E[airdsidh] C[aimbeul]―00 :05: Fàilte, Alasdair, agus mòran taing son bruidhinn rinn an-diugh. Am b’ urrainn dhuibh tòiseachadh le beagan innse dhuinn mur deidhinn fhèin agus an teaghlach agus ciamar a thàinig sibh a bhith ann a sheo ann an Crois Mòraig?
A[lasdair] M[acDhòmhnaill]―00 :21: Is mise Alasdair MacDhòmhnaill, is mi, is mi an dàrna duine bu, bu shine as an teaghlach aig mo phàrantan, is bha sianar againn ann is bha, bha còi.. .còigear aca nan tidsear bha mi fhèin nam chruitear agus…
EC―00 :38: Seadh. Agus cha robh ùidh agaibh fhèin a-riamh ann an teagasg?
AM―00 :42: Tha mi a’ smaointinn gun e an roghainn agam fhèin a b’ fheàrr. Ach co-dhiù, bha…bha na daoine againn ann a sheo bho chionn…ann an 19…18 ,1830 tha mi a’ smaointinn, chaidh mo…mo shinn- sheanair…chaidh a chlìoradh a-mach à Baile MhicPhàil, chaidh an talamh an sin a chlìoradh a-mach airson tuathanas mòr a dhèanamh dheth so thàinig na daoine againn a-null gu Cladach Iolaraigh an uair sin agus tha sinn air a bhith ann a sheo-ach on uair sin.
EC―01 :13: Agus tha sibh ag obrachadh cruite.
AM―01 :14: Tha mi ag obair ann an cruit ann a sheo, bha mi…sin a rinn mi a-riamh, ag obair ann an cruit, so…
EC―01 :20: Agus bha sibh a’ dèanamh beò-shlainte air a’ chruit a dh’aona-ghnothach, mar gum biodh.
AM―01 :23: Bha. Uill, bha…bha , bha na trì cruitean againn aig an àm is mar a bha an ùine a’ dol seachad bha sinn a’faighinn barrachd is barrachd so…
EC―01 :32: So dh’fhàs an gnothach mar gum biodh is bha e…bha e cothromach dhuibh beò.. .beò- shlaint…
AM―01 :36: Rud, rud a bha iongantach, bha daoine uaireigin a’ dèanamh beò-shlaint air a’ chruit as na bailtean a tha seothach agus cha ghabhadh sin dèanamh no dad coltach ris an-diugh, cha mhòr nach b’ …dh ’fheumadh tu cha mhòr leth, leth a’ bhaile mun dèanadh tu beò-shlaint air.
EC―01 :49: A bheil adhbhar airson sineach, dè, dè as coireach? A bheil adhbhar airson sineach, mar gum biodh? Dè as coireach nach urrainn, nach urrainn dhaibh beò-shlaint a dhèanamh bho aon chruit?
AM―01 :57: Och, tha e doirbh a ràdh.
EC―02 :00: Agus a bheil sibh a’ cumail…a ’ cumail chrodh is cao.. .caoraich is… ?
AM―02 :03: Tha crodh is caoraich agam, uill ’s e an gille agam a-nis ’s e a tha car a’ ruith an àite, Sam, so…
EC―02 :09: Seadh dìreach, agus a bheil esan, a bheil e ag obair a dh’aona ghnothaich air a’ chruit no a bheil obraichean eile aige?
AM―02 :13: Chan eil, tha e ag obair fad an t-siubhail air a’ chruit.
EC―02 :17: Dè chòrd ribh mu dheidhinn a bhith ag obair air a’ chruit, dè na rudan a thug tog.. .togail dhuibh mar gum biodh, an robh… ?
AM―02 :19: Chan e ach dìreach gun robh do thoil fhèin agad, seach a bhith a’ dèanamh rud a bha cuideigin ag iarraidh ort a bhith a’ dèanamh.
EC―02 :28: So bha thu ag obair air do cheann fhèin fad… ?
AM―02 :31: Dh’fhaodadh tu a dhol far an togradh tu a h-uile latha a thogradh tu so…
EC―02 :34: Agus an robh, an robh e doirbh faighinn air falbh bhuaithe, can gun robh thu ag iarraidh a dhol air làithean-saora no rudeigin, an robh feum agad air, air cuideigin eile a thoirt a-staigh airson a bhith a’ cumail sùil air, air na beothaichean?
