E[airdsidh] C[aimbeul]―00 :05: Catrìona, fàilte an-diugh agus mòran taing airson bruidhinn rinn aig do thaigh fhèin ann an Loch aChàrnain. Am burrainn dhuibh tòiseachadh le dìreach rud beag innse dhuinn mur deidhinn fhèin agus an teaghlach agus an t-àite far an do rugadh sibh is thogadh sibh?

C[atrìona] N[ic an t- Saoir]―00 :05: ’S ann à Baile aGharbhaidh as an Ìochdar a tha mi, ’s ann a rugadh mi aguss ann a chaidh mo thogail, agus bha…is mi as sine dhen teaghlach, bha…tha còignear san teaghlach againn, aguss e mise as sine. Tha bràthair…triùir bhràithrean agam agus piuthar aguss e… ’s e àite math a bhann a bhith…a bhith afuireach ann

EC―00 :51: ris a bha e coltach a bhith afàs suas ann am Baile aGharbhaidh, an robh tòrr…an robh tòrr charactaran timcheall ann an… ?

CN―00 :55: Uill bha, ach bha e car iomallach, cha robh rathad math adol a Bhaile aGharbhaidh an uair ud idir, agus mar sin cha bhiodh mòran atadhal oirnn, ach bha coimhearsnachd math sa bhaile fhèin. Cha robh mòran ann, ach sin mar a bha e, ’s e sin a bha sinn eòlach air, is bha e math.

EC―01 :14: Agus am biodh sibh a-muigh air an tràigh tòrr nuair a… ?

CN―01 :17: Bha sinn acur seachad mòran ùine as achladach, bha cladach cho faisg oirnn, agus bhitheamaid acluich, bhitheamaid acluiche sa chladach, adèanamh baile air an tràigh agus an uair sin afeitheamh gus an tigeadh an làn gus an rachadh am baile againn fodha is…bha , bha sinn adèanamh mòran cluich, ach bha sinn trang cuideachd. Bha sinn adèanamh mòran mun cuairt air an taigh is air achruit is…

EC―01 :41: Bha sibh acumail cruit?

CN―01 :42: Bha, bha cruit…bha cruit againn.

EC―01 :44: An robh crodh agaibh?

CN―01 :45: Bha. Bha crodh…crodh agus caoraich againn agus bha sinne acuideachadh, bha a h-uile duine a bha a-staigh acuideachadh. Bha mhart… ’s dòcha trì againn uaireannan agus caoraich. Cha robh…cha robh na cruitean uabhasach mòr ann am Baile aGharbhaich, cruitean beaga. Agus as t-samhradh, bhiodh na beathaichean adol dhan mhachaire agus bhitheamaid afalbh leotha gach madainn sìos dhan mhachair, machair an Ìochdair, agus an uair sin feasgar adol gan iarraidh a-rithist, aguss e an obair aig achloinn a bha sin. Bha sinn abuain mhònadh ann an Loch aChàrnain, a-staigh air rathad Loch aChàrnain, agus so bha astar…bha astar againn ri coiseachd, ’s ann acoiseachd a bha sinn, coiseachd chun na mònadh. Chan eil cuimhnagamsa bhith an sàs ann am buain na mòineadh, ach bhitheamaid atogail is acruthachadh is acruinneachadh is gan toirt chun an rathaid. An toiseachd, ’s ann le làraidh, làraidh Phàdruig Bhig a bhitheamaid gam faighinn dhachaigh, ach aon uair is gun dfhuair mathair tractar bhiodh e atighinn leis an tractar. Ach bha sinn uileadh acuideachadh, agus bhitheamaid gan toirt le poca chun an rathaid agus bha e gu math doirbh.

EC―02 :58: Agus a thaobh foghlaim is sgoileadh, an deach sibh dhan sgoil anns an sgìre fhèin?

CN―03 :02: Chaidh, chaidh mi dhan sgoil as an Ìochdar, chaidh mi dhan sgoil dìreach nuair a bha mi còig bliadhna, chaidh mi dhan sgoil aig aChàisg, bha mi còig dìreach aig deireadh an Fhaoillich agus chaidh mi dhan sgoil aig aChàisg, agus bha an sgoil gu math trang, ’s dòcha gum biodh…chan eil fios a’ m…leth -cheud no trì fichead innte an uair sin, chlas agus bha…bhitheamaid…bha sinn acoiseachd, bha mise acoiseachd leam fhìn an toiseachd agus an uair sin mar a dhfhàs càch nas sine bhitheamaid acoiseachd nar teaghlach. Agus coiseachd eadar Baile aGharbhaidh is an sgoil, gheibheamaid tarsainn na tràghad nuair a bhiodh an làn a-muigh, agus mar bu trice gheibheamaid tarsainn na tràghad sa mhadainn no feasgar. Ach dhfheumamaid a dhol mun cuairt an rathaid aig an àm eile. Agus bha…bha…bha e math, ach bhiodh, bhiodh droch thìde gu math tric ann, bhitheamaid fliuch is fuar. Bha stòbhas an sgoil, stòbha-guail as an sgoil, agus bhitheamaid aseasamh aig an stòbhgus an tiormaicheamaid.

