EC―00 :07: Is cuin a sguir daoine a bhith ag obair le eich, mar…an robh…an robh…an robh…cuin…cuin a thàinig seo gu crìoch mar gum biodh?
AM―00 :13: Bha…bha sinn fhìn is muinntir a’ Bhaile Shear shìos ann a sheo is bhitheamaid ag obair le na h-eich tha mi a’ creidsinn gu suas mu…mu direach naearly sixties.
EC―00 :24: Seo a-nist. Agus dè mu dheidhinn ann an còrr de dh’àitichean, an robh…an robh daoine ag obair le tractairean?
AM―00 :33: O, bhiodh ’s ann as na bailtean far nach robh fadhlaichean sa leithid sin. Cha robh dad na bu mhiosa na na h-eich. Nuair a thigeadh tu dhachaigh leotha is tu fuar, bog fliuch, dh’fheumadh tu coimhead air na h-eich an toiseach mum faigheadh tu fhèin a-staigh. Is a-nist chan eil agad ach leum far an tractair is tha thu a-staigh!
EC―00 :52: Gun teagamh, gun teagamh, gun teagamh. Agus cuin a chaidh an drochaid a thogail eadar…uill , a’ chabhsair eadar…eadar…eadar Uibhist a Tuath is a’ Bhaile Shear, a bheil, a bheil… ?
AM―01 :00: Bha… ’s ann ann an 1960 tha mi a’ smaointinn. Bha…bha airgead a bha a’ chòrr aca air an drochaid mhòr, agus ’s e MacMillan a bha siudach ’s e Leodhasach, ’s e an MP a bh’ ann an uair ud ann agus…
EC―01 :15: O, ’s e, Malcolm K. MacMillan…
AM―01 :17: ’S e. Cha robh drochaid gus a bhith air a togail gu bliadhnaichean às a dheaghaidh sineach ach thuirt esan leotha ‘Tha an t-airgead a tha seo a’ chòrr againn a-nis’ agus tha…thogaibh an drochaid an-dràsta, ach ma tha sibh a’ dol a dh’fhuireach airson an latha a tha sibh ag ràdh tha…tha i a’ dol a chosg cus cus a bharrachd dhuibh agus sin a rinn iad, rinn iad cliobhar an uair sin i.
EC―01 :41: A bheil diofar mòr ann ’s dòcha eadar nuair a bha sinn fo Inbhir Nis agus a’ Chomhairle? A bheil…a bheil sibh a’ smaointinn gu bheil gnothaichean air tighinn air n-adhart ’s dòcha leis a’ Chomhairle a bhith…comhairle againn fhìn a bhith againn mar gum biodh? Chanadh cuid gun robh Inbhir Nis car fada air falbh, air nach robh for aca mar gum biodh air àiteachan air, air an iomall. Ach a bheil…a bheil sibh a’ smaointinn gu bheil gnothaichean ’s dòcha air…air gluasad mar gum biodh?
AM―02 :05: O, tha, tha…tha tha, ach tha…tha mi a’ smaointinn ’s dòcha…rud a dh’adhbhraich sineach tha mi creidsinn gu bheil e…na tha iad a’ faighinn de dh’airgead às an EU. Sin… ’s ann às a thàinig na… ’s ann às a thàinig na cidhichean agus na, na rathaidean uileadh.
EC―02 :18: Gun teagamh, le…le Objective1, nach e, mar a tha na rudan mar sineach agus ’s e a’ cheist a-nist cà’, cà, cò às a thig e?
AM―02 :25: Sin an rud, ma thig e a dh’ àite idir.
EC―02 :27: Anns na…sna làithean seo. So, so tha gnothaichean…tha gnothaichean air gluasad co-dhiù.
AM―02 :33: O, tha, tha is bàta-aiseig is a h-uile dad den t-seòrsa sin, tha, tha.
EC―02 :38: Agus a bheil sibh fhèin a’ falbh tric, a bheil sibh a’ gabhail cuairtean airson faighinn air falbh bhon an seo son… ?
AM―02 :43: Chan eil mise, chan eil mise titheach air falbh idir, tha Anna a’ falbh gu math tric.
EC―02 :46: Chan eil e a’ còrdadh leibh a bhith a’ falbh, ’s fheàrr leibh dìreach a bhith an seo fhèin.
AM―02 :50: Thèid mi cuairt an-dràsta is a-rithist a-null taobh Inbhir Nis ach sin a…sin uileadh.