AM―02 :44: Bha, bha. Uill, bha e, bha e na b’ fhasa sineach fhaighinn bliadhnaichean air ais, bha barrachd dhaoine ann, ach…
EC―02 :51: Agus am biodh daoine ag obrachadh còmhla tòrr, cuideachadh a chèile aig an àm sin, an robh iad…an tacsa a chèile ’s dòcha?
AM―02 :58: Tha, tha, as a’ bhaile seo tha iad car sin fhathast, tha, tha.
EC―03 :03: Sgoinneil. Agus innis dhuinn beagan mu dheidhinn làithean na sgoile agaibh, dè a’ chuimhne a th’ agaibh air a bhith as an sgoil?
AM―03 :10: ’S ann a Sgoil, Sgoil Chàirinis a bha sinn a’ dol às an seo, tha…tha…à Crois Mòraig is bha clann na Càirnichnext doordhuinn shìos ann a sheo, shìos sa bhaile an taobhs’. Is bhitheamaid…a ’ bhliadhna a thòisich mise ri dhol dhan sgoil bha sinn a’ faighinnconveyanceon Chlachan shuas sa mhadainn a-null gu Sgoil Chàirinis, ach feasgar bha sinn a’ coiseachd, dh’fheumamaid coiseachd dhachaigh às an sgoil. Agus bha e, bha e glè laghach as t-samhradh is falbh cas-rùisgte fad an t-samhraidh is…ach sa, sa gheamhradh cha robh e, cha robh e cho laghach is tu a-muigh is uisge is. ..
EC―03 :47: Cha robh, cha robh guth air bus no… ?
AM―03 :49: Uill, bha bus sa mhadainn ach dh’ fheumamaid…dh ’fheumainnstillcoiseachd suas ri mìle, suas chun an rathaid mus fhaigheamaid e, so…
EC―03 :58: Agus a bheil cuimhn’ agaibh air a’ chiad tidsear a bh’ agaibh as an sgoil, cò…cò an tidsear a bh’ ann?
AM―04 :05: Bha…uill , ’s e am prìomh thidsear a bh’ ann, ’s e Ceit Bhaile Loch a chanadh iad leatha.
EC―04 :12: Is bha Gàidhlig gu leòr as an sgoil, bha, bha…seadh bha e làidir.
AM―04 :16: Bha, bha.
EC―04 :17: Agus cia mheud, cia mheud a bha…a bha as an sgoil aig an àm sin? Cò…cia mheud sgoilear a bh’ agaibh?
AM―04 :23: O, tha e doirbh dhomh a ràdh. Bhiodh e tha mi a’ creidsinn, deich air fhichead tha mi a’ creidsinn.
EC―04 :26: Seadh, agus am biodh iad…dè car an sgìre a bh’ aig an sgoil mar gum biodh, an e…an robh sgìre…an e Càirinis… ?
AM―04 :33: Cha robh sgath. .. ach sgìre Chàirinis fhèin an toiseach, is thàinig an uair sin…thàinig an uair sin sgoilearan à…cha chreid mi nach e sgoilearan Cladach Càirinis a-staigh ann, is tha…an uair sin sgoilearan Loch Èuphoirt, is an uair sin, tha, , bliadhnaichean às a dheaghaidh sin thàinig sgoilearan Bhaile Shear a-staigh is an uair sin sgoilearan nan Ceallan is Ghriomasaigh a-staigh.
EC―05 :01: So dh’fhàs an sgoil na bu mhotha mar gum biodh.
AM―05 :06: Bha còir aig an sgoil fàs na bu mhotha, ach nuair a dhùin an sgoil o chionn dhà no thrì bhliadhnaichean is tha… bha mar gum biodhsix catchments areaaig an sgoil is cha robh ann ach trì deug dephupils.
EC―05 :19: Tha mi a’ tuigsinn, bha, bha sgìre gu math farsaing aig Sgoil Chàirinis.
AM―05 :22: Bha, is cha robh ann ach trì deug dephupils , phupilsuile gu lèir.
EC―05 :26: So àireamh beag ach…ach…car…
AM―05 :28: Sgìre mhòr. Bha, bha.