EC―04 :08: Agus, agus cuideachd, can, a thaobh biadh, an robh biadh ga fhaighinn san sgoil?

CN―04 :12: Bha, bha biadh…bha biadh as an sgoil nam chuimhne-sa, bha biadh, bha iad air tòiseachadh air dìnnear na sgoileadh.

EC―04 :18: Agus bainne as amhadainn cuideachd?

CN―04 :19: Bha, bainne cuideachd. Bainne sa mhadainn, agus dìnnear, bha.

EC―04 :24: Agus ciamar a chòrd an sgoil riut a thaobh leasain is ionnsachadh, an robh… ?

CN―04 :29: Chòrd…bha mise gu math fortanach, bha achiad dhà thidsear a bhagam, achiad dithis a bha ateagasg, gam theagasg-sa, bha iad fìor mhath. ’S e à Griomasaigh a bhann nuair a chaidh mi dhan sgoil an toiseachd, MissNicolson, bhuineadh i do mhuinntir… ’eil fhios agad, na daoine aig. ..

EC―04 :52: An e Anndra, ’s dòcha?

CN―04 :53: Anndra, sin e, ’s e, ’s e. Agus bha ise uabhasach laghach, is an uair sin bha Miss MacPherson a phòs am ministear Smith a- rithist…

EC―05 :05: O, Katie Margaret?

CN―05 :06: Siud i Margaret, ’s e, is ise an dàrna tidsear a bhagam. Agus bha mise gu math fortanach, bha iad…bha iad gu math laghach. Agus ged nach robh iad acleachdadh Gàidhlig as an sgoil rinn, bha tuigse aca air Gàidhlig, agus mar sin…chan eil cuimhnagamsa idir uallach a bhith orm mu dheidhinn a bhith ag èisteachd is ag ionnsachadh ann am Beurla, son tha mi asmaoineachadh gun robh iad cho laghach is cho gasta rinn. Cha robh Beurla agamsa idir nuair a chaidh mi dhan sgoil, agus tha cuimhnam gun robh mi aleughadh ann am Beurla is gun fhios am bha mi aleughadh. Tha cuimhnam a bhith afaighneachd dha mo mhàthair is mi aleughadh mo leabhar-leughaidh aig an taigh agus bha mi asealltainn facal dhi is bha mi ag ràdh rithe…bha mi ag ràdh rithe ‘night – am facal a tha sin?’ is bha i ag ràdh riumsin an oidhche’.

EC―05 :52: So bha thu aleughadh gun a bhith atuigsinn, mar gum biodh…bha thu dìreach carmechanical…mechanicalmar gum biodh?

CN―05 :57: ’S e, tha sin ceart. Bha mi air ionnsachadh mar a dhèanainn leughadh, ach cha robh mi atuigsinn a h-uile sian a bha mi aleughadh. Airsons e Gàidhlig, ’s e Gàidhlig a bha sinne abruidhinn fad na h-ùine, ’s e Gàidhlig a bha aig a h-uile duine a bha as abhaile, agus a chionns nach robh mòran atadhal oirnn, bha Gàidhlig aig a h-uile duine a bha sinne afaicinn.

EC―06 :16: Agus mar sin, as achlas, cha robh Gàidhlig sam bith?

CN―06 :19: Chan eil cuimhnam gun robh, chan eil cuimhnam gun robh. Ach chan eil cuimhna’ m…chan eil cuimhnam uallach sam bith a bhith orm mu dheidhinn a bhith ag ionnsachadh tro Bheurla.

EC―06 :28: Agus sin am bun-sgoil, agus thachair an uair sin, dè…dè an ath-cheum mar gum biodh?

CN―06 :33: An uair sin nuair a bha mi bhliadhndeug, a chionns gun robh mi meadhanach math anns an sgoil, chaidh iarraidh orm a dhol a Dhalabrog, agus bfheudar dhomh an taigh fhàgail an uair sin. Agus bha mi as an sgoil ann an Dalabrog airson ceithir bliadhna, dhfhuirich mise ceithir bliadhna ann. Dhfhaodainn a bhith air fàgail às dèidh bhliadhna is a dhol air adhart, ach bha mi airson fuireach ann an Uibhist, so dhfhuirich mise na ceithir bliadhna. Bha…aig .. .dìreach aig an àm ud, bhaO Levelsair tòiseachadh agus bha naO Levelsaig deireadh acheathraimh bliadhna, ach dhfhaodamaid falbh…ma bha thu meadhanach math as an sgoil, dhfhaodadh tu falbh aig deireadh an dàrna bliadhna, tha mi a’ smaointinn…feumaidh gun robhexamair choireigin ann is dhfhaodadh tu falbh, ach thagh mise fuireach airson na ceithir bliadhna, agus mar sin bha mi ceithir bliadhna an sin ann an Dalabrog, agus an uair sin dhfhalbh mi is chaidh mi dhan Ghearasdan. Dhfhaodamaid, a chionns gur h-e Siorrachd Inbhir Nis a bhann, dhfhaodamaid a dhol dhan Ghearasdan no a dhInbhir Nis. Agus thagh mise a dhol dhan Ghearasdan agus rinn mi an bhliadhna mu dheireadh as an sgoil as aGhearasdan.

