S[eònaid] M[hoireach] –00.05: Uill, ’s ann à Càrlabhagh a bha mo mhàthair, à Siabost bha mathair agus chaidh na dithis aca a-nall a dhAmeireaga, ’s ann an sin a choinnich iad ged nach robh iad afuireach ach sia mìle bho chèile. Agus phòs iad thall an sin. Agus bha mathair ag obair ann amFordfactaraidh agus rugadh mo phiuthar thall an sin, ach thàinig an uair sin anDepressionagus bha feagal orra gun cailleadh iad.. .gun cailleadh mathair a choba, agus thàinig mo mhàthair dhachaigh leis an leanabh ach dhfhuirich mathair gu faiceadh e an deigheadh cùisean na bfheàrr. Agus bha e gu math fortanach, cha do chaill esan an obair idir, ach an dèidh dha mo mhàthair a bhith a-bhos cha robh i ag iarraidh tilleadh air ais, agus mar sin dheth thill mathair air ais a Shiabost, agus sin fàite an do rugadh is thogadh mis’. Agus bha sianar anns an teaghlach againn, ceathrar nighean agus bhalach agus mise an còigeamh duine agus bha nighean eile às mo dhèidh còig bliadhna às dèidh sin, agus tha mi asmaoineachadh gur h-e sin e.

P[àdruig] M[oireach] –01.26: Agus mu dheidhinn teaghlach dathar, teaghlach do mhàthar, às.. . às a bha iad, iad fhèin?

SM01.32: O, à Siabost agus rinn anTBsgrios orra.

PM01.37: Seo teaghlach dathar.

SM01.38: Teaghlach mathar, is cha robh a mhàthair ach 38 nuair a bhàsaich i agus dhfhàg i seachdar a chlann. Agus bhàsaich an athair òg cuideachd, tha e coltach gun robh e a-muigh sa mhòine, arùsgadh na mònach airson sgioba is gun do dhfhuirich e a-muigh anmoch airson a chrìochnachadh agus gun tàinig fallas uabhasach air. Thòisich e an uair sin le tinneas agus thàinig e gupneumonia, agus bhàsaich e lepneumonia. Is nuair a thàinig mathair dhachaigh às Ameireaga cha robh duine as an taigh, cha robh duine air a bhith as an taigh airson bliadhnaichean, agus thàinig air tòiseachadh air togail a-rithist.

PM02.26: An robh e air a dhol na thobhtno ?

SM02.28: Bha.. .uill, bha, cha robh càil a dhfheum as an taigh agus thog e taigh eile ri thaobh.

PM02.32: Agus mus deach e a dhAmeireaga.. . an aois a bha e nuair a chaidh e a dhAmeireaga?

SM02.37: Uill, tha mi asmaoineachadh gun robh e trì no ceithir air fhichead.

PM02.40: Agus ron sin ma-thà, .. .an robh e anns achiad.. .as achiad chogadh no.. .?
S02.46: Bha, bha e ro òg airson achiad chogadh ach bha e anns amhailisidh nuair a bha e glè òg, ro òg, cha robh e ach ceithir deug ach bha iad afaighinn airgead air choreigin, retainerno rud air choreigin airson sin. Agus tha mi acreidsgun robh truas ris an teaghlach agus fhuair e troimhe. Ach nuair a bhris an cogadh fhuair iad a-mach an aois cheart aige.

PM03.08: So cha robh e an sàs sa chiad chogadh idir, an robh?

SM03.11: Cha robh. Bha e san Nèibhidh.

PM03.12: Bha e san Nèibhidh, uh - huh. Agus an aois a bha e an uair sin, a bheil fios agad?

SM03.16: O, tha mi acreidsgum biodh e sia deug.

PM03.18: Agus rinn es dòcha bhliadhna an sinn as achiad chogadh?

SM03.21: Chan eil fhios am, cha bhiodh e abruidhinn air uair sam bith, ach bha e san Nèibhidh agus bha a bhràthair, Alasdair, chaidh esan a ghairm dhan achogadh ach chaidh a leòn. Agus thàinig esan.. .thàinig air a thighinn dhachaigh airson treiseag co-dhiù. Agus dhfhalbh iad an uair sin, thug an athair na dithis aca aKhinlochlevena dhobair, agus tha mi acreidsgur h-ann às dèidh sin a chaidh mathair dhan an Nèibhidh.

PM03.54: Agus seòrsa obair a bha.. .a bha e ris ann an Ceann Loch Lìobhann?

SM03.57: Tha mi asmaoineachadh gur h-e sglèat a bha adol an sin an uair sin.

PM03.59: Ag obair anns na cuaraidhean.

SM04.00: Anns na cuaraidhean, uh - huh.