EC―05 :30: Ach ’s e call a th’ ann tha mi a’ smaointinn nuair a tha sgoil bheag a’ dùnadh co-dhiù, is a bheil cuimhn’ agaibh a bhith…an robh…an robh sibh…an robh sibh math air cuspair sam bith as an sgoil, an robh rudeigin a’ còrdadh leibh mu dheidhinn cuspair sam bith a bha sibh a’ dèanamh as an sgoil? An robh…an robh Beurla noMaths… ?
AM―05 :45: Cha robh ach nuair a dh’gheibheamaid a dhol a-mach a ghàirnealaireachd, gheibheadh tu a-mach às an sgoil! Bha sin againn ri dhèanamh uile a h-uile, a h-uile seachdain.
EC―05 :54: Bha…bha…agaibh ri bhith ag obair…
AM―05 :55: Gàrradh an tidsear a chumail, bha.
EC―05 :58: Seadh agus an robh sin a’ còrdadh ribh?
AM―06 :00: O, bha…bha , bha.
EC―06 :01: ’S e cothrom faighinn a-mach às…
AM―06 :02: ’S e, ’s e.
EC―06 :03: A-mach às…mach às an leasan. Agus dè na geamaichean a bhiodh sibh a’ cluiche nuair a bha beagan ùine agaibh? An robh, an robh geamaichean àraid agaibh as a’ …as a’ …as a’ phlaygroundmar gum biodh?
AM―06 :14: O, tha e doirbh dhomhsa a ràdh…chan e…tha…tha fhios gun robh ach… ?
EC―06 :19: Am biodh sibh, am biodh sibh a’ cluiche ball-coise ’s dòcha, an robh ball agaibh no… ?
AM―06 :24: O, bhitheamaid a-muigh, tha fhios gum biodh, bhitheamaid a’ cluiche sin tarsainn a ghàrradh.
EC―06 :29: A’ ruith às dèidh a chèile.
AM―06 :30: A’ ruith às dèidh a chèile, ’s e.
EC―06 :31: Math gu leòr, chan fheum thu tòrr dìreach a bhith, dìreach.. .dìreach a bhith còmhla. Agus dè mu dheidhinn àrd-sgoil an uair sin, cà’ …ca ’ an deach sibh dhan àrd-sgoil?
AM―06 :38: Chaidh sinn a Cheann a Bhàigh as a’ …à Càirinis. Bha sinn mu…trì bliadhna thall an sin.
EC―06 :47: Seadh, agus an robh e caran neònach a’ dol gu sgoil nas motha an dèidh ’s a bhith ann an sgoil bheag mar Chàirinis? Ciamar…ciamar a bha sin, an robh… ?
AM―06 :55: O, uill, cha robh Càirinis buileach cho beag nuair a bha mise ann ann, cha robh…cha robh, cha robh.
EC―07 :00: Ach ’s e, ’s e latha diofraichte…chaidh…an àite a bhith ann an aon rùm tha thu a’ dol eadar na rùmannan, nach eil, is diofar thidsearan agad is a h-uile dad rud beag neònach mar gum biodh.
AM―07 :10: Ach bha e…dìreach a…an toiseach bha cothrom puile math mu faithneachadh tu na sgoilearan uile ‘s mun tigeadh tu eòlach orra uileadh, so…
EC―07 :18: Agus sin sgoil nas motha cuideachd, le clann às gach…às gach ceàrnaidh mar gum biodh. Agus an robh beachd agaibh an uair sin dè bu toil leibh a dhèanamh mar gum biodh? An robh…an robh rudei…an robh miann agaibh air rud sam bith mar gum biodh?
AM―07 :32: No, chan aith…chan aith.. .chan aithne dhomh gun robh, cha robh.
EC―07 :36: Agus bha sibh trì bliadhna ann an Ceann a’ Bhàigh no Pabail mar a chanas cuid, ’s e, ’s e Cea.. .Ceann a’ Bhàigh a chanas mise, ach…agus dè an uair sin, dè thachair an uair sin, an robh agaibh ri dhol gu tìr-mòr no… ?
AM―07 :47: An fheadhainn…an fheadhainn a bha airson falbh, bha a’ cumail romhpa, dh’fheumadh iad a dhol gu tìr-mòr.
