Alasdair MacDhòmhnaill 3

C00.05: So an toiseach innis dhomh ur n-ainm agus an sloinneadh a thagaibh a-rithist.

A00.15: Alasdair Ailein Dhòmhnaillic Ailein.

C00.20: Agus, , às dèidh , Ailean - Ailean Heisgeir nach e?

A00.29: ’S e, Ailean Heisgeir a bhiodh ann agus an uairsin bhas e Ailean Ghilleasbuig Ailein a chanadh leis san cuideachd.

C00.37: Agus tha sinn an-dràsta ann an Croismoraig aguss ann an seo a rugadhs a thogadh sibh.

A00.45: ’S ann, ’s ann.

C00.47: Agus bha mise abruidhinn riutha agus tha sibhse air a bhith abruidhinn ri Eairdsidh roimhe so tha beagan de na naidheachdan agaibh aig aphròiseact mar-thà, ach bha mise airsons dòcha stòireadhnan eile a tha mise air chluinntinn fhaighinn air an recording so, thoireadh tha fhiosam gun robh -mhodh gu leòr agaibh nuair a bha sibh òg! So an innis sibh dhomh ma-tha an toiseach, can mus robh an causeway ann adol sìos dhan àBhaile Shear bha sibh fhèin agus muinntir na Càrnaich tric adol sìos nach robh?

A01.30: Oh bha sinn an còmhnaidh adol sìos, bhitheamaid adol sìos a shealg choinneanaich ann a shin.

C01.35: ’S an aois a bhiodh sibh?

A01.36: Oh bhitheamaid, tha mi acreidsinn, teannadh ri dhol dhan sgoil Cheann a Bhàigh first, second year.

C01.46: Sos dòcha bhliadhndeug no rudeigin mar sin. So bhiodh sibh adol sìos leis aghunna.

A01.52: Bha, bhas bhitheamaid amarbhadh torr choinneanaich. Bha, bha againn cuideachd, bha e - mial-chù agus bha i math air na coinneanaich fhaighinn so. ..

C02.02: Agaibhse?

A02.03: Mmhmm.

C02.04: Oh right cha robh fhios agam air a sin. Agus theab sibh, theab sibh a bhàthadh triop no dhà.

A02:11: Ohs iomadh uair sin! Thigeadh.. .nuair a thigeadh an làn a-staigh, can na bu luaithe na bha thu an dùil, is dhfheumadh tu an dàrna cuid, dhfheumadh tu fuireach shìos anns aBhaile Shear gun do rachadh e mach a-rithist no feuchainn air an fhadhal so. ..

C02.30: Agus bha sibh, bha sibh ag innse dhomh an triop - aon triop a bfheudar dhuibh - an e cuideigin asuidhe air gualain Aonghas na Càrnaich no rudeigin? Ciamar a. .. thachair?

A - 02:43: Och bha, bha mi fhèin is Dòmhnall is Aonghas na Càrnaich is Ruairidh Hòsta is Dòmhnall Iain Hòsta bha sinn shìos, so thàinig sinn chun na fadhlach - bha bad air cùl na Càrnaich bha - ’s ann ann a bha an fhadhal acoinneachadh bha sruth atighinn on deas, sruth atighinn on tuath, ’s cha robh, cha robh, bha bad àraid cha robh sruth ann agus so dhfheuch sinn a-mach ann a shins bha baga mòr choineanach againn iss e Ruairidh Hòsta bu lugha so chuir sinn am baga choinneanaich air druim Ruairidhs chuir sinn an uairsin Ruairidh air druim Aonghais na Càrnaichs dhfhalbh sinn tarsaing ann an sreang tarsaing na fadhlas bha cuideam Aonghas acumail sìos a chasans bha e adèanamh grunnd air an fhadhals shlaod e uileag tarsaing na fadhlach sinns sinn air [ ? ] shnàmh tarsaing na fadhlach!

