Donnchadh MacDhòmhnaill: Chuala mise siud a bhann, ma-, Rìgh Èireann, agus mar a bha Rìgh Èireann ann phòs e, agus bha triùir mac de theaghlach aige. Agus dhfhàs na mic suas, fear às dèidh fir dhiubh, gus an tàinig iad gu ìre duine. Agus an sin, gu gu -fhortanach ach a bhuail bochdainn an rìgh, agus neo-ar-thaing nach dfhuaras lighichean ga ionnsaigh airson a leigheas, ach cha robh lighiche adèanamh sìon a dhfheum dha.

Ach gu seo ach a bha comhairleach aig an rìgh, agus chuireadh fios air achomhairleach. “An-, ma-thà,” ars an comhairleach ris an rìgh, “cha dèan lighiche sìon a dhfheum dhan bhochdainn a thoirbhse. Achs e an aon rud a feum, trì botail a dhuisge Tobar Thiobartain, am fìor iomall an domhain mhòir.”

Nist, nuair a chuala na mic seo, sgeadaich am fear bu shine e fhèin anns amhionaid, agus fhuair e air dòigh, agus dhfhalbh e air tòir an uisge. Agus gu ach a bha aige ri dhol seachad air talla anns an robh triùir bhuidsichean afuireachs acòmhnaidh. Agus anns an dol seachad rinn iad grèim air, agus thug iad dha sràc dhen t-slacan-draodhachd, agus aon uair agus gun dfhuair esan sin, bha e dìreach aig an cumhachd e fhèin rud sam bith a dhiarradh iad air a dhèanamh. Agus rinn iad sgalag shuarach dheth anns an àite aca fhèin. Bhiodh e afrithealadh air na mucan, atoirt dhachaigh uisge, ’s a h-uile h-obair bu shuaraiche a bhaca ri dhèanamh.

Nuair a bhathar an seo ann an taigh an rìgh agabhail fadachd nach robh guth atighinn air amhac a dhfhalbh, ’s ann a sgeadaich am mac bu mheadhanaiche a bhaig an rìgh e fhèin, agus dhfhalbh e air tòir an uisge. Ach ma dhfhalbh, ghabh e a cheart rathad a ghabh a bhràthair roimhe, agus choinnich an triùir bhuidsichean e agus thug iad dha sràc dhen t-slacan-draodhachd. Agus aon uair agus gun dfhuair esan sin, bha e fon cumhachd-san tuilleadh, agus chàirich iad còmhla ri a bhràthair e ann a shin, aig a h-uile h-obair bu shuaraiche a bhaca ri dhèanamh.

Nuair a bhathar a-nist ann an taigh an rìgh agabhail fadachd nach tàinig guth air an dithis a dhfhalbh, ’s ann a smaoinich am mac a bòige gum falbhadh e. Ach mun dfhalbh e, chuir e fios air achomhairleach a bhaig athair, agus dhinnis e dha an a bha na bheachd; o nach do thill a bhràithrean gum biodh e freagarrach dhàsan falbh airson an uisge fhaighinn.

Ma-thà,” ars an comhairleach ris, “on a tha thu afalbh, gabh a leithid seo a rathad agus de cheum,” ars esan, “agus tha fìor amharas agam gura h-e na buidsichean a thàinig ceàrr air do dhithis bhràithrean romhad. Ach ma ghabhas tusa an rathad a tha mise ag iarraidh ort, seachnaidh tu iad, agus thèid leat cuideachd.”

Aguss ann mar seo a bha. Sgeadaich am mac a bòige e fhèin airson a thurais agus dhfhalbh e. Agus sheachain e a cheart cheum a ghabh a dhithis bhràithrean roimhe. Agus ann am beul na h-oidhche ràinig e coille dhùmhail dhorcha, agus chunnaic e biast atighinn na choinneamh ann an sin, air chumadh eich. Agus leis an eagal a ghabh e ron bhèist a chunnaic e ann an seo, ’s ann a dhìrich e suas dhan chraoibh. Agus thàinig abhiast gu bonn na craoibhe, agus mar bu dlùithe a thigeadh i dhan chraoibhs ann a bàirde a rachadh esan suas.