EC―07 :53: Agus an robh sibh fhèin ann an…air tìr-mòr cuideachd.
AM―07 :55: Chaidh mi aona bhliadhna ann, is cha do chòrd an gnothach leam idir.
EC―07 :59: Cha do chòrd. An robh sibh a’ fuireach ann an ostail?
AM―08 :01: Bha, sin a chuir dheth mi, ’eil fios ’ad. O, bha e mar gum biodh tu ann am prìosan is, às dèidh ’s a bhith, às dèidh ’s a bhith eòlach a bhith feadh na sgìre fad an latha.. .fad do shaoghal
EC―08 :12: Bhiodh agad ri bhith a-staigh mar gum biodh aig àmstudy.
AM―08 :16: Studydà uair a h-uile h-oidhche so…
EC―08 :18: Agus ciamar a…an robh am biadh reusanta, an robh… ?
AM―08 :21: O, bha biadh math ann, bha, bha…bha , bha.
EC―08 :25: Agus an robh ùine…an robh ùine sam bith agaibh a bhith…an robh ùine sam bith agaibh dhuibh fhèin mar gum biodh, an robh cothrom agaibh faighinn a-mach, ’s dòcha?
AM―08 :33: Gheibhea.. .gheibheamaid sìos…gheibheamaid sìos am baile às dèidh na sgoileadh, is dh’fheumamaid a bhith a-staigh an uair sin aig an, aig an tì tha mi a’ creidsinn mu…chan eil fhios a’m dè…bhiodh e mu, mu shia uairean no rudeigin. ..
EC―08 :44: Agus am biodh sibh a-staigh an uair sin? Sin agad e, cha robh…cha robh cothrom eile faighinn a-mach às, mar gum biodh. Agus tha mi cinnteach…agus an robh seo ann an…ann an Inbhir Nis?
AM―08 :54: Inbhir Nis, aidh, bha, bha…bha , bha.
EC―08 :56: Agus bhiodh clann às a h- uile…
AM―08 :59: Bha, às a h-uile sgìre ann.
EC―09 :00: Bhiodh…bhiodh clann a’ tighinn à Barraigh, ’s dòcha is àite… ?
AM―09 :02: Bha is às na Hearadh.
EC―09 :03: Na Hearadh, bho na Hearadh cuideachd, sineach. Agus an robh…an robh beagan spòrs agaibh as an ostail air an oidhche? Am biodh mar…balaich còmhla?
AM―09 :10: Och tha fhios gun robh, bha, bhiodh, bhiodh.
EC―09 :13: Goid bhon a’ chidsin is rudan mar sin. Sin, uill sin mar, mar a bha sinne co-dhiù ann an Steòrnabhagh, bhiodh…bhiodh rudan mar, mar sin a’ tachairt!
AM―09 :21: Och cha robh reusan sam bith againn goid as a’ chidsin , bha iad glè mhath duinn.
EC―09 :24: Bha iad…cha robh, cha robh adhbhar ann.
AM―09 :26: Huh?
EC―09 :28: Bha…bha lòn gu leòr ann co-dhiù. Agus a bheil sibh a’ cumail suas ri, ri duine sam bith fhathast bhon ostail, am bi…am bi sibh gam, gam faicinn no…no a’ cluinntinn bhuapa?
AM―09 :37: Uair no dhà is snagrounds , that was all.. .sin uileadh.
EC―09 :40: Cha bhi duine a’ tighinn còmhla mar gum biodh. So bha sibh bliadhna ann an Inbhir Nis as…as an sgoil, agus dè…agus dè an uair sin mar gum biodh, dè, dè, dè an ath-cheum a ghabh sibh an uair sin?
AM―09 :53: Thàinig mi, thàinig mi dhachaigh chun na cruite.
EC―09 :55: Agus sin mar a…agus tha sibh air a bhith ann…
AM―09 :59: Tha, a-riamh on uair sin, tha treiseag bheag on uair sin!
EC―10 :02: Agus cha robh…an robh…cha robh sibh a-riamh ag obair ann an rud sam bith eile ach dìreach air a’ chruit.
AM―10 :06: Cha robh, cha robh.
EC―10 :07: Cha robh dui…cha robh obair phàirt-ùine agaibh.
