EC―00 :05: Agus a bharrachd air…ag obair anns a’ bhaile fhèin, an robh…an tuirt thu gun robh thu ag obair a-muigh, a-muigh ann an Àird nam Murchan?
CN―00 :12: Bha. Nuair a bha mi…nuair a thòisich foghlam Gàidhlig as an sgìre. Bhithinnsa…bhithinnsa a’ teagasg Gàidhlig, bhithinn a’ teagasg Gàidhlig mar dàrna cànan co-dhiù as an sgoil. Ach nuair a thòisich foghlam Gàidhlig, bha a’ chiad…a ’ chiad aonad Gàidhlig a’ dol a bhith ann an…ann an Àth Tharracail ann an Àird nam Murchan, agus is mi fhìn a bha air an obair, bha mi air bliadhna…bha mi bliadhna a-mach às an sgoil airson obair a dhèanamh a’ faicinn an robh iarrtas ann airson foghlam Gàidhlig. Agus bha, bha iarrtas ann am Malaig agus ann an Loch Àlainn agus as a’ Ghearasdan fhèin agus ann an Àth Tharracail, ach cha robh tidsearan ann. Agus thagh mi fhìn a dhol a dh’Àth Tharracail, thuirt mi gun rachainn ann bliadhna, dìreach… ’eil fhios agad, dh’fhaodainns’ a bhith air tilleadh air ais gu m’ obair, chun an obair a bha mi a’ dèanamh, ach thagh mi a dhol an sin airson bliadhna dìreach airson is gun tòisicheadh e is mi an dùil ’s dòcha gum faigheamaid tidsear an ath-bhliadhna. Cha do thòisich Loch Àlainn idir a chionn ’ s…dìreach a chionn ’s nach d’ fhuair sinn tidsear. Thòisich Mòrar an ath-bhliadhna a-rithist is thòisich An Gearasdan às a dheaghaidh sin, so bha na trì sgoiltean, thòisich trì sgoiltean Gàidhlig às an obair sin, an obair a bha mise air a dhèanamh. Ach dh’fhuirich mi fhìn ann an Àth Tharracail ochd bliadhna. Bhithinn a’ siubhal, bhithinn a’ siubhal gach latha às a’ Ghearasdan gu Àth Tharracail. Uill, thagh mi sin a dhèanamh, bha an nighean a b’ òige agam fhathast a-staigh, cha robh àrd-sgoil idir ann an Àird nam Murchan, agus nam bithinnsa air a dhol a dh’fhuireach a dh’Àth Tharracail, dh’fheumadh ise a bhith air a dhol a dh’àiteigin eile dhan sgoil. Dh’fheumadh i a bhith air a dhol dhan Ghearasdan dhan sgoil, is a bhith a’ fuireach as a’ hostel. So thagh mi fuireach anns a’ Ghearasdan agus bha mi fhìn…so bha sinn a’ fuireach a-staigh is bha mise a’ siubhal gu Àth Tharracail.
EC―02 :06: A bheil poidhle astar eadar… ?
CN―02 :07: Tha, tha. Dà fhichead ’s a còig mile gach…gach…gach taobh, is droch rathad cuideachd.
EC―02 :13: Agus, agus meadhan a’ gheamhr…meadhan a’ gheamhraidh?
CN―02 :14: Meadhan a’ gheamhraidh cuideachd agus…ach dh’fhàs mi eòlach air agus…is bha e a’ còrdadh cho math rium, bha an sgìre agus an sgoil a’ còrdadh rium cho math.
EC―02 :22: Agus innis dhuinn beagan mu dheidhinn, dè bha…dè bha cho…dè bha car cho tlachdmhor mun…mun sgìre?
CN―02 :30: Och uill, dìreach an sgìre is na daoine, bha iad…bha na daoine cho coltach rinn fhìn, ’s e.. .dìreach Gàidheil is bha a’ chlann cho laghach is bha iad airson…bha iad airson Gàidhlig a bhith aig a’ chloinn. Bha aig an àm ud cha robh Gàidhlig aig ’s dòcha duine sam bith a bha na b’ òige na dà fhichead, air sàilleibh bha iad air sguir a chleachdadh Gàidhlig gu mòr as an sgìre. Agus…ach bha na pàrantan ag iarraidh Gàidhlig airson na cloinneadh. Agus bha mòran taic, cha robh taic as an sgoil idir, bha an sgoil fhèin fada an aghaidh, ’s e maighstir-sgoile Gallda…à Dùn Èideann tha mi a’ smaointinn a bha sa sgoil, agus cha robh esan idir ag iarraidh gum biodh foghlam Gàidhlig as an sgoil, agus bha Bòrd na Sgoile, anSchool Boardfada na aghaidh. Ach bha na.. .bha muinntir na sgìre ga iarraidh agus mar sin thòisich sinn e, agus dh’fhàs e agus tha e air fàs ach ’s e… ’s e sgìre cho Gàidhealach a bh’ ann, agus ged a bha a’ Ghàidhlig aca beagan, beagan eadar-dhealaichte on Ghàidhlig againne, agus cha robh mise uabhasach cinnteach ciamar a chòrdadh Gàidhlig Uibhist riutha, bha sinn a’ faighinn air adhart uabhasach math agus rinn a’ chlann…rinn a’ chlann adhartas, adhartas math agus tha iad a-nist sgoil ùr an sin… ’s e seann sgoil a bha i nuair a bha mise ann, agus bha i gu math sean agus bha feum air sgoil ùr, tha sin aca a-nist.
EC―03 :57: Tha àrd-sgoil aca?