Thig,” ars abhiast, “a-nuas às an sin far a bheil thu.”

O cha tèid,” ars e fhèin.

Mura tig thu a-nuas,” ars i fhèin, “cha bhi mise fada ga do chur às.”

Agus dhfhalbh abhiast agus rug i na beul air achraoibh agus chrath i i, agus chaith i esan na [???] a dhionnsaigh achnuic.

Nach tug mi às a-nist thu?” ars i fhèin.

O thug,” ars esan.

O ma-thà,” ars ise, “na gabh sìon a dheagal romhamsa. Chan eil fhios am nach mi an caraid as fheàrr a bhios agad air do thuras. Agus tha mi am beachd nach biodh e furasta dhut do thuras a dhèanamh mura faigh thu mo chuideachadh leat. Agus mise,” ars i fhèin, “Meangan Donn à Gleann na CoillUaine, ’s e a theirear rium. Agus gabhaidh sinn tàmh a-nochd,” ars i fhèin, “aig bonn na craoibhe a thann an seo, agus thèid sinn air ar turas a-màireach.”

Aguss ann mar seo a bha. Ghabh iad pàirt dhe aon dad de bhiadh a bhaca an oidhche sin. Agus an làrna-mhàireach: “Nist,” arsa Meangan Donn ri Mac Rìgh Èireann, “dhìrich suas,” ars e fhèin, “air mo mhuin-sa agus falbhaidh mi leat.”

Aguss ann mar seo a bha. Dhfhalbh iad. Agus ann am beul na h-oidhche bha iad aig taigh an Ridire Dhuibh.

Thalla a-nist,” arsa Meangan Donn ri Mac Rìgh Èireann, “a-staigh, agus faighneachd dhiubh am faigh sinn an fhàrdrach a-nochd.”

Agus dhfhalbh mac an rìgh a-staigh, agus dhfhaighneachd e dhiubh ann an taigh an ridire am biodh iad cho math agus an fhàrdrach a-nochd a thoirt dhaibh agus fasgadh. Chan fhaigheadh, no taing air shon. Ach chaidh a bhreabadh agus a chiùrradh agus a shlaiseadh a-mach às an taigh. Agus nuair a ràinig e a-muigh dhfhaighneachd Meangan Donn dheth: “Seadh,” ars e fhèin, “ciamar a chaidh dhut?”

O cha deachaidh,” arsa mac an rìgh, “ach meadhanach. Chan fhaigh sinn tàmh ann idir.”

Ach dhfhalbh Meangan Donn e fhèin a-staigh, agus shlais agus chiùrr agus bhreab e na bha a-staigh, agus be làn dìth am beatha an uair sin a dhol a-staigh, agus chuir iad seachad an oidhche gu dòigheil ann an sin. Agus an làrna-mhàireach thog Meangan Donn agus Mac Rìgh Èireann orra agus dhfhalbh iad.

Agus ann am beul na h-oidhche an ath oidhchbha iad aig taigh an Ridire Dhuinn. “Thalla a-nist,” arsa Meangan Donn ri mac an rìgh, “a-staigh agus dèan forfhais feuch am faigh sinn an fhàrdrach a-nochd.”

Dhfhalbh Mac Rìgh Èireann a-staigh, agus dhfhaighneachd e dhiubh a-staigh gu sìobhalta am biodh iad cho math agus an fhàrdrach a thoirt dhaibh a-nochd, agus fasgadh. Chan fhaigheadh, no taing air a shon. Ach a cheart leithid agus a rinneadh orra ann an taigh an Ridire Dhuibh, chaidh am breabadh agus an ciùrradh a-mach às an taigh. Agus nuair a ràinig mac an rìgh a-muigh, dhfhaighneachd Meangan Donn dheth ciamar a chaidh dha.

