EC―00 :05: bha ceàrr air, air obair abhanca? An robh, an robh e dìreach car sàrachail no caran… ?

DC―00 :09: Och aidh, bha e cho dùinte a-staigh, ’eil fhiosad.

EC―00 :11: Tha mi acreidsinn ag obair ann an, ann an solas cruaidhs dòcha is gum…

DC―00 :15 Aidh, ach bha an fheadhainn a bha…bha , na…an fheadhainn a bha abancadh ann an, ann an Scotstoun, och bha iad, bha iad glè laghach agus inntinneach, thoradh bha an t-uabhas de…dhen luchd-obrach aig a ghàrradh-iarainn Yarrows ann, agus bha iad sin och bha iad glè mhath, agus chòrd na daoine sin leam agus, agus cuideachd, a bharrachd air amhanaidsear agus anaccountantagus can far…mar anassistant managerno nàdar dha… . ’s e boireannaich a bha uileadh as abhanca, och mar sin, agus bha…gheibhinnsa dheth le rud sam bith, agus so chòrd sin glè mhath leam. Ach, ach co-dhiù, ann am, ann am meadhan an Iuchair no as aChèitean, rinn mi suas och chuir mi romham gun robh mi adol a dhfhàgail agus tha, thàinig an dearbhinspectora bha, a bha air mfhaicinn ann am Beinn na Faoghla, thàinig e dhan bhanca a bhruidhinn rium, agus thuirt eOh uill, tha sinn…tha…thug sinn a-mach bho…bha thu airson tighinn a-mach an seo agus thug sinn seo a-mach thu, is tha thu a-nis gar fàgail’. Och bha, ach bha mise ag ràdh risA bheil fhios agadsa cia mheud duine a dhfhàg am banca fhads a bha mi ann an Beinn na Faoghla?’ Agus oh bha sin grunn daoine air a bhith ann agus tha ach…oh fear glè laghach an duine sin, agus thuirt e riumOhwell, an ceann bliadhna no dhà, ma, ma dhfhàsas tu sgìth dheth bhith atriall timcheall na Roinn Eòrpa na sin, ma thilleas tu thugainn chan urrainn dhomh a ghealltainn, achs dòcha gun gabhamaid air ais thu’. Agus bha sin glè laghach a ràdh ach co-dhìu meadhan an Iuchair dhfhàg mi abhancagus thàinig mi air ais an seo agus och, tha mi acreidsgun robh mi rudeigin coltach ri duine a bhair teicheadh às aphrìosan agus son dreiseag agus ohs e…mu dheireadh thall, tha cuimhnam bha mi shìos air amhachair ageàrradh feur le seann tractar ismowera bhaig abhodach, agus obh thuirt mi leam fhèin ‘Righttha mi adol a dhfheuchainn air Glaschu a-màireach’, is bha, bha liosta agam…tha mi duilich…bha liosta agam mu dheidhinn na rudan a bha a dhìth orm, bharucksackno pacas dòcha rudan mar sin, agus tha…ach co-dhiù sin an rud a rinn mi. Tha mi asmaointinn gun tàinig mi…tha mi asmaointinn gun robh…cha robh mathair air guth a ràdh rium mu dheidhinn sin nuair a thàinig mi dhachaigh, thoradh tha mi asmaointinn gun robh e asmaoineachdainnOh uill, sdòcha gu…mura can sinn guth air gun dìochuimhnich e mu dheidhinn’. Ach co- dhiù…tha…tha , co-dhiù chaidh sinn an dèidh sin, thug sinn, thug sinntourbeag a-null a thaigh-seinnse Chàirinis, mi fhèin is mathair is ghabh sinn drama no dhà is thill sinn an uair sin. Agus as amhadainn, tha mi cinnteach bha, bha seann bhan, an e 865 a bhinnte, sin na bhanaichean beaga agus bha solais bheaga bhìodach air bàrr nawingsaca agus, aguscolumn change, agus co-dhiù, thug sinn an t-seann bhan a-mach chon a, chon achidhe agus tha…is sinn air bòrd amferry, agus oh tha cuimhnam bha sinn, agus bha an t-àm bha e atighinn airson, airson an aiseag afalbh, so agus thionndadh e thugam agus rug e air mo làimh agusOch uill, bidh thu asgrìobhadh’, ‘Oh, ge- ,bithidhagus leis an sin dhfhalbh e sìos angangwayagus chaidh mise agus sheas mi as anloungeaige, an t-seann aiseag a bha seo, seannHebridesagus sheas mi aig an uinneig is bha mi ga choimhead acoiseachd air a shocair suas an cidhe agus a-staigh dhan chàr, agus chan eil fhios am bhann, oir bha rudeigin ag innse dhomh nach fhaicinn mar sin e an ath-thriop a thachramaid e. Ach, co-dhiù, tha, cha robh sin ach mar sin. Agus tha…agus chaidh mi an uair sin, fhuair mi…oh aidh, tha mi asmaointinn gun do bhruidhinn mi ri fear, fear a bha adràibheadhlorry air a’ ferryis , an taobh a bha e adol agus oh, bha e a’ dol…bha esan adol alùbadh dheth aig tha…Spean Bridge, an t-ainm a thairSpean Bridge?