CN―03 :58: Uill, tha àrd-sgoil aca, tha àrd-sgoil aca ann an Sròn an t-Sìthein, ach tha bun-sgoil ùr ann an…ann an Àth Tharracail fhèin, agus tha i dìreach àlainn. Ma gheibh thu cothrom thig ga coimhead, tha i dìreach àlainn. Agus tha…tha iad…tha iad ceart gu leòr, tha iad a’ dèan…tha iad a’ dèanamh deagh adhartas ann, is tha barrachd cloinne ann a-nist a’ dol gu foghlam Gàidhlig ann an Àth Tharracail is a tha a’ dol gu foghlam tro Bheurla.
EC―04 :21: Agus co-dhiù bha sibh ùine mhòr anns an sgìre a’ Ghearasdain is Loch Abar, is bha e a’ còrdadh leibh glan fhèin tha mi a’ smaoineachadh, na daoine is an t-àite is a h-uile rud, dè…dè an uair sin, dh’fhàg sibh an obair anns an sgoil…
CN―04 :34: Uill, canaidh mi cuideachd mum fàg mi sin, tha…thòisich sinn fèis as an sgìre, bha Fèisean nan Gàidheal dìreach car a’ tòiseachadh aig an àm, agus thòisich sinn Fèis ann an Àird nam Murchan, Fèis nan Garbh Chrìochan, agus dìreach goirid às a dheaghaidh sin thòisich sinn Fèis anns a’ Ghearasdan, Fèis Loch Abar agus bha mi gu mòr an sàs anns na dhà, bha mi ag obair airson…uill bha mi aircommittees aig…aig an dà Fhèis, agus bha sinn a’ faicinn cho math ’s a bha e cothrom a bhith aig a’ chloinn a bhith a’ cleachdadh Gàidhlig, ach cuideachd a bhith an sàs ann an ceòl agus ann an cur-seachadan eile, agus tha mi a’ smaointinn gun tug sin togail mhòr, bha sinn a’ dèanamh…bha an dà chuid ag obrachadh còmhla, foghlam agus…agus na Fèisean, ag obrachadh còmhla.
EC―05 :24: Agus tha iad a’ dol fhathast?
CN―05 :26: O, tha iad a’ dol fhathast, tha iad…tha gu mòr, tha. Is bha sin math, is, agus bha sin a’ còrdadh ri clann agus ri pàrantan.
EC―05 :35: Agus bha sibh a’ faighinn taic gu leòr airson a bhith gan cur… ?
CN―05 :36: Uill, seadh saor-thoileach, ’s e, dìreachcommitteesa bh’ againn, ’s ann saor-thoileach a bha sinn uile ag obair, agus dìreachcommitteeaig gach fear is…bha .. .bha Fèis ann an Àth Tharracail gu math doirbh a chionn ’s gun robh dìreach siubhal cho doirbh as an sgìre, is bhiodh a’ chlann a’ tighinn à…bhiodh iad a’ tighinn às na h-Eileanan Beag, bhiodh iad a’ tighinn à Eige is à…bhiodh iad a’ tighinn à Cnòideart is Malaig is Mòrar is bhitheamaid…bhiodh iad a’ fuireach ann an dìreach…Bed and Breakfastbhiodh iad a’ fuireach, no ann ancaravansno rud, is bhitheamaid a’ fuireach còmhla riutha is…cha robh an sgoil mòr gu leòr an toiseachd nuair a bha an t-seann sgoil ann, cha robh an sgoil mòr gu leòr airson Fèis a bhith innte, is bhiodhmarqueeagainn is dh’fheumamaid ammarqueea chur suas, dh’fheumamaid ammarqueea leagail is bha…dh ’fheumamaid dealan a chur dhan mharquee, bhiodh…is bha, bha tòrr obrach ann ach bha e math, bha…bha sinn a’ faicinn luach na h-obrach dìreach leis mar a bha a’ chlann a’ tighinn air adhart agus an toileachas a bha a’ chlann a’ faighinn às, toileachas a bha sinn fhìn a’ faighinn às, bha mòran car…spòrs mun cuairt air a’ ghnothach, ’s e sgioba math a bha mun cuairt air. Bha an aon amas againn uile, gun robh sinn airson seo fhaicinn a’ dol air adhart, is bha sinn coma ged a bhitheamaid ag obair trang air a shon.
EC―06 :58: Agus a thaobh luchd-teagaisg aig na Fèisean, an robh…an robh e doirbh… ?
CN―07 :02: Cha robh…uill , bha.. .bhiodh iad a’ tighinn…cha robh mòran…uill , bha feadhainn às an àite, ach bhitheamaid gan toirt a-staigh bho…bho àiteachan eile agus bhitheamaid a’ feuchainn ri luchd-teagaisg a chleachdadh le Gàidhlig, son ’s gun robhar a’ cleachdadh Gàidhlig eadar…eadarainn fhìn agus leis a’ chloinn.
EC―07 :19: Agus a bheil gin den chloinn an-diugh a’ teagasg aig an Fhèis, a bheil e…a bheil…a bheil an cearcall air a dhol timcheall is… ?
CN―07 :23: Tha, tha. ’S ann… ’s ann dha na sgoiltean a chaidh Robert Nairn agus tha esan a’ cluiche is a’ teagasg is…och , is mòran eile, bha mòran…mòran den chloinn sin a’ dèanamh math ann an ceòl. Iain MacMaster an fheadhainn sin, tha iad, tha…tha iad a’ teagasg. Às a’ Ghearasdan cuideachd, Fèis a’ Ghearasdain bha na Hendersons uileadh againn is feadhainn mar sin, is tha iad sin uileadh a’ teagasg a-nist’ is…uill bha…is a’ cleachdadh Gàidhlig, tha iad air Gàidhlig ionnsachadh is a’ cleachdadh Gàidhlig cuideachd.