O,” ars e fhèin, “Cha deach ach meadhanach. Chan fhaigh sinn fasgadh sam bith an seo.”

Dèan thusa dàil ort,” arsa Meangan Donn, agus dhfhalbh e fhèin a-staigh, agus bhreabs chiùrrs dhochainn e na bha a-staigh, agus bu bhuidhe cridheil leotha an uair sin cead a thoirt dhaibh fuireach an oidhche sin. Agus chuir iad seachad an oidhche gu dòigheil ann an sin, agus an làrna-mhàireach, moch sa mhadainn, thog iad orra.

Agus ràinig iad taigh an Ridire Bhàin. “Thalla a-nist a-staigh,” arsa Meangan Donn ri Mac Rìgh Èireann, “agus faighneachd am faigh sinn an fhàrdrach ann an seo a-nochd.”

Dhfhalbh Mac Rìgh Èireann a-staigh agus a cheart leithid agus a thachair dha aig an ridire eile, thachair air an turas seo; chan fhaigheadh e fasgadh na h-oidhche. Agus thill e a-mach, agus dhinnis e do Mheangan Donn mar a chaidh dha.

Dèan thusa foighidinn,” arsa Meangan Donn. “Tha mise adol a-staigh.”

Agus dhfhalbh Meangan Donn a-staigh, agus ghabh e dha na bha a-staigh leis na breaban, agus dhochainn agus chiùrr e na bhann, agus bu bhuidhe cridheil leotha cead a thoirt dhaibh an uair sin fuireach a-staigh an oidhche sin.

Agus chuir iad seachad an oidhche gu dòigheil. Agus madainn an làrna-mhàireach dhfhalbh iad. Agus thog iad orra agus ràinig iad taobh achaolais a bha aca ri dhol tarsainn air. Agus bha taigh greusaiche ann a shin, agus chaidh iad ann, agus neo-ar-thaing mura robh basan sgaoilte romhpa ann an taigh aghreusaiche, chaidh fàilte agus furan a chur orra; fhuair iad biadh agus deoch, agus fasgadh na h-oidhche.

Agus a-nist,” ars an greusaiche ri Mac Rìgh Èireann, nuair a chuala e an turas air an robh e, “thèid thu dhan bhaile,” ars e fhèin, “anns amhadainn a-màireach, agus gheibh thu caora, agus marbhaidh tu i, agus bheir thu dhith an craiceann, agus thu leth air acharcas aice, agus falbhaidh tu agus cuiridh tu an dàrna leth aig taobh achladaich. Agus nuair a thig an iolaire a thair an taobh thall a-nall, ’s a chì i leth-carcas, laighidh i aige. Agus nuair a bhios i adlùthachadh air a bhith ullamh dheth, gabhaidh tusa suas ga h-ionnsaigh agus dìridh tu suas air cùl an sgèithe aice. Agus beir air leth-carcas eile agad annad achlais gus an ruig thu an taobh thall, agus bheir thu dhi ann an sin e. Agus thu tuilleadh chabhag an uair sin air an t-uisge fhaotainn mum bi i ullamh dhe sin ithe, airson gum bi thu a-nall aice a-rithist.”

Aguss ann mar seo a bha. Làrna-mhàireach, nuair a dhèirich mac an rìgh, dhfhalbh e agus chaidh e dhan bhaile. Agus fhuair e achaora, agus mharbh e i, agus thug e dhith an craiceann, agus rinn e leth air acharcas, agus ghabh e sìos gu taobh achladaich agus chàirich e an dàrna leth aig taobh achladaich ann a shin. Agus thàinig an iolaire, agus nuair a chunnaic i an leth-carcas, laigh i agus theann i ri ithe.

Nist,” arsa Meangan Donn ri mac an rìgh, “tha thu adol a dhfhalbh a-null. Chan e trì botail a bheir thu a-nall idir,” ars e fhèin, “ach bheir thu a-nall a ceithir, agus bidh mise ann an seo gad fheitheamh gus an till thu.”

