EC―00 :05: Bha mi ag iarraidh faighneachd mu dheidhinn do, d’ ùine ann an Israel anns ankibbutzagad, ciamar, ciamar alandthu sineach?
DC―00 :12: Aidh, uill, dh’fhalbh mi àCyprusà Famagusta air a’ chosta aig, aigCyprusle, le aiseag a-null gu Latakia ann anSyriaagus tha…thachair mi ri dithis ghillean Frangach air an aiseag sin, agus oh, uill, mar a bha na daoine a bhiodh a’ tighinn còmhla, a’ tighinn còmhla an àm an siubhail, mar a thachradh gu math tric, cha robh iad idir a’ faighinn air aghaidh le chèile. Ach tha…agus…ach ged a bha mise a’ faighinn air adhart math gu leòr leis an dithis aca, agus fhuair sinn…tha cuimhn’ a’m nuair a thàinig sinn far naferry, ann anSyria ’s ann a thachair sinn, agus tha…och co-dhiù, fhuair…thugadh dhomh bus rudeiginramshacklea bh’ ann, agus tha…tha cuimhn’ a’m bha sgàineadh mòr air a’ windscreensìos mar sin, agus bha pìos mòrPerspexis baltaigeadh air an uinneig ga chumail a’ dol, agus, agus bha rèile, ’eil fhios ’ad, mar a bhiodh na busaichean a chitheadh tu aig feadhainn a’ dol a dh’Indiano ann an…bha rèile mun àird’ seo timcheall iomall mullach a’ bhus, agus ud, bha e làn de chaseichean is rudan is iad…cha robh iad ach mar siud is mar seo air mullach a’ … . car cogallach dhòigh, agus oh thuirt sinne gu bheil sinn airson pacadh a dhèanamh an-diugh, is ‘Oh no, no, no you let me, you let me!’ agus ars’ an duine a bha seo, is rug e air baga agam no seacaid, no uill no pacaid againn is shad e suas iad is sheòl iad suas, thuit iad an uair sin nan cnap ann an àite sam bith air a’ bhus. Seo an…is dh’fhalbh cuideigin againn, bha e a’ dol a dhol suas ga chur ceart, oh cha leigeadh e leinn a dhol air an àrainn, agus tha…ach co-dhiù nuair a dh’fhalbh am bus a bha sin, a’ chiad…dh ’fhalbh am bus aig astar cianail is a’ chiad chòrnair cas thàinig sinn…dham bheil sinn, a’ smaoineachdainn gun rachadh…gun fhaiceamaid na pacaidean againn a’ tuiteam a-mach dhan dùthaich ann anSyria. Ach och uill, an uair sin, nuair a thuig sinn nach do dh’fhalbh iad leotha…nach do dh’fhalbh iad an tòiseach, bha och bha mi ag ràdh tha iad sàbhailte gu leòr, ach…agus an uair sin dh’ fhalbh…dh ’fhalbh sinn agus…dh ’fhalbh sinn cho fad’ ri Damascus, agus tha cuimhn’ a’m pìos den ùine bha…bha mar gum biodh pìos de, mar gum biodhmotorwayann a bhathar a’ togail agus bha…cha robh… ’eil fhios ’ad, pìos a bha ann am meadhan a’ mhotorwaybha pìosan dheth nach robh idir ann, is dh’ fhalbh am bus dìreach is dh’fheuch e tarsainn sin, is bha iad is a bhròg aige nuair a bha e a’ dol suas taobh cheàrr den rathad a bha seo. Uill, tha mi a’ creidsinn gun ann air an…uill , an còrr den t-saoghal mhòr ’s ann air anrighta tha iad a’ dràibheadh, ach…agus tha mi a’ creids’ gun robh esan…thoradh bhiodh e air an taobh cheart ach…oh , aig a’ mhionaid mu dheireadh thàinig gap agus stiall e a-null e a-rithist, agus ach…bha , bha an oidhche ann nuair a ràinig sinn Damascus, agus bha cailleach a bha seo ’s e… ’s e bean-glùine a bh’ innte, agus bha i a’ ràdh oh, agus fhuair sinnpick - upbheag bhìodach agus, uill, ’s etaxia bha i a’ dèanamh, agus chaidh sinn air a, air a’ phick - upa bha seo agus tha…oh bha esan a’ falbh mar an deamhan cuideachd tron an trafaig ann an Damascus is thug e guhotelsinn, cha robh…dh ’fheuch ehotelair choreigin oh bhiodh fhios aige seòrsa àite bhiodh daoine òga airson a phàigheadh co-dhiù agus tha…so bha…tha…dh ’fhalbh a’ chailleach a bha seo, a’ bean-glùine dh’fhalbh i, is thàinig sinn às aig anhotela bha seo is dh’fhalbh ise a dh’aiteigin eile, agus tha…agus sin far an do…bha leapannan ann is dòcha iad…nach robh an t-àite cho…gu do thoil, rinn e, rinn e an gnothach dhuinn co-dhiù, agus air an ath-latha bha sinn a’ falbh air feadh a’ bhaile agus tha cuimhn’ agam tha…Damascus aig an àm a bha sin bha e mar a chanadh na Goill ‘a bit cowboyish’, ’eil fhios ’ad, ach thàinig iad och…ach an-diugh tha i air a smàladh dìreach, aidh, ach tha…agus…bhiodh tu a’ coiseachd suas sràid agus theirigeadh tu suas an t-sràid agus bhiodh…bhiodh Mercedesmòrparkedann agus bhiodh ’s dòcha triùir dhaoine agus iaddresseddìreach ann an seacaideandenimis, isjeansiskalashnikovsaca tarsainn air an gàirdean, ’eil fhios ’ad, agus ach…co -dhiù an uair sin…tha…aidh , nuair a bha sinn ann an Damascus rinn i, oh rinn i tuil aon latha agus thòisich na rathaidean air a dhol fodha is bha càraichean ann ancar parksri taobh an rathaid aca, cha robh ancar parkann ach mar…bha iad sgreamhail, is bha, is chaidh na càraichean fodha. Oh, bha beagan dhealbhannan agam dheth sin och uill, seallaidh mi aig àm eile.
EC―07 :07: Seadh dìreach.
DC―07 :10: Agus tha…agus tha…an uair sin bha againn ri…bha againn ri…tha…bha drochaid ann ’s e…bha i an dèidh a bhith ann o àm na Breatannaich ann amPalestine, ’s e an Allenby Bridge an t-ainm a bh’ oirre agus gheibheadh tu a- null…cha robh math dhut Israel a ràdh no dh’fhaodadh tu bhith air do…
EC―07 :34: Mach an dòras.
DC―07 :35: Mach an doras. West Bank. Is bha mi son a dhol dhanWest Bank. Agus co-dhiù, tha…tha cuimhn’ a’m air thoradh gun robh mise air a bhith ag obair sa bhanca bhaBarclaycardagam, ’eil fhios agad, mar a chanadh tuVisaan-diugh, agus tha…agus…aidh bha mi fhèin agus fear de na gillean Frangach air cùmhnant a dhèanamh, tha…mar am faigheadh an dàrna duine a-null gu…tha…gum…aidh…nach deachainn…nach deachadh an dithis againn a-null mura faigheadh an dithis againn cead airson a dhol dhanWest Bank, agus…ach bha Joel fear de na gillean Frangach, bha esan rudeigin eòlach, chan eil fhios a’m an robh e air a bhith air a’ …as a’ West Bankno sin, no ach bha e a’ ràdh gun robh…och bha mise a’ ràdh gun d’ rachamamaid a dh’obair ann ankibbutz. ‘Och coma leatkibbutz, chan fhaigh thu air do phàigheadh an sin’, sin tha…is a’ ràdh ‘Tha fhios agamsa, thabuilding sitesann shìos taobh Aqaba, ’eil fhios agad, air a’ …as a’ Ghulf, agus oh gheibheamaid pàigheadh meadhanach math ann a shin agus…ach co- dhiù…aig a’ …aig a’ mhionaid mu dheireadh chaidh na planaichean againn but os cionn, thoradh gheibhinns’ a-null math gu leòr thoradh bha mi a’ ràdh ‘Visa’ an seo agam, dè, dè an cead a bheireadh sin dhut, thoir leat is… ’ is och chan eil fhios a’m dà mhìle no rudeigin ged nach robh sin ann, agus…ach chan fhaigheadh Joel an gille eile a-null ann, is och rinn mi suas gun tillinn air ais còmhla ris-san is thill sinn air ais a tha…air ais a-rithist a-staigh a dh’ Oman…oh ’s ann an Oman a bha sinn a’ cur air dòigh airson cead fhaighinn airson a dhol a-null chon a tha…taobh an iar ach tha…agus…tha…ach tha mi a’ smaoineachdainn gun do rinn…gun do chuir mise…dh ’ iarr e air airgead, agus bha mi a’ ràdh, oh bha mi a’ ràdh ‘Seo agad mise air a tha…air an…air anstepcheàrr a dhèanamh’, ’eil fhios agad, rud nach…na dèan sin uair sam bith’ ach fhuair mi airgead is thug mi dhasan e is…ach bha mi a’ smaoineachdainn ‘Oh, uill, cha bu chòir dhomh a bhith air siud a dhèanamh’ ach, oh bliadhna an deaghaidh dhomh tighinn dhachaigh no… .no ’s dòcha gun robh litir a’ feitheamh rium ann a shin nuair a ràinig mi an taigh, nuair a thàinig mi air ais a Bhreatann agus on a’ ghille sin, agus oh bha e a’ ràdh ‘Tha mi a’ dol a dhol a dh’Alba agus cuiridh mi thugad an t-airgead a-rithist’ ach co-dhiù bha e onarach gu leòr, agus tha…ach co-dhiù tha…dhealaich sinn anns an…ann an Oman is tharraing esan airbusesann an tilleadh air ais dhan Fhraing, agus chan eil fhios a’m dè rinn Jacques cha chreid mi nach e an t-ainm a bh’ air an fhear eile, dh’fhalbh e an rathad fhèin. Ach, co-dhiù, ann am beagan làithean às deaghaidh sin, thill mi dhanbhordera-rithist is tha…fhuair mi a-staigh agus bha, bha mi a’ smaoineachdainn bha e uabhasach neònach bha…ach na, na h-àiteachan an sin bha e…bha e…thachradh tu ri daoine neònach, ’eil fhios agad, tha…agus thuirt e…nuair a chaidh mi…nuair a fhuair mi tarsainn is chaidh mi a-null chon a’ …chon a’ …an taobh nan Iùdhaich ’eil fhios ’ad amWest Bankach, thuirt iad ‘Oh Mr. MacDonald we’ve been waiting for you’ agus tha…oh well, tha mi a’ creidsinn gun rachadh naidheachdan air ais is air adhart.
EC―12 :13: Daoine annasach san sgìre mar gum biodh.
DC―12 :48: Agus ach, bha fear de na Syrianiach a bha air an taobh aca denbhorder, bha, bha e a’ smaoineachdainn gun robh e…gun robh mi a’ dèanamh rudeigin gaisgeach, ’eil fhios agad, a’ tilleadh air ais còmhla ris a’ ghille eile thoradh bha mise air cead fhaighinn a dhol a-null ach cha robh esan, aidh, uill uill, ach, oh tha mi a’ creidsinn gum bi na h-àiteachan sin gu math tùr eadar-dhealaichte an-diugh, oh well oh well, tha leithid de dh’àrmachd air a bhith ann.
EC―12 :51: Gun teagamh, gun teagamh. Am b’ urrainn dhut beagan a ràdh mu dheidhinn dìreach obair na cruite agad a Dhòmhnaill cuideachd, gun robh thu ag obair gu ìre mhòr làn-thìde nach robh, mar chruitear no tuath.. .tuathanach beag no…uill , uill an dà chuid mar gum biodh, ach bha thu…nuair a thill thu air ais dhachaigh ghabh thu, ghabh thu a’ chruit os làimh, nuair a ghabh thu cruit, cruit d’ athar agus mar a thuig mise cha robh obair eile agad ach a’ chruit, bha thu a’ dèanamh do bheò-shlaint leis a’ chruit, ciamar a bha sineach mar gum biodh, an robh, an robh e doirbh beòshlaint a dhèanamh às a’ chruit fhèin no… ?