PM04.01: Bha e gu math òg nuair a bha e adèa.. .adèanamh an obair chruaidh a bha sin ma-thà.

SM04.03: O, bha gu dearbha, bha gu dearbh agus cha be obair furasta a bhann, agus chaidh e gu muir an uair sin aguss e leum an t-soitheach a rinn e ann anNew Yorkagus thàinigtonsilitisair is chaidh a thoirt dhan ospadal aguss e aon sgilling dhan t-seann dùthaich a bhaige, agus cho luaths a fhuair e air a chasan beagan shoighnig e e fhèin a-mach is fhuair e choba ann anrestaurant, anighe na soithichean.

PM04.41: Bha seo ann anNew York?

SM04.42: Ann anNew York, is bha sinall rightgus an dfhuair e pàigheadh no dhà, is an uair sin dhfhàg e sin is fhuair e.. .chan eil, chan eil fhios am anjobeile a fhuair e. Ach rinn e a shlighe achuid is achuid a-nall a Dhetroit, agus bhon is ann mar sin a thàinig e ann, dhfheumadh e an t-ainm aige atharrachadh, is an àite Pàdruigs e Alex a bhair.

PM05.10: Carson a rinn e sin a-nis? Carson.. .carson a bha aige ri sin a dhèanamh?

SM05.14: Uill, ’s e, ’s e leum an t-soitheach a rinn e.

PM05.16: O, ceart, so bha feagal air gun, gun deigheadh a ghlacadh le na poilis.

SM05.21: Gun deigheadh a ghlacadh is gun deigheadh a chur dhachaigh no am biodh iad gan cur. Aguss e Alex MacLeod a bhair. Agus bhithinn an-còmhnaidh asmaoineachadh bu choireach gun dfhuair e air pòsadh na ainm fhèin, ach feumas e a bhith gun deach.. .gun do chuir e achùis troimhe, gun do rèitich e achùis no rudeigin.

PM05.42: ’S dòcha nach robh iad buileach cho èifeachdach sna làithean sin aguss a tha iad an-diugh!

SM05.46: Cha robh iad cho mionaideach!

PM05.48: Cha robh iad cho mionaideach, cha robh. Agus bha.. .bha e ag obair. ..

SM05.51: Bha e ag obair ann amFordan uair sin is bha e ag obair ann a shin gus an tàinig e dhachaigh.

PM05.54: Sheadh, is an obair a bhaige an sin?

SM05.56: O, uill chan eil fhios am, bha e timcheall airtoolsco-dhiù, tha fhios am air an sin, bhon.. .rinn e fhèin aguspaldha a bha ag obair còmhla ris, bha iad aminigeadh gum bu chòir dhan a, dhan amforeman.. .an àite an leigeil air falbh can aig sia uairean is èigheachd an uair sin natoolsa chur air falbh, gum bu chòir dha èigheachd orra beagan na bu thràithe gus am biodh iad acoiseachd a-mach aig sia uairean, is chaidh.. .rinn iad beaganstrike.

PM06.22: Agus ciamar a chaidh dhaibh?

SM06.24: Chaidh glè mhath, chaidh glè mhath. Fhuair iad air adhart le sin, is an àite a bhith leth-uair a thìde acu.. .acur seachad natoolsmar sin, bha iad acur sin seachad mu, mu leth-uair a thìde mus do.. .mus robh an t-àm ann.

PM06.38: Ceart, so an robh.. .an robh dathair an sàs gu mòr anns a.. .as aghnothach sin, as an aonadh mar gum biodh, as anunion?

SM06.44: O, chan eil fhios am an robhunionann, aigtha fhios? Ach cha robh iad afaicinn sin ceart is sheas iad an còir is rinn iad achùis.

PM06.55: Is nuair a, nuair a chaidh e ann, an robh.. .an do thachair e ri.. .nuair a leum e far an t-soithich ann anNew York, an robh.. .an robh daoine ann anNew Yorka baithne dha an uair sin?

SM07:07: Cha robh, aon duine beò, cha robh. Ach bha dhà no thrì ann an Detroit a bha thall roimhe.

PM07:12: Sin as coireach gun, gun do rinn e a shlighe a-nall an sin.

SM07:14: Sin bu choireach gun robh.. .gun robh Detroit cho.. .cho inntinneach. Agus bha e afuireach còmhla ri Alex MacLeod a bha seo, chan eil.. .chan eil cuimhnam às a bha e. ..

PM07:26: So bha an dithis aca mar Alex MacLeod anns an aon taigh?

SM07:29: Bha an dithis aca na Alex MacLeod.

PM07:32: Duilich dha na h-ùghdarrasan grèim fhaighinn orra tha mi acreidsinn!