EC―07 :37: Agus an robh sibh afuireach ann anhostel?

CN―07 :39: Cha robh. Cha robh mise a-riamh ann anhostel. Nuair a bha mi…nuair a chaidh mi dhan Ghearasdan cha robh àite sahostel, aguss ann aloidseadh a bha mi. Ach bha mi afuireach aig feadhainn a bhuineadh do Bheinn na Faoghla, Seonaidh Patersons a bhean. Agus…

EC―07 :58: As aChaol?

CN―07 :59: As aChaol.

EC―08 :00: An e sin…tha mi…tha mi eòlach…

CN―08 :03: ’S e, sin far an robh mi afuireach airson bhliadhna, aguss e loidseadh fìor mhath a bha sin, is bha e math, bha e math gu dearbh.

EC―08 :09: Bha e mar gun robh thu aig an taigh ann an dòigh?

CN―08 :10: Uill bha gu dearbh, sons e…bha Gàidhlig aca aguss e Gàidhlig a bhathar abruidhinn is…bha e math.

EC―08 :15: Agus ciamar a bha abhaile Ghearasdan airson…an robh, an robh rudan ann airson òigridh as abhaile agus sineach?

CN―08 :20: Uill, chan eil cuimhnagamsa gun robh mòran ùidh agam ann an…ann an…a bhith a- mach… ’s e a bhith a-staigh is a bhith aleughadh is a bhith…car…rudan mar sin a bfheàrr leam. Bhitheamaid a-mach uaireannan ach cha…cha robh ro thric. Cha robh airgead againn, cha robh airgead ann airson a dhol…bha dìreach againn…bha dìreach againn na dhèanadh an gnothach dhuinn. Bha thu a’ toirt…can bha beagan airgid agad is dhfheumadh tu coimhead às a dhèidh a chionns gun robh agad ri faighinn dhachaigh leis, nuair a bhiodh saor-làithean ann, feumaidh tu faighinn dhachaigh.

EC―08 :51: Agus a thaobh nan cuspairean…na sgoile, a bfheàrr leat nuair a bha thu anns an sgoil, bha acòrdadh leat?

CN―08 :56: Och tha mi asmaointinn gun robh gach rud acòrdadh rium, bha…bha e acòrdadh rium a bhith ag ionnsachadh, agus bha leughadh acòrdadh rium gu mòr is bhithinn tric aleughadh, sgeulachdan, dìreach aleughadh rud sam bith a bha ri fhaighinn.

EC―09 :12: Agus cuin a chuir thu romhad teagasg a dhèanamh, mar… ?

CN―09 :14: Tha mi…tha mi asmaointinn gun robh e car nam bheachd co-dhiù, tha mi asmaointinn gur h- e…teagasg a bha…a bha nam bheachd co-dhiù, nam burrainn dhomh. Ach aig an àm, cha robh duine atoirt comhairle ort, cha robh duine afaighneachd dhìot bu toil leat a dhèanamh, bha e dìreach…bha daoine asùileachadh ma bha thu car comasach idir, gun rachadh tu air adhart gu rudeigin, agus mar as trice son nighneans e teagasg a bha… ’s e teagasg a bhann. Ach bha mise toilichte gu leòr leis an sin, bha mi airson a bhith ateagasg agus chaidh mi dhan cholaiste ann an Glaschu às dèidh na sgoile as aGhearasdan.

EC―09 :47: Agus acholaiste a bha sineach?

CN―09 :49: Notre Dame. Notre Dame, ann an Dowanhill.

EC―09 :52: Bha sibh ann an Dowanhill aig an àm sin.

CN―09 :53: Bha. Bha mise…fhad ’s a bha mise anns ann a ghluais iad a-mach gu Bearsden.

EC―09 :58: Seadh.

CN―09 :59: So chaidh mise ann ann an…trì ficheads a naoi deug…trì ficheads a còig, aguss ann dìreach às a dhèidh sin ghluais iad a-mach gu Bearsden.

EC―10 :09: ris a bha e coltach anns acholaiste sin aig an àm, Notre Dame?

CN―10 :11: Bha e glè mhath, bha…bha e ceart gu leòr. Bha buidheann againne às na h-eileanan ann, thòisich sinn abhliadhna a bha sin còmhladh agus bha sinn eòlach air a chèile, bha sinn air a bhith san sgoil còmhladh is bha sinn eòlach air a chèile, agus bhitheamaid afuireach a-staigh aig an deireadh-sheachdain, bhiodh mòran dhaoine adol dhachaigh a chionns gun robh iad…can…bhon…à sgìrean às am faigheadh iad dhachaigh.

EC―10 :37: Timcheall air Glaschu?

