh,” ars esan, “a tha cho coltach ris,” ars esan, “riut fhèin. Tha mi asmaoineachadh dìreach,” ars esan, “gur e tu a bhann. Agus,” ars esan, “feumaidh gur e sin,” ars esan, “an aisling a breithneachadh,” ars esan. “Chuala tusa a leithid eile,” ars esan, “agus thàinig thu ann a sheo, agus chunna mise,” ars esan, “a leithid eile,” ars esan, “agus feumaidh gur e sin,” ars esan, “is sgialtach aice. Tha thusa gòrach gu leòr,” ars esan, “nuair a thàinig tu ann a sheo, “ars esan, “airson achaisteil. Agus,” ars esan, “cha do charaich mise fhathast,” ars esan, “agus cha charaich. Cha tèid mise,” ars esan, “a dhUibhist gu bràth. Tha fios am nach eil ann ach rud gun dòigh.”

Ach cha do leig am fear a dhfhalbh à Rosal dad air, ach nuair a fhuair e deiseil, thuirt e gun robh e adol a thilleadh air ais dhachaigh, aguss e sin a rinn e. Ghabh e dhan bhàta agus fhuair e gaoth fair atighinn tarsainn, agus bha e a-staigh anmoch an ath-oidhches thàinig e dhachaigh. Thuirt a bhean ris gun robh dùil aice . . . nach robh dùil aice ris a-nochd idir.

O,” ars esan, “cha do dhfhan mi,” ars esan, “cho fads a bha dùil am idir,” ars esan, “ach dhfhan mi fada gu leòr.”

Bha e asìor smaoineachadh air an aisling a chunnaic am bodach Àrasaigeach nuair a thuirt e ris nan tigeadh e gu ruige Uibhist, agus far an robh mart maol bàn agus mart ruadh ri taobh a chèile ann am bàthaich, gum faigheadh e fhortan eatorra.

Chan eil mart maol bàn agus mart ruadh aig duine an seo ach mise, aguss fheudar dhomh dìreach tòiseachadh ri cladhach eadar an bhoin, feuch a bheil dad ann.”

An làrna-mhàireach co-dhiù, nuair a fhuair e air dòigh, bha na beothaichean a-muigh anns amhonadh. Dhfhalbh e agus fhuair e maidean agus phrop e suas ceann na bàthcha, agus thòisich e air leagail abhalla, mu dheireadh thall gus an do leag e sìos chun na stèidhe i, ach cha robh coltas air dad. O, thuirt e ris fhèin gur e bha gòrach tòiseachadh air a leithid a rud.

Ach thòisich e an sin air cladhach na h-ùireach bha gu h-ìseal fon stèidh, agus fhuair e rudeigin cruaidh ann a shin, agus thòisich e air cladhach timcheall air. Agus bha casg ann a shin, agus a dhaon fiamhag dhan dfhuair e, fhuair e an casg a thoirt às. Casg mar gum biodh buideal agus cheann [?]. Thog e às e; bha e gu math trom. Co-dhiù, chuir e an dàrna taobh e, feuch am faiceadh e gu a bhann, agus thuirt e: “Tha dìreach aisling an Àrasaig dìreach air tighinn fìor agamsa. Tha fortan ann an seo.”

Thòisich e air togail na bàthcha co-dhiù, ’s bha a bhean a-staigh agabhail fadachd agus thàinig i a-mach. Agus nuair a chunnaic i an obair a bhaig an duine air sàillibh abhàthach a leagail:

Gu ,” ars ise, “air an t-saoghal,” ars ise, “an obair a thort an sin?”

Ma-thà,” ars esan, “tha mi deiseil balla na bàthcha a leagail ann a sheo,” ars esan, “agus tha mi asmaoineachadh gu bheil mi air mfhortan fhaighinn ann.”

An-,” ars ise, “nam biodh fortan an sin,” ars ise, “is iomadh duine,” ars ise, “a gheibheadh romhadsa e.”

An-,” ars esan, “trobhad thusa ann agus gum faiceadh tu seo.”

Agus sheall e dhi an casg a fhuair e ann an stèidh abhalla.

Ach air an t-saoghal mhòr,” ars ise, “gu rud tha am broinn siud?”

Chì sinn sin,” ars esan, “an-ceartuair. Feuch,” ars esan, “nach eil duine mun cuairt,” ars esan, “feuch an tog mi leam a-staigh e.”

Sheall i a-machs cha robh duine ri fhaicinn, ’s thug e leis a-staigh an casgs thugadh às . . . thugadh dheth an cearcall, agus thugadh às an ceann. Bha e loma-làn òir, o bhonn gu a mhullach.