EC―05 :49: Drochaid an Aonachain, an e?

DC―05 :51: Ohs e, Drochaid an Aonachain. Agus tha…agus an uair sin choisich mi às an sin, bha dùil am faighinn…tha…hitcheadh às an sin is och, bha an rathad cho trang is cho caol agus choisich mi fad an rathaid dhan Ghearasdan agus bha latha teth ann cuideachd, is fhuair mi an uair sin trèan às aGhearasdan a Ghlaschu, agus bha, bha àite agam ann am flat air…duilich…ann am flat air, airVinicombe Street, àite a bha dìreach far, farByres Roadagus tha…is bha mi an sin làithean no seachdain is chruinnich mi rudan a bha a dhìth orm, mar a bha teanta isrucksackissleeping bagis gnothaichean mar sin, agus an uair sin nuair a thàinig e gu an t-àm bha, bha mi afaighinn bus o mullachByres Roadsìos gun an stèisean meadhan Ghlaschu, agus tha…tha cuimhnam, chaidh mi…chaidh mi a-mach an doras agus dhùin mi às mo dheaghaidh e, agus oh bha mi letheach sìos na staidhrichean nuair a chuimhnich mi gun robh mi air…an iuchair a bha nam phòcaid. Ruith mi suas a-rithist agus shad mi a-staigh air abhocsa-litrichean an iuchair agus nuair a thàinig mi a-mach às achlobhsa, bha dìreach am bus dìreach air tighinn chon an, chon an stop airByres Roadagus ruith mi agus ghlac mi am bus. Agus so sin an uair sin, sin mar gum biodh mar a thachair, mar a thòisich turas Dhòmhnaill air falbh airson an saoghal fhaicinn.

EC―08 :04: Agus , agus an ath-cheum a ghabh thu mar gum biodh?

DC―08 :09: Fhuair mi…cheannaich mi tiocaid-rèile, ’s eInterrailan t-ainm a bhair an uair sin, agus tha cuimhnam am boireannach a bha sin, bha i…bha i uabhasach laghach an a reic an tiocaid rium, agus thuirt i rium ‘Oh well, youre going to knock them out all over Europe with an accent like yours!’ Agus, oh co-dhiù, fhuair mi an trèana sìos a Lunnainn agus, agus an uair sin bha mi a’ smaoineachdainn…bha…bha…tha…feadhainn a bha càirdeach dha mo mhàthair, dlùth chàirdeach dha mo mhàthair, teaghlach a bha a’ fuireach…ann an…an ann an Ealing ann an Lunnainn… ?

EC―09 :07: Taobh an iar Lunnainn, tha mi asmaoineachdainn.