EC―02 :55: An deach sibh a-riamh air chuairt gu…gu dùthaich eile, mar gu Astràlia no Canada no… ?
AM―03 :00: Bha sinn ann anNew Zealand.
EC―03 :04: Agus ciamar a bha sineach, an robh e car coltach ri seo ann an dòighean no… ?
AM―03 :09: Uill, bha fearann, fearann is obair…obair an fhearainn chan eil e gu uabhas diofar ann idir, ach dad a b’ iongantaiche leamsa uile gu lèir nuair a bha sinn ann ’s e…tha aig an àm cha robh ann ach ceud gu leth bliadhna sa eachdraidh as an dùthaich, agus chitheadh tu ‘To Her Majesty the Queen’ is bha mi ag ràdh leam fhìn ‘Dè an gnothach a bh’ aig a’ Bhanrìgh a bhith a-bhos an seo? ’.
EC―03 :32: Deagh cheist a th’ ann, yeah.
AM―03 :35: Bha e uabhasach iongantach, ’eil fhios agad, na bha a’ dol ann agus cho beag ’s a bha eachdraidh ann.
EC―03 :39: Tha mi a’ tuigsinn, ’s e dùthaich ùr a th’ ann ann an dòigh, uill son…son na daoine a chaidh…na daoine a chaidh ann, mar gum biodh. Agus dè…agus dè chuir ann sibh, an e teaghlach no càirdean no càirdean no… ?
AM―03 :50: Bha piuthar aig Anna pòsta thall ann, so…
EC―03 :55: Agus dè ur beachd a thaobh cothroman de, de dhaoine òg san latha an-diugh, a bheil cothroman gu leòr airson, son feadhainn òg a chumail an seo, no a bheil feum air rudeigin eile mar gum biodh?
AM―04 :05: Tha deannan de dhaoine òga a’ tighinn dhan àite so feumaidh, feumaidh…feumaidh gu bheil…feumaidh gu bheil rudeigin ann a tha dol gan cumail.
EC―04 :10: Feumaidh gu bheil, sin a tha mise…sin tha mi.. .feumaidh gu bheil rudeigin gan…
AM―04 :14: Ach bha mi ag innse…bha mi ag innse dhut cheana bha sinn ann anNew Zealand, tha cus de na h-ainmean shìos as an Eilean a Deas, ’s ann à ainmean Gàidhlig a thàinig iad. An abhainn as motha shìos ann ’s e Clutha a th’ oirre, ’s e an abhainn Chluaidh a bh’ ann uaireigin, is bha na Gàidheil, sin far an deach a’ chuid bu mhotha de na Gàidheil. ..
EC―04 :32: Eilean a Deas an e, ceann a deas?
AM―04 :34: Ceann a deas na h-eilein an deas. Agus bha…shuas faisg air Mount Cook mun tuirt iadsheep stationsmhòr ann agus tha…chì thustatuedo tha…cù -chaorach shuas air, air…air a…agus tha sgrìobhadh fodha ag innse dè am beothach a th’ ann agus ’s ann ann an Gàidhlig a tha e, is ‘Beannaichibh coin-chaorach, tha…is gur h-iad a dh’fhosgail suas an t-àite a tha seo’ is an uair sin ‘Blessed be the sheepdog without whose help this country would never have been opened up’.
EC―05 :15: Seadh, ’s e…tha tòrr moladh aig daoine – air an dùthaich, airNew Zealand. Duine sam bith a b’ aithne dhomhsa a bha a-riamh ann, tha iad ga mholadh gu mòr.
AM―05 :24: Tha, tha.
EC―05 :27: Tha deannan à Uibhist a’ fuireach…tha mi a’ smaointinn gu bheil dhà no trì…tha mi a’ smaointinn gu bheil feadhainn à Uibhist a’ fuireach ann anNew Zealand, tha…
AM―05 :31: O, tha fhios gu bheil.
EC―05 :32: Tha, tha… ’s aithne dhomh feadhainn a bha…bha fear dhiubh a-staigh bho chionn ghoirid bha mi a’ bruidhinn ris is…bha dithis a b’ aithne dhomh bha iad a-staigh so…so , so chan eil cothroman cho dona do dh’òigridh ’s dòcha gu bheil cothroman ann…uill , tha e coltach gu bheil…gu bheil obraichean ann. A bheil…a bheil sibh…a bheil ùidh agaibh ann an rudan mar…mar muilnean-gaoithe agus rudan mar sineach airson…airson dealan a chruthachadh bho…bho rudan nàdarra? Chì mi, chì mi na muilnean-gaoithe a-muigh.