SM07:34: Gu dearbha, gu dearbha. Agus bha mo mhàthair nuair a chaidh i a-nall bha ise ag obair as, ann an taigh-mhuinntireis, agus bha iad afaighinn sin o man saoghal eile, an taca ri muinntireas ann an Glaschu no ann an Breatainn.

PM07:48: Agus seo do, do mhàthair fhèin a-nis, agus às a bha is’, agus carson a chaidh i a-nall a dhAmeireaga agus an aois a bha i is.. .?

SM07:56: Uill, bha a piuthar thall roimhpagus fhuair a piuthar air adhart glè mhath is bha i ag obair ann an taigh, agus bhapalaic’ ’s ann à Siabost a bha i agus chaidh na dithis aca a-null, Peigi agus an a bha seo à Siabost, agus bha mo mhàthair agus piuthar an eile ag iarraidh an leantainn. Agus chruinnich iad beagan airgead dòigh air choreigin ach chaidh an còrr a chuir thuc’, agus chaidh iad a-nall an sin. Agus chaidh mo mhàthair a-nall an sin, agus bha i ann, mar gun canadh tu, official. Agus thòisich iad ag obair ann an taigh-muinntireis agus. ..

PM08:40: Seo ann an Detroit a-rithist?

SM08:40: Ann an Detroit, agus ma chuala tu a-riamh mu dheidhinn anactressJulie Adam.. .Julie Harris.. .?

PM08:48: Chuala.

SM08:49: O, uill, bha mo mhàthair anns an taigh-mhuinntireis sin agus bhiodh i acoimhead às dèidh Julie Harris agus a bràthair, agus fhuair do phiuthar litir bho bràthair Julie Harris, bha i air dealbh a chuir thuca den an dithis aca, agus fhuair i litir bho.. .bho bràthair Julie Harris. Agus tha e coltach gun robh iad uabhasach snog an taca ri.. .ri nabossaicheana bha.. .a bha a-bhos an seo.

PM09:15: So bha i greis aig muinntireas a-bhos an seo mus deach i a-nall a dhAmeireaga airson an aon obair a dhèanamh?

SM09:20: Bha, bha mas e muinntireas a chanadh tu ris no an e, an eslavigeadh.

PM09:26: Ceart, agus cuin a thòisich i air an obair sin?

SM09:29: Uill, tha.. .bha i aig an sgadan an toiseach, tha mi acreidsgun robh i còig-deug nuair a dhfhalbh i chun na sgadain, agus cha do chòrd sin rithe idir idir.

PM09:35: seòrsa obair a bhiodh aca ri dhèanamh an uair sin, leis an sgadan?

SM09:39: O, acutadh is acutadh is asailleadh is adol.. .gan cur ann am baraillean agus. ..

PM09:45: An robh.. .am biodh i alea.. .aleantainn an iasgach timcheall costaichean Bhreatainn?

SM09:59: O, cha do lean ise e ro fhada, chaidh i air mhuinntireas, achs e a piuthar a thug air falbh i, i fhèin agus eile, agus cha robh iad a-riamh air falbh ron sin. Nach e triùir a bha sa chriubh’? Tha mi asmaoineachadh gur h-e triùir a bha sa chriubh’, agus ach.. .cha do chòrd e idir riutha.

PM10:07: Is an deach i?

SM10:08: Tha.. .dhfhuirich i an Glaschu. Bha piuthar, piuthar a h-athar ann an Glaschu, agus chaidh i a dhfhuireach còmhla rithese airson treiseag gus an lorgadh i choba. Ach cha robh sin fada, agus bha iad adèanamh glè mhath, chan eil fhios am man a bha iad ga dhèanamh, cha robh iad air faicinn tòrr de na, de na rudan sin, cha robh air faicinncauliflowerno navegetablesa bhiodh aca ann a shin. Ach rinn iad troimhe, bha iad adèanamh mearachdan gu leòr, ach fhuair iad troimhe.

PM10:40: Is seòrsa obair a bhaica-nis, an ann aglanadh a bha i no acòcaireachd no a h-uile càil dhan sin?

SM10:44: Uill, a h-uile càil dhan sin. Bhiodh i fhèin abruidhinn air, air.. .gur h-ebetween maida bhinnt’.

PM10:50: Seadh, tha sin aciallachadh gun dèanadh i a h-uile càil.

SM10:52: Rud sam bith, Jack of all Trades. Agus bha.. .bhiodh i.. .bha aon uair agus thuirt iad rithgum feumadh i amfurnacea bha seo, an stòbha a bha seo a lasadh as amhadainn mus tigeadh an còcaire sìos, agus dhèirich i ro sia uairean sa mhadainn is chuir i an stòbha air ach bha i cho sgìth is leis achadal is nuair a thàinig an còcaire sìos bha i na cadal ri taobh an stòbha.

PM11:18: Sheadh, agus an dfhuair i a -thalamh airson sin?