S ann mar seo a bha. Phaisg mac an rìgh an leth-carcas eile na achlais agus ghabh e sìos a dhionnsaigh na h-iolaire, agus dhìrich e suas gu socair, gu cùl an sgèithe aice. Agus dhèirich an iolaire, agus dhfhalbh i leis tarsainn achaolais, agus laigh i air an taobh eile. Agus dhfhalbh esan an uair sin agus chàirich e an leth-carcas eile air a beulaibh, agus dhfhalbh e fhèin agus rinn e dìreach suas air aitreabh mhòr a bha e afaicinn air leathad cnuic thall. Agus chaidh e a-staigh dhan aitreabh a bhann an seo, agus bha e adol a-staigh do dhiomadach seòmar air a feadhs cha robh e afaicinn duine.

Ach thachair an seo gun deach e a-staigh do sheòmar sònraichte agus bha nighean òg ann an sin ann an leabaidh na cadal, cho brèagha agus cho eireachdail agus a chunnaic e a-riamh. Agus dhfhalbh e agus chuir e a làmh suas fon chluasaig, agus fhuair e iuchraichean an tobair. Agus dhfhalbh e leotha, agus ràinig e an tobar agus thaom e na ceithir botail, agus thill e air ais agus chaidh e a-staigh dhan t-seòmar anns an robh an nighean na cadal, agus chàirich e na h-iuchraichean fon chluasaig, mar a fhuair e iad, agus thug e ainm sgrìobhte ann am posta na leaba. Agus bha muileann-cruithneachd, agus calman, agus botal fìon anns an rùm, agus thug e leis na trì chodaichean a bhann an sin, còmhla ris na botail uisge agus dhfhalbh e, agus rinn e cabhag sìos a dhionnsaigh achaolais.

Agus bha an iolaire roimhe ann an sin, agus dhfhalbh e agus dhìrich e suas air cùl an sgèithe aice. Agus ann an tiotan dhèirich an iolaire agus dhfhalbh i leis tarsainn achaolais gus an do dhfhàg i e air an taobh thall. Agus bha Meangan Donn ann an sin ga fheitheamh.

Tha thu air tighinn,” ars e fhèin.

O tha,” arsa Mac Rìgh Èireann.

Ciamar a chaidh dhut?”

O chaidh glè mhath.”

Fhuair thu an t-uisge?”

O fhuair,” arsa Mac Rìgh Èireann.

O ma-thà,” arsa Meangan Donn, “crath ormsa botal dheth an toiseach.”

S ann mar seo a bha. An ceathramh botal a bhaige, chrath e air Meangan Donn e, agus bha Meangan Donn an uair sin na fhleasgach òg ciatach, cho eireachdail agus a chunnaic e a-riamh. Agus dhinnis e do Mhac Rìgh Èireann facal air an fhacal, gur ann fo gheasaibh a bha esan anns an riochd a bhann an siud sam faca e e. Agus gura h-e an triùir bhuidsichean a chuir na geasaibh air.

Aguss e iad,” ars e fhèin, “a ghlac do dhithis bhràithrean romhad. Agus,” ars e fhèin“ ’s e làn-charaide dhut a thannamsa. Agus tillidh tusa a-nist dhachaigh leis an uisge gu dathair. Agus bheir thu do dheagh aire gun seachain thu an rathad air a bheil na trì buidsichean a thann an siud afuireach. Agus chan fhaic thu,” ars e fhèin, “mise a-nist tuilleadh.”

Aguss ann mar seo a bha. Dhealaich Meangan Donn agus Mac Rìgh Èireann aig achladach. Agus chuir Mac Rìgh Èireann aghaidh air an dachaigh. Agus achiad oidhche, chaidh e ann an taigh an Ridire Bhàin, agus neo-ar-thaing nach robh basan sgaoilte roimhe ann an sin. Agus gu a-nist ach a thug nighean an ridire an aire dhan mhuileann-chruithneachd, agus dhan chalman agus dhan bhotal fìon. Agus ghabh i tlachd uabhasach dhen mhuileann-chruithneachd.