AM―06 :02: O, tha, tha fhios gu bheil. ’S e as motha a tha a’ cur iongnadh orm fhèin ’s e na bha na…na bha na…de , de shruthan mun cuairt nan eileanan an seo nach deach iad a-riamh a chur an grèim airson leithid sin a dhèanamh.
EC―06 :15: Am biodh ùidh agaibh fhèin ann an rudeigin mar sineach, am biodh, am biodh ùidh agaibh ann an…ann an muilnean-gaoithe son…son…son ur, ur cumail ann an…ann an dealan is… ?
AM―06 :24: O, thia! ’S dòcha nam bithinn ceithir fichead bliadhna na b’ òige ’s dòcha.
EC―06 :32: A bheil sibh a’ faicinn diofar…diofar timcheall oirbh a thaobh…a thaobh crìonadh mar gum biodh, a bheil…a bheil an talamh a’ dol air ais ann an Uibhist a bheil?
AM―06 :41: Och tha, tha…tha , tha. Tha. Tha cus de na cruitean a-nist chan eil dad annta ach luachair, so…bha iad uile air an àiteach uaireigin.
EC―06 :51: Seadh, sin, sin…bha , sin…ach a bharrachd air an sineach a bheil, a bheil sibh a’ faicinn gu bheil mar gum biodh a’ mhuir mar gum biodh a’ geàrradh a-staigh dhan…dhan talamh? A bheil…a bheil talamh air a chall gu, gu muir, mar gum biodh?
AM―07 :03: O, bha sin a-riamh ann, bha, bha. Tha mi a’ creidsinn nach eil e dad nas luaithe na bha e a-riamh.
EC―07 :09: A bheil sibh a’ faicinn diofar on a bha sibh fhèin ’s dòcha nur balach òg mar gum biodh, a bheil… ?
AM―07 :13: O, tha, tha. Tha fìor cheann a tuath Iolaraigh shìos, ’s e, ’s e ‘Slugan’ a chanas iad ris, agus ’s ann shìos an Iolaraigh ’s ann a bha, bha cruit aig mo sheanair shìos ann an Iolaraigh as a’ chruit a bha seo, is ’s ann an Iolaraigh shìos a thogadh m’ athair, is tha…far a bheil Mòrag Ann a’ fuireach an-diugh shìos, is bha e ag ràdh nuair a bha esan a’ dol dhan sgoil gun do…chan fhaigheadh iad a-null dhan t-Slugan idir, bha…nuair a bha làn mòr ann, bha…bha , bha fadhail ann agus dhùin…dhùin an uair sin an fhadhail a bha sineach agus ’s e, ’s e a-nist am baile as àirde den mhachair uile gu lèir agus, agus bha uaireigin ann an…cha chreid mi as na 1500s uaireigin, bha iad a radh gun do bhrist a’ mhuir a-staigh, is bha…bha…bha an t-uabhas de thalamh-aiteach math an Iolaraigh ‘s e aite, am baile as fhearr a bha sa duthaich agus bhrist a’ mhuir a- staigh…
EC―08 :07: An robh fìor dhroch stoirm ann no… ?
AM―08 :09: Bha. Feumaidh gun robh is… chi thu nuas as an t-Slugan ann a shineach is mol a b’ àbhaist a bhith…mar a tha…tha mol an-còmhnaidh airson…air an taobh an iar…taobh an iar an talamh a tha e, ach tha sa phìos a tha siud ’s ann air an taobh an ear a tha e, agus tha sin a’ ciallachadh feumaidh gun do dh’fhalbh a h-uile sgath bho tha…dhan mhachair an uair sin is gu bheil e dìreach a’ togail mean air mhean an taobh a-muigh dheth a-rithist. Is tha sgeir, oitir mhòr ann, is tha sgeir a-muigh ann is clachan timcheall, is ’s e ‘Sgeir nan Laogh’ a th’ oirre, is feumaidh gur ann… ’s ann ann a bhathar a’ cur nan laogh uaireigin, so…
EC―08 :41: Agus dè mu dheidhinn an rud a chanas iad mu dheidhinn Am Baile Sear agus Am Baile Siar, a bheil e coltach gun robh…gun robh baile eile ann uaireigin agus gun deach e fodha? Sin an stòiridh a chuala mise co-dhiù.