DC―09 :09: Agus bha mi asmaointinn gun do rinn…a choimhead orra sin, is thadhail mi a-staigh a choimhead orra agus…air an oidhche a bha sin. Agus an uair sin, fhuair mi an uair sin trèan gu Dover agus tha…agus an ath…air feadh na h-oidhche, tha mi asmaointinn gun do dhfhàg, dhfhàg an t-aiseag mu mheadhan-oidhche no uair sa mhadainn no rudeigin, agus bha i adol o Dover gu Ostend ann amBelgium, agus so chaidh mi ann a shin agus fhuair mi…fhuair mi…thachair , tha cuimhnamcupalde dhfheadhainn òga à, à Sasainn rium. Bha…mas , mas cuimhne leam, bha an gille, tha mi asmaoineachdainn gun robh e adol gu Cambridge agus tha…agus ach…co -dhiù bha mi, bha mi ann an Amsterdam beagan làithean agus an uair sin bha mi airson a dhol air chuairt air an trèan tarsainn an Òlaind chon aGhearmailt, agus bha mi asmaoineachdainn gun do ràinig…gun do ràinig…dhan aGhearmailt agus…gun do ràinig e Hamburg as aGhearmailt agus tha…bha mi air tachairt ri nighean Ghearmailteach ann an Alba mun deach mi…mun do dhfhalbh mi air chuairt, agus tha…ach…agus bha mi afuireach ann an…ann anhostelmhòr tha…airson dhaoine òga ann an Hamburg agus tha…och chòrd sin rium, bha i…bha i.. . ’s e àite, àite math a bhann. Agus chaidh mi a choimhead air an nighean Ghearmailteach a bha seo a bha mi air tachairt ris, agus an uair sin thug mi cuairt, an uair sin chaidh mi à Hamburg a Chopenhagen, agus tha…agus an uair sin bha nighean eile a bha mi air tachairt ris, nighean às an, às an t-Suain, agus thadhail mi coimhead oirre sin.

EC―12 :17: Bha coltas math air aghnothach a Dhòmhnaill!

DC―12 :26: Bha ise as an oilthigh ann an Uppsala ann an…as an t-Suain, agus tha, an uair sin dhfhalbh mi às an sin agus chaidh mi gu Trondheim ann anNorway, ach bha an t-sìde rudeigin fuar robach, agus bha mi aràdh rium fhèin fon t-saoghal a tha mi adèanamh ann an sìde mar sin, nuair a dhfhaodas mi a bhith ann an side theth bhlàth’. Agus tha…dh ’fhalbh mi an uair sin ann am, ann am beagan làithean, chaidh mi…thill mi air ais, tha mi asmaointinn gun robh mi ann an Hamburg a-rithist. Agus ghabh mi an uair sin turas sìos tron Ghearmailt agus…gu Munich no faisg air Munich, agus tha…agus an uair sin nuair a dhfhalbh mi às an sin, ghabh mi cuairt, cuairt tarsainn tha an eLakeGeneva no, noLakeKonstanz agus chaidh mi…agus chaidh mi an uair sin aSwitzerland, agus bha mi an sin agus thachair nighean Ameireaganach rium agus tha…bha , bha sinn air chuairt timcheall air àite ris an canadh tu Braunwald agus bha sin gu, gu math snog, agus cha robh, cha robh carbadan-ola idir idir as an àite sin, ach dìreach na cairtean às deaghaidh eich cha chreid mi, is sineach. Agus, agus an uair sin bha mi làithean an sin agus bha mi asmaointinn gun, gun fhalbhainn sìos taobh, taobh sear na h-Eadailtagus dìreach sìos chon a, chon abhonn. Agus rinn mi sin agus chòrd sin rium. Agus nuair a, nuair a ràinig mi an taobh…chan eil cuimhnam an t-àm dhen oidhche, an e latha a bhann nuair a ràinig an trèan, uill, ’s e latha a bhann ach…tha…bha mi ann am Brindisi ann an…as an Eadailt, agus tha, gheibheadh tu aiseag às an sin tha…gu Corfu agus tha…ach co-dhiù, bha mi ann a shineach, agus bha mi as a’ …as a’. . .aig bracaist an ath-latha is bha mi tha…tha…thòisich mi acòmhradh ri nighean uabhasach snog à bha às…à Ameireaganach…à Ameireaga, ’s e ban-Ameireaganach a bhinnte, agus bha ise air chuairt agus bha ise an dòchas a dhol a Chorfu, agus oh rinn sinn suas gum faiceamaid a chèile air abhàta, agus…ach an rud a bhann, bha bhàta adol a, adol a Chorfu agus mar a thachair bha ise air aonan agus bha mise air an eile. Agus…ach…an uair sin chaidh mi a Chorfu, oh bha an t-sìde teth, bha i uabhasach teth, ’eil fhiosads e…bha seo mu toiseach tha…mu toiseachOctober. Sin agad, aGhàidhlig a thagainn air?

