Iain MacDhòmhnaill (IM): Tha an t-àite ann a shiud, ann am Pabaigh fhathast, anns an robh iad adèanamh an uisge-bheatha. Ach cha bann aig na taighean a tha e. ’S ann a tha e thall pìos math seachad gu na taighean. Agus mura biodh fhios agad air, ’s mura deidheadh innse dhut, ’s mura gabhadh tu beachd air an rud, tha e air a dhèanamh agus dheidheadh iomadach duine ionnsaichte seachad airs gun fhios aige carson a bha na rudan. ’S ann a tha na leacan, leacan mòra smaointeanach, chan eil fhios agamsa cho fads a tha iad anns an talamh, ach tha pìos math dhiubh an-àirdes tha a h-uile gin riamh, chan ann dìreach a tha iad idir ach adol air slant a-mach, slant a-mach mar sin.

Uill, ’s ann a bha sin air a dhèanamh airson nuair a bhiodh iad adèanamh an uisge-bheatha leis acheò, bha e abualadh air achreig, air na leacan mòra a bha seo a bha os cionn an teine, bha e abualadh air an sin, bha e aspreadadh a-mach, tha fios agad, gu uachdar na talmhainn, a-mach, tha fios agad. ’S ged a chitheadh tusa acheò, cha shaoileadh tu nach e ceò a bha às an eilean fhèin a bhann, tha fios agad, ceò na beinne no rud dhen t-seòrsa sin. Cha robh i adol suas dìreach ann. Dhfheumadh i sgapadh air uachdar na talmhainn.

Catrìona NicDhòmhnaill (CN): Agus ciamar a-niste a ghlacadh, no a fhuaradh a-mach gun robhar adèanamh uisge-beatha ann am Pabaigh? Ciamar a chaidh an glacadh? Ciamar a thàinig iad orra gun fhiosta?

IM: Uill, thàinig iad, fhios agad, ’s e. .. ’s e achiad rud a chaidh a dhèanamh a-mach, tha fios agad, nuair a bha iad acur air falbh na deoch, ’s ann ann am pigeachan mòra a bha e afalbh. Uill, tha e coltach nuair a bha an deoch sin, tha fios agad, adol a-mach gu tìr-mòr gu na feadhainn sin, tha fios agad, a bha ga creic. .. feadhainn, tha fios ad, afaighneachd:

Càit an dfhuair thu an deoch? Càit an dfhuair thu an t-uisge-beatha math a tha seo?”

O, sin agad uisge-beatha a thàinig à Pabaigh.”

an t-àite a tha sin?”

Agus: “O, chan eil càil a dhfhios agam, ach gheibh mi a-mach.”

Feuch gum faigh thu a-mach dhomh e.”

S dòcha gur e fear dhe na gàidsearan a bha sin, agabhail dramas a dhfhaighnich seo. Uill, mar a tha na gàidsearan, tha iad airson a h-uile càil fhaighinn a-mach. Agus dhobraich iad riamh, tha fios agad, gus an do rinn iad a-mach gur e seo an t-eilean às an robh an t-uisge-beatha atighinn. ’S ann mar sin ... Ach cha deachaidh an glacadh riamh. Cha deachaidh an glacadh ann am Pabaigh riamh.

CN: Bha dòigh aca air rabhadh a thoirt, nuair a bha na gàidsearan. ..

IM: O bha. Bha dòigh aca air an sin, tha fios agad. ’S e bha sin, bha fear às an t-Òb, ’s e a bhiodh adol a-null le na gàidsearan an-còmhnaidh. Agus bha fhios aig na feadhainn a bhann am Pabaigh an uair sinbha tuath ann am Pabaighbha fhios aca air ... cuin a ... nam faiceadh iad an t-eathar a tha seo atighinn agus seòl geal agus rud ruadh ann am meadhan ... paidse ruadh ann am meadhan an t-siùil, dhfhaodadh iad a bhith cinnteach gun robh an gàidsear air bòrd an uair sin. Ach nam faiceadh iad an t-eathar atighinn agus seòl geal oirre, no seòl dubh, no seòl ruadh, bha fhios aca nach robh càil ann an uair sin; gun robh e sàbhailte gu leòr.