EC―08 :01: Seo a-nist’, seo a-nist’, so…
CN―08 :03: Bha e math, ’s e deagh àm a bh’ ann aig an àm sin, bha ùidh mhòr ann an Gàidhlig is ann an ceòl. Uill tha fhathast, ach dìreach ’s e…bha sin math. Agus bha daoine mun cuairt air a bha airson adhartas fhaicinn, agus bha sinn ag obair mar sgioba còmhla dìreach airson dèanamh cinnteach gun robh seo a’ dol a thachairt.
EC―08 :26: Sgoinneil. Sin…so bha ùine…ùine mhath agaibh, ùine fhada as a’ Ghearasdan agus Loch Abar agus Àird nam Murchan, dè an ath-cheum?
CN―08 :35: An uair sin thàinig mi a-mach às…obair clas as an sgoil, agus bha mi a’ dèanamh obair dìreach car os cionn na sgìre, bhithinn…bha mi ag obair còmhla ris na trì aonadan Gàidhlig as a’ Ghearasdan is ann am Mòrar is ann an Àth Tharracail, agus bha mi a’ cur seachad na seachdain eatorra, agus bha sin math. Chuir mi eòlas air muinntir Mhòrair is Mhalaig is bha mi eòlach air muinntir a’ Ghearasdain co-dhiù, agus bha…bha e math a bhith a’ dèanamh sin. Rinn mi sin airson beagan bhliadhnaichean, is an uair sin fhuair mi an aon seòrsa obair ach air feadh Roinn na Gàidhealtachd, agus bhithinn a’ dol dha na sgoiltean Gàidhlig uileadh, agus bhithinn a’ dol dhan Eilean Sgitheanach, bhithinn a’ dol a Dhùn Bheagan is Phort Rìgh is a Chille Mhoire is a Shlèite, dhan Àth Leathann is bhithinn a’ dol suas gu Inbhir Theòrsa agus gu Baile Dhubhthaich, is an iar gu Ulapul is Geàrrloch is Am Ploc is…is sgoiltean Loch Abar fhèin air an robh mi eòlach, air an robh mi eòlach. Agus bha mi a’ dèanamh sin airson greis is bha sin fìor mhath, chuir mi eòlas air mòran dhaoine feadh na sgìrean sin.
EC―09 :50: Am biodh tu a’ dràibheadh fad a…fad…fad na h-ùine tha mi a’ creidsinn!
CN―09 :52: Fad na h-ùine, bha mi a’ dràibheadh fad na h-ùine!
EC―09 :54: Barrachd dràibheadh na…
CN―09 :55: ’S e, ach…ach bha e a’ còrdadh rium, bha e a’ còrdadh rium math is bha, bha a’ chlann air fàs, bha a’ chlann uileadh air an taigh fhàgail, is mar sin cha robh…cha robh uallach orm a-staigh, dh’fhaodainn falbh ’s a’ tighinn mar a thograinn, agus bhiodh, bhithinn…bha mi a’ dèanamh mòran dràibheadh, bhithinn a’ feuchainn…cho fad ’s a b’ urrainn dhomh bhithinn a’ feuchainn ri bhith a-staigh agam fhìn air an oidhche, is mar sin bhithinn falbh trath as a’ mhadainn is dh’fhaodte a’ dol a Dhùn Bheagan is bhithinn sin fad an latha is an uair sin a’ dol dhachaigh a-rithist às a dhèidh, no a’ dol a dh’Inbhir Theòrsa, dh’fhalbhainn tràth sa mhadainn is bhithinn shuas aig naoidh uairean is bhithinn fad’ an latha ann is rachainn dhachaigh an uair sin.
EC―10 :28: San aon latha?
CN―10 :29: San aon latha. Ach…bha sin ceart gu leòr. Agus mar…a chionn ’s gun robh mi…a chionn ’s nach robh mi ceangailte ri aon sgoil sam bith, nam biodh an tìde dona, rachainn chun nan sgoiltean a bha faisg, agus nuair a bhiodh an tìde math, rachainn chun nan sgoiltean a bha na b’ fhaide air falbh.
EC―10 :48: Nuair a bha thu ag obair anns an obair sineach, an robh iad a’ cur feum sam bith air rudan marvideoconferences, an robh…an robh cothroman…cha robh, cha robh cothrom… ?
CN―10 :55: Cha robh, cha robh mise idir. Ach bha…bha m’ obair-sa car còmhla ris an tidsear agus còmhla ris a’ chloinn is dh’fheumainn a bhith ann, ’s e. Ach bha…bha e math, bha sin a’ còrdadh rium gu mòr. Agus an ceann greiseig, leig mi dhìom mo dhreuchd agus…ach bha e…bha e nam bheachd tilleadh a dh’Uibhist co-dhiù, ’s e an t-amas a bh’ agam nuair a leiginn dhìom mo dhreuchd – gun tillinn, cha robh mi son a bhith sean as a’ Ghearasdan. Agus…so bha mi car air a bhith a’ smaointinn mu dheidhinn dè bha mi a’ dol a dhèanamh, agus mus do thill mi bha mi…chuir mi seachad beagan ùine còmhla ri mo nighean as sine, thatripletsaice ann an Obar Dheathain, agus chuir mi seachad ùine còmhla rithese nuair a bha iad beag, gus an robh iad aois…uill , gus an robh iad faisg air aois sgoileadh, agus an uair sin ghluais mi an seo.
EC―11 :51: So thàinig sibh air ais mar gum biodh air a’ chearcall.
CN―11 :54: Thàinig. Uill, bha…bha…bha fhios a’m gur h-e sin a bha mi son a dhèanamh, cha robh mi uabhasach cinnteach càite am bithinn ach bha fhios a’m gun robh mi airson tilleadh. Agus…ach co-dhiù tha mi an seo, agus tha e a’ còrdadh rium, tha e a’ còrdadh rium cho math.