AM―08 :53: O, bha, bha Bail’ Husabost co-dhiù ann, bha, bha…bha i an sineach aidh. Chì thu na clachan fhathast ann an… tha iad nas…nas…tha iad nan sreath a-mach on chladach is tha iad air, tha iad air an cruinneachadh còmhladh, so…tha clach-eòrna a-muigh ann a shiud a thog mi fhìn à Sgeir Husabost, chì thu i aig, a-muigh aig an doras ann a shin.
EC―09 :13: Agus nach deach, nach deach long cuideachd air tìr no air na sgeirean as a’ Bhaile Shear, a bheil…a bheil…a bheil pìos beag dhith air fhàgail fhathast, a bheil bàta mòr no rudeigin…an robh, an robh rudeigin… ?
AM―09 :25: O, bha, bha bàta, bàta-siuil, ’s e James A. Wright a bh’ oirre, James A. Wright.
EC―09 :34: Agus dè…a bheil fios agad, dè dh’èirich dhi, an e dìreach ann an stoirm no… ?
AM―09 :41: Ann an stoirm is cha chreid mi nach robh na siuil air an sracadh is a h-uile dad, so…bha , bha iad air chall, ’eil fhios agad.
EC―09 :49: Agus an do thàrr iad a-mach às? A bheil…tha thu a’ smaointinn gun do thàrr na daoine a-mach às an rud, agus saoil an d.. .an d’fhuair na daoine buannachd sam bith às, ’s dòcha an robh carago sam bith a b’ urrainn dhaibh a chur gu feum no rudeigin?
AM―10 :00: Chan eil mi a’ smaointinn gun robh an t-uabhas den t-seòrsa ann, cha robh i, cha robh i ach ann amballastcha chreid mi so…
EC―10 :04: O, tha mi a’ tuigsinn. I mean chuala mi uaireigin gum biodh daoine a’ faighinn mar…uill gum biodh iad a’ faighinn rudeigin às mar gum biodh, you knownam biodh rud air tighinn, air tighinn air tìr uill…gun , gun e gibht a bh’ ann ann an dòigh.
AM―10 :16: Bha…chaidh uaireigin air a…a -muigh mu Hèisgeir, bha an tè sin anInflexible, ’s e min a bh’ innte, is bha iad ag ràdh gun d’ fhuair iad cus min às an sin, ach gum biodh iad ga faighinn às a…ga faighinn air a’ chladach is bha a’ mhin uabhasach… ’eil fhios agad, ged a bha còta fliuch air an taobh a-muigh, bha iwatertightis bha i…b ’ urrainn a cleachdadh agus an Ranstabal ‘s e deoch a bh’oirre ‘s bha sin air tighinn air a’ chladach.
EC―10 :47: Agus dè mu dheidhinn fiodh? Dè…dè nam biodh duine feumach air fiodh is rud sam bith, ciamar, ciamar a gheibheadh daoine fiodh ann a sheo, an robh… ?
AM―10 :55: An uair…an uair ud? O bha iad a’ faighinn cus air a’ chladach.
EC―10 :58: Dìreach air a’ chladach fhèin mar gum biodh.
AM―11 :01: Ach bhiodh iad…o , o chionn fada bha iad ag ràdh gum biodh iad a’ dol sìos a Mhuile a gheàrradh coille, ’eil fhios agad, airson na…airson na taighean-tughaidh, son na ceanglaichean is leithid sin a chur ann an taighean-tughaidh so…
EC―11 :15: Seadh. Agus dè mu dheidhinn mòine, am biodh sibh a’ buain mhòine ann a sheo, an robh… ?
AM―11 :21: O, a h-uile duine a’ buain mhòine an uair ud, dh’fheumadh tu.
EC―11 :23: Agus a bheil puill faisg oirbh ann a sheo fhèin no am feum sibh a dhol gu… ?
AM―11 :26: Tha, tha iad a- mach…tha… car mu rathad Loch Euphoirt a-mach ann a shin, suas as, as a’ mhòintich ann a shin.
EC―11 :33: Chan eil, chan eil mòine timcheall an seo, ’s e dìreach… ’s e car de…tha mi a’ tuigsinn.
AM―11 :38: Agus mar a bha shìos ann am Machair Iolaraigh bha dhà no thrì mìle aca ri dhol a dh’iarraidh na mòine agus gan toirt dhachaigh so…tha…
EC―11 :45: Agus a bheil cuimhn’ agaibh air, air daoine a’ fuireach air, air na h-eileanan mar Circebost is Heisgeir, am biodh, am biodh iad a’ tighinn an seo uaireannan is can…an robh…cuin a dh’fhàg daoine Circebost, a bheil… ?