So bha sinn turas eile shìos cuide ri mathairs bha each is cairt a bhagainns atighinn chun na fadhlach bha i cianail domhain mar sineachs bha Ruairidh na Càrnaich, bha e ag èigheachd oirnnTill, tillso cha do rinn mathair ach gheàrr e srian an eichs cheangal e an aisean ri bocsa na cairt gus nach èireadh achairt far na h-aiseans thug e am bòrd deiridh às achairts dhfheuch sinn a-null co-dhiùs bha an thruaghan asnàmh anns an fhadhals thàinig sinn às an fhadhal, cha robh sgeul air a chù-choineanach bha sinn asmaointinn gun robh e air bhàthadh asnàmh anns an fhadhail co-dhiù achs ann a bha e asnàmh a-staigh dhan chairt!

So sin agad mar a bha an saoghal againne nuair a bha sinn òg.

Nuair a bha sinn òg, bha a h-uile duine an uair ud, bhiodh sinn adol, cus amarbhadh, beò air coinneanaichs air lachains air sealgs cha mhors aithne dhut ? taigh anns nach robh gunnas bhiodh iad adol a mach airson doilleireachd a shealgs nuair a bhiodh sinn adol dhan sgoil, can suas eadar dusans tri-deugs ceithir bliadhndeug nuair a bhiodh sinn adol dhan sgoil bha sinn atoirt leinn an gunna agus na cartridges agus gam fàgail ann an drèine an rathaid mhòir gus an tilleamaid às an sgoils bhiodh sinn afalbh a shealg air an rathad dhachaigh an uair sin. So cha bhiodh an uair ud duine agabhail uallach dhìot no sìon bha daoine cho eòlach air a bhith coimhead às an dèidh fhèin, agusn aire dhut fhèin, chan ionnan sin an-diugh cha bhith thu mionaid fadalach bidh a mobile afalbh. .. !

Innsidh mi dhut ma fear a bha staigh sa Bhaile Shear shìos Aonghas Ghilleasbuig Dhonnchaidh - ’s e bàrd a bhann – ’s bhiodh iad, bhiodh iad adol an uair ud, bhiodh iad afalbh a shealg dìreach air beulaibh an latha iss e muzzle loaders a bhaig cus aca an uair ud, dhfheumadh tu am fùdar a chuir sìos dhan ghunna an toiseach is an uairsin bha ram rod agus bha thu ateannachadh an fhùdair sìos agus bha thu an uairsin acur na luaidheadh anns bha thu acur luideag de chlobhd no rudeigin acumail na luaidheadh sa bharailte. So bha esan, Aonghas, thòisich e air lìonadh aghunna air an oidhche gus am biodh e deiseil aige, thoradh bheireadh e puile air a lìonadh, ’s bhiodh e fhèin afalbh tràth sa mhadainn, ’s bhiodh an gunna aige loaded afalbh sa mhadainn, is thòisich e ag obair fon lampa, fhios, bha lampa chrochaidh aca a-staigh far an robh an taigh-tughaidh aca o shean, e fhèins uncle dha bràthair a mhàthair cha chreid mi nach e bhann, ’s thòisich e air an obair a bha sin co-dhiù is nuair a bha e gus a bhith deiseil gu brith gu thachair ach dhfhalbh an urchar gun fhiosda dha is chaidh an luaidhe, chaidh e sa bhile achurraic aiges rinn e toll mòr air bile achurraic aige, chaidh e air a thòin an lampa a bha os a chionn is chaidh esan, chaidh e baisean air an ùrlar is thòisich mac Iain Bhàin, uncle, thòisich e air aroiligeadh a-null feuch an toireadh e mun cuairt e agus thòisich esan an uairsinbheil thu gam chluinntinn bheil thu gam chluinntinn’ - ‘thaars esan isbheil thu math gu leòr?’ - ‘thaars esantha mi math gu leòr’, ars esan, ‘ach tha an t-àite seo cus nas fheàrr na bha mi asmaointinn a bhiodh e ach gu bheil e dona le fhàileadh a pharafin’ - bha e asmaointinn gun robh e air a dhol a-null thairis!

C07.16: Agus mu dheidhinn, cuimhne agaibh air an stòiridh mu am fear a bha - cha, cha do chòrd, bha eagal air ro fuaim na gunna aig aChàrnaich nuair a bha. ..