EC―12 :05: Agus bha dùil agaibh ’s dòcha ri beagan fois fhaighinn ach cha d’ fhuair!
CN―12 :08: Uill, cha robh mi eòlach air fois. Ach…tha e dìreach math a bhith seo.
EC―12 :16: Agus innis dhuinn mu dheidhinn na rudan a tha sibh a’. .. a’ dèanamh ann an Uibhist.
CN―12 :22: Uill, bha mi a’ dèanamh…bha mi a’ dèanamh obair as na sgoiltean, bha mi a’ dèanamhsupplyas na sgoiltean. Tha…faisg air còig bliadhna a-nist’ o thill mi agus bha mi a’ dèanamh dìreach obair an cois nan sgoiltean, ach tha mi a-nist tha mi air m’ inntinn a dhèanamh suas gu bheil mi air stad, tha mi a-nist a’ smaointinn gu bheil mi ro shean airson a bhith a-mach is a-staigh. Agus a bharrachd air an sin tha iad…tha iad nas fheàrr dheth, tha tidsearan òga comasach aca, is tha sin math.
EC―12 :52: Tha mi cinnteach gu bheil, ach aig an aon àm bidh iad gu math toilichte cuideigin le eòlas a bhith…a bhith…a bhith ann.
CN―12 :58: Bha e a’ còrdadh rium, bha e a’ còrdadh rium nuair a bhithinn a’ dol a-staigh dha na sgoiltean agus ag obair, bha e a’ còrdadh rium, a’ còrdadh rium a’ chlann fhaicinn agus a’ còrdadh rium a bhith ag obair còmhla ri tidsearan eile is…bha e math. Ach tha mi…tha mi an sàs ann an Ceòlas, tha mi air an…
EC―13 :11: Innis dhuinn, innis dhuinn mu dheidhinn Ceòlas ma-tà, dè th’ ann.
CN―13 :15: Tha barrachd air fichead bliadhna o thòisich Ceòlas ann an…ann an Uibhist a Deas. Tha mise a’ smaointinn gur h- e…gur h-e buidheann fìor mhath a th’ ann agus tha iad air obair uabhasach math a dhèanamh anns na bliadhnaichean a tha iad air a bhith a’ dol, dìreach a thaobh ceòl is cànan agus a-nist, am barrachd is am barrachd a thaobh cànan Gàidhlig, tha sinn a’ faicinn am barrachd is am barrachd a’ tighinn agus ag iarraidh Gàidhlig…Gàidhlig ionnsachadh. A-rithist, ’s e buidheann saor-thoileach a tha mun cuairt air, tha luchd-obrach againn, chan eil mòran luchd-obrach againn, dìreach triùir ’s dòcha an- dràsta…ceathrar…agus…is tha iad a’ dèanamh mòran obrach, ’s e… ’s iad a tha ga ruith. Ach tha muinntir an àite gu saor-thoileach a’ cuideachadh cuideachd, agus tha e trang. Bidh e nas trainge, a chionn tha sinn a-nist ag obrachadh còmhla ris a’ cholaiste, Colaiste a’ Chaisteil ann an Leòdhas, agus an dòchas togalach a thogail a chleachdas sinn le chèile, a chleachdas a’ cholaiste agus sinn fhìn. Cleachdaidh a’ cholaiste e airson na cùrsaichean acasan, is cleachdaidh sinn e airson na cur-seachadan is na cùrsaichean againn fhìn. Agus tha mi a’ smaointinn gun obraich sin glè mhath a chionn ’s gur h- e…tha a’ cholaiste ag obrachadh còmhla ri feadhainn a tha ag ionnsachadh airson pàirt den bhliadhna is bidh sinne a’ cleachdadh an àite airson pàirt den bhliadhna agus…obraichidh e, obraichidh e a-mach math. Agus tha sinn toilichte…tha sinn aig ìre adhartach, tha an t-àite, tha fhios againn far a bheil e a’ dol a bhith, tha an t-airgead againn airson a’ chiad chuid dheth, tha e a’ dol a bhith ann an dà phàirt. An t-airgead againn airson a’ chiad chuid dheth, ’s e rumannan airson teagasg a bhios anns a’ chiad…a ’ chiad phìos, agus an uair sin an dàrna pìos ’s e àite airsonconcertsis taisbeanaidhean is rudan mar sin. Tha sinn an dòchas gun tòisich an obair dìreach o chionn ghoirid, agus gum bi e deiseil dh’fhaodte deireadh an ath-bhliadhna – a’ chiad phàirt, agus an uair sin chì sinn mun dàrna pàirt.
EC―15 :23: Agus bidh an gnothach a’ tòiseachadh ann am beagan is seachdain am bliadhna?
CN―15 :26: Tha, tha sinn a’ tòiseachadh…a ’ tòiseachadh am bliadhna ann am beagan is seachdain. Tha sinn fhathast ann an Sgoil Dhalabroig. ’S ann ann an Sgoil Dhalabroig a bhitheas…tha Ceòlas air a bhith on a thòiseach e, ach tha e air fàs agus tha sinn a’ cleachdadh àitichean eile cuideachd, tha sinn a’ cleachdadh na tallachan agus àite sam bith far an urrainn…
EC―15 :44: A bheil e laghach ann an dòigh gu bheil e air feadh Dhalabroig mar gum biodh, gu bheil na bìdeagan an siud ’s an seo, an e rud math a th’ ann ann an dòigh?