Ach theabar an glacadh gun teagamh aon triop, a chionn cha robh am fear a chleachd a bhith adol a-null leotha, cha robh e aig taigh, agus thàinig na gàidsearan agus bha iad adol a-null a Phabaigh. Agus chunnaic iadsan an t-eathar atighinn gun teagamh ach cha do shaoil iad càil dhen an eathar. Aguss ann a chaidh iad sìos chun achladaich. Uill, am fear a bha leis an eathar, cha burrainn dha càil a dhèanamh. Cha robh fhios aige sìon an soidhne a bhaig an fhear eile no càil air an t-seòl. Agus cha robh fhios aige air thalamh diorta a dhèanadh e. Aguss ann a bha an tràghadh ann. Bha i air pìos math tràigh, ach ... a dhèanamh ach bha dìreach beul lìonaidh gu bhith oirre. Nuair a chaidh iad sìos chun achladaich, fhios agad, a choinneachadh an eathairbha iad acoinneachadh ... bha thu acoinneachadh an eathair co-dhiùchaidh iad sìos ann a shin agus nuair a chunnaic an duine, bheil fhios agad, [???] cha robh fios aige ... agus cha do rinn e càil ach chuir e air banca gainmheacha i. Uill, bha sin pìos a-mach, agus chan fhaigheadh an gàidsear air tìr gun e fhèin a fhliuchadh ... na gàidsearan air tìr gun e fhèin a fhliuchadh ... iad fhèin a fhliuchadh. Agus mus fhaigheadh iadsan a-mach ... eathar à Pabaigh chun an eathair eile a bha a-muigh, thill fheadhainn eile dhachaigh, ’s thòisich iad atoir warning dha na feadhainn a bhanns an eilean gun robh na gàidsearan air bòrd.

Agus co-dhiù ... Ach bha a h-uile duine riamh cho trang, e fhèin, ’s nuair a ... bha fear seo ... bha an seo ann, fhios agad, am boireannach seo, ’s bha an duine aice a-muigh air cùl Phabaigh, às dèidh chaorach, ’s thàinig iad thuices dhinnis iad dhi a h-uile càil, gun robh na gàidsearan air bòrd. ’S bha esan air an t-uisge-beatha a dhèanamhs bha e aige a-staigh, ach cha robh e air fhaighinn anns na pigeannan. Agus cha burrainn dhìse, cho aithghearr sin, a chur dha na pigeannan, ach diorta a bha iad air a dhèanamh ach ron an siud, tha fios agad, làithean ron siud ach air mart a mharbhadh, agus tha e coltach, bha iad aroinn, tha fios agad, na a bha sin, am mionachs a h-uile càil, an fheòil chun a chèile. Agus fhuair iadsan, tha fios agad, an share dhen amhionach agus bha achailleach ... bha achailleach air na maragan a dhèanamh, maragan dubhas maragan geala, agus cha do rinn ise càil [???] ach leum i dhan aphreasa agus thug i a-mach na maragan, ’s thòisich i gan gearradh nan stiallan sìos, agus dhfhalbh i agus chuir i ann am broinn an tuba e, aguss e cracann caorach a bhair uachdar na tuba, agus cheangail i an cracann, tha fios agad, air ais mar sin a-rithist. Agus thàinig na gàidsearantriùir dhiubh. Rannsaich iad an taigh, agus cha dfhuair iad càil a-staigh. Ach chaidh iad a-niste dhan an rùm, agus na leapannan a bhann an uair sin bha cùirtear sìos chun an làir, de na leapannan. Agus thog fear dhiubh, thog fear dhiubh an cùirtear, agus bha an tuba a-staigh ann a shintuba fhiodha. Tharraing e a-mach an tuba; bha cluas oirres tharraing e a-mach an tubas ghluais ... dhfhuasgail e an t-sreang. Cho luaths a thog e an cracanns a chunnaic e an t-uabhas a bha am broinn na tuba, bha e asmaoineachadh gur e rud eile a bhann, ’s cha do rinn e ach càil ach leum air a chasan agus rug air a shròn air fhèin agus rinn e ron doras agus dhfhalbh an dithis eile a-mach às a dhèidh.