A07.32: Dòmhnall Iain Iain Òg a bha sin. Bha e, cha robh, bha eagal aige ro ghunnaicheans a leithid sin bha e glic gu leòr san dòigh sin, bha iad amarbhadh mart an Croismoraig bho chionn fada ann an sheos cha robh esan, bha e, bha iad ag iarraidh hand son amhart a chrochadh sna sparran is bhiodh sin nuair a bhite deiseils cha robh e idir airson fuireach mun cuairt nuair a bhite ga marbhadh co-dhiù ach shaoileadh e gum biodh iad deiseil airson an crochadhs chaidh e dhan Chàrnaich air chèilidh is nuair a shaoileadh e gun robh i deiseil dhfheuch e a-nuas airson hand a bheir dhaibh acrochadh air na sparrans chunnaic cuideigin atighinn es chuir iad mar sineach, chuir iad charge dhan a muzzle loader agus stem iad am barailte le bìdeag den ghrùthains le mionach na agus dhfhuirich iad gus an robh e dìreach air an starsaich thug iad an siud dha ann an uchds dhfhalbh e a-mach an uairsin is thòisich e e fhèin a roiligeadh. .. . ‘Seallars esanmo mhionachs cluigeannan dhe mo ghrùthan’!

So - sin agad e.

C09.00: Oh uill, agus, em, rud eile bha mi dol a dhfhaighneachd - bha sibh ag innse dhomh gu bheil cuimhne agaibh air, an e Papa agus cuideigin eile, adèanamh ola le ròin.

A09.19: Ola ròin, Ruairidh na Càrnaich, oh bha Ruairidh gle mhath air dèanamh ola ròin.

C09.24: Innis dhomh mar a bha iad ga dhèanamh.

A09.28: Bha iad an toiseach. .. dhfheumadh tu ròn fhaighinn anns a chiad aite! Ach mar a bha mi ag ràdh bha gunna anns a h-uile taigh co-dhiù. Siud agaibh - an cuala tu an t-òran a rinn Ruairidh MacAoidh mu Aonghas na h-Àird, Aonghas Mòr sa Chàrnaich. Bhiodh a h-uile turas a gheibheadh tu ròn, fhios agad, bha thu afalbh anns amhionaid ga mharbhadh an uair ud, fhios agad. Uill Aonghas Ruairidh?, bha e cho beags bha e ag ràdh Ruairidh MacAoidhgum feumadh tu dhol air an shnàmh far am faodadh tu a shnàmh tha i agrunnachadh, sìos gu Fadhal nan Caorachs ann a chuireadh tu daodach uile dhiot, theich gach feannags faoileag, ’s thug.. .leig iad an glaodh ron bhumalair, chuala iad sa Chàrnaich am fuaim, ‘s cha mhòr nach do chuir Ruairidh an gunna riut. .. shaoil iad gu lèir gur e ròn a bhann a thàinig air sàil nan cudaigean”. .. airson chan fhaiceadh tu ròn.. .gu math[ ?? ? ]

Co-dhiù fhuair Ruairidh an ròn co-dhìu, no ann a sheo fhèin - chan eil cuimhne agam - ach theann iad ann a sheo e co-dhiùs cha robh thu ga fheannadh an toiseach bha thu toir dheth an craiceann an toiseachs bha an uairsin man tuirt iad am blubber a bha eadar an craiceanns an fheoils bha thu ga fheannnadh a-rithist, atoir dheth am blubber a bha sineach, am fat a bha sineachs bha thu acuir sineach ann an. .. bha teine mòr ga thogail a-muighs bha dhe na praisean mòr trì-chasach a bha sin, an fheadhainn mhòr phràiseach, bhiodh teine agad, teine math fodhas bha agad an uairsin bha agad ri pucaid, pucaid bha thu acur am fat no blubber a bha sin ann am pucaid no ann am pèile agus bha tha ga.. .bha uisge teth agad agoil anns aphrais mhòr agus bha thu acur na pucaid asuidhe anns an uisge ghoileachs bha am fat asior leaghadh sa leaghadh leis an teas agus cha robh math dhaibh, cha robh math dhaibh suathadh anns aphrais fhèin idir no bheireadh e an tfhàileadh aig an olaidh. Agus nuair a leaghadh i uileag bha thu acur sineach, bha sìoltachan mòra acas ga chur tro sìoltachans bha sin atoir às a h-uile cnap is rud nach robh a dhìth orra is bha thu an uairsin ga goil a-rithist agus adèanamh an aona rud a-rithist is bha agad ri dhèanamh trì tursan gus am biodh e, dìreach man tuirt iad, clears gum faiceadh tu troimhpe is bha agad ri sin, bhiodh agad ri sin a dhèanamh grunnd thursan gum biodh tu deiseil dhen bhlubber uileag, is bha an uairsin ola ròin gu leòr agad airson agheamhraidh. Dhfheumamaide spàin a ghabhail sa mhadainn gach madainn nuair a bhiodh an cnatan ort.