CN―15 :54: ’S e. Uill, ’s e. Tha duilgheadas na chois cuideachd, a chionn ’s gum feum daoine a bhith a-mach is tha iad a’ toirt ùine a’ siubhal, is feumaidh sinn busaichean fad na h-ùine airson daoine a thoirt air ais is air adhart. Ach ’s e rud math a th’ ann a chionn tha iad… tha mi a’ smaointinn tha muinntir an àite a’ faicinn, dh’fhaoidte ga fhaicinn nas fheàrr a chionn ’s gu bheil daoine a’ gluasad mun cuairt, ach tha buidheann math co-cheangailte ri Ceòlas as an sgìre, tha buidheann saor-thoileach a tha a’ toirt taic mhath mhath do Cheòlas.
EC―16 :27: Tha an gnothach a’ dol a…a ’ dol a sìor fhàs ma-tà?
CN―16 :29: A’ sìor fhàs. Agus am bliadhna, bha barrachd air clàradh na bu tràithe na bha a-riamh roimhe thuige seo, agus bha barrachd air clàradh airson dìreach Gàidhlig a dhèanamh na bha a-riamh roimhe.
EC―16 :40: Mar chuspair.
CN―16 :41: Mar chuspair.
EC―16 :42: Agus thug mi an aire cuideachd air chan e dìreach seachdain a th’ ann, ach rud a tha ann fad na bliadhna, nach e?
CN―16 :47: ’S e. Uill tha sinn, tha sinn…tha sinn a’ dèanamh clasaichean Gàidhlig anns an sgìre tron…tron gheamhradh, agus bidh sinn a’ dèanamh…tha rud eile againn ris an can sinn anSymposiuma tha sin a bharrachd air an sgoil shamhraidh, agus tha sin beagan eadar-dhealaichte, ’s ann mu dheidhinn sgìre air choreigin no cuspair air choireigin a bhios sin, agus bidh ceithir no còig de làithean a bhios…
EC―17 :07: Agus dè th’ ann am bliadhna, dè an cuspair a th’ ann am bliadhna-sa?
CN―17 :09: Am bliadhna, ’s e na ligich…na ligichean ann an…shuas Ormacleit is Cill Donnain is Staoinibrig is…uill , ’s e ligichean air feadh Uibhist a th’ ann am bliadhna, agus poidseadh. Sin na cuspairean a th’ againn am bliadhna, agus ann an Staoinibrig tha iad a’ dol a bhith. Thuige seo, ’s ann as an Ìochdar a tha sinn air a bhith, agus tha mòran de na cuspairean againn air a bhith stèidhichte aig a’ cheann seo a-bhos. Ach am bliadhna tha sinn a’ dol dha Na Meadhanan, agus ’s ann an… ’s ann an Staoinibrig a bhios sinn. Agus tha sin nas fhaide…nas fhaide san Iuchar.
EC: ―17 :45: Agus a bharrachd air seachdain as t-samhraidh agus na rudan eile, tha sibh a’ cumail rudeigin aig Oidhche a’ Chollaig?
CN―17 :52: Tha, tha…tha Fèis Chollaig air a bhith againn cuideachd, tha sinn air a bhith a’ dèanamh sin o chionn bhliadhnaichean, le cur-seachadan is ceòl is…
EC―18 :01: Agus…agus dè bhios a’ tachairt air an oidhche sin, nach bi na…bidh na balaich a’ tighinn a-staigh?
CN―18 :05: Bidh, uill tha…b ’ àbhaist nuair a…nuair a bha sinn òg…uill tha mi a’ smaointinn ann an sgìrean fhathast tha iad ga dhèanamh, na gillean a’ dol mun cuairt air Chullaig, an robh iad ga dhèanamh agaibhse?
EC―18 :13: Chan eil cuimhn’ a’m air, gun teagamh. Agus a bheil…a bheil ainm sònraichte air sin? An e…an e dìreach Balaich na Cullaige no… ?
CN―18 :20: Gillean Cullaige.
EC―18 :22: Gillean Cullaige, Gillean Cullaige.
CN―18 :24: Gillean Cullaige a bh’ againn orra, is bhiodh iad a’ dol mun cuairt is bhiodh daoine a’ toirt dhaibh dìreach rudan is bha iad…bha iad car biadh is rud is bha iad an uair sin ga riarachadh a-mach. Is bha duan ann, tha duan…tha Duan Cullaige, Duan Cullaige ann a bhios iad a’ gabhail…agus ’s e seann chleachdadh…seann chleachdadh a th’ ann. ’S e gillean a bhiodh ga dhèanamh nuair a bha mise òg, ach tha iad ag ràdh gu bheil nighnean a-nist’ a’ tòisea…
EC―18 :45: Tha mi a’ smaointinn gum faca mi gun robh nighnean ann cuideachd am bliadhna.
CN―18 :48: Tha sin ceart gu leòr.
EC―18 :49: Anns Na Meadhanan.
CN―18 :50: Tha. Tha mi a’ smaointinn gu bheil, tha iad… is tha mi a’ smaointinn gu bheil feadhainn ann an Èirisgeigh fhathast?
EC―18 :54: Math dh’fhaodte gu bheil.
CN―18 :55: Aidh. Agus cuideachd tha sinn a’ dèanamh fèis…tha sinn a’ dèanamh Fèis Leabhraichean aig toiseach a’ gheamhraidh cuideachd, gach bliadhna. Agus tha sinn cuideachd a’ dèanamh Fèis Earraich, ’s e carsong conferencea tha sinn a’ dèanamh anns an…deireadh a’ Ghiblein, toiseachd…toiseach a’ Chèitein.
EC―19 :13: Rudan ann fad na bliadhna.