CN―10 :37: Timcheall air Glaschu fhèin, ach bha sinne a-staigh gach deireadh-sheachdain ach dìreach aig saor-làithean, agus bhitheamaid adol a-mach an sin, bhitheamaid adol a-mach gu rudan ann an Glaschu.

EC―10 :46: Agus bha atachairt aig an àm seo?

CN―10 :48: O, bha…bha dannsaichean, bha dannsaichean anns aKhingston is dannsaichean ann anGovanis dannsaichean as anHighlanders ’isconcerts…pictures , pictures.

EC―10 :55: Innis dhuinn…innis dhuinn beagan mu dheidhinnHighlanders’, bidh daoine an-còmhnaidh abruidhinn air anHighlanders’, gun e fìor àite a bhann.

CN―11 :00: O, ’s fìor àite math a bhann, ’s e…bha e dìreach…

EC―11 :03: bha tachairt ann ma… ?

CN―11 :04: Dìreach dannsaichean, mòran ceòl, mòran ciùil is dannsaichean is caraidean is dìreach, bha e math, ’s e cur-seachad math a bhann. Ach tha cuimhnam gum bitheamaid…bhiodh na dannsaichean car anmoch atòiseachadh agus…a chionns nach robh sinne adol a thaighean-seinnse no sian mar sin, nam bitheamaid ag iarraidh a-mach anmoch dhfheumamaid cead fhaighinn airson a dhol a-mach agus bhitheamaid afaighneachd am faodamaid a dhol a-mach aig leth-uair an dèidh deich, agus bhiodh iad asùileachadh gun robh còir againn tighinn dhachaigh aig leth-uair an dèidh deich!

EC―11 :37: Agus bha ga ruith?

CN―11 :40: ’S e na mnathan-cràbhaidh.

EC―11 :41: Na mnathan-cràbhaidh.

CN―11 :41: Aig an…aig an àm sin ann an…ann an Dowanhill. Ach nuair a ghluais sinn gu Bearsden, cha robh… ’s e dìreach…cha robh à-san agabhail uiread turas leis, agus bha e dìreach mar gum biodh buidheann ga ruith, car dehostel, mar taigh-òsta de rud.

EC―11 :57: Tha mi a’ tuigs…so bha feum air cead fhaighinn mar gum biodh son…

CN―12 :00: Dhfheumamaid cead fhaighinn, dhfheumamaid cead fhaighinn son a dhol a-mach. Ach bha iad deònach gu leòr cead a thoirt dhuinn.

EC―12 :05: Ceart.

CN―12 :06: ’S e. Ach dìreach gun robh…cha robh iad atuigsinn carson a bha mise adol a-mach aig an àm ud a dhoidhche.

EC―12 :10: Seo nist. Agus, agus an cùrsa a rinn sibh, an cùrsa a bhann, mar gum biodh?

CN―12 :14: Dìreach cùrsa airson teagasg bun-sgoil. ’S e cùrsa trì bliadhna a bhann aig an àm sin. ’S eDioplomaann anEducationtha mi asmaointinn an t-ainm a bhair, aguss e cùrsa trì bliadhna a bhann.

EC―12 :27: ris a bha e coltach an cùr…an e, an e cùrsa tòrr… ?

CN―12 :20: O bha…bha , bha e ceart gu leòr, bha thu…bha pàirt dheths e teagasg airsons gun robh thu fhèin ag ionnsachadh, agus pàirt dheth ag ionnsachadh dhut mar a theagaisgeadh tu feadhainn eile, òigridh. Agus bha e math, bha e ceart gu leòr.

EC―12 :47: Agus nuair a bha thu ann, an robh agad ri dhol a-mach gu sgoiltean anns a’ …as abhaile?

CN―12 :50: Bha, bha. Bha sinn adol a-mach dhfhaodte thuras no trì tursan sa bhliadhna gach bliadhna gu sgoiltean, agus feumaidh mi a ràdh gun dfhuair mise sin gu math neònach, cha robh mòran tuigse agam air mar a bha foghlam ag obrachadh ann an Glaschu, agus bfheàrr leam cus na sgoiltean…na sgoiltean air an dùthaich. Ach abhliadhna mu dheireadh a bha sinn ann, leig iad leinn…bha dithis againn à Uibhist, agus leig iad leinn tighinn dha na sgoiltean ann an Uibhist, airson amplacementmu dheireadh againn, is bha sin math.

EC―13 :25: Bha thu…bha thu aig an taigh ma-thà, bha…

CN―13 :27: Bha mi aig an taigh, bha mise…bha mise as an Ìochdar airson sia seachdainnean.

EC―13 :29: Bha thu air ais dhachaigh mar gum biodh.

CN―13 :30: Air ais dhachaigh is bha e math.

EC―13 :31: Agus ris a bha e coltach tilleadh mar…mar neach-teagaisg an dèidhs a bhith as an sgoil?