C -12.08: So bha e math dhuibh.

A12.10: Bha, tha fhios gum biodh e math dhut, tha e mar a fish oil fhèin, aidh.

C12.14: am blas a bhair?

A12.16: Och cha robh sion ach direach ga leigeil sìos cha robh cus blas air.

Bha a h-uile duine cho eòlach an uair ud ga ghabhail co-dhiù, cha shaoileadh tu dad dheth. ’S bha Ruairidh ag ràdh gun robh còir agad cumail air ga ghabhail gus am faiceadh tu gleans atighinn às an fhalt agad air cùl na h-amhaich agus bha an t-àm agad sgur an uairsin!

C12.40: Agus bha beairt aig Papa, nach robh?

A12.45: Bha.. .bha, cha mhòr nach robh beairt aig bha grunnd bheairtean sna bailtean an uair ud co-dhiù iss e dhen fheadhainn, mhòr fhiodh a bhaige an toiseachs iad a bu chumanta tha, mun tàinig an fheadhainn phràiseach a-staigh, is bhiodh iad. .. mar bu trice bhiodh seada beag a-muigh aig daoine, tha, is bhiodh abheairt ann a shineach so, bha abheairt aig mathair thall far a bheil am faing againn thall air beulaibh an taighe an-diugh, sos ann a fhuair e an uairsin dhe na Hattersleys, cha chreid mi, na looms feadhainn bheaga phràiseach a bhanns bha i aige anns an loft ann a shiudach shuas anns an extension a thog e a-mach aig ceann an taighe.

C13.24: Agus a bheil cuimhne agaibhse air luadh a bhith adol an seo?

A13.29: 0 tha, tha. Bhiodh iad anns an stàball a-muigh an siuds bhiodh na boireannaich adol mun cuairt uile, bha iad atighinn thuige.

C13.39: Agus bha agaibhse ri pucaid a chleachdadh mar toilet airson greis ron an sin an robh?

A13.44: O chan eil cuimhnam, ach tha fhios gun robh, feumaidh gun robh. Achs dòcha mun linn a bha sin tha mi acreidsinn nach robh iad air ammonia fhaighinn is gnothaichean. Ach o chionn fada an sin dhfheumadh iad sin a dhèanamh, aidh.

C13.57: Agus, em, neisd. ..

A14.01: Ach bha aghràin a bhagainne nuair a thigeamaid dhachaigh às an sgoil a h-uile feasgar teannadh ri lìonadh iteachain.. Eil fhios agad thann an iteachan?

C14.11: Chan eil.

A14.12: Bobbins. Bhiodh sin adol dhan spàl, ’s bha an spàl adol a-nulls a-nall is bha machine againn is ghabhadh i a trì na inserts anns na h-iteachain. Bha thu gan cuir suas air amhachine a bha sineach bha àite ann a bha thu gan cuirs bha thu, an uairsin bha pedal agad air amhachine agus bha thu apedalaigeadh amhachine agus bha e alìonadh na trì iteachain còmhla, agus nuair a bhiodh iad làn an uairsin bha thu astad is bha thu gan caitheamh ann am bocsas bha thu acur stems falamh eile air, gus an lìonadh tu na h-iteachan uileag is bha iad a cumail mathair adol afighe fad an latha an uairsin, seach e fhèin a bhith astads a bhith gan lìonadh.

C14.53: So bha sibh adèanamh sin a h-uile latha.