CN―19 :14: ’S e. Tha sinn air a bhith ag obair còmhla ri tidsearan a tha…a ’ dol a bhith a’ teagasg tro Ghàidhlig, tha tidsearan a tha air a’ chùrsaGIfT , Gaelic Immersion for Teachers. Tha sinn air a bhith ag obrachadh còmhla riutha sin airson grunn bhliadhnaichean a-nist. Bidh iad a’ tighinn a dh’Uibhist airson seachdain carplacementis bidh iad…bidh sinn a’ dèanamh rudan còmhla riutha, a’ dèanamh clasaichean Gàidhlig, ach cuideachd gan toirt a-mach ’s dhan choimhearsnachd. Agus tha sinn an dòchas am barrachd den seòrsa…seòrsa rud sin a dhèanamh. Bidh sinn…bidh sinn a’ dèanamh cùrsaichean Gàidhlig aig diofar ama…ma tha daoine ag iarraidh cùrsa Gàidhlig, nì sinn e.
EC―19 :55: Math gu leòr, bidh sibh a’ cur air dòigh…a -rèir iarrtais.
CN―19 :58: ’S e. Agus am fear mu dheireadh a rinn sinn, ’s ann an an Taigh Bhaghasdail a rinn sinn e, so bha cuid aca a’ fuireach ann an Taigh Bhaghasdail agus bha sinn a’ dèanamh an teagaisg ann an Taigh Bhaghasdail.
EC―20 :09: Agus an robh iad a’ faighinn am biadh ann, no… ?
CN―20 :11: Bha biadh a’ tighinn a-staigh, bha dithis anns an sgìre a’ dèanamh a’ bhìdh is ga thoirt a-staigh. Agus bha…dh ’obraich e math, bha e math.
EC―20 :22: Agus a bheil cuid de rudan agaibh ’s dòcha uaireannan sachafe, a bheil sibh a’ dèanmh rudeigin…rudeigin car neo-fhoirmeil mar gum biodh?
CN―20 :20: ’S e rud car… ’s e, neo-fhoirmeil. An fheadhainn a bha a’ dol gu na clasaichean Gàidhlig againn tron gheamhradh, bhitheamaid an-dràsta is a-rithist a’ cur cuireadh thuca tighinn còmhla agus a’ dèanamh…bhiodh cupa tì, cupa cofaidh is bhitheamaid a’ dèanamh car geamaichean, cur-seachadan dìreach airson beagan…beagan spòrs.
EC―20 :47: Agus dè bheireadh an leithid gu ìre fileanta, na luchd-ionnsachaidh? Dè…dè tha dhìth orra, a thaobh a bhith…a bhith comasach anns a’ chànan?
CN―20 :55: Uill, tha tòrr dheth an urra riutha fhèin, tha mi a’ smaointinn. Ma tha iad fhèin airson Gàidhlig a bhruidhinn agus gun gabh iad gach cothrom, tha iad…tha iad soirbheachail. Tha feadhainn air a bhith agam - bidh thu fhèin eòlach orra – a tha air a bhith uabhasach math, dìreach tha iad a’ cur rompa fhèin gum bruidhinn iad Gàidhlig. Agus tha iad ag èisteachd ris an rèidio is tha iad a’ gabhail gach…a ’ bruidhinn ri daoine, a’ dol a-mach dhan choimhearsnachd a’ bruidhinn ri daoine, a bharrachd air na clasaichean.
EC―21 :24: Tha iad fhèin a’ gabhail uallach.
CN―21 :25: Tha iad fhèin a’ gabhail uallach.
EC―21 :26: Gun teagamh.
CN―21 :26: Is tha, tha iad fhèin gan toirt fhèin air adhart, is tha e math sin fhaicinn, nach eil?
EC―21 :32: Tha, tha mi a’ tuigsinn. Ach tha mi ag aontachadh leat gum feum iad fhèin uallach a ghabhail.
CN―21 :35: ’S e, ’s e. Tha feadhainn eile a bhios a’ tighinn agus tha sin math, tha iad a’ tighinn, tha e a’ còrdadh riutha, ’s e cur-seachad a th’ ann dhaibh agus…
EC―21 :44: Chan eil cron sam bith ann.
CN―21 :45: Uill, tha e…tha e a’ còrdadh riutha.
EC―21 :48: Rud sòisealta a th’ ann dhaibh.
CN―21 :49: ’S e, rud sòisealta agus tha sin math, agus tha iad ag ionnsachadh gu ìre, tha iad ag ionnsachadh, ’eil fhios agad, mun choimhearsnachd, is ionnsaichidh iad na rudan a tha…a tha cudromach a tha fios a bhith aca air is. .. agus feumaidh mi a ràdh gu bheil e a’ còrdadh rium fhìn a bhith ag obair còmhla ri inbhich, is fìor thoil leam a bhith ag obair còmhla ri inbhich.Nuair a tha thu ag obair còmhla ri inbhich, tha iad ag ionnsachadh a chionn ’s gu bheil iad ann, a chionn ’s gu bheil iad ag iarraidh a bhith ann. Le clann, tha thu gan teagasg agus feumaidh tu a dhèanamh tarraingeach, tha iadsan ag ionnsachadh agus tha fhios gu bheil thusa airson gun ionnsaich iad, agus…tha…tha e dìreach eadar-dhealaichte. Tha, tha mòran bhliadhnaichean o thòisich mise ag ob…obr…chan eil cuimhn’ a’m cuin a thòisich mi ag obair còmhla ri Sabhal Mòr, o chionn…
EC―22 :31: OK. Uill, fàgaidh sinn Ceòlas dìreach an-dràsta. Ach faodaidh tu a-nist’ beagan innse dhuinn mun, mun t-Sabhal Mhòr, na cùrsaichean goirid, An Cùrsa Inntrigidh is a h-uile rud.