SM11:20: O, cha do dhinnis an còcaire ann.

PM11:22: Ceart.. .seach gun robh an teine adol.

SM11:25: Tha mi creidsnam biodh i air innse gum biodh iad air sealltainn an doras dhi, ach sin man a bha.

PM11:33: Agus seòrsa sioftaichean a bhiodh i adèanamh, a bheil fios agad?

SM11:36: Och, aon latha dheth as amhìos agus bhiodh iad ag obair bho mhoch gu dubh gus am biodh an obair dèant’. Cha dèanadh duine sin an-diugh, dhiarradh orra a dhèanamh.

PM11:47: An e.. .an e.. .an uair sin an cuala i bho a piuthar a bha thall ann am Ameireaga an toiseach gun robh.. .gun robh cùiseans dòcha na bfheàrr thall an sin, agus gur h-e sin a thug oirre a dhol a, a dhAmeireaga?

SM11:57: ’S e, ’s e.

PM11:58: Airgead na bfheàrr agus. ..

SM11:59: Airgead na bfheàrr, fada mhòr na bfheàrr is bha an obair na bu.. .na bfhurasta. Agus chaidh mo mhàthair agus piuthar an eile a-null còmhladh agus phòs na dithis aca thall an sin ach thill na dithis aca dhachaigh a-rithist.

PM12:16: Agus an robh an dithis aca ag obair as an aon taigh?

SM12:18: O, cha robh, cha robh, cha robh.. .cha robh. Ach, och bha gu leòr, gu leòr Gàidheil thall an sin.

PM12:25: Tha iad ag ràdh sin.

SM12:26: Nuair a bhios mise acoimheadreporta bha as a’ Ghazetteairson pòsadh mathar is mo mhàthar, bha còrr is trì ficheadguestsann is cha robh duine acnach robh às an eilean.

PM12:39: Seo ann an Detroit?

SM12:40: Sheadh, nach eil sin ag innse dhut na bhann.

PM12:43: Tha. Agus an do choinnich iad ri chèile?

SM12:45: Ann an Detroit.

PM12:46: Ceart ach an robh.. .an robh cluba.. .clubaichean.. .air an t-sràid no.. .?

SM12:51: O, bha.. .Lewis Societyann an Detroit.

PM12:54: Bha na h-uibhir a Leòdhasaich ann aig an àm sin agus. ..

SM12:57: Bha, bha ataomadh le.. .bha.

PM12:58: Gum faodadh Comunn a bhith aca dhaibh fhèin.

SM13:00: Sheadh agus bha Eaglais aca dhaibh fhèin, Eaglais Ghàidhlig ann an Detroit agus bhiodh na teaghlaichean gu lèir adol ann a shin is bha iad acumail suas aGhàidhlig riuth’. Ach dhfhuirich pàirt aca thall, thall ann an Detroit is thàinig feadhainn eile dhachaigh man mo mhàthair is mathair.

PM13:22: Is thug orra ma tha tighinn dhachaigh, tighinn air ais a Leòdhas?

SM13:26: Uill, chaidh mo mhàthair agus a leanabh thàinig iad dhachaigh air sgàths gun robh feagal orra nam fuiricheadh iad gun càilleadh mathair a choba. Is bha mathair airson an cur dhachaigh airson iad a bhith cinnteach. ..

PM13:41: ’S ann, ’s ann a bha seo aig lei.. .nuair a bha anDepressionadol ann an Ameireaga.

SM13:44: Bha e fèir atòiseachadh, toiseach anDepressionis cha robh cùisean acoimhead ach meadhanach. Agus bha iad aminigeadh gur h-e sin a bfheàrr dhaibh a dhèanamh. Ach bha mathair a-riamh.. .cha robh e a-riamh.. .bha e duilich gun do thill iad air ais.

PM14:04: An robh e agabhail aithreachas?

SM14:06: Bha e agabhail aithreachas nuair a chitheadh e e fhèin a’ slavigeadhair achroit is mòine is siud is seo agus anlifea bhaca ann an Detroit cho furast’, ach cha robh.. .cha robh sin tarraingeach dha mo mhàthair idir. Bha a pàrantan beò agus bha a peathraichean agus an teaghlach aca ann a shin agus. ..

PM14:25: ’S beag an t-iongnadh a-rèiste gun robh i ag iarradh tighinn dhachaigh.

SM14:27: Bha i ag iarraidh tighinn dhachaigh, ach cha robh càil ann airson mathair idir idir.

PM14:32: Is am biodh iad abruidhinn air.. .am biodh an dithis aca ag ionndrainn Ameireaga mar sin idir? An cuala tu a-riamh do mhàthair ag ionndrainn.. .?