A14.55: A h-uile h-oidhche nuair a thigeamaid às an sgoil, aidh.

C14.59: An ann sa gheamhradh bu tric a bha sibh ga dhèanamh?

A15.00: O tha fhios gur h-ann. Cha bhiodh ùine a dhèanamh as t-sàmhradh.

C15.06: San latha an-diugh mar is trices ann air amhachair a tha sibh afàs eòrna is silage is sin, ach nuair a bha sibhse òg bha sibh atreabhadh timcheall air an taigh agus air barrachd croitean, nach robh?

A15.19: Oh bha, bhiodh a h-uile duine atreabhadh nan croitean an uair ud. Bha.. .mur an robh agad ach aona chroit cha robh cus share agad anns amhachair ann. Chan ionnan fhios agad mar a tha an-diugh - tha leth dusan croit aig cha mhòr a h-uile duine is barrachd sharaichean agad air amhachair, talamh agad air amhachair ach an uair ud bha a h-uile duine atreabhadh nan croitean, so.

C15.40: Is bha sibh acleachdadh eich.

A15.42: Os e eich a bhagainn, is bhiodh an uair ud, bhiodh e, bhitheas acur fras feur ceart air na croitean is bhathas atoir an t-uabhas feòir far na croitean.

C15.54: Agus an robh e acòrdadh ribh a bhith ag obair le na h-eich?

A15.57: O cha robh thu eòlach air achòrr ach bha iad math gu leòr a bhith ag obair leotha. ’S ann nuair a thigeadh tu dhachaighs tu sgìth is fliuch is fuar is dòcha is dhfheumadh tu biadh a thoir dha ne h-eich is deoch a thoir dha na h-eich is gan cuir a-staigh dhan stàball mus fhaigheadh tu fhèin grèim so mus fhaigheadh tu fhèin a-staigh so. .. An-diugh chan eil thu ach aleum far an tractar, tha thu a-staigh

C16.25: Nach robh triop. .. bheil cuimhne agam air a seo ceart gun robh sibh atighinn dhachaigh às a Chlachan uaireigin leis achairt agus gun do thachair rudeigin?

A16.38: Acur fairis i - cha robh ach mise - bha mi atighinn a-nuas tarsainn, bha làn a-staigh domhainn ann a sheo is chaidh mi staigh aig an rubha as an croite - bha an fhadhal na bfhaide fosgailte is bha mi gus a bhith aig an taigh is chan eil fhiosam thug orm is chaidh mi a-null bìdeag is roileag achairt tarsaing air clach mhòr is. .. chan eil fhiosam bha anns achairt co-dhiù ach bha poca min ann co-dhiù is chaidh car dhan a whole lot tarsaing

C17.09: Is bha a h-uile rud geal. ..

Agus innis dhomh cuideachd mun àm, bhann? An e Seonaidh Mhurchaidh a bha còmhla ribh nuair a chaidh sibh a-mach air abhàta ann an Loch Euphoirt?

A17.23: Càite?

C17.26: Gun do ghoid sibh pìos dynamite no rudeigin.

A17.30: ’S e bhann ach Raghnall Dhotaidh, bha esan ag obair aig na contractors an uair ud Uill bha licence againn fhèin air a shon co-dhiù. ’S ann leis a bhristeadh na clachan air achroit tha seo uileag so.. .gheibheadh duine sam bith an uair ud i. ..

C17.44: ‘S rinn sibh, an idea. .. ?

A17.46:O bha bàta againn fhèin an Loch Euphoirt a-muigh, bàta mòr a bhann so smaoinich sinn gun cuireamaid depth charge an oidhche a bha seo gu marbhamaid cus èisg. Agus co-dhiù chuir sinn an depth charge dhan abhocsa bhriosgaidean againn, seann bhocsa bhriosgaidean. Bha e cianail is chuir sin mar sineach e is bha fuse fada às co-dhiù. Bha sruth lìonaidh làidir air beulaibh Loch Euphoirt bha sruth cianail ann, is leig sinne an t-eathar sìos leis an t-sruths dhfhosgail sinn throttle math dhith is shad sinn am bocsa a-mach air amhuir is, mun tug sinn an aire air, thòisich am bocsa atighinn anns an t-sruth as ar dèidh is dhfhalbh siud dheth is dhèirich an t-eathar bìdeag às an uisge, is thug na tinnichean uile glag ri chèile is dhèirich sgoth cianail de dhiasg às an uisge. Dhèirich iad ma trì no ceithir throighean a-mach às an uisge. Tha mi asmaointinn gur e sgadan a bhann no rudeigin is - o chaidh am marbhadh ach deachadh dhan a ghrunnd a-rithist. Cha dfhuair sinn ach aona liutha mhòr a fhuair sinn so.. .Bha còir againne a bhith air abhàta a chur an aghaidh an t-sruth, a dhol an aghaidh an t-sruth leis abhàta is [stovelleadh ? ] i sìos leis an t-sruth.