CN―22 :41: Thòisich mi air na cùrsaichean goirid, chan eil cuimhn’ a’ m…chan eil cuimhn’ a’m cuin. Bidh…och ’s dòcha fichead bliadhna, ’s dòcha deich air fhichead bliadhna chan eil mi cinnteach. Bhithinn a’ dol ann airson cùrsaichean goirid as t-samhradh, dìreach tro na…tro shaor-làithean an t-samhraidh. Agus bha sin math. Bha…bha sin uabhasach math a chionn bha thu a’ tachairt…bha thu a’ tachairt ri daoine às ùr, bha thu a’ tachairt ri feadhainn eile a bha a’ teagasg sa Ghàidhlig, is bha ùidh aig…is bha ùidh aig a h-uile duine sa Ghàidhlig, agus ’s e àite cho tarraingeach agus cho…cho dìreach…dìreach cho toilichte a bha.. .a bh’ ann a bhith a’ dol gu Sabhal Mòr. Bha a h-uile duine ann a chionn ’s gun robh iad airson a bhith ann, cha robh duine ann a chionn ’s gum b’ fheudar dhaibh a dhol ann. Agus bha na…an fheadhainn a bha ag ionnsachadh, bha iad airson na b’ urrainn dhaibh a dhèanamh anns an ùine a bh’ aca, agus an luchd-teagaisg airson na b’ urrainn dhaibh a theagasg anns an ùine a bh’ aca, agus bha a h-uile duine a’ fuireach as a’ cholaiste no a’ fuireach faisg, agus bha thu dìreach…fad an latha an sàs. Bha thu fad an latha a’ teagasg ach gach feasgar bha thu an sàs ann an rud, bha rudeigin eile a’ tachairt le Gàidhlig, is bha e dìreach…bha , bha na h-oileanaich agus sinn fhìn dìreach air ar bogadh anns a’ chànan.
EC―23 :58: Agus am bi sibh a’ faicinn na h-aon daoine gach bliadhna? Feadhainn…na seann charaidean a’ tighinn?
CN―24 :02: Bha, luchd-teagaisg agus an fheadhainn eile a’ tighinn, a’ tighinn gach…gach bliadhna. Thòisich mi an uair sin air obair air na cùrsaichean air astar aca, bhithinn a’ dèanamh air a’ fòn…bhithinn a’ dèanamhtutorialsuair as t-seachdain còmhla ris na h-oileanaich a bha air a’ Chùrsa Inntrigidh agus air a’ Chùrsa Adhartais, agus bha sin a’ còrdadh…bha sin a’ còrdadh rium cuideachd, bha e math dìreach a bhith a’ tachairt ri daoine às ùr, agus a-rithist ri daoine a bha ùidh aca as a’ chànan agus a bha airson an cànan ionnsachadh. Agus…gu math tric bhiodh dìreach…bhiodh…bha iad às gach àite, bhiodh feadhainn agamsa, feadhainn à Ameireaga, is feadhainn à Astràlia is dùthchannan Eòrpach.
EC―24 :43: An robh iad dìcheallach?
CN―24 :44: Tha is…uill agus…bha sin math ann an dòigh a chionn ’s gun robh fhios aca fhèin…bha cùrsa ann, bha fios agamsa is bha fios acasan dè bha còir aca a bhith air ionnsachadh mum bitheamaid a’ bruidhinn ri chèile a-rithist. Agus mar sin bha an structar cho math, agus…agus dh’fheumadh iad cumail suas – ma bha iad…ma bha iad a’ stad, bha iad ga chall.
EC―25 :07: ’S e cùrsa math a th’ ann, nach e?
CN: ―25 :08: ’S e, o ’s e cùrsaichean… ’s e cùrsaichean fìor mhath a th’ anns na cùrsaichean sin, tha an structar uabhasach math agus bha e a’ còrdadh rium a bhith a’ dèanamh sin, ach bha e a’ tarraing mòran ùine. Dh’fheumadh tu a bhith ann aig an uair, dh’fheumadh tu, ge bith dè eile a bha a’ tachairt sa bheatha agad, dh’fheumadh tu a bhith saor airson a bhith air am fòn aig an àm sin. Agus cuideachd bha an ceartachadh, a chionn ’s gur h-e tusa a bha a’ ceartachadh na…na measaidhean aca, bha mòran obrach an sin cuideachd. Dh’fheumadh tu…bha iad ag ionnsachadh aig àrd ìre, is mar sin dh’fheumadh tu a bhith a’ ceartachadh aig àrd-ìre cuideachd. Agus dh’fheumadh tu a bhith cho faiceallach gun robh…gun robh thu a’ ceartachadh ceart. Agus bha mise…bha e a’ tarraing mòran ùine. Bha mi ga dhèanamh sin gus an do ghluais mi seo. Nuair a ghluais mi seo, cha robh eadar-lìon agam is cha robh fòn agam, agus thàinig orm…thàinig orm stad dheth. Agus aon uair is gun d’ fhuair mi eadar-lìon agus fòn, cha do thòisich mi a-rithist idir, bha e a’ còrdadh rium.
EC―26 :08: Cha do leig thu fios!
CN―26 :10: Cha do dh’innis mi, cha do dh’ inn…cha do dh’innis mi idir dhaibh! Bha e a’ còrdadh leam, air sàilleibh, air sàilleibh bha thu cho ceangailte ris. Dh’fhaoidte gum biodh rudeigin a’ tighinn suas, gum biodh consairt no gum biodh rudeigin a’ tachairt bu toil leat a dhol ann, ach cha b’ urrainn dhut a dhol ann air sàilleibh ’s gun robh thu air do cheangal, bha thu air canntail gum biodh tu an sin.
EC―26 :26: Ma tha an clas ann, feumaidh tu a bhith ann.