SM14:39: O, cha robh ionndrainn idir aice, ach bhiodh i abruidhinn air an-còmhnaidh agus bhiodh i abruidhinn air an seòrsalifea bhaca is man a bhiodh iad ag obair is cho snog is a bha na bossaichean riuthan taca ri feadhainn eile.. .agus nuair a bha iad ann an Glaschu cha mhòr gun robh iad afaighinn biadh.

PM14:57: Nach biodh iad ga, gam biadhadh ann?

SM14:59: O beagan, beagan. Bha do sheanmhair, do sheanmhair Ghlaschu ag innse dhomh uaireigin, bha ise ann an taigh is bha an sin alorg searbhantairson na nighean aice. Agus bha i afaighneachd dhi an aithneachadh ise duine, is thug i dhi ainm an a bha seo is fhuair i choba. Ach chuala i an latha bha seo i ag innse dhan nighinn aice, ‘Nisearsise, ‘Cha leig thu leas bracaist a thoirt dhaibh.. .na dhi.. .cha bhi mise atoirt bracaist dha Chrissie idir’.

PM15:33: Is am biodh iad afuireach as a.. .as, as na taighean sin nuair a bhiodh iad adèanamh muinntireas?

SM15:37: Bhiodh, ach cha robh càil a dhfhios aig achailleach nuair a bhiodh i adèanamh bracaist abhodaich gun robh i agabhail a leòr, is bha i glè cheart.

PM15:45: Bha, bha, bha.

SM15:46: Bha, ach sin an seòrsa.. .man a bha iad afaireachdainn a thaobh.. .a thaobh na searbhantan, cha robh spèis sam bith dhaibh.

PM15:55: Cha robh.

SM15:56: Cha robh.

PM15:57: Ach bha e eadar-dhealaichte thall ann an Ameireaga.

SM15:58: O, bha e eadar-dhealaichte.

PM16:00: Bha iad air an treatadh tòrr na bfheàrr thall an sin.

SM16:02: Fada mhòr na bfheàrr, bha, man duine as an teaghlach.

PM16:05: Cho math sin.

SM16:06: Cho math sin.

PM16:09: Agus thill iad an uair sin a, a Shiabost?

SM16:12: Uill, bha iad afuireach ann an Ciribhig ann an taigh mo sheanar airson treiseag, gus an do thog mathair an taigh, ach bha e afaighinn tòrr cuideachadh leis an sin cuideachd is chaidh e an-àirde gu math luath. Agus thàinig iad a Shiabost an uair sin, aguss ann an sin a rugadh an còrr dhan teaghlach. Uill, rugadh mo bhràthair ann an Ciribhig ceart gu leòr, ach achòrr dhan a, dhan an teaghlachs ann ann an Siabost a rugadh iad, Siabost bho Dheas.

PM16:38: Ceart, aguss ann ann an Siabost a chaidh do thogail fhèin a-rèiste.

SM16:41: ’S ann, ’s ann agus cha burrainn na bfheàrr.

PM16:45: ‘Siabost as bòidhche leam’, mar a chanas iad. Agus achiad chuimhne a thagad ma-thà, is tu afàs suas ann an Siabost?

SM16:52: Uill, tha, tha e iongantach, achiad chuimhne a thagams’, agus is iongantach mura robh mi rudeigin faoin, ’s dòcha gun lean sin, ach bha mo, mantaidh ann an Ciribhig apòsadh agus tha cuimhnam an dreasa a bhorm. Tha cuimhnam. . .chì mi fhathast e uaine, satin, ach cha bann leam fhìn a bha e. ’S e bhann fear a bhaig nàbaidh, nighean nàbaidh agus fhuair mi e airson abhanais. Ah, bha mi asmaoineachadh gun robh mi dìreach.. .nise cha robh mi buileach trì bliadhna nuair a phòs Màiri mantaidh is tha cuimhnam air an latha sin cho math, ach achòrr dhan abhanais no man a fhuair mi ann no man a thàinig sinn às, chan eil càil a chuimhnam.

PM17:37: Is an robh abhanais, an deach.. .?

SM17:38: Ann an Ciribhig ann an taigh mo sheanar man a bhiodh. ..

PM17:41: Banais-taighe. ..

SM17:41: Banais-taighe man a bhiodh ann an uair sin, ach is iongantach mur an do chaidil mistron achùis bhon chan eil càil a chuimhnam.

PM17:48: Agus cia mheud a bha san teaghlach ma-thà, agaibhse?

SM17:52: Bha sianar anns an teaghlach againn is bha ochdar afuireach as an taigh, agus bha mo sheanmhair afuireach.. .ghabh i stròc, mo sheanmhair Chiribhig ghabh i stròc agus bha i againn.. .tha mi acreidsgun robh i bhliadhna no trì.

PM18: 07: Agus bha sibh afuireach ann an.. .ann an taigh dubh mar a chanas iad?