O a rìgh shaoghail,” ars i fhèin, “nach bfhèarr leam gum fàgadh tu agam fhèin, a Mhic Rìgh Èireann, am muileann-cruithneachd.”

An-, mi sin,” ars e fhèin, “on a tha thu air a leithid a thlachd a ghabhail dheth.”

Agus shìn e dhi am muileann-cruithneachd.

Agus chuir e seachad an oidhche ann an sin, agus an làrna-mhàireach dhfhalbh e. Agus ged a bha coiseachd mhòr fhada aige ri dhèanamh, ràinig e am beul na h-oidhche aig taigh an Ridire Dhuinn. Agus neo-ar-thaing nach robh basan sgaoilte roimhe ann an sin, ga fhàilteachadh. Agus thug nighean an ridire a bhann an sin an aire dhan chalman, agus ghabh i tlachd uabhasach dheth.

O a rìgh shaoghail,” ars i fhèin, “nach tu a dhfhàgadh an calman a thann an sineach agam fhèin; ’s mi a tha an dèis am meas a ghabhail air.”

An-, mi sin,” arsa Mac Rìgh Èireann.

Agus dhfhàg e aice an calman.

Agus chuir e seachad an oidhche ann an sin, agus an làrna-mhàireach chuir e aghaidh air an dachaigh, agus ràinig e taigh an Ridire Dhuibh. Agus neo-ar-thaing nach robh basan sgaoilte roimhe ann an sin. Agus gu ach a thug nighean an ridire a-nist fa-nears a chunnaic i am botal fìona.

An-, gu dearbh fhèin,” ars i fhèin, “ ’s mi bhiodh toilichte nam fàgadh tu agam fhèin am botal fìon a thann an sin,” ars i fhèin. “ ’S mi a tha an dèis an tlachd a ghabhail dheth.”

Ma-,” arsa Mac Rìgh Èireann, “on a tha sibh air a leithid sin a thlachd a ghabhail dheth, fàgaidh mise agaibh e.”

Agus shìn e dhi am botal.

Agus chuir e seachad an oidhche ann an sin, agus an làrna-mhàireach, chuir e aghaidh air pàileas athar. Ach gu -fhortanach, cha do ghabh e comhairle Meangan Donn. Thachair a dhithis bhràithrean air, dlùth do thalla nam buidsichean, agus thug iad bhuaithe an t-uisge. Agus thug iad dha sràc dhen t-slacan-draodhachd, agus nuair a fhuair iadsan an t-uisge nan làmhan dhfhalbh an draodhachd dhiubh fhèin, agus laigh i airsans e falamh. Agus dhfhàg iad e na ghille-mhuc dhan àite fhèin aig na buidsich, agus dhfhalbh iad dhachaigh leis an uisge. Agus dhinnis iad a-staigh gur e iad fhèin a rinn an gnìomh agus a fhuair an t-uisge. Agus theann iad a-nist ri thathainn air an athair.

Ach ge bith na gheibheadh an athair dhen uisge, cha robh e adèanamh de dhfheum dha. Bha Rìgh Èireann cho bochds a bha e roimhe. Thòisicheadh an seo air faotainn a h-uile duine a bhanns an sgìreachd mun cuairt, ’s anns na sgìreachdan a bfhaisge dhaibh, airson gun tairgeadh iad an t-uisge dhan rìgh, feuch am fear aca aig am biodh an sealbh gun rachadh an rìgh am feabhas.

Ach cha robh an rìgh afaighinn leigheas. Mu dheireadh, chaidh fhaighneachd an robh a-nist a h-uile duine a baithnte dhaibh ann an uile sgìreachdan an àite air a chruinneachadh agus air an t-uisge a thairgse dhan rìgh. O bha; bha a h-uile duine a baithnte dhaibh, ach aon ghille-mhuc a bhaig na buidsich.

O , dhfheumte am fear seo fhaotainn.”