CN―26 :29: Dh’fheumadh tu a bhith ann, ’s e. No cuideigin eile a bhith ann, is bha…bha e doirbh daoine eile…is co-dhiù bha e a’ còrdadh leam fhìn a bhith a’ bruidhinn riutha gach seachdain. Agus cha do thòisich mi sin, ach tha mi fhathast a’ dèanamh na cùrsaichean goirid dhaibh, ’s e, tha mi fhathast a’ dèanamh cùrsaichean goirid as t-samhradh, dìreach…cha bhi mi a’ dèanamh ach cola-deug gach samhradh a-nist.
EC―26 :49: Ach tha sibh a’ dol ann am bliadhna?
CN―26 :50: Tha mi a’ dol ann am bliadhna. Ach… ’s toil leam, ’s toil leam… ’s toil leam…is fìor thoil leam a’ dol ann, agus tha daoine…ged is…feadhainn ann a bha ann mu thràth, bidh daoine ùra ann cuideachd.
EC―27 :01: Bidh e math feadhainn ùra fhaicinn agus na seann charaidean cuideachd. Sgoinneil. Agus a bharrachd air a h-uile rud eile a tha sibh a’ dèanamh, a bheil sibh a’ faighinn ùine airson rudan eile, mar rudan son…cur…cur -seachadan?
CN―27 :14: Tha. Tha cù agam, agus bidh mi fhìn agus an cù a’ dol cuairt chun a’ chladaich a h-uile latha, tha i a’ feitheamh gu foighidneach rium. Bidh sinn a’ dol cuairt chun a’ chladaich a h-uile latha, bidh sinn a’ coiseachd agus bidh sinn a’ toirt dhachaigh mòran gainmheach leinn, agus bidh sinn an uair sin nuair a thig sinn dhachaigh bidh sinn a’ suidhe treis a’ gabhail beagan…beagan tàmh nuair a gheibh sinn dhachaigh. Tha mòran charaidean agam mun cuairt, is tha…mar a bha mi ag ràdh tha mi an sàs ann an Ceòlas fhathast, agus tha coinneamhan tric againn agus bidh sinn ag ullachadh airson clasaichean is rudan mar sin, tachairt ri chèile.
EC―27 :56: Agus cumail sùil cuideachd ri clann air falbh, cla.. .clann agaibh air tìr-mòr is… ?
CN―28 :00: Tha, tha. Bidh…bidh mi air ais is air adhart, bidh mi a’ dol…bidh mi a’ dol a choimhead orrasan is bidh iad fhèin a’ tighinn an seo is bidh sinn trang is…och tha e math, is bidh mi, bidh mi a’ leughadh is bidh mi…tha…tha .. .tha an ùine a’ dol seachad, chan eil faisg ùine gu leòr agam airson a bu toil leam a bhith a’ dèanamh.
EC―28 :18: An robh dùil agaibh a bhith cho trang seo nuair a…nuair a thill sibh?
CN―28 :20: Cha robh dùil a’m a bhith cho trang. Bha fhios a’m gun còrdadh e rium. Bha fios a’m fad mo bheatha gun còrdadh e rium a bhith a’ fuireach an seo. A h-uile turas a-riamh a dh’fhalbh mi, bha an cianalas orm, agus nuair a thiginn dhachaigh cha robh cianalas a-riamh orm airson mo bheatha air tìr-mòr. Ach nuair a thigeadh an t-àm falbh. Agus bhithinn a’ tighinn tric, bhithinn a’ tighinn dhà no trì thursan sa bhliadhna co-dhiù nuair a bha mo phàrantan fhìn beò is ar càirdean eile, bhitheamaid a’ tighinn, is nuair a bha a’ chlann òg bhitheamaid a’ tighinn cho tric ’s a b’ urrainn dhuinn. Ach, bha fhios a’m gun còrdadh e rium a bhith air ais. ’S dòcha gun robh còir fios a bhith agam gum bithinn cho trang a chionn ’s gun robh mi a-riamh trang is…is toil leam a bhith trang. Mura bithinn trang dh’fheumainn a bhith a’ dèanamh obair-taighe is chan eil…is chan eil.. .cha bhi sinn a’ tighinn rium idir! Tha e a’ còrdadh rium, tha e a’ còrdadh rium gu mòr.
EC―29 :12: Tha e coltach gu bheil e a’ còrdadh ribh glan fhèin co-dhiù, agus tha beatha agaibh air dìreach cearcall a ghabhail air ais far an do thòisich sibh, ann an dòigh.
CN―29 :18: Tha, tha agus gu math tric bidh mi a’ coiseachd air a’ chladach, cha mhòr a h-uile latha bidh mi a’ coiseachd air a’ chladach far an robh mi fhìn a’ cluiche nuair a bha mi òg. Tha na creagan mar a bha iad, is an cladach air atharrachadh beagan…an cladach air atharrachadh beagan, ach tha na creagan an siud mar a bha iad, is na cruitean mar a bha iad is…tha mo bhràthair a’ fuireach as an dachaigh againn, far an deach mise a thogail, tha mo bhràthair a’ fuireach ann. Agus bidh mi a’ dol an sin agus a’ dol gu caraidean eile is càirdean eile is…tha e math.
EC―29 :45: Coltas fìor mhath air Catrìona. B’ urrainn dhuinn bruidhinn fad an latha, ach tha eagal orm gu bheil rudan eile agaibhse ri dhèanamh tha mi a’ creidsinn agus…agus…agus againne cuideachd. Ach ceud taing airson bruidhinn rinn. ’S dòcha… ’s dòcha gum bi sinn air ais.
CN―29 :57: Tha treis o nach robh mi a’ bruidhinn riut.
EC―30 :03: Treis bheag ann.
CN―30 :04: Tha. Glè mhath, shin thu fhèin. Mòran taing.
title | 2 |
internal date | 2020.0 |
display date | 2020 |
publication date | 2020 |
level | |
parent text | Catrìona Nic an t-Saoir |