AM―11 :58: Chan eil, chan eil cho chianail…cho chian.. .cho chianail fada is tha mi a’ creidsinn as na…tha…chan eil fhios a’m bha…late50s tha mi a’ creidsinn.
EC―12 :08: Agus Heisgeir an sin cuideachd, bha, bha sin, bha sin beagan na bu tràithe?
AM―12 :12: Bha sin na bu tràithe, bha, bha.
EC―12 :16: Seo a-nist, so, ’s e, ’s e sgìre gu math, gu math inntinneach a th’ ann…a bheil, a bheil fios agaibh dè an t-ainm Crois Mòraig, dè, dè…ciamar…dè…dè tha e a’ ciallachadh mar gum biodh?
AM―12 :27: Crois Mhoire.
EC―12 :28: O Crois Mhoire, Crois Mhoire.
AM―12 :30: Chì thu an làrach shuas air a’ chnoc ann a shiudach i, air cùl taigh Sam, chi thu…bha…far an robh a’ chrois…tha cnoc bhiorach ann is tha, tha gàrradh-cloicheadh ann an, ann an crios timcheall a’ chnuic agus bha iad ag ràdh gur h-ann an sin a bha a’ chrois.
EC―12 :47: Agus am bi daoine a’ tighinn airson, airson a bhith a’ rannsachadh mar gum biodh, am bi…am bi… ?
AM―12 :51: O, cha robh duine a’ coimhead…cha robh duine…cha robh duine ag aithris air. Chan eil fios aca gu bheil an leithid ann tha mi a’ creidsinn. Agus bha eilean air an tràigh shìos ann ’s e ‘Crois Eilean’ a chanadh iad ris, chan eil fhios a’m, feumaidh gun robh…bha cuideigin deanamh a-mach ’s dòcha gun e, gun e soidhne aca far am faigheadh iad an fhadhal, ’eil fhios agad, daoine a’ tighinn far taobh an iar na dùthcha bha e.. .gus am faigheadh iad tarsainn na fadhlach agus nuair a dh’èiricheadh iad ris a’ chrois ann a shin air a’ mhullach, chitheadh iad Teampall Chàirinis dìreach, is e a-null dìreach romhpa. Bha e a’ dèanamh a-mach gun e soidhneachan a bh’ ann airson faighinn chun an Teampaill.
EC―13 :26: Tha mi a’ tuigsinn. So tha, tha eachdraidh gu math, gu math fada aig an sgìre seo co-dhiù. Gu dearbha fhèin. Agus a bheil tòrr, a bheil tòrr a’ tighinn a dh’fhuireach an seo a-nist as an sgìre agaibh fhèin? A bheil sibh a’ faicinn tòrr dhaoine a’ dèanamh dachaigh dhaibh fhèin ann a sheo, daoine ’s dòcha bho àiteachan eile a’ tighinn a-staigh is…a bheil, a bheil car measgachadh eadar daoine à seo mar gum biodh agus daoine a thàinig a-staigh?
AM―13 :53: O, tha, tha. Tha gille shuas an rathad seo, tha e a’ togail taigh shuas, thug Sam dha pìos fearainn shuas…shuas air…a ’ togail taigh shuas ann a shin, so…
EC―14 :03: Agus saoil a bheil…a bheil ùidh aig an fheadhainn òga as a’ chruit as an latha an-diugh, a bheil, a bheil e…a bheil e a’ tarraing na daoine òga a bhith a’ cumail cruitean no… ?
AM―14 :15: Tha ach chan e…chan e, chan e mar a, chan e mar a chanamaid cruitearachd a bhios iad ris ann, gheibh iad beagan de chaoraich dhubha no each no dhà no rudeigin den t-seòrsa sin.
EC―14 :14: Agus bidh iad a’ dèanamh rudeigin eile ’s dòcha a bharrachd, tha mi a’ tuigsinn. So chanadh sibh gun e obair cruite mar gum biodh obair an fhearainn mar gum biodh is cumail chrodh is caoraich is sineach seach a bhith a’ dèanamh rudan eile a bhios daoine a’ dèanamh son…seo a-nist. Agus a bheil beachdan agaibh a thaobh na Gàidhlig, am bi, am bi a’ Ghàidhlig a’ cumail beò as an ùine a tha romhainn, a bheil, a bheil sibh…a bheil sibh dòchasach mun a…mun a’ Ghàidhlig – as a’ choimhearsnachd mar gum biodh? A bheil sibh a’ cluinntinn Gàidhlig timcheall oirbh san latha an-diugh?