DC―13 :21: Uill, uill, bliadhnaichean nuair a bha prìsean…nuair nach robh iad cho math, ach aidh, ach am faod mi a ràdh nuair a thill mi air ais a dh’Alba is aidh…aidh uill…nuair a thill mi air ais a dh’Alba bha m’ athair, uill, fhuair, fhuair mo theaghlach tha…grèim orm air a’ khibbutzann anIsraelagus thàinigphonecall agus oh uill, an uair sin bha iad…bha e cianail doirbh, uill bha e, bha e doirbh fònadh à Glaschu ann a sheo cuideachd gu leòr, agus thàinig… ’eil fhios agad, na saighdearan Breatannach ann an àm a’ chogaidh, ’s e naJocksa bh’ aca air na, na h-Albannaich na…agus ’s e ‘Jock’ a thug iad orm sakhibbutz, agus oh thàinig an Sasannach a- staigh…thàinig e na ruith a-staigh dhan rùm againn is aonach air is ‘Hey Jock, there’s a phone call for you from Scotland it’s up in madon’ cha chreid mi nach e andining roomfar a bhiodhkibbutzagus cò bha sin ach mo phiuthar agus bha i a’ ràdh, oh bha m’ athair air an dàrnaoperationfhaighinn, ’eil fhios agad, thugadh air falbh meadhanJanuarye à Beinn na Faoghla, agus bha, bha e fhèin is feadhainn eile an deaghaidh a bhith aig tìodhlacadh thall san Eilean Sgitheanach agus bha…tha…bràthair a mhàthar tha…bha e air…chaochail e san, san eilean agus tha…agus och, tha mi a’ creidsinn tha…coimhead gun robh…dramaichean math den chreutair air a…air a ghabhail, agus…ach tha cuimhn’ a’m Teàrlach a’ bruidhinn ris am bliadhna fhèin, bha e a’ ràdh gu bheil cuimhne … ’eil fhios agad, Teàrlach an Càirinis, aidh. Tha.. . ’s efirst cousina bh’ ann an Teàrlach is m’ athair agus ach…tha e a’ ràdh gu bheil cuimhn’ aige aircrowdaca a bhith anns a’ MhachairBar, ’eil fhios ’ad aig, aig bun cidhe Ùig, agus…oh cha robh mòran òl mòr ga dhèanamh idir, ach bha iad a’ gabhail glainneachan leth-phinnt leann tha mi a’ creidsinn, agus bha e a’ ràdh gun do thionndadh m’ athair ris agus thuirt e ‘Oh tha mi a’ smaoineachdainn gu bheil rudeigin air tachairt dha mo stamag’, agus tha…ach co-dhiù dhùisg e madainn is fhuair iad…thàinig iad…oh bha droch thìde uabhasach ann is bha na h-aiseagan but os cionn, ach fhuair iad a-null a dh’Uibhist tràth air madainn Disathairne tha mi a’ smaoineachdainn, agus tha…oh , cha robh e a’ faireachdainn math idir is bha, bha Dòmhnall thall an seo, ’eil fhios ’ad, an gille aig Raghnall Dhonnchaidh Ruaidh, cha robh e ach na ghille òg, och bha e mu dheich no rudeigin sin, is tha…bha , bha feadhainn air parsail a thoirt dha bhon Eilean Sgitheanach tha…airson a chur a-null a Cheann a’ Bhàigh gu…gu…gun a’ bhean aig MacÌomhair am ministear a bh’ as a…a bha ann an eaglais thall ann an Ceann a’ Bhàigh, agus thoradh bha…bha a’ bhean aig MacÌomhair tha…bha i…tha .. .bha a màthair, bha a màthair-se agus mo mhàthair-a uabhasach càirdeach, agus…ach co-dhiù, chuireadh Dòmhnall air falbh còmhla ri m’ athair, ’eil fhios agad, a-null a Cheann a’ Bhàigh, is bha Dòmhnall ag ràdh gu bheil cuimhn’ aige air m’ athair a bhith a’ stad anns a.. .aig gach dàrnachapassing placeairson cur a-mach, agus ach co-dhiù, tha mi a’ creidsinn…am b’ aithne dhut Seonaidh Dhòmhnaill Iain a bha a’ fuireach shìos air machair Iolaraigh. Bha e titheach air sloinneadh is eachdraidh is gnothaichean, ach oh, bhiodh iad an còmhnaidh a’ cruinneachadh shìos an sin air oidhche Shathairne.