Agus fhuaras an gille-mhuc, agus chaidh botal dhen uisge a shìneadh dha na dhòrn. Agus anns an spot an dfhuair esan am botal uisge na dhòrn, dhèirich an draodhachd dheth. Agus achiad ghlainne a lìon e dha athair, dhòl athair i, dhèirich e na shuidhe anns an leabaidh. Agus an ath ghlainne a fhuair Rìgh Èireann dhen uisge, thàinig e a-mach às an leabaidh agus theann e ri cur uime. Agus an treas glainne a fhuair e, bha e air achnoc, na shlàinte air ais.

Agus dhinnis an uair sin, mac òg Rìgh Èireann dha athair, mar a rinn a dhithis bhràithrean air, agus chaidh breith orra an uair sin agus an càradh ann am prìosan. Agus sgrìobh Rìgh Èireann an uair sin air amhac a bòige, gura h-e boighre dligheach air a bheò agus uile-gu-lèir air a bhàs, agus chan fhaigheadh an t-oighre idir an rìoghachd a thaobh cho ceàrrs a rinn e air a thuras air a bhràthair.

Ach gu seo ach a dhùisg an nighean a bha sa chaisteal na cadal. Agus dhionndrainn i am muileann-cruithneachd, agus dhionndrainn i am botal fìona, agus dhionndrainn i an calman. Agus chunnaic i ainm aghille a bhann an seo sgrìobhte air beul na leapa. Agus thog i oirre agus fhuair air dòigh air choreigin a-nall air achaolas, agus chaidh i a thaigh aghreusaiche. Agus dhfhaighneachd i an taigh aghreusaiche am faca iad srainnsear sam bith an rathad seo o chionn ùine ghoirid.

An-, chunnaic,” ars an greusaiche. “Chunna sinn mac le Rìgh Èireann ann an seo agus e air tilleadh far cuairt air choreigin air an robh e. Agus tha mi am beachd,” ars e fhèin, “gun do chuir e seachad oidhche ann an taigh an Ridire Bhàin shuas ann an seo.”

Agus dhfhalbh an nighean agus chaidh i a thaigh an ridire. Agus neo-ar-thaing nach robh iad coibhneil dhi ann an sin. Fhuair i gabhail aice anns a h-uile dòigh a ghabhadh fialachd dèanamh. Agus thug i an aire dhan mhuileann-chruithneachd, agus dhfhaighneachd i do nighean an ridire: “Ach air an t-saoghal,” ars i fhèin, “ciamar a thàinig am muileann-cruithneachd a tha ann an sin annad rathad?”

An-, thàinig,” arsa nighean an ridire, “thadhail Mac Rìgh Èireann ann an seo, agus chuir e seachad oidhche ann agus e air tighinn far turais air an robh e, agus dhfhàg e agamsa am muileann-cruithneachd.”

An-,” ars an nighean, “ ’s e mo chuid-sa am muileann-cruithneachd; ’s ann agam a bha e.”

O ma-thà,” arsa nighean an ridire, “ ’s e làn dìth do bheatha ga ionnsaigh.”

Agus fhuair an nighean am muileann-cruithneachd.

Agus chuir i seachad an oidhche ann an sin. Agus an làrna-mhàireach thog i oirre, agus ged a bha coiseachd gu leòr aice ri dhèanamh mun ruigeadh i taigh an Ridire Dhuinn, ràinig i ann am beul na h-oidhche. Agus neo-ar-thaing nach deach fàiltes furan a chur oirre ann an sin, agus gabhail aice agus a h-uile fialachd a shealltainn dhi.

Ach gu thug i an aire an oidhche sin ach dhan chalman. Agus anns an spot am faca an calman ise, thòisich seinn. Agus dhfhaighneachd i do nighean an ridire: “Gu , air an t-saoghal,” ars i fhèin, “mar a thàinig an calman a thann an sineach gu bhith ann an seo?”