CN―13 :34: Bha, bha e gu math neònach nuair a…bha e gu math neònach, gu h-àraid na seachdainnean a bha sin as an Ìochdar a chionns gun robh mi eòlach air achloinn. Bha iad…cha robh iad mòran na bòige, bha mise bliadhna air fhichead an uair sin, is bha achlann as an Ìochdar bha…cha robh iad mòran…cha robh iad mòran na bòige na mi, agus…

EC―13 :55: Airson bha àrd-sgoil ann aig an aon àm cuideachd.

CN―13 :57: Bha, bha.

EC―13 :58: Tha mi atuigsinn.

CN―13 :59: Agus, ach bha e math, bha achlann laghach, ’eil fhiosad, bha…

EC―14 :04: An robh thusa ag obair aig abhun-sgoil a-mhàin, no an robh thu ag obair anns an àrd-sgoil cuideachd?

CN―14 :07: Cha robh. Dìreach sa bhun-sgoil, ’s e trèanadh bun-sgoil a rinn mise. Agus an uair sin fhuair mi obair ann an Loch Baghasdail. ’S e Loch Baghasdail achiad obair a bhagam.

EC―14 :16: So sin achiad obair a fhuair thu mar thidsear?

CN―14 :18: ’S e. Loch Baghasdail.

EC―14 :21: Agus an robh agad ri beagan ùine a dhèanamh mus…mus biodh tu mar gum biodh barrantaichte mar thidsear?

CN―14 :25: Chan eil cuimhnam. Chan eil cuimhnam, tha…tha fios gun robh ach chan…chan eil cuimhnam idir tha mi asmaointinn, dìreach bha mi ann is sin e, is dìreach adol air adhart.

EC―14 :34: Agus ciamar a thàinig thu gu bhith ann an Loch Baghasdail, an e dìreach gum facthu sanas no an robh iad gad iarraidh, no an tàinig cuideigin… ?

CN―14 :40: Cha…cha dfhuair mi…cha dfhuair mi agallamh, chaidh innse dhuinn, bha dithist againn…bha dithist againn deiseil agus thuirt iad gun robh obair ann an Cill Donnain is obair ann an Loch Baghasdail agus leis a bu toil a dhol càite? Agus thuirt mo charaid gum bu toil leis a dhol a Chill Donnain is thuirt mise gum biodh Loch Baghasdail ceart gu leòr leamsa. Agus thòisich sinn le chèile.

EC―14 :56: Agus bha thu toilichte sin a dhèanamh?

CN―14 :57: Bha, gu math toilichte.

EC―14 :58: Cha robh miann agads dòcha a bhith afuireach ann am baile eile no… ?

CN―15 :00: Uill…bha mi…bha mi airson faighinn dhachaigh. Bha mi air falbh bhon taigh cho fada. Dhfhalbh mi às an taigh nuair a bha mi bhliadhna deug agus bha mi dìr…bha mi bliadhna air fhichead an uair sin is bha mi dìreach airson tighinn dhachaigh. Agus bha mi air dràibheadh ionnsachadh, agus cheannaich mi càr agus bha mi adol Loch Baghasdail gach latha agus atighinn dhachaigh.

EC―15 :26: Às an Ìochdar?

CN―15 :27: Às an Ìochdar. Agus bha sin dìreach math fhèin agus bha cuideachd…nuair a bhithinn a-staigh air saor-làithean, bhithinn ag obair as abhùthaidh air aChàrnan, bùth…bùth… ’s e bùth Aonghais Liosaig a bhann an uair sin, agus bhithinn ag obair an sin, agus nuair a thòisich mi ann an Loch Baghasdail chùm an obair sin adol, agus bhithinn atadhal gach feasgar is adèanamh uair an uaireadair. ’S e car de chèilidh a bhann. Agus…

EC―15 :50: Bha thu ateagasg anns an sgoil agus ag obair anns abhùth?

CN―15 :53: An uair sin atighinn dhachaigh. Bhithinn adol a thadhal sa bhùth agus bhithinn adèanamh beagan obrach agus bhithinn adol dhachaigh. Agus bhithinn ag obair aig an deireadh-sheachdain dhaibh, bha, bha iad fosgailte Didòmhnaich aig an àm ud, agus bhithinn adèanamh Didòmhnaich dhaibh, cha robh e fad an latha idir ach…is bha sin acòrdadh uabhasach math rium, bha dìreach bha mi…uill bha mi mar pàirt den choimhearsnachd.

EC―16 :13: Cha robh cus fois agad ma-thà!