AM―14 :59: ’S e, ’s e Gaidhlig a th’ anns a’ choimhear.. .a’ choimhearsnachd seo uileadh.
EC―15 :02: Tha i làidir. Tha mi a’ smaointinn gu bheil seo làidir.
AM―15 :06: Nuair a tha am baile a’ cruinneachadh còmhla ’s e Gàidhlig a th’ aca fad an t-siubhail, so…
EC―15 :10: So, uill tha sin math, gu bheil i mar chànan làitheil, as a.. .as a’ choimhearsnachd seo co-dhiù. A bheil beachdan agaibh air rud sam bith a dhèanadh gnothaichean na b’ fhasa no na b’ fheàrr a bhith a’ fuireach ann an Uibhist a thaobh…tha mi a’ smaoi…rudan mar ’s dòcha barrachd bhàtaichean no rathaidean nas fheàrr no barrachd phlèanaichean no, no rudan mar sineach. A bheil…a bheil rud sam bith a dhèanadh gnothaichean…a bheil…a bheil sibh toilichte leis na seirbheisean a thathas…a th’ againn?
AM―15 :37: O, tha. Tha iad, tha iad…tha iad gu math nas fheàrr na ann an àiteachan eile.
EC―15 :42: Canaidh, canaidh daoine sin, gu bheil.
AM―15 :43: Seadh, nach eil e…ma…ma thogras tu nach bi thu ann an Beinn na Fao…nach bi thu ann an Glaschu nas lugha na uair an uaireadair ma thogras tu, tha. Gu math nas fheàrr na àiteachan eile as a’ Ghàidhealtachd, tha i gu math…
EC―15 :56: Tha sin…tha mi, tha mi ag aontachadh leibh as an dòigh sin, uaireannan tha àiteachan air tìr- mòr…
AM―16 :00: Tha, gu math iomallach.
EC―16 :01: Tha, nas iomallaiche na sinne.
AM―16 :03: O, cus, cus.
EC―16 :04: Ged a tha iad ag ràdh gun e tìr-mòr a th’ ann ach, ach…an robh sibh a-riamh ann an àiteachan mar…àiteachan mar Chnòideart no A’ Chomraich no àiteachan air tìr-mòr, chan eil fhios a’ m…an robh sibh an sàs ann an…ann an…ann an…ann an dè, dè an t-ainm a th’ air a- rithist…Aonadh , Aonadh nan Croitearan? An robh, an robh…an robh sibh an sàs ann an…ann an cruitearachd san fharsaingeachd mar gum biodh? An robh…an robh…an robh… thu a’ dol gu coinneamhan sam bith?
AM―16 :32: O, bha, bha nuair a bha mi na b’ òige, bhiodh.
EC―16 :38: An e…an e obair aonarach a th’ ann uaireannan a bhith ag obair cruit mar gum biodh, a bheil… an e…a bheil daoine ag obair na aonar gu math…gu math tric no an e…an e rud car sòisealta a th’ ann cuideachd?
AM―16 :48: Tha, ach a h- uile…a h-uile dad a tha romhad, a h-uile dad a tha thu a’ dèanamh tha dòchas romhad fad an t-siubhail. Is thig am, thig am foghar is an uair sin tha…tha…tha e, tha e car a’ sealltainn dhut can mar a bha daoine o chionn fada, ’eil fhios agad, bhiodh iad ag adhradh dhan…ag adhradh dhan ghrèin agus nuair a thig…nuair a thig blàths na grèine a-rithist tha a h-uile dad a’ fàs beò a-rithist. Is nuair a thig an, nuair a thig an t-earrach a-staigh tha na h-uain is tha na laoighean is tha…tha a h-uile dad a’ fàs.
EC―17 :22: Car de chearcall a th’ ann, nach e, mar gum biodh? Agus ciamar a…agus can a-nist, can a-nist an-dràsta fhèin, an samhradh a th’ againn an-drà.. .an-dràsta, a bheil e, a bheil e caran fuar no dè…a bheil…a bheil gnothaichean a’ fàs am bliadhna, mar gum biodh?
AM―17 :36: Bha a’ ghaoth a tuath an siudach cha robh i math idir ach tha i a-nist tha…tha sinn a’ faicinn deannan math uisge agus…
EC―17 :43: Bha i tioram nach robh, treis bha…bha… ?