Sin cho faisg agus a chaidh iad riamh air an glacadh. Ach tha e coltach gu bheil aphoit a bha iad adèanamh an uisge-bheatha, nuair a bha iad afàgail Phabaigh, gun deachaidh aphoit a chur a-mach air lochLoch Èideil. Ach tha loch annLoch Èideil Bheags Loch Èideil Mhòr. Uill, nam biodh tart mòr ann as t-samhradh, tha fear dhe na lochan, gheibheadh tu roimhe le do bhòtannan, ach chan fhaigheadh air an fhear eile. Tha am fear eile smaointeanach domhainn. Agus tha e coltach gu bheil aphoit a bha iad adèanamh an uisge-bheatha ann, gu bheil i ann am meadhan an loch sin. Ach tha mi acreidsinn gu bheil i gu math fada domhainn an-diugh.

CN: Bha sibh aràdh rium gun robh sgoil ann am Pabaigh uaireigin?

IM: O bha. Bha sgoil ann, agus meall mòr chloinne ann. Agus bha maighstir-sgoile aca ann cuideachd. Agus bha pìos talmhainn aig a h-uile duine a bhann am Pabaigh an uair sin. Agus dhfheumadh iad a bhith abuachailleachd achruidh. Mar a bhiodh iad acur achoirces acur abhuntàta ann am pìos, dhfheumadh iad an crodh a chumail a-mach às an sin. Agus bhiodh am maighstir-sgoile, bha e acur a-staigh na sgoile anns amhadainn. Ach chan eil fhios am a-nise an uair, tha fios agad, an robh uair aige mar a thaca an-diugh no nach robh, ach co-dhiù, nuair a gheibheadh na sgoilearan a-mach, bha iad adol a bhuachailleachd achruidh airson nach tigeadh iad an còir abhàrr a bhaca, an coirces am buntàtas na rudan sin.

Uill, far an robh an taigh-sgoile, chitheadh am maighstir-sgoile a-mach ... an t-àite a bha iadsan air àiteachs a h-uile càil, ’s far an robh an crodh. ’S nam faiceadh e an crodh atighinn a-staigh, fhios agad, adol a thighinn chun abhàrr, bha e aleigeil a-mach na sgoile, ag iarraidh air na sgoilearan a dhol a dhfhalbh a-nis a bhuachailleachd achruidh; gan cumail air falbh. Agus cho luaths a thigeadh an sgoil a-mach, nuair a gheibheadh achlann dhachaighs a ghabhadh iad am biadh, an dinnear, às dèidh na sgoile, bha iad afalbh a-mach an uair sin a bhuachailleachd achruidh.

Agus chan eil mòran clachan beaga ann am Pabaigh idir, ach bhiodh iad acruinneachadh nan clachan beaga, acruinneachadh nan clachan beaga, na balaich, agus bhiodh iad atoir leotha puiceanan, fios agad, ’s alìonadh nam pocannan le clachan beaga, ’s bhiodh iad fhèin acluichs acaothach ann a shin, ’s nuair a chitheadh iads dòcha feadhainn dhen achrodh atighinn faisg air an àite, ’s dòcha gum feuchadh iad clach, tha fios agad, bheag, tha fios agad, gan tilleadh. Agus ... o bha seo adol fad an t-siubhail, ach an triop seo, ’s ann a bha an crodh, tha fios agad, atighinn na bu trice na bu mhath leothasan a bhith atighinn aguss ann a theirig na clachan dhaibh.

CN: Nach e a bha ao-coltach ri na Hearadh.

IM: Ah uill, fios agad, bha, fios agad, achs e clachan beagan morghain, tha fios agad. Cha be clachan mòra a bha iad afeuchainn ann ach clachan beaga. Ach theirig na clachan aguss ann a ... bha bruthaichean ... tha bruthaichean mòra ann mar a tha anns na h-àiteachan seo fhèin de ghainmhich. Uill, thàinig abhò a bha seo agus ... co-dhiù, aguss ann a dhfhalbh fear dhe na balaich, e adol ga tilleadh air falbh achs ann a chaidh i ro fhaisg air oir na bruthaiche, agus bhrist abhruthach leatha, agus thuit i ris abhruthach.