EC―18 :21 Beagan de taigh-cèilidh aca shìos an sin, agus far am biodh daoine a’ cruinneachadh is carstudymar gum biodh.
DC―18 :27: Agus, oh bhiodh dramaichean gan gabhail is…ach co-dhiù dhùisg m’ athair air madainn Sàbaid agus oh, bha cràthadh cianail na stamag agus nuair a dh’fhòn e a-null gu seo…gu bhràthair Iain is e a’ fuireach a-staigh an seo, agus tha…is chaidh Iain a-null agus oh dh’fhòn e an nurs ’eil fhios ’ad, chan e an dotair idir ach an nurs, agus oh ghabh i chon a’ fòn is dh’fhòn i an dotair agus thàinig an dotair. ’S eDoctorJohn a bh’ ann an uair sin…
EC―19 :07: Am fear…am fear, am fear…tha mi a’ tuigsinn.
DC―19 :09: Aidh, shin agad e, sin an dotair. Agus thàinig esan, thug e aon sùil air agus ghabh e chon a’ fòn agus dh’fhòn e, dh’fhòn e anAir Ambulanceagus dh’fhòn e an t-ospadal ann an Glaschu, ’eil fhios ’ad, The Western, agus bhateamaca deis.. .deiseil ann a shin air a shon, nuair a ràinig e Glaschu mu dheireadh thall.
EC―19 :37: So ghabh thu a’ chruit thu fhèin an uair sin, b’ fheudar dhutsa, dhutsa gnothaichean a… ?
DC―19 :40: Uill, fhuair m’ athair an uair sinoperationmhòr, fhuair e… ’s ann aig an àm sin dh’fhòn iad thugamsa agus…tha…agus…ach co-dhiù, fhuair m’ athair…às deaghaidh sin fhuair eoperationmhòr eile ach shlaod e tron a h-uile gàbhadh a bh’ ann, agus nuair a thàinig mi dhachaigh an uairsin, ’eil fhios ’ad, dh’fheumainn tighinn dhachaigh oir cha b’ urrainn dha…bha bràthair m’ athar air an obair uileadh a dhèanamh an àm nan each, ach cha b’ urrainn dha tractar a dhràibheadh an sin, so bha agam ri…
EC―20 :20: Thàinig, thàinig e uileadh, thàinig e uileadh ortsa mar gum biodh, a bhith…a bhith a’ ruith na cruite. Sin agad e.
DC―20 :25: Agus so…agus nuair a thàinig mi dhachaigh an uair sin bha agam ri dhol a-staigh, dìreach a-staigh dhan obair na cruiteadh.
EC―20 :39: Agus bha thu ag obair an sineach a dh’aona-ghnothach, air a’ chruit, cha robh, cha robh obair eile agad ach…mar gum biodh ach sin fhèin?
DC―20 :43: Cha robh. Cha robh.
EC―20 :45: Agus ciamar a rinn thu beò-shlainte às a’ chruit mar gum biodh? An robh…an robh, an robh feadhainn còmh…an robh barrachd is aon chruit air a chur còmhladh, mar gum biodh?
DC―20 :54: Uill, bha…bha m’ athair is bràthair…is a bhràthair ag obair còmhladh a-riamh, agus bha, bha na shareichean aca leth mu leth, is bha dà chruit gu leth aig aon duine is dà chruit gu leth aig an duine eile, agus nuair a thòisich mi is obair dhomh…nuair a thòisich mi air dìreach obair còmhla riutha, is och bha an obair a’ còrdadh rium is cha robh…cha robh…cha robh…oh cha robh ùidh agam ann an, ann an.. .a’ cur gnothaichean air dòigh gu laghail