EC―17 :02: Canaidh feadhainn an Dàmhair, ach tha, thaOctobertaghta math a Dhòmhnaill, tha.

DC―17 :06: Ach agus, an uair sin chaidh mi gu tràigh as an…as an…ann an Corfu far an robh tòrr de dhaoine òga dìreach nan laighe a-muigh sa ghrian, agus aig an àm sin bha mise asmaoineachdainn gun e sun tan oil mar a chanadh à-san aig àm sin, rudeiginsissya bha sineach, ach so…bha mi a-muigh as aghrian fad an latha gun…agus och, chaidh mo ghualainn leis aghrian, bha mi dìreach mar gum biodh bìdeag de fheòil-muice a bha air a…an dèidh a bhith airfrying pan, ach tha…agus och an uair sin, an ceann dhà no thrì làithean ann a shin, tha, dhfhalbh mi agus tha…bha…bhiodh mo sheanair a bha sa chiad chogadh an còmhnaidh abruidhinn air Thessalonika agus gun e àite eireachdail a bhann. Agus bha mi aràdhOch tha mi adol an stad ann a shineach agus tha mi adol a dhfhaighinn rudeigin a chuireas mi thuige, badgebeagagus fhuair mi, fhuair mibadgebeag as an àite sin a bha adol air, air coilear na seacaide aige agus ach…agus nuair a bha mi ann a shineach, thachair dithis Albannaich rium a bha air tighinn a…bha iad air tighinn dhan Ghrèig, a choimhead air a… .caraid dhaibh a ghlacadh le beaganhashishair, is bha e adol, bha e adol air a’ …bha bus ann, ’s emagicbus a chanadh iad ris, bha e atriall eadar, eadar aGhrèig agus Amsterdam aig an àm a bha sin, agus oh rug iad air agus, ’eil fhiosad, shad iad dhan phrìosan e, agus oh bha, bha eagal orra mu dheidhinn a tha…an dithis ghillean a bha seo a bhair tighinn a choimhead air, agus bha iad acoimhead gun robh iad car cho briste, ’eil fhiosad, sìos. Agus tha…agus oh aidh, is chaidh sinn a-mach air oidhche mar a, mar a shaoileadh tu nuair a thachradh Albannaich ri chèile, is oh bha sinn ag òlouzois ohs estuffuabhasach a tha sin, agus…ach an ath-latha dhùisg mi lehangovercianail orm, agus bha ach…agus na rùmannan a bhann, nan gabhadh tu… ’eil fhios agad, bha rùm, bha…chan eil mi cinnteach bha e acosg airson…cha chreid mi gun robh rùmannan as anhotela bha sin airson daoine singilte idir, ach nan gabhadh tu rùm ma bha thu coma eile a bhiodh as an rùm, bha thu apàigheadh dìreach airson an leabaidh. Is bha an gille a bha seo àDenmark, bha e, bha e co-dhiù ann, is oh ghabh e truas rium agus bha mi air aodach a chur ann am bucaid le uisge agus siabann air an sin, airson an, airson an nighe an ath-latha, agus ghabh e le truas rium, agus nach do, nach do nigh e mo chuid aodaich a bha as abhucaid a bha seo, agus chuir e a-mach air a’ verandaiad atiormachadh, oh gille laghach a bhann ach, oh chaill mi…bha mi air cuairt bliadhnaichean às deaghaidh sin shìos ann an Lunnainn agus bhaaddress bookbeag agam, agus chaill mi e agus bha anaddressaig aghille sin ann, agus ach…tha…ach co-dhiù dhfhuirich mi beagan is bha…ach tha cuimhnam nuair a bha sinn abruidhinn air seo ris aGhrèigeach mhòr reamhar a bha seo aig a’ receptionaig a’ hotelagus bha e afaighneachd dhan a’ …aon rud, bha gille Ameireaganach cuideachd as an…as an aon rùm rium agus bha esan air…bha e afaighneachd dhomhsa ‘What are you doing today?’ is ‘Oh , aye well leave today’ agus dhfhaighnich e den Ameireaganach ‘And you?’ ‘Yes, Im leaving today’ is oh thuirt e…Jacob a bhair am fear àDenmarkagus thuirt e ‘Oh , let me think’ … ‘ Listen my friend, dont think too hard, you die young!’ .