Ach o, cha do dhèirich càil dhan bhoin, fhios agad. Cha robh ann ach bruthach gainmheacha beag, tha fios agad. Cha do rinn abhò càil ach èirigh air a casan. ’S cha robh abhò ach càil ach air èirigh air a casan nuair a thug am balach sùil, ’s ann a bha an rud seo aroiligeadh a-nuas bhon an oir, bho oir na bruthaiche, agus. .. Ghabh e iongnadh dheth, tha fios agad, cho iongantachs a bha an rud, ’s thàinig an rud a-nuas gu a chasan, ’s nuair a rug e air an rud cha robh ann ach crogan crèadh. Ach cha be achrèadh. .. ’s ann air a dhèanamh a bha achrèadh. Bha crèadh gu leòr am Pabaigh. sheòrsa crèadh ann; achrèadh gheal agus achrèadh liath.

Uill, ’s ann air achrèadh gheal a bha e air dhèanamh. Aguss ann a ghabh na balaich nòisean uabhasach dhen an seo. Agus diorta a thòisich iad ach, ’s ann a bhrist iad an rud a bha seo, an crogan crèadh a bha seo. Chan fhaca iad càil riamh, fios agad, bu bhrèagha na an rud a bha am broinn achrogain chrèadh a bha seo. Cha robh fhios aca air thalamh diorta a bhann. Ach fhuair iad feum dha. Fhuair iad feum dha, bhon cha robh càil na bfheumaile na seo airson a bhith atilleadh achruidh. ’S lìon a h-uile duine dhiubh am pòcaidean leis an stuff a bha seo. Agus nuair a thàinig a-nis àm an crodh a thoir dhachaigh, thug iad dhachaigh leotha an crodh, tha fhios agad, thàinig an athair no am màthair a-mach còmhla riutha a dhiarraidh achruidh, ’s thug iad dhachaigh an crodh.

Anns amhadainn, an làrna-mhàireach, an dèidh dhaibh a dhol dhan an sgoil, bha rud no dhà aig na balaich nach do chosg iad ris achrodh nam pòcaidean, agus tha mi acreidsinn gun robh iad gan gleidheadh airson an latha sin fhèin a-rithist, airson a bhith atilleadh achruidh. ’S bha iad acluiche leotha air an deasg, ’s chunnaic am maighstir-sgoile an rud a bhaca, ’s thàinig e a-nalls dhfhaighnich e dhaibh càit an dfhuair iad siud. Dhinnis iad dha, agus bhann ach ginidhean òire, air fad. Agus cha do rinn e càil ach leig e a-mach an sgoil an uair sin, ’s thug e leis na balaichs na h-igheanan, ’s thug iad fad an latha gu dorcha na h-oidhche air cliathaich Lingeigh acruinneachadh nan ginidhean òire. ’S an làrna-mhàireach anns amhadainn, thàinig bàta. Dhfhalbh am maighstir-sgoiles cha do thill e riamh tuilleadh. Chruinnich iadsan a h-uile ginidhs bha esan ... iadsan acruinneachadh, tha fios agad, air an fheur far an robh iad gan togails ga thoir dhàsan.

CN: ’S dhfhalbh e leis?

IM: Dhfhalbh e leis an òir air fads cha robh càil. .. cha robh ann ach ginidhean òir air fad fiaraidh.

titleNaidheachdan à Pabaigh
writersJohn MacDonald
internal date1988.0
display date1988
publication date1988
level
notesTha Iain MacDhòmhnaill às na Hearadh ag innse mu na h-amannan nuair a bha iad a’ dèanamh uisge-beatha neo-cheadaichte ann am Pabaigh. Tha e a’ bruidhinn mu dheidhinn far an robh agus ciamar a bha iad ag obair air an eilean. Tha e a’ bruidhinn cuideachd mun seann sgoil a bha air an eilean agus a’ chlann a bha an sin. [Tobar an Dualchais]
parent textBBC
<< please select a word
<< please select a page