AM―17 :45: Bha an toiseach ach tha an t-uisge air tighinn a-nist is bha iad ag ràdh na seann daoine chanadh iad ‘samhradh breac riabhach’ is an uair sin foghar, ‘foghar geal grianach’. An cuala tu siud a-riamh?
EC―07 :54: Cha chuala, ach tha e againn a-nist.
AM―17 :59: Cha robh iad airson ’eil fhios agad…cha robh iad airson samh.. .samhradh teth idir, ach, ’eil fhios agad, i bhith breac mar an tuirt iad a bhith faighinn uisge an-dràsta ’s a-rithist, is bha sin a’ ciallachadh an uair sin gum biodh foghar math agad.
EC―18 :14: Chan eil thu ag iarraidh cus blàths mar sineach.
AM―18 :15: Chan eil tuilleadh ’s a chòir idir.
EC―18 :18: Chan eil i air a bhith cho blàth againne airson…bho chionn ghoirid co-dhiù, gu dearbha fhèin. Agus dè mu dheidhinn nam mìosan, am bi…am bi iad a’ comharrachadh nam mìosan as an dòigh a tha iad…as an…an t-Iuchar? Can, thuirt…thuirt bodachan leam as an Ìochdar uaireigin gun e an t-Iuchar can meadhan rud…Julymar gum biodh, an àite am mìos ann fhèin, ’s e can meadhan na mìosa a bh’ ann, nuair a thigeadh blàths. An robh sibh a’ comharrachadh ùine mar sin cuideachd sibh fhèin, no… ? Agus cuideachd cha.. .chanadh daoine rudan mar ‘Na Faoillich’ cuideachd, bha àm ann as a’ bhlia…an cuala sibh mu na…mu ‘Na Faoillich’?
AM―18 :53: An-còmhnaidh, gu math tric a-muigh ann a sheo cha tig…cha tig a’ gheamradh an-còmhnaidh gu…suas gu meadhan…tha…meadhan Januarygu math tric a tha i a’ tighinn. Agus an uair sin mìos agad mun tuirt iad Na Faoillich gu…gu meadhanFebruaryan uair sin.
EC―19 :09: Agus, so, mar, mar gum biodh ’s e… ’s e ùine a bh’ ann eadar…eadar…eadar JanuaryisFebruaryan àite mìosan.
AM―19 :11: ’S e, ’s e.
EC―19 :20: Uill, Alasdair, b’ urrainn dhuinn a bhith a’ bruidhinn an seo fad, fad an latha tha mi a’ smaoineachadh, ach…ach tha sibh air an t-uabhas innse dhuinn co-dhiù.
AM―19 :28: Ach dad as iongantaiche ’s e…a -nist chan eil sinn a’ faighinn sneachd ann. Ach tha cuimhn’ a’m nuair a bha sinne òg, bhiodh òrd mòr agad is dh’fheumadh tu bristeadh an loch a h-uile latha dhan chrodh ach am faigheadh iad deoch.
EC―19 :42: Saoil dè as coireach gu, gu bheil e cho gann? An e blàthachadh na cruinne no… ?
AM―19 :48: Feumaidh gur e. No gu bheil an…no gu bheil an.. .gu bheil an sruth air atharrachadh, sruth a’ tighinn nas fhaisge oirnn, ’s dòcha?
EC―19 :54: So tha cuimhn’ agaibh…tha cuimhn’ agaibh air geamhraidhean nas cruaidhe ’s dòcha ach…agus samhraidhean ’s dòcha nas blàithe? A bheil mar gum biodh…a bheil… ?
AM―20 :01: O, tha, uill bha, bhathas…bhiomaid an uair ud bhitheamaid a’ dèanamh cus feòir far na cruite, ’eil fhios agad, a’ dèanamh cruachan-feòire is leithid sineach is…ach na bliadhnaichean mu dheireadh dh’fhàs e cianail doirbh a thiormachadh is thug mise suas mu dheireadh e, an turas mu dheireadh a gheàrr mi e, dh’fhàilich e orm a thiormachadh is sineach a-nist airson co-dhiù, ’eil fhios agad, tha mi a’ smaointinn an uair ud dh’fhaodadh tu car a dhol an urras air na…JulyisAugustgum faigheadh tu feur a dhèanamh, is ach a-nist faodaidh e a bhith gu math fliuch.
EC―20 :34: ’S e mìosan trang a th’ ann an-dràsta, nach eil le daoine a’ tighinn? A bheil…a bheil…a thaobh luchd-turais agus sineach a bheil…a bheil.. .a bheil…an e rud math a th’ ann no a bheil e doirbh dhan àite? A bheil…a bheil…a bheil cus dhaoine air an rathad is daoine a’ cur…a ’ stad far an togar iad an sineach?