SM18:09: Bha, bha, uh - huh, agus. ..

PM18:12: Is ciamar a bha.. .ciamar a bha Siabost a Deas an uair sin ma-thà, an ceann a-staigh mar a chanas sibh fhèin? An robh tòrr dhaoine afuireach as a.. .as acheann sin dhan abhaile?

SM18:18: O, mo chreach. Às dèidh achogadh bha suas ri ceud duine afuireach ann, is chan eil ann an-diugh ach ceithir deug. Agus bha còig deug de chroitean ann, agus a thuilleadh air an sin bha thaigh air a thogail air feu, agus as achumantas bhiodh còigear, sianar is ochdar anns a h-uile taigh is bha an t-àite acur thairis. Bhiodh an lot ga obrachadh is bhiodh mòine ga dhèanamh, bhiodh coimhead às dèidh crodh is bhiodh an.. .och bha.. .bha tòrr, tòrr adol as abhaile.

PM18:57: Am biodh fighe adol cuideachd?

SM18:59: Bha fighe adol an uair sin, bha, ach bha.. .cha robh e buileach cho.. .seadh cha tàinig e gu ìre buileach mar a thàinig e fo dheireadh. Achs e beart-fiodha a bhaig mathair an toiseach agus thàinig an uair sin an Hattersley agus dhfhosgail muilinn ann an Siabost, agus bha iad afaighinn clòithtean an uair sin. Ach bha e uabhasach duilich dhaibh, bha iad.. . ’s eself -employ.. . employersa bhannt’. Nise, mura fhaigheadh iad clò cha robh càil air an son, cha burrainn dhaibhbenefitsam bith fhaighinn agus bha cùisean gu math duilich uaireannan, seadh mus do dhfhàs na clò.. .clòithtean cho pailt’.

PM19:48: Ceart.

SM19:49: Ach cha bhiodh na boireannaich an uair sin ag obair idir, bha gu leòr aca ri dhèanamh am broinn an taigh’, agus cha robh càil adol as achroit nach biodh iad agabhail pàirt ann, ach a-mhàin treabhadh. Cha bhiodh iad afalbh leis an each idir. Ach achòrr, bha iad aig a.. .aig a h-uile càil a bha ri dhèanamh as an lot.

PM20:09: Agus na beathaichean a bha.. .a bha timcheall oirbh a-rèiste?

SM20:12: Na beathaichean?

PM20:13: Bha each agaibh is bha cearcan agaibh an robh is cao.. .uill bhiodh sibh acumail caoraich is an robh crodh.. .?

SM20:19: Bha each faisg air a h-uile taigh is bha bhò agus.. .as a h-uile taigh agus bhiodh iad atogail laogh agus an uair sin areic an laoigh as t-fhoghar. Bhiodh dròbhair atighinn timcheall agus bhiodh e atoirt leis na laoigh. Ach bha bhò ann as a h-uile taigh. Nuair a dheigheadh an dàrna seasg bha boinne aig an eile. Dhfheumadh tu boinne bhon cha robh, cha robh achòrr.. .cha robh boinne atighinn an uair sin ann. Ach achuid is achuid, tha mi asmaoineachadh nuair a thòisich na tractaran chuir iad dhiubh.. .chuir iad na h-eich air falbh an nuair sin, is cha robh feum air na h-eich.

PM21:00: Is cuin a thàinig na tractaran?

SM21:02: Tha mi asmaoineachadh gun robh e toiseach na.. .no meadhan na, na 50s, is bha an tractar an uair sin adèanamh obair an each, is cha leigeadh iad a leas a bhith acroitearachd airson beathachadh an each. Bha corra dhuine ga chumail, chum mathair e airson amhòine, ach bha an t-each eadar e fhèin agus nàbaidh dha, agus bha iad ga obrachadh mar sin. Ach bha an crodh, bha an crodh atoirt a-mach tòrr tìde. Mus deigheadh iad dhan amhòine dhfheumadh iad abhò, achrodh a chur suas dhan achladach.. .agus nuair a thigeadh iad dhachaigh bha an aon rud ann, achs e sinne mar bu thrice a bhiodh acur an crodh suas ri cladach nuair a bhleoghnadh mo mhàthair as amhadainn, agus bhiodh streud againn afalbh an uair sin a dhiarraidh achrodh agus gu math trics e an crodh a bha gar toirt dhachaigh fhìn, bha barrachd ciall aig a.. .aig achrodh agus bhiodh sinne acluiche is. ..

PM22:04: Ceart, so bha e, bha e acòrdadh ribh a bhith adèanamh sin ge-, bha sibh afaighinn spòrs gu leòr ann abhith acoimhead às dèidh achrodh.