AM―10 :09: Cha robh.
EC―10 :11: An robh…an robh tòrr air an aon dòigh, ag obair air a’ chruit a-mhàin no an e…an e…an robh sin rud beag…rud beag mì-àbhaisteach daoine a bhith ag obair air a’ chruit gun…uill…gun obair sam bith eile? Am biodh…am biodh…an robh… ?
AM―10 :24: Cha…cha…cha robh aig an àm a bha siud idir.
EC―10 :26: Cha robh…bha deannan dhaoine…
AM―10 :28: Bha, bha, ris an obair. Uill bha na cruitean a bha seo agus sa Bhaile Shear bha iad na bu mhotha ’s dòcha na na cruitean àbhaisteach.
EC―10 :37: Tha mi a’ smaoineachadh. Agus ’s dòcha nas motha cuideachd aig na feadhainn aig…ann am…ann am Beinn na Faoghla agus deas cuideachd an robh? ’S dòcha talamh beagan nas…uill beagan nas farsainge is… .
AM―10 :47: Na b’ fharsainge, uh - huh. Seach na cruitean air an taobh an ear, cha dèanadh tu dad ann a shineach.
EC―10 :51: Tha mi a’ tuigsinn, tha mi a’ tuigsinn, aidh, so. .. agus a bharrachd air a bhith ag obair air a’ chruit, tha mi cinnteach gun robh uairean gu math fada agaibh air a’ chruit isweekenda h-uile rud, an robh…an robh cothroman ann, cothroman sòisealta agaibh airson faighinn a-mach le daoine òga eile is gu dannsaichean is cèilidhean is clubaichean is… ?
AM―11 :10: Och bhitheamaid…bhiodhte a’ cluiche, ’eil fhios agad, le clann mun cuairt, clann na Càirnich bhiodh iadsan…bhitheamaid a’ cluiche còmhla an-còmhnaidh so, tha.
EC―11 :17: Agus nuair a bha sibh beagan na bu shine mar gum biodh, airson…airson , airson dol a-mach air an oidhche, an robh rudan… ?
AM―11 :22: Och cha robh, cha robh an t-uabhas dhe sin idir ann, cha robh.
EC―11 :25: Agus am biodh daoine a’ dèanamh rudan dhaibh fhèin mar gum biodh? An robh daoine a’ dol a chèilidh air a chèile, an robh, an robh… ?
AM―11 :31: O, bha, bha sin a’ dol fad an t-siubhail. Chluinneadh tu an doras a’ fosgladh is bhiodh tu ga choimhead gach…cò…cò bha a’ tighinn a-staigh. Cò…cò fear de, cò fear de na nàbannan a bha a’ tighinn a-staigh is…is bhiodh iad a…
EC―11 :43: So bha, bha coimhearsnachd làidir ann.
AM―11 :45: Is bhiodh iad ag innse stòiridhean èibhinn is stòiridhean…seann stòiridhean.
EC―11 :48: A bheil cuimhn’ agaibh air gin a stòiridhean mhatha? Feadhainn ’s dòcha… ’s dòcha…an robh, an robh rudan ann ’s dòcha mu dheidhinn…rudan mar…no bòcain is taibhsean no manaidhean is rudan mar sin?
AM―11 :59: Och, bha…bha an neach a bha seo Seonaidh Iain Bhàin a chanadh iad leis, bhiodh e an-còmhnaidh shuas…thogadh e san Uachdar shuas ’s ann ann a thogadh e, taigh MhicÌosaig san Uachdar.
EC―12 :12: Uachdar Beinn na Faoghla?
AM―12 :14: Agus ’s e, bha iad càirdeach àsuh huh, agus stòiridhean aigesan tighinn a-nuas às an sineach, ach cha chan mi…bhiodh e…stòiridh Mhic a’ Phì, cù dubh Mhic a’ Phì aige an-còmhnaidh is…
EC―12 :25: Cù dubh Mhic a’ Phì? Tha mi a’ smaointinn gun e sin…an e sin mu dheidhinn àirigh a h-aon h-oidhche?
AM―12 :28: Sin agad thu, shin agad thu!