EC―22 :17: Oh, seo a-niste, deagh chomhairle.

DC―22 :19: Deagh bheachd gun teagamh, ach, ach tha.. .co-dhiù fhuair mi bus gu Istanbul ann an…à Thessalonika, agus bha mi sin, bha mi ann an Istanbul mu choladeug agus, agus oh, ’s e àite gu math inntinneach a bha sin.

EC―22 :40: Tha mi acreidsinn.

DC―22 :42: Agus…ach aig an, aig an àm a bha sin, gheibheadh tu…gheibheadh tu rùm ann an, ann anhotel…tapadh leat…ann anhoteloch airson oh, airson och ma…suim 50pence, leth-cheud sgillinn as an rìoghachd seo, gun teagamhs dòcha nach…thoradh…cha biodh anhotelcho, cho àlainn sineach…

EC―23 :16: Ach dhèanadh e an gnothach.

DC―23 :17: Ach dhèanadh e an gnothach airson duine òg, agus…

EC―23 :21: Tha thu òg, fuilingidh tu rud sam bith.

DC―23 :23: Och aidh, aidh, ach uh…

EC―23 :27: Sin agad e, agus bha thu ag innse dhomh uaireigin gun robh thu ùine ag obair airkibbutznach robh? Ciamar, ciamar alandthu sineach?