Seo agad a-nis,” ars esan, “an aisling,” ars esan, “air tighinn fìor, agus mura bitheadh an duine còir,” ars esan, “a chunna mise,” ars esan, “a-raoir,” ars esan, “chan fhaighinn seo gu bràth. Chunna mise,” ars esan, “ thuras,” ars esan, “an aisling,” ars esan, “agus thuirt mi rium fhìn air an dàrna turas,” ars esan, “gum faicinn,” ars esan, “gu bu reusan dhi, agus chaidh mi,” ars esan, “gu ruige Àrasaig. Agus nuair a ràinig mi Àrasaig,” ars esan, “dhinnis an duine dhomh,” ars esan, “nach fhaighinn dad an siud, ach gum faca e fhèin aisling,” ars esan, “agus nan tigeadh e gu ruige Uibhist gum faigheadh e,” ars esan, “fortan, eadar mart maol bàn agus mart ruadh ann am bàthaich, air taobh an ear na dùthcha. Agus sin agad,” ars esan, “abhàthach agus an crodh againne, agus fhuair mise e,” ars esan.

An-, tha min dòchas,” ars ise, “gum bi thu cho math,” ars ise, “agus gun tèid thu le pàirt dheth,” ars ise, “chun an duine chòir,” ars ise, “a dhinnis dhut far am faigheadh tu e.”

mi sin,” ars esan, “nuair a gheibh sinn air dòigh.”

Agus nuair a fhuair am bodach ann an Rosal air dòigh, agus a chuir e air leth an t-airgead, chuir e ann faisg air an dàrna leth dheth, agus bha e asmaoineachadh gun robh sin ceart cho còir dha an dàrna leth fhaighinn agus a bha e dha fhèin.

Cha do dhfhalbh e leis fhèin air an turas sin idir. Thug e leis sgioba còmhla ris, agus ràinig e Àrasaig, agus bha seo am falach aige. Cha robh fios aig an fheadhainn eile gu a bhaige, agus thugadh gun fhiosta dhan bhodach e. Bha oidhche mhòr aca agus iad gu math toilichte, agus cha robh e na iongnadh ann.

Thill an uair sin fear Rosail dhachaigh, agus bha e fhèin agus a theaghlachs a bhean gun dìth gun deireas tuilleadh. Agus bha a ghinealachd, tha e coltach, abreith air an airgead sin fhads a bha iad ann an Cùl na Beinne Mòire.

Bha fear anns an àite uaireigin ris an canadh iad Fear Ùrnais, agus bha a h-uile sgrìob fearainn a bha eadar Rosal agus Bun an Ligidh ann an Loch Sgioport aig an duine sin, aguss e caraide dhan duine a fhuair an casg anns abhàthaich a bhanns an duine sin. Agus bha a-nist airgead gu leòr aige de rèir coltais, ach cha robh am fearann a bhaige, cha robh ann ach fearann nach obraicheadh ach spaid, agus bha pìos mòr ann dheth. Agus bha e ag iarraidh fearann ann an Uibhist air an taobh an iar, ach chan fhaigheadh e fearann idir air an taobh an iar, a chionns gun robh e a mhuinntir na dùthcha. Agus nuair a chunnaic e nach fhaigheadh e sin, rinn e imprig e far achuain, far an do rinn iomadach fear a bharrachd air, agus chaidh e gu ruige Ameireaga. Sin agaibh Fear Ùrnais, agus bha iad ag ràdh gur ann on fhear a fhuair an casg anns abhàthaich a fhuair e achuid bu mhotha de na bhaige de mhaoin an t-saoghail.

Agus sin agaibh mar a chuala mise an sgeulachd.

(1) Cluinnear tàna air achlàr.

titleFear aig an robh aisling a sheall dha far an robh òr air a thiodhlacadh
writersDonald MacIntyre
internal date1960.0
display date1960
publication date1960
level
notesBhruadair duine à Uibhist a Deas mu òr a bha falaichte. Chaidh e do dh’Àrasaig, ach cha d’fhuair e dad. Choinnich e ri bodach a bha eòlach air an duine bho aisling a bh’ aige. Thuirt am bodach dha gun do bhruadair e gun do choinnich e ri duine à Uibhist a lorg ionmhas san t-sabhal aige fhèin. Thill an duine dhachaigh do dh’Uibhist far an do lorg e am fortan aige. [Tobar an Dualchais]
parent textUrras Nàiseanta na h-Alba
<< please select a word
<< please select a page