C19.05: Uill, ma chaidh na h-èisg fodha cha bhiodh e air diofar sam bith a dhèanamh!

Agus an innis sibh dhomh, ma tha, cuid de na stòireadhnan a bhagaibh nuair a bha sinne beag, can an innis sibh dhomh stòiridh ma Dubh Mhic a Phì

A19. :26: Och tha.. .stòiridh bho Bheinn na Fadhla shuas a bha sin. Seonaidh Iain Bhàin a bha an seo, bha e an còmhnaidh shuas. ’S ann an am Beinn na Fadhla a chaidh a thogail, an taigh Mhic Ìosaig shuas ann a shineach, e fhèins Ceiteag a phiuthar so bha esan an- còmhnaidh ann is stòireadhnan an sineach aige nuair a thigeadh e a-nuas. Bha fear abruidhinn air àite a-muigh Ruibheabhal sos e Àirigh na h-Aon Oidhche a chanadh iad leatha. Bha e air a ràdh gum biodh daoine an uair ud adol a-mach chun nan àireachan as t-sàmhradh, is mu drachadh iad a-mach bhiodh àirigh aig na bailtean uileag dhaibh fhèin an siuds an seo air feadh amhonaidh so bhiodh iad adol a-mach a renovatadh na bothagan an dèidh a gheamhraidhs acur tughadh ùr orra sa leithid sineach.

So bha fear seo, ’s e Mac aPhì a chanadh iad leis taobh Lionacleit shuas an àiteigin am Beinn na Fadhla. So chaidh iad a-mach, e fhèin is seachdar de ghillean, às a bhaile cuide leis ga buain fraochs atughadh abhothaig, ’s bha iad car deiseil an oidhche seo co-dhiù so bha iad asuidhe a-staigh aig an teine is thuirt an uairsin fear dha na gilleanO Dhia nach bochd nach robh seachdar nighean againn an seo a-neisdagustud tudars am bodach. ‘Nach sibh a thuirt an droch rudars esan.

Is cha robh sin ach sin fhèin co-dhiù, is an ceann puile thàinig gnogadh chun an dorais is dhfhosgail e is thàinig seachd nigheanan brèagha a-staigh, is dhfhalbh na gillean is na h-ighnean is feumaidh gun robh sheòmar anns an àirigh co-dhiù, is chaidh iad a cheann shìos na h-àirigh. ‘S thàinig an uairsin achailleach ghrannda a bha seo a-staigh is shuidh i ri taobh Mhic a Phì, is tha, bha iad a seanchas co-dhiù is thug Mac a Phì sùil air dheireadh is co-dhiù chunnaic e sruth faladh a tighinn a-nuas bho bhonn an dorais. .. So cha do leig e dad air co-dhiù bha e asmaointinn ciamar a gheibheadh e às, agus thuirt e ris achaillich, ‘oars esantha e na fhasan agamsaars esana h-uile h-oidhche mun tèid mi laighe bi mi adol a-mach gu ceann an taighe feuch am faic mi an t-sìde bhios oirre a-màireach’.

O dhiochuimhnich mi innse dhut mun chù a bhaige, mòr làidir, mòr mòr dubh is cha do rinn e car riamh, ‘s a h-uile duine aràdh riscuir às dhan bheathach chearbach tha sin. tha e dol a dhèanamh co-dhiù’. Agus ars esan, ‘bidh leigeadh fhèin aig Mhic a Phìars esan, agus tha co-dhiù, ‘o ma tha thu adol a-machars achailleachseall an sìoman fraoich a tha siud. Bheir leat ceann dheth agus cumaidh mise greim air acheann eile agus cùm teann e a-neisd gus am bi fhios am gus am bi thu ann gus nach feuch thu air falbh no dad dhen t-seòrsa sin’.