EC―12 :30: Tha, tha mise gu math…gu math eòlach air an stòiridh sineach co-dhìu. Tha sin air a chlàradh ann an.. .air, air bhideo le Tormod MacIlleathain cuideachd, yeah , yeah ’s e… ’s e deagh… ’s e deagh stòiridh a th’ ann.
AM―12 :44: Bha cus den t-seòrsa sin an uair ud ann, ’eil fhios agad, feumaidh…
EC―21 :47: An robh sibh a-riamh shuas aig an…aig an àirigh fhèin far an…far an…bha mise shuas turas no dhà agus tha, tha rudeigin mu dheidhinn gun teagamh, chan eil fhios a’m dè th’ ann.
AM―21 :55: An fhac’ thu a’ chearc le na h-iseannan? Am fac’ thu a’ chearc le na h-iseannan?
EC―12 :59: Chan fhaca, chan fhaca. Dè…dè tha seo? An e seo pàirt den stòiridh?
AM―13 :05: Chan e ach na…gu bheil iad a’ tighinn air ais ann an cruth eile, ’eil fhios agad, an fheadhainn sin!
EC―13 :10: So, so bidh ur stòiridhean a’ dol, a’ dol, a’ dol mun cuairt co-dhiù. Agus a bheil cuimhn’ agaibh air ’s dòcha làithean mòra sam bith mar gum biodh, ’s dòchagamesnocattle showis na rudan, an robh…an robh…an robh beagan ùine dheth agaibh airson…
AM―13 :25: O bhitheadh airson leithid sin-ach airsonsports, nasportsairson bhiodh e.. .cuimhn’ a’m air latha a’ Choronation, is bha latha mòr againn an latha sin so. ..
EC―13 :32: Saoil dè.. .agus dè thachair air, air an latha sin, mar gum biodh?
AM―13 :35: Tha mi a’ smaointinn gur ann…an esportsno rudeigin a bh’ againn mun sgoil no rudeigin mar sin.
EC―13 :38: So bha latha, bha latha spòrs aig, aig a h-uile sgoil?
AM―13 :41: Feumaidh gun robh, feumaidh gun robh.
EC―13 :43: Agus trèata, an robh biadh ann is… ?
AM―13 :46: O, chan eil beachd agam air sin.
EC―13 :48: Agus dè bha a’ tachairt air latha nagames? Am biodh…am biodh sibh fhèin an-sàs ann an…ann an rud sam bith mar ruith no carachd no… ?
AM―13 :54: Cha robh!
EC―13 :58: Obair gu leòr a’ ruith cruit gun a bhith a’ carachd cuideachd!
AM―14 :02: Ach bha…bha a’ chlannnext door, bha clann na Càirnich bha…bha iad sin math air ansport.
EC―14 :07: O, seadh, seadh. An e sin…an e sin Aonghas agus… ?
AM―14 :09: Aonghas agus na peathraichean…Ceiteag shuas agaibh fhèin is Màiri is bha…bha iad uile gu math, bha iad math air…bha iad math airsportiad sin.
EC―14 :18: Bha e, bha e car a’ ruith as an teaghlach.
AM―14 :19: Bha. Bha e uabhasach iongantach, bha cuid de theaghlaichean bha e a’ ruith annta.
EC―14 :23: Agus am biodh, am biodh dannsaichean ann agus… ?
AM―14 :26: Bhiodh, bhiodh, ach cha, cha robh iad uabhasach bitheanta ann, so. ..
EC―14 :31: Agus ciamar a choinnich thu fhèin is Annie, an robh…an tàinig i a dh’obair an seo no cia…an robh…an robh, an robh i a’ teagasg?
AM―14 :38: O, bha i a’ teagasg.
EC―14 :42: Agus cò às a…cò às tha i fhèin bho thùs mar gum biodh?
AM―14 :45: ’S ann ann am meadhanBroughty Ferryshìos taobh a… ’s ann ann a shin a tho.. .a thog.. .a rugadh i, ach chaidh a’ togail shìos an Sasainn ach thill iad a-nuas a-rithist, an teaghlach a-nuas a- rithist…tha…a dh’Alba a-rithist so…
EC―15 :01: Agus an robh miann agaibh fhèi…an robh miann agaibh fhèin a-riamh a bhith a’ fuireach ann an àite eile seach Uibhist? Am b’ urrainn dhuibh fuireach ann an àite sam bith eile ach seo, no… ?