SM22:09: Bha, bha, bha. Bhiodh batagainn afalbh le.. .afalbh a dhiarraidh achrodh is biodh sinn acluichecricketnar beachd fhìn, na càil mar sin, ist.

PM22:18: Cha do chuir.. .cha robh.. .cha do chuir na, na can tarbh a-riamh feagal oirbh mar sin.

SM22:29: O, uill bha feadhainn aca a dhfheumadh tu a bhith faiceallach, bha aon againn fhìn a bha, a bha abualadh agus thàinig air mathair a chur.. .a mharbhadh.. .cuir às dheth. Ach bha iad somhaltgu leòr is thigeadh iad dhachaigh leotha fhèin às dèidh.. .gu math riaraichte às dèidh an leòr ith’, agus bha an loch rin taobh mus tigeadh iad dachaigh is bha iad.. .bha iad agabhail deoch ann a shin. Agus an uair sins e am bleoghann is bhiodh mo mhàthair.. .och bha, bha peile, peile moch is anmoch de bhoinne ann, agus nuair a bhiodh cus boinne ann bhiodh iad acur sìos miasan is ga fhàgail dhà no thrì làithean. Agus bhiodh a, bhiodh am boinne afàs tiugh agus an t-uachdar atighinn. Agus bhiodh iad atoirt an uachdair dheth is adèanamh gruth leis abhoinne tiugh, agus bhiodh boi.. .boi.. .gruth is bàrr an uair sin aig a h-uile duine, is ìm, bhiodh feadhainn adèanamh ìm agus bha sin gu math càilear. Ach gheibheadh tu ìm bho cailleachan agus o mo chreach. Bha seann chailleach ris.. .ri taobh an taighe againn, cailleach snog is bhiodh i ag innse sgeulachdan aosta dhuinn agus bu chaomh leinn uabhasach a bhith adol ann is ag èisteachd rithe. Ach bheireadh i dhuinn pìos ìm agus ged a bha sginn gu leòr aic’, siud man a bhiodh i le a corraig acur an, acur an ìm air aphìos. Agus bha an t-ìm cho aosta agus bha cnapan salann ann, salann garbh, is bhiodh fadachd oirnn gun tigeadh na cearcan mu ar casan gus am faigheadh sinn air, air sin a thoirt dha na cearcan. Cha burrainn dhuinn an ithe, ach och bha i cho snog. Ach bhiodh geamhradh.. .bhiodh an t-ìm bho.. .bho.. .bhon samhradh ron sin, bha salannof coursega ghleidheil, ach bhacrunch.. .as na, as na.. .o mo chreachsa.

PM24:35: Ceart agus na làithean-sgoile agad a-nis ma-thà.

SM24:41: Uill, a-rithist tha cuimhnam a bhith atoirt fios dhan a, dhan achlann-nighean a bha an ath-dhoras, is tha cuimhnam bhorm, ach airson ruighinn na sgoil’, no achiad latha, no achòrr mu dheidhinn, chan eil càil a chuimhnam air idir, idir, idir. Ach tha.. .o tha cuimhnam gur h-e latha brèagha a bhann. Nise, thòisich mise anns an sgoil tha mi creidsgum biodh e toiseachAugust, dìreach às dèidhplayan t-samhraidh, agus bha tìde ann a bha àlainn. Agus chaidh sinn gu.. .dhan achiad clas is bha chlas as a h-uile rùm, is bha an tidsear againn cho foighdneach, och bha i man màthair, ’s e fìornannya bhinnte, agus tha.. .o bha, bha.. .nuair a dheigheadh sinn a-steach dhanchlassroomdhfheumadh achlann-nigheansalu .. . bowigeadhrithe, loidhne againn adol a-steach agusbowigeadhris an tidsear, agus bha na balaich adèanamhsalute. Shin agad e, nach robh. ..

PM25:41: An ann às an sgìre fhèin a bha an tidsear?

SM25:42: ’S ann, ’s ann à Siabost, bhon aChàrnan. ’S e.. .is bha i air a bhith ateagasg pàrantan feadhainn a bha còmhla riumsa. Agus o bha.. .bu chaomh leis a h-uile duine Màiri, Màiri aPhoilis a bhiodh.. .an t-ainm a bhoirre.

PM25:59: Ceart, uh - huh. Agus cia mheud.. .cia mheud de.. .de chlann a bha adol dhan an sgoil, dhan abhun-sgoil nuair a thòisich thu fhèin an sgoil, bhon acheann a-staigh an uair sin?

SM26:08: Bha streud againn a-mach an rathad. Tha mi creids’. . .uill bha deugachadh againn, às a.. .às acheàrnaidh againn dhen bhaile adol a-mach, is bha tuilleadh mar a ghabhadh tu air adhart chun na sgoilann am pàirt eile dhan bhaile. Ach bha.. .bha an t-uabhas chlann ann, is bha chlas as a h-uile rùm, is tha mi creidsgum biodh.. .tha mi creidsgum biodh mu fhichead duine anns gach clas.