DC―23 :37: Uill às deaghaidh… nuair a bha mi as a’ hotelann an…a ’ fuireach as a’ hostelann an Istanbul, thàinig dithis ghillean a-staigh latha, agus bha iad air…bha iad air falbh lebicycleseadar Sasainn agus Istanbul. Agus bha fear aca, ’s e Ray Braithwell an t-ainm a bhair agus bha esan tha…oh , working -class ladà Blackburn ann an Lancashire, is bha fear eile tha…dè seo…oh chan eil cuimhna’ m…Jeff achiad ainm a bhair co-dhiù, agus bha esan, bha esan a tha…a ’ fuireach…bha e aràdh ‘We live in a cottage in…on Alderney in the Channel Islands’, agus ‘Daddy is a surgeon who works in South Africa’ so, bha, bha e sin glè mhath dheth agus…ach co-dhiù, mun do ràinig e fhèin agus Ray tha…Istanbul oh, cha robh iad afaighinn air adhart idir idir agus…ach ’s e Ray a bh’ air…bha e air sanas a chur as anCycling Newsgun robh e am beachd leithid seo rud a dhèanamh, ach bha beagan eagal aige an toiseach ach nuair a thòisich e air an t-slighe, bha e atuigsinn gun robh e luideach a tha…beachdan mar sin a bhaige is…an toiseach bha e rudeigin eagalach feuchainn afalbh leis fhèin, ach, ach co-dhiù tha…nuair a, nuair a bha iad…bha an uair sin an rathad a bha adol à Thessalonika, gu h-àraid an rathad nuair a bha thu atighinn faisg air Istanbul, bha an rathad cianail trang adol, adol a-staigh air am pìos mu dheireadh, adol a-staigh a dhIstanbul, bha e lànlorriesagus, ’eil fhiosad, bhiodh iad afalbh cho luath is iad cho mòr, is ma bha thu air…ma bha thu air baidhseagal cha robh e cho, cha robh e cho math ach…agus oh, smaoinich esanOch tha seo gu leòr dhen obair seo,’ agus stad e aigcaféagus bhruidhinn e ri feadhainn a bha air stad le làraidhean, is dhfhaighnich e dhaibh…dh ’innis e dhaibh, ’eil fhiosad, gun robh e airbicycles, is an toireadh iad leotha ambikeaige air mullach nalorriesam faigheadh e còmhla riutha, agus och bha sin math gu leòr, agus a tha…agus air an t-slighe a bha seo, chaidh seachad air is e, e apedalladh dìreach mar an deamhan ach Jeff. Oh, cha do chòrd seo idir ri Jeff, mar a chanadh na Sasannaich ‘That just wasnt cricket at all’. Agus ciamar a tha…fhios agad…bha seo gu math…ma…ciamar a burrainn dhut a ràdh gun do dhfhalbh thu air baidhseagal à Sasainn gu Istanbul, ma bha thu air am bìdeag seo fhàgail às? Ach co-dhiù uh…ach co-dhiù an ceann làithean bha…agus bha…ach bha mise…och bha mise afaighinn air adhart math gu leòr leis an dithist aca, agus ach co-dhiù bha…thàinig Jeff…chan e Jeff ach Ray a-staigh dhanhostelis bha e isOch tha mise adol a tharraing às an seo no’ …eil fhiosad, chitheadh tu feadhainn, chitheadh tu feadhainn timcheall Istanbul a bha air a dhol anns dòcha agus a bha ann…a bha fhathast ann an ceann bliadhnaichean, ’eil fhiosad, agus bha an t-àite car aglacadh dhaoine mar sin, agus tha…agus och, ‘Tha, tha bàta afàgail nadocksaig Istanbul agus tha i adol sìos tro na Dardanelles gu Izmir’, ’eil fhios agad, air a.. .air achoast Aegean aig Turkey, agusOch tha mise adol a ghabhail am bàta Diluain’ agus…bha…tha mi asmaointinn gun e Disathairne a bhann no latha na Sàbaid agus, agus bha…agus…oh tha mi asmaoineachdainn bha iad…chan eil fhios am an e. . dè…bha holidayair choreigineach, is bha…bha na bancaichean dùinte agus cha robh iad afosgladh gu leth uair an dèidh mheadhan-latha, is bha…Diluain is bha an t-aiseag afalbh aig meadhan-latha agus oh bha, bha Ray alasganaich air, air…gun robh, gun robh Jeff acur fallas dheth is asmaoineachdainnOh am bugair Albannach a tha seothach, tha e adol, tha e adol a tharraing leis an airgead agamach co-dhiù dhfhosgail am banca is fhuair iad airgead agus, agus bha sinn an uair sin afalbh air an aiseag a bha sin, agus chaidh sinn, chaidh sinn sìos tro na