CN―16 :14: Bha e math ge-, bha e math! Uill, mura bithinn adèanamh sin dhfheumainn a bhith acuideachadh a-staigh, dhfheumainn a bhith cruitearachd agus bha sin…bha sin math. Ach…bha…eadar -dhealachadh mòr as na bliadhnaichean on a…on a dhfhalbh mise…uill , on dhfhalbh mi dhan Ghearasdan gus an do thill mi mar thidsear, is cha robh sin ach còig bliadhna, ’s e dìreach còig bliadhna a bha eadar sinon dhfhalbh mi à Dalabrog às an sgoil agus gus an do thill mi a-rithist airson teagasg ann an Loch Baghasdail. Nuair a…nuair a bha mise ann an Dalabrog, cha robh bus na sgoileadh…cha robh bus na sgoile ach atighinn gu Staoinibrig. Agus nam biodh tu ag iarraidh dhachaigh bhitheamaid agabhail bus na sgoile gu Staoinibrig, is bha sinn an uair sin afalbh a choiseachd, aguss dòcha gun tigeadh cuideigin is gum faigheadh tu lioft, ’s dòcha nach tigeadh, is bha sinn dìreach acoiseachd. Is bha an aon rud sa mhadainn Diluain, bhitheamaid…bhithinns ’ afalbh às an taigh anns an Ìochdars dòcha mu shia no beagan an dèidh sia, is acoiseachd a- mach…uaireannan gheibheadh tu lioft…ach…och mar bu trice gheibheamaid lioft, air sàilleibh an uair ud bha daoine sam bith a bha air an rathad thogadh iad thu, agus gheibheamaid bus na sgoileadh aig Staoinibrig mu…chan eil fios am, leth-uair an dèidh ochd no rudeigin, is gheibheamaid dhan sgoil. Dh’ fhaodamaid…gheibheamaid dhachaigh uair sa mhìos mura bitheamaid atighinn dhachaigh a h-uile deireadh-sheachdain. Dhfhaodadh tu tighinn dhachaigh uair sa mhìos. Dhfhaodamaid am bus a bha adol chun na plèana…bus na h-airportfhaighinn air feadh an latha Dihaoine, agus bheireadh sin gu ceann rathad an Ìochdair mi. Agus an uair sin dhfhaodainn bus a ghabhail ma…can meadhan-latha Di…Diluain airson a dhol air ais gar tilleadh, tighinn dhachaigh meadhan-latha Dihaoine bha thu ga fhaighinn air ais, meadhan-latha Diluain. Ach chan fhaodadh tu ach sin a dhèanamh mura robh thu atighinn dhachaigh gach deireadh-sheachdain, is bha mise airson tighinn dhachaigh gach deireadh-sheachdain. Is cha, cha robh mi nam aonar, bha…bha grunn againn ann agus bhitheamaid dìreach…dìreach falbh a choiseachd agus bha siud…ach sin…sin mar a bha e, is an uair sin còig bliadhna às a dhèidh…às dèidh sin, bha càr agamsa agus bha mi gam thoirt fhìn a Loch Baghasdail gach madainn, agus tha e dìreach gu bheil…ann an dòigh cho faisg air Dalabrog, cha mhòr nach fhaic thu an t-Ìochdar à Dalabrog ach bha e dìreach cho doirbh…tha…is gann gun creid thu gun robh e cho doirbh aig an àm sin dìreach faighinn dhachaigh.

EC―18 :44: Thòisich thu ann an Loch Baghasdail agus cho fad’ ’s a bha thu an sin?

CN―18 :48: Trì bliadhna. Bha mi trì bliadhna ann agus…agus bha dìreach bha obair airson…o ’s e… ’s e deagh sgoil a bhann, bha an sgoil gu math mòr an uair sin, bha trì…triùir againn ateagasg ann, am maighstir-sgoile agus dithist thidsearan, agus bha…thòisich mise le clas trì is ceithir, ’s e sin achlann a bhagam Loch Baghasdail …agus bha an rùm as an robh mi, bha e eadar an sgoil agus an…taigh…taigh acheannaird. Chan eil fhios am a bheil, a bheil thu eòlach air an sgoil, a bheil thu eòlach mar a bha Sgoil Loch Bagha… .?

EC―19 :21: Tha, tha, tha.

CN―19 :23: Cha robh…dh ’fheumadh tu tighinn a-mach airson a dhol dhan rùm a bha seo. Dhfheumadh tu tighinn a-mach às an sgoil son a dhol dhan rùm seo, agus bha mi ann an shin… ’s e taigh na tidseir a bha air a bhith ann, sin a bhann, agus bha iad air atharrachadh airsonclassrooma dhèanamh dheth. Agus bha…thug iad às…bha sheòmar ann is bha iad air am balla a bha eadar sheòmar a thoirt às, mar sin, bha àite-teine aig gach ceann dheth. Aguss e teineachan…teineachan -guail a bhann, sin an teas a bhann. Agus bhiodh tu atighinn a-staigh sa mhadainn agus nuair a rachainnsa a-staigh bhiodh na teineachan air an togail, ach dhfheumainn fhìn an teine a chumail adol fad an latha.

EC―20 :00: Tha fios aig an àm sin gun robh grunn sgoiltean ann an Uibhist, cia mheud sgoil a bhann aig an àm?

CN―20 :04: Bha Sgoil Geàrraidh na Mònadh, tha mi asmaointinns dòcha gun robh trì tidsearan ann an Geàrraidh na Mònadh cuideachd. Bhas dòcha trì tidsearan ann an Dalabrog, bha dithist ann an Cill Donnain, Staoinibrig…Tobha , Gèirinis. Tha mi asmaointinn aig an àm sin gun robh Gèirinis, gun robh Gèirinis air a dhol na àrd-sgoil, ach bha bun-sgoil ann an Tobha.