AM―20 :52: Tha…uill , uill ’s e rud, rud math a th’ ann gu bheil iad a’ faicinn an àite is gu bheil e car a’ còrdadh leotha agus…ach tha aon rud nach eil mi ag aontachadh le sin, tha na…tha na…na motorhomesmhòr an siudach a’ tighinn so…is chan eil iad sin a’ deanamh buannachd sam bith dhan eilean, tha iad a’ tighinn is tha iad, tha iad làn biadh a’ tighinn is chan eil iad a’ ceannach dad ann a sheo, is tha iad a’ stad far an togar iad, agus tha iad ga fhaighinn gun dad agus…agus chan fhaigh thus’ air a’ bhàta air an sàilleibh an uair sin.
EC―21 :20: Sin a bha mi a’ smaoineachadh air gun teagamh, gu bheil…gu bheil e…bha fear a’ bruidhinn an-diugh, a’ bhall-pàrlamaid mu dheidhinn sin ann am Barraigh cuideachd, nach fhaigh…nach fhaigh daoine air falbh. ’S dòcha ma tha rudeigin…rudeigin èiginneach tha cuideigin a’ bàsachadh air tìr-mòr no rudeigin tha e gu math, gu math doirbh faighinn air falbh is…saoil a bheil…a bheil dòighean timcheall air sin ’s dòcha, a bheil rudeigin a ghabhadh a dhèanamh? ’S dòcha nam biodh… ’s dòcha can gun robh àite no dhà fhàgail airson muinntir an àite no rud…chan eil fhios a’m.
AM―21 :48: Bha fear de na nàbannan agam fhèin, bha e a’ dol dhan Eilean Sgitheanach a dh’ iarraidh…a dh’iarraidh tarbh agus bha e ag ràdh…bha… ‘mura falbh mi’ ars’ esan ‘a-màireach, bidh trì seachdainnean eile ma faigh mibooking’, tha sin a’ sealltainnn dhut mar a tha an t-àite, mar a tha iad a’ lìonadh an àite.
EC―22 :06: Seadh dìreach. Tha, tha siud gu math duilich airson daoine a tha a’ feuchainn ri rudeigin a ghluasad.
AM―22 :11: Tha, dìreach an aon…an aon.. .an aona… ’s dòcha an aona bhuannachd a bhiodh dhan àite gu bheil e, gu bheil e a’ cumail tha…na…na…na…a ’ cumail a’ bhàta a’ dol, ’eil fhios agad nach eil i a’ ruith falamh is. ..
EC―22 :25: Tha sin ann gun teagamh, ach…
AM―22 :26: Gun justifaidheadh e…gun justifaidheadh e bàta na bu mhotha dhuinne.
EC―22 :30: Bidh i cho làn is nach fhaigh sibh oirre!
AM―22 :31: Chan fhaigh, chan fhaigh, chan fhaigh.
EC―21 :32: Sin agad e, tha…so ’s e… ’s e ceist…chan eil c…chan eil freagairt furasta ann, a bheil airson sin?
AM―21 :40: Chan eil ach bàta nas motha.
EC―21 :42: Ach saoil an uair sin dìreach gun tigeadh am barrachd de luchd-turais ’s dòcha, mar… ? Chan eil fhios a’m, tha mi dìreach, tha mi dìreach ag ràdh. ’S e ceist a th’ ann co-dhiù bidh daoine, bidh daoine a’ beachdachadh air a’ cheist ach…ach tha mi an dòchas gum bi fuasgladh ann co-dhiù, sin agad e. Ach as an fharsaingeachd tha sibh, tha sibh riaraichte le seirbheisean as an eilean.
AM―23 :06: O, tha, tha iad math math, tha, tha.
EC―23 :07: Is gu bheil sinn math dheth ann an iomadach dòigh tha mi a’ smaointinn. Sin agad e, uill, tha…mòran taing Alasdair bha, bha sin…
AM―23 :21: O, ’s e do bheatha.
EC―23 :21: Cho, cho inntinneach agus gun robh beatha gu math farsaing agaibh gun…gun Uibhist fhàgail mar gum biodh. Mòran taing.
title | 2 |
internal date | 2020.0 |
display date | 2020 |
publication date | 2020 |
level | |
parent text | Alasdair MacDhòmhnaill |