Dardanelles feadh na h-oidhche. Agus tha…thadhail sinn a-staigh air Izmir as amhadainn. Agus an uair sin eadar, eadar am baile sin agus Mersin, baile, baile air achosta aig aChuan Mheadhanach…tha…de Turkey agus bha, bha sinn…bhiodh sinn adèanamh suas…bha iadsan afalbh leis a' bhaidhseagal, agus chanamaidrightann an leithid seo làithean, bhiodh esan aràdhBidh mise sa bhaile seo is stadaidh sinnis dhèanamaid suas coinneachadh agus bha sinn afalbh ann anhopsmar sineach, agus nuair a ràinig sinn Mersin bhaOch tha, tha mi a’ dol… ’ is bha mi air sgrìobhadh gu tha…unclea bha aig mathair a bh’ ann…a bhann anCyprusan àm achogaidh a bhaca anns na 50s, eil fhios agad, natroublesno chanadh iad riutha aidh, agus tha…feuch an robh duine ann. Bha esan air a bhith air aphoileas ann anCyprusas na leth-cheudan agus bha… ’eil fhios ’ ad…bha iad a.. .bha iad atarraing feadhainn, bha iad ag iarraidh daoine a bhair a’ pholiceann am Breatainn airson a dhol a-null denCyprus. ’Eil fhiosad, thoradh bha ùpraid mhòr adol eadar na Grèigich is na, na Turcaich aidh, agus sgrìobh mi thuige agus…ach… ’eil fhiosad bha, bha cogadh an deaghaidh a bhith eadar na Turcaich, ’eil fhiosad, chaidh iadsan air tìr ann anCyprus ’eil fhiosad, ann an 73 no 74 a bhann aidh, agus tha…agus , ach às deaghaidh sin bha…bhiodh an còmhnaidh na Turcaich aràdh gun robh, gun robh…an riaghaltas ann anCyprus, ’eil fhiosad, bha e, bha e Grèigeachreallya bhannta, agus bha iadsan… ’s ann aca a bha na cumhachdan le sluagh air an taobh agus fhuair à-san tha…mar gum biodh anInternational Postal Federation carson…son gun…nach aithnicheadh iad ach litir sam bith air an robh an t-ainmCyprus, ’eil fhiosad, bha, bhaCyprusair sgaradh eadar na Grèigich agus na Turcaich, agus cha…ma bha thu ag ùsaigeadhCyprus air litir rachadh i gu taobh na Grèigich agus bha i uabhasach doirbh a faighinn air ais. Agus…oh ach bha…ach ma bha thu airson tè…litir a dhol gun taobh , taobh na Turcaich bha thu acur as an dàrna loidhne mu dheireadh dhen seòladh, bha thu acur Mersin agus 10 agus an uair sinTurkey agad, agus rinn sin…bha sin a tha…a ’ soidhneachadh gun e…gun ann aCyprusa bha thu acur, acur an litir sin a dhol. Ach…ach cha robh esan, for aigesan aig an àm sin, agus chaidh an litir aige gu taobh na Grèugaich agus…ach nuair a thill mi air ais a dhAlba an ceann ùine, bliadhna no mar sin, agus thuirt e riumOh, thàinig an litir agad an latha roimheagusOh Dhia am faic mi iisOh Dhia’, ‘Oh Dhiathuirt e, ‘Chaidh i air mhullach an teine’! Tha mi creidsgum bithinn air rudan uabhasach a sgrìobhadh innte is bhiodh…thoradh chaidh i air mhullach an teine ach, ach…agus…ach dhfheuch mi aon latha ri dhol gu taobh na…taobh na Grèugaich agus och, thill iad air ais mi, ach thachair mi ri fear às anConsulateaig, aig an Tuirc ann an, ann an Nicosia tha mi asmaoineachdainn, aguss e Albannach a bhann aguss e tha…agus a tha…bha e, bha e air a dhol a theagasg ann an…a theagasg Beurla tha mi asmaoineachdainn ann an, ann an Nicosia, na taobh na Turcaich…na Grèugaich co-dhiù, agus tha…thuirt e… .thuirt e…feuch an cuimhnich mi air an ainm aige…an e Archie Docherty an t-ainm a bhair an fhear a bha… ’s ann às aGhearasdan a bha e co-dhiù, fear a bha air a dhol a theagasg dha na…dha na Grèugaich agus…ach…b ’ aithne dhasan fear a bha ateagasg còmhla ris, agus chaidh esan dhanChonsulateagus fhuair e litrichean sam bith a bhann dhomh, agus…tha…ach…aidh is bha, bha litrichean…litir no dhà on dachaigh ann tha mi asmaoineachdainn.

EC―35 :49: Gun teagamh, gun teagamh.

title2
internal date2020.0
display date2020
publication date2020
level
parent textDòmhnall MacDhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page