EC―20 :29: Agus an sgìre a bhaig Sgoil Loch Baghasdail, cò…cò às a bha iad atighinn?

CN―20 :00: Dìreach Loch Baghasdail fhèin aguss dòcha na h-Abhainn Cham.

EC―20 :35: Sin car na…car na crìochan, agus bhiodh iad…bhiodh iad a’ dol…a ’ dol a Dhalabrog.

CN―20 :39: Adol a Dhalabrog, bha. Ach bha feadhainn ataghadh, bha feadhainn à Dalabrog a’ taghadh…tha mi asmaointinn feadhainn a bha air agluasad à Loch Baghasdail a Dhalabrog is bha iad ataghadh fuireach as an sgoil is…chan eil mi cinnteach a-nistan robh feadhainn à Loch Baghasdail a bha ataghadh adol a Dhalabrog, ach…ach ’s e sgoil thrang a bhann, agus bha sin math, agus ach…aig .. .nuair a thòisich mise air teagasg, ’s e Fionnlagh MacNèill an.. . ’s e bha os cionn na Gàidhlig airson Siorrachd Inbhir Nis agus bhiodh e atadhal oirnn agus…is bha mise adèanamh deagh chuid tro Ghàidhlig leis achloinn an uair sin air sàilleibh bha Gà…cha robh Gàidhlig aig a h-uile duine son bha Goill afuireach ann an Loch Baghasdail, ach bha Gàidhlig aig achuid mhòr dhiubh aguss ann…tha cuimhnam gur ann ann an Gàidhlig a bhithinn abruidhinn ris achloinn.

EC―21 :22: Tha sin inntinneach an rud a thuirt thu. An robh diofar eadar, eadar aGhàidhlig ann an Loch Baghasdail agus can Dalabrog no na bailtean eile, an robh… ?

CN―21 :30: Uill, bha diofar eadar aGhàidhlig ann an Loch Baghasdail agus Gàidhlig muinntir an Ìochdair, bha an t-Ìochdar gu math nas Ghàidhealaiche, agus Gàidhlig air a chleachdadh gu math nas motha na bha ann an Loch Baghasdail.

EC―21 :40: A bheil adhbhar ann air a shon?

CN―21 :42: Uill, tha mi asmaointinn gur h- e…dìreach mar a tha Goill atighinn a-staigh a dhfhuireach a dhàite, tha thu…tha e a’ dèanamh…tha e adèanamh dìmeas air…air achànan.

EC―21 :50: Agus bha taighean-chomhairle. ..

CN―21 :50: Bha taighean-chomhairle ann is bha cuideachd feadhainn a bha ag obair mun ospadal, feadhainn a bha ag obair mun chidhe is… ’eil fhiosad bha…bha obraichean anns an robh Goill shuas anns an sgìre sin.

EC―22 :00: Tha mi cinnteach aig an àm sin gun e àite gu math trang a bhann an Loch Baghasdail is Dalabrog.

CN―22 :04: Os e. ’S e àite trang trang a bhann an Loch Baghasdail, bhitheadh…tha mi acreidsgu bheil cuimhnagad fhèin nuair a bhiodh ansteameratighinn a-staigh air oidhche Luain is oidhche Chiadain is oidhche Haoine, is bhiodh daoine dìreach agabhail cuairt chun achidhe a choimhead far…cò bha atighinn dhith.

EC―22 :17: Bidh fhathast!

CN―22 :18: Chan fhaic thu a-nist’, chan fhaic thu! Chan…chan fhaic thu tha atighinn far, far abhàta a-nist’. Agus.. . ’s e agus…uill , bha a h-uile sian…uill chan eil fhios am an robh a h-uile sian, ach bha achuid mhòr de stuth atighinn a-staigh gu Loch Baghasdail. Bhiodh am bàta-carago atighinn a Loch Sgiobard aig an àm ud, agus bha rudan troma is rudan atighinn dha na bùithtean bhiodh sin atighinn Loch Sgiobard, ach bhiodh an t-aran is rudan eile atighinn a Loch Baghasdail dìreach, is bhiodh cuideigin bho na bùithtean adol a choinneamh an arain. O, ’s e àite trang a bhann.

EC―22 :52: Tha e coltach. Mar sin, trì bliadhna ann an Loch Baghasdail, an ath-cheum a ghabh sibh an uair sin?

CN―22 :57: Chaidh mi dhan Ghearasdan, uill phòs mi is chaidh sinn a dhfhuireach dhan Ghearasdan.

EC―23 :01: Phòs sibh fear às an sgìre seo, à…à Uibhist?