AM―15 :11: Tha mi creids’ nam feumadh tu a dhèanamh, ach tha mi a’ smaoin…tha mi a’ smaointinn gun e dad, dad…dad bu mhotha a dh’ionndrainninn ’s e, ’s e an cuan. ’S e do thogail ri taobh a’ chuain.
EC―15 :20: A bhith ri taobh na mara agus sineach. Tha, tha mi a’ tuigsinn, tha mise car an aon dòigh nuair a tha mi ann an àite far nach fhaic mi a’ chuan. Tha, tha mi ag aont…tha mi ag aontachadh leat co-dhiù. A bheil sibh a’ faicinn atharrachadh mòr as a’ choimhearsnachd bhon a bha sibh na b’ òige mar gum biodh? A bheil…a bheil ’s dòcha barrachd dhaoine…barrachd daoine a’ tighinn a-staigh a dh’fhuireach is a bheil cothroman-obrach nas fheàrr ann is a bheil…a bheil na cleachdaidhean mar gum biodh ann, mar a bha uaireigin?
AM―15 :49: O, chan eil, chan eil. Nuair a bha, nuair a bha sinne òg cha robh dad ach na h-eich a bh’ againn, cha robh inneal sam bith agad ach na h-eich is an speal.
EC―15 :59: Bha eich agaibh agus…
AM―16 :00: ’S ann le na h-eich a bha sinn a-riamh ag obair.
EC―16 :04: Agus…agus an robh sibh…an robh duine sam bith mar gum biodh …am biodh duine sam bith gan cleachdadh mar gum biodh, ’s dòcha duine a bha a’ dol tarsainn na fadhlainn, am biodh iad…am biodh iad a’ faighinn cothrom air each, no am biodh iad…am biodh iad gam, gam…am biodh sibh gan toirt a-mach gu daoine eile cuideachd, mar gum biodh?
AM―16 :23: Bha, nam biodh…nan tadhaladh duine, ’eil fhios agad, nam biodh…nam biodh an fhadhail domhainn agus…is an uair sin gheibheadh tu lioft, ’eil fhios agad, tarsainn air fadhlach leis, ach nuair a bha sinn fhèin òg, bhitheamaid dìreach ag obrachadh nan each a’ dol sìos a dh’Iolaraigh à seo, is sinne a’ dol a Chladach Iolaraigh à seo, is bha an fhadhail, Fadhail na Caorach tha i shìos dìreach ri taobh na Càirnich ann a shin, is dh’fheumte fuireach gus am fosgladh an fhadhail son faighinn sìos dhan Bhaile Shear, is ceann a tuath a’ Bhaile Sheair shìos, ’s e Iolaraigh a chanas iad ris agus… ’s e…tha…tha roinn…tha machair aig na cruitean an seo shìos ann a shin, is bhitheamaid a’ dol sìos an sineach dha fheamnadh nuair a bha sinn òg. Dh’fheumadh tu fuireach gus am fosgladh an fhadhail is tha…co -dhiù is an uair sin nuair a bhiodh tu a’ tighinn dhachaigh a-rithist chan fhaiceadh tu an fhadhail far am biodhte ag obair taobh an iar a’ Bhaile Sheair ann is…ach bha sgeir a-muigh an Caolas…Caolas Hèisgeir agus Sgeir Altair agus an sgeir sin dìreach…dìreach a’ dol fodha, bha an t-àm agad falbh an uair sin ach a faigheadh…ghlacadh tu an fhadhail air ais dhachaigh. Is bhitheamaid a’ feamnadh shìos an sin fad an latha, fad na tràghad, so…is ga, ga chur ann an tòrr, a’ cur feamainn ann an tòrr. Is an uair sin nuair a ghrodadh an fheamainn bha agad ri dhol sìos, bha agad ri a sgaoileadh a-mach air an talamh airson a’ …airson a’ bhuntàta. Is an uair sin nuair a bhiodh i air grodadh gu math is feur, feur math a’ fàs roimhpe, bha an t-àm ann dhut a dhol a chur a’ bhuntàta is bha agad ris a’ bhuntàta an uair sin bha agad ri lathaichean mur an robh iad gan cur bha agad rin gearradh mar an tuirt iad ’eil fhios