PM26:30: An robh?

SM26:31: Bha, bha. Is chan eil cuimhnam nuair a bhiodh leasan aig an dàrna clas, gun robh e adèanamh cron sam bith, seadh gun robh sinn agabhail a-steach càil dhan sin, nach robh sinn adol air adhart le ar leasain fhìn. Ach nam biodh na tidsearan asgrìobhadh leabhar.. .tha mi creidsgun dfhuair iad freagairtean a bha.. .bha èibhinn.

PM26:52: Tha mi creids’. Agus bha.. .tha pìos ann eadar fàitan robh sibh fhèin afuireach agus an sgoil, am biodh sibh acoiseachd ann is air ais a h-uile latha?

SM27:03: O, achòrr a bhair ar son? Tha.. .tha faisg air mìle ann.

PM27:07: Cuiridh mi geall gu bheil.

SM27:09: Is an dèidh sin bha e iongantach bhon gu math tric is sinne achiad daoine a bha as an sgoil. Ach as agheamhradh o bhiodh sinn alugalais dhachaigh, is bhiodh sinn aslaighdigeadh air na lòin agus adèanamhsnowballs, adèanamh slaighd agus.. .ach cha do shaoil sinn càil dheth, bha a h-uile duine ga dhèanamh is bha bòtannan ispixie, ma tha fhios agad thann ampixie?

PM27:35: Chan eil, nach innis thu dhomh thann ampixie?

SM27:38: Uill, cha be bonaidean a bhoirnn idir bhon chan fhuiricheadh sin mar ceann, is bhiodh iad afighehood, marhoodagus bha, bha toban, toban air a chùl mar seo, bhiodhpom - pomann no rudeigin aguss epixiean t-ainm a bhair. Agus bha strap fon.. .fon an smagailt agus bha thu gad do, ga cheangal mar sin.

PM27:58: Nàdar de bheannag?

SM28:00: ’S e, ach bha, cha.. .uill nàdar.. . ’s ehooda chanainnsa ris. Ach bha e ceangailte air achùl agus dhfheumadh tu dophixiea chur ort mus deigheadh tu dhan sgoil is.. .bhapixieair a h-uile duine, bha feadhainn aca na bu spaideile.

PM28:15: Seo na.. .seo achlann-nighean ge- cha robh, cha robh.. .cha bhiodh na balaich acaitheamh leithid an rud idir?

SM28:20: O, mo chreachsa, ud ud cha bhiodh, cha bhiodh. Agus bhiodh bagannan-sgoile aig achlann-nighean, ach cha bhiodh aig na balaich, bha sin rudeiginsissytha mi acreids’, agus bhiodh, bhiodh seacaidean orra lezip, agus siud a.. .siud an sgoil aca, bhiodh iad acur na leabhraichean a-steach an sin.

PM28:36: Agus nuair a thòsich thu sa bhun-sgoil an ann le sglèatan agus. ..

SM28:40: O, ’s ann is leslate pensis bha sgreuchail ann. Agus bha mise dhà no thrì bhliadhnaichean anns an sgoil mus do thòisich an.. .mus do dhfhosgail an canteen. Agus bhiodh sinn afaighinn copan còco agus pìos càisagus pìosjamaig tìde diathaid. Nise bha am pìosjam all right, ach am pìos càis’, chan eil fhios am seòrsa càise a bhann, bha i uabhasach làidir air choreigin is cha bhiodh mòran againn agabhail sin. Ach bhiodh sinn agabhail an copan cofaidh.. .an còco.. .agusjam. Nise, nan deigheadh sinn a-mach air a chèiles e an rudInnsidh mi dhut.. .innsidh mi dhan tidsear nach do dhith thu do phìosis bha tiùrr dha na pìo. ..

PM29:22: Agus am biodh.. .am biodh sibh air ur peanasachadh mura h-itheadh sibh ur.. .ur pìosan?

SM29:24: Och is iongantach gum biodh, achs e, ’s e threat uabhasach a bha seo, agus anns antoiletair cùl an.. .air cùl ancisternbha poidhle mòr dha na.. .dha nasandwichessin le càis’.

PM29:37: Cha robh duine gan iarraidh ann.

SM29:38: Och, corra dhuine a bha gan iarraidh, agus.. .ach co-dhiù nuair a dhfhosgail an can.. .canteen, ochs e rud eile a bha sin. Bhiodh sinn afaighinnstewnominceno.. .ispuddingis och, bha sin math.

title1
internal date2019.0
display date2019
publication date2019
level
parent textSeònaid Mhoireach
<< please select a word
<< please select a page