Agus fhuair e a-mach agus cho luath sa fhuair e gu ceann an taighe cheangal e sìoman fraoich ris an t-sìoman aig ceann an taighe ris an tughadh a-muigh is dhfheuch e air falbh chun abhaile cho luath a bhaige. Agus bha e adèanamh math math is co-dhiù bha e teannadh faisg air abhaile agus chuala e fuaim as a dhèidh agus chunnaic e an t-each bàn a bha seo atighinn tarsing na boglaichean agus e acur steall anns no boglaichean atighinn a-nall as a dhèidh.

So thuirt e ris achùA chù dubh Mhic a Phì mur an do rinn thu a-riamh e thu a-nochd e, feuch air falbhars esan, agus dhfhalbh an agus thòisich e fhèins an t-each ri sabaid ann a shineach. Agus fhuair esan air falbh agus fhuair e dhachaigh co-dhiù agus nuair a chaidh e dhachaigh chuir e a-mach sia mìosan bainne air an àirde gus am biodh iad aig achù nuair a thilleadh e. So bha fhios aige gum biodh a chù air a dhol às a rian nuair a thilleadh e co-dhiù.

Agus chaidh e a-mach anns amhadainn co-dhiù agus bha an ann a shineach agus cha robh aona ghaoisid bheò air agus e marbh air an starsaich agus e air am bainne òl agus e marbh air an starsaich. Agus bha iad a ràdh on uairsin agus tha iad ga ràdh chun an an-diugh - feadhainn a thèid a-mach an taobh sin gum biodh iad afaicinn cearc agus seachd iseannan aice asgrobadh mun an àirigh a bha sineach.

Ach tha mi smaointinn cus dhe na stòireadhnan nan àireachan a bha sineach, cha robh iad ach gus a - bhiodh cuideigin gan dèanamh suas, bha an uair ud, fhios agad, na bailtean ag obair còmhla. ’S bhiodhs dòcha an stòiridh a fhreagradh air an dàrna duine cha fhreagradh e dhan duine eile. Agus far is dòcha feadhainn a bha ag iarraidh an àirigh, chuireadh càch na aghaidh agus is dòcha gum freagradh e na bfhearr dhaibh an àirigh a bhith ann an àiteigin eile. Agus bha an uair ud na daoine, bha iad cho cearbach co-dhiù, bha gèill mhòr aca, fhios agad, na bòcain is taibhsean is gnothaichean dhen t-seòrsa sin. Mura an robh an gnothach acòrdadh leotha nuair a thogadh iad an àirigh is dòcha an fheadhainn a bha fada fada nan aghaidh bha iad adol a-mach air an oidhche agus dhèanadh iad fuaim timcheall na h-àirigh air an oidhche eìgheachd is gnothaichean timcheall na h-àirigh air an oidhche. Agus bha an uairsin bha a leithid de dheagal air daoine adol dhan àirigh sin tuilleadh is bhathas ga fàgail iss e àirigh na h-aon h-oidhche a chanadh iad leatha an uair sin. Cha do dhfhuirich iad innte ach an aona oidhche.

C25.05: Direach càch acur, càch acur an t-eagal.