agad, sùilean a bheir às, agus an uair sin bha thu a’ cur sineach ann am poca agus leigeil leis tiormachadh beagan làthaichean, far an do gheàrr thu e…feuch an tiormaicheadh e beagan làithean mun cuireadh tu dhan talamh e, so an uair sin pìos as a’ …pìos as nach robh sùilean idir, ’s e ‘glaodhan’ a chanadh tu leis, an cuala tu siud a-riamh? ‘Glaodhan’, ‘glaodhan’ agus bhiodh sinn a’ bruich sin dha na cearc an uair sin a’ cuir min na lùib is ga bhruich dha na cearc an uairsin …bhiodh iad an uair sin ri chur a’ bhuntàta, bha agad ri…bhiodh iad…deannan agad de dhaoine airson na sùilean a chur dhan an talamh agus bha agad ri feadhainn eile. .. dh’fheumadh iad mar an tuirt iad, bhiodh iad…a ràcadh na feamad biathachadh a chanadh iad ris, ràcadh na feamad le gràp a-staigh dhan chlaisidh agus cur na sùilean gu h-àrd air an talamh an uairsin a h-uile sgrìob bhiodh iad…biathadh a chanadh iad leis a’ …bha aca na feamainn le gràp a chur a-staigh dhan chlaisidh, agus bha…a ’ cur na sùilean gu h-àrd air an talamh ann a shin is a h-uile sgrìob dh’fheumadh tu…gach dàrnacha sgrìob bha sinn a’ cur buntàta ann, ach dh’fheumadh tu a h-uile sgrìob, dh’fheumadh tu a biathadh airson an fheamainn a tharraing a-staigh dhan chlaisidh, no bhiodh e a’ cur stad air a.. .air a’ chrann agus…an uair sin bhiodh agad.. .fhios agad nuair a bhiodh am bùntata dìreach gus tighinn troimhe an uair sin, bha thu ga chliathadh, bhitheamaid ga chliathadh le na h-eich, gus am…marbhadh e cus de na lusan nach robh thu ag iarraidh a bhith a’ fàs gu h-àrd. Is an uair sin bha thu ga thodhaigeadh le crann-thodhaigidh agad is bha thu a’ dol sìos eadar na sgrìoban le beathach eich is bha e ga…ga , ga dèanamh mar an tuirt iaddrillsis a’ cur suas a…a ’ togail a’ bhuntàta suas ri na barran airson tachdsa a chur ann. Is an uair sin nuair a, nuair a bha thu a’ dol ga thogail as t-fhoghar bha…bha , bhiodhte…cha robh cus mar an tuirt iadstorageaig daoine aig na taighean an uair ud ann agus bhiodh cus buntàta an uair ud shìos air a’ mhachair is bha thu a’ dèanamh mar an tuirt iad sloc-buntàta, an cuala thu guth riamh air sloc-buntàta?
EC―20 :06: Cha chuala.
AM―20 :07: Bhiodh iad a’ dèanamh cladhadh mar gum biodh dìreach mar gum biodh, mar gum biodh tu a’ cladhach uaghach, bha thu a’ dèanamh tollsquarefada mar sineach is bha thu a’ tìodhlacadh a’ bhuntàta ann a shin, ga lìonadh le buntàta is bha thu a’ cur na sgrath tha…bun os cionn air, air muin a’ bhuntàta an uair sin, is bha thu a’ cur na gainmheach suas air a…is tòrr mòr mòr gainmheach suas air a mhuin an uair sin gus an cumadh e an reothadh dheth.
EC―20 :32: Agus bhiodh e ga chumail?
AM―20 :34: Is bhiodh e ann a shineach gu…gu earrach. Agus an t-àm a bhiodh… ’s dòcha nam biodh am buntàta aig an taigh a’ fàs gann no a’ tighinn faisg air àm cur a’ bhuntàta, bhathar a’ togail sin a-rithist agus tha…bhiodh e cho math ’s a bha e a-riamh ann a shin agad.
EC―20 :51: Seo a-nist.
title | 1 |
internal date | 2020.0 |
display date | 2020 |
publication date | 2020 |
level | |
parent text | Alasdair MacDhòmhnaill |