Ma-thà,” arsa nighean an ridire, “thàinig Mac Rìgh Èireann ann an seo agus chuir e seachad oidhche ann. Agus bha an calman sin aige. Agus ghabh mise a leithid a thlachd na chalman,” ars i fhèin, “agus dhfhàg e agam e.”

O ma-thà,” ars an nighean rithe, “ ’s e mo chuid-sa an calman; ’s ann agam a bha e.”

Bha, bfhurasta sin aithneachadh,” arsa nighean an ridire. “Cha do rinn e poll ciùil on latha a thàinig e ann an seo, gus an tàinig thusa a-staigh dhan rùm. Aguss e làn dìth do bheatha ga ionnsaigh agus a thoirt leat.”

Nist, chuir an nighean seachad an oidhche ann an sin, an oidhche sin, agus an làrna-mhàireach thog i oirre. Agus ann am beul na h-oidhche ràinig i taigh an Ridire Dhuibh, agus bhathar a cheart cho fialaidh rithe ann an seo. Fhuair i gabhail aice anns a h-uile dòigh.

Agus gu thug i an aire anns an t-seòmar còmhla riutha ach am botal fìon.

Ach air an t-saoghal,” ars i fhèin ri nighean an ridire, “ciamar a thàinig am botal fìon a thann an sin gu bhith ann an seo?”

Tha ma-,” arsa nighean an ridire, “thadhail Mac Rìgh Èireann ann an seo, ’s e air tighinn far turais air an robh e. Agus dhfhàg e agamsa am botal fìona agus mi an dèis tlachd mhòr a ghabhail dheth.”

O ma-thà,” ars an nighean, “ ’s ann leamsa a bha am botal fìona.”

O ma-thà,” arsa nighean an ridire, “ ’s e làn dìth do bheatha ga ionnsaigh.”

Agus shìn i dhi am botal fìona.

Agus bha a-nist na trì chodaichean aig an nighinn air fhaotainn: am muileann-cruithneachd, agus an calman, agus am botal fìona. Agus chuir i seachad an oidhche ann an sin gu dòigheil an oidhche sin. Agus dhfhalbh i an làrna-mhàireach, agus chuir i h-aghaidh air pàileas Rìgh Èireann, agus na trì chodaichean a bhann an sin aice. Agus nuair a ràinig i, dhaithnich Mac Rìgh Èireann i anns amhionaid am faca e i, agus rinn e fhèin agus i fhèin toileachadh mòr ri chèile.

Agus a bharrachd air an sin, rinn Rìgh Èireann a cheart uiread a thoileachadh nuair a chunnaic e a leithid seo a nighinn chiataich atighinn a dhamharc air a mhac. Agus ann an ùine ghoirid, às a dhèidh seo, chaidh Mac Rìgh Èireannam mac a bòigechaidh a phòsadh, e fhèin agus an nighean a bhann an seo. Agus e a-nist na oighre dligheach air athair fhads a bhiodh e beò, agus uile-gu-lèir air a bhàs.

Agus nuair a dheug Rìgh Èireann, chaidh am mac a bòige a chrùnadh na rìgh, agus bha an nighean a bhann an seo a phòs e na banrighinn.

Agus tha mise gam fàgail socair sàmhach ann an sin a-nist agus dhealaich mise riutha.

titleMar a chaidh Rìgh Èireann a leigheas le trì botail uisge à Tobar Thiobartain
writersDuncan MacDonald
internal date1953.0
display date1953
publication date1953
level
notesSgeulachd mun Rìgh Èireann agus a mhic. Nuair a dh’fhàs an rìgh tinn, dh’fheuch na triùir mac aige ga chuideachadh, ach cha do shoirbhich ach am mac as òige nuair a fhuair e am bùrn airson an rìgh. Dh’fhàs an rìgh nas fheàrr, agus aig deireadh na sgeulachd phòs a mhac nighean àlainn, agus rìoghaich iad mar rìgh agus banrigh Èireann. [Tobar an Dualchais]
parent textBBC
<< please select a word
<< please select a page