A25.07: ’S e càch acur an t-eagal car mar a bha an stòiridh aig Tormod Caimbeul. A bheil cuimhne agad oirre? Tha.. .boireannach Leòdhasach a bha seoach co-dhiù, is bha nòisean cianail aice air fear de ne èildearan a bha san eaglais aice. Is bha i besotted leis an fhear seo co-dhiù is bha i airson gum pòs iad ach cha robh esan bite-adh ann. Cha robh, cha ghabhadh e gnothach leatha. So co-dhiù rinn i plan an oidhche bha seo. Chuir i, phàigh i cuideigin agus bha e adol timcheall an taigh. .. an taigh aig an duine fad na h-oidhche. Is nuair a thigeadh e adol seachad air an uinneag aige bha e toirpòs Iseabailagus an uairsin thigeadh e mun cuairt a-rithist ispòs Iseabailis thigeadh an aon carry on seo adol fad na h-oidhche. ’S dhèirich an duine sa chamhanaich co-dhiù is chaidh e gun amhinistear anns a mhansagusoars esanfeumaidh mi am boireannach sin a phòsadhars esan. ‘Thàinig guth thugam on Tighearna an-raoir gu feumainn a pòsadhagus seo mar a bha, siud mar a bha an uair ud nan cuireadh tu an t-eagal air duine gheibheadh tu leat, fhios agad.

C26.20: Agus, mu dheidhinn, tha mi afeuchainn ri cuimhneachadh na stòireadhnan eile. O aidh, Isean Mhic Mhuirich.

A26.33: O chan eil i sin agam math air mo theanga. .. tha i sin math math aig Calum Ghilleasbuig Nèill air Tobar an Dualchais mar thà.

C26.39: Bheil?

A26.40: Malcolm Robertson, aidh.

C26.42: Uill innis dhomh co-dhiù e.

A26.44: O cha robh am fear Mac Mhuirich a bha sineach, bha e shuas man Iochdar an àiteigin no Gèirinis. So bha e abuain arbhar air amhachaire co-dhiù agus chunnaic e an t-eun a bha seo, isean eòin a bha seo. Agus bha e tur, gu tur eadar-dhealaichte bho bheathach a chunnaic e a-riamh co-dhiù so smaoinich e gun toireadh e leis dhachaigh an t-isean.

Ach co-dhiù tron oidhche thànig fuaim dhan doraisleig a-mach an t-isean mhic Mhuirich’. Thuig e an uairsin gur e sìthiche, ’s e sìthiche a bhanns an isean a thug e dhachaigh agusleigidh mi a-mach às’, ars esan, ‘an t-isean ma thogas sibh starsach dhomh tarsaing Loch

Agus. .. chan e. .. ‘ma bhuaineas sibh mòine dhomh tarsaing Loch ’ ’s e thuirt e, ‘ iarann mhòine tarsaing Loch ’ .Dhèirich e sa mhadainn co-dhiù is bha aghrian ag èirighs bha deàrrsadh air amhòine sa ghrèin air buain air taobh eile Loch .

Sin ceart gu leòr co dhiù so an oidhche sin thainig guth a-rithist, ‘leig a-mach an t-isean Mhic Mhuirich’. .. ‘O’, ars esan, ‘ feum a thann dhòmhsa’, ars esan, ‘mòine a bhith air bhuain air taobh eile Loch nach fhaigh mi thuice. Feumaidh mi starsach son a dhol a-null ga h-iarraidh. Togaibh starsach dhomh tarsaing Loch agus sa mhadainn bha an starsach deiseil.

Agus an ath oidhche an uairsinleig a-mach an t-isean Mhic Mhuirich’. ‘Leigidh’, ars esan, ‘nuair a thogas sibh, nuair a thogas sibh sabhal ùr dhomh air cùl an taighe’. Agus bha sineach math gu leòr co-dhìu , is cha dfhuair e norrag chadal an oidhche sin co-dhìu, Mac Mhuirich. Cha robh ach glagadaich is bragadaich fad na h-oidhche is nuair a dhèirich e sa mhadainn bha an sabhal deiseil.

Is chan eil fhiosam an do dhiarr e dad eile bhuaipe co-dhiù ach smaoinich e co-dhiù an oidhche seo gun toireadh e dhaibh an t-isean air ais. So co-dhiùleig a-mach an t-iseanso leig e air falbh an t-isean co-dhiù. So bha e aràdh gun robh tòrr aca ann dhe na sìthichean is fear aca is pìob aige, is dhfhalbh e apìobaireachd sìos a machaire agus am port Beinn Eadarra a bha seoach a bhaige sìos amhachaire, is iad uileag adol as a dhèidh. Bha iad cho toilichte an t-isean beag fhaighinn air ais.

title3
internal date2021.0
display date2021
publication date2021
level
parent textAlasdair MacDhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page