CN―23 :03: Uh-huh. Agus chaidh sinn a dhfhuireach anns aGhearasdan, agus chaidh mi gu sgoil ann a shin, Sgoil Lochyside, agus bha mi ann a shin airson ùine mhòr. Chan eil fios am, ’s dòcha barrachd air fichead bliadhna, ach cha robh mi ag obair fad na h-ùine, bha clann agam is bha mi bliadhnaichean nach robh mi ag obair idir, ach thill mi a dhobairtha triùir chloinne agam agus bha mi bliadhnaichean a-staighach thill mi an uair sin a dhobair agus bha mi ann an Sgoil Lochyside agus bha sin math, bha e dìreach diofrach, ’s e.. .achs e…bha mi eòlach as aGhearasdan a chionns gun robh mi as an sgoil ann, agus bha daoine, bha caraidean agam is bha mi eòlach ann is. ..

EC―23 :43: Agus ciamar a bha e ateagasg ann an sgoil air tìr-mòr an dèidh a bhith ateagasg ann an sgoil …sgoil ann an Uibhist, an robh…an robh diofar mòr?

CN―23 :50: Bha e ceart gu leòr, uill bha sgoil na bu mhotha agus cha robh agam ach aon chlas. ’S e clas a trì, thòisich mi le clas a trì. Is mar sin, bha achlann aig an aon ìre seach a bhith…diofar ìrean a bhith anns achlas. Ach bha e math.

EC―24 :08: Agus bha atachairt aig an àm sin anns aGhearasdan, an e àite…an e àm gu math trang a bhann?

CN―24 :13: ’S e, ’s e àite trang a bhann an uair sin. Bha…bha e trang nuair a bha mise san sgoil ann, bha dìreach amPulp Millair tòiseachadh nuair a bha mise as an sgoil ann, is bha iad air mòran de thaighean ùra a thogail, bha iad air…bha Baile aChaoil fhèin bha iad air mòran thaighean a thogail ann, agus fhuair sinn fhìn taigh gu math luath nuair a chaidh sinn dhan Ghearasdan, fhuair sinn taigh ann am mìos no sia seachdainnean, agus bha sin math. Bha e doirbh…ann an sgìrean bha e doirbh taigh fhaighinntaigh comhairle, ach bha e furasta taigh fhaighinn as aGhearasdan, aguss e sin pàirt den adhbhar gun deach sinn an sin. Bha amPulp Millair tòiseachadh, is bha mòran de dhaoine air tighinn a-staigh à diofar àiteachan, thàinig mòran de mhuinntir Ghlaschu is sgìrean eile a-staigh, agus aig an àm sin bha mòran às na h-eileanan ann an…as aGhearasdan agus as aChaol. Tha cuimhnagamsa aon bhliadhna, tha mi asmaointinn gur h- e…bha an nighean as sine agam fhìn bha i anns achlas agam agus bha ficheads a sia as achlas agam, ficheads a sia as achlas. Agus bha trì air fhichead dhiubh aig an robh ceangal air choreigin ris na h-eileanan. Cha mhòr a h-uile duine dhiubh bha ceangal air choreigin aca ris… ’s dòcha nach…eileanan am pàrantan ach bha ceangal air choreigin, bha càirdean air choireigin aca às na h-eileanan.

EC―25 :38: Agus an robh iad afuireach ann an aon àite na h-eileanaich, mar gum biodh, an robh.. .?

CN―25 :41: Cha robh, uill, cha robh, cha robh bha iad…bha iad air feadh, bha iad air feadh, feadh an àite. Ach tha mi asmaointinn, air sàilleibhs gur h-e sgoil Chaitligeach anns an robh mise ag obair, bha mòran le ceanglaichean ri Uibhist is ri Barraigh ann. Ach bha iad as aGhearasdan fhèin cuideachd. Bha mo bhràthair Iain bha e fhèin is a bhean is an uair sin achlann aca, is bha à-san afuireach anns aGhearasdan an toiseachd, agus bha esan ag obair aig a’ Phulp Mill. Bha e cho furasta obair fhaighinn as an sgìre an uair ud, is bha tòrr de dhaoine adol, adol a dhobair ann. Ach fhads a bha sinne ann, thill mòran dhachaigh, ma bha iad afaighinn cothrom air obair an seo, bha iad atilleadh.

EC―26 :25: Aguss dòcha gun robh seo fhèin gu math trang aig an àm sin, ’s dòcha le…

CN―26 :28: Bha, tha mi asmaointinn gun robh…bhathar atogail thaigh…a ’ dèanamh…a ’ dèanamh rathaidean is bha an t-arm, bha mòran obair aig an arm aig an àm, ’s e. Achs e sgìre mhath a bhanns aGhearasdan a bhith afuireach ann, agus bha e furasta clann a thogail ann, is bha thu cho faisg air a h-uile rud.

EC―26 :45: Agus a thaobh cèilidhean, an robh rudan ann air an oidhche dhuibh?

CN―26 :47: Bha, bha. Bha, bha mòran…o bha mòran, mòran chèilidhean is rudan ann, ach bha…bha dìreach mòran de Ghàidheil ann, cha robh uair a rachadh tu a-mach nach robh thu abruidhinn Gàidhlig ri cuideigin.

title1
internal date2020.0
display date2020
publication date2020
level
parent textCatrìona Nic an t-Saoir
<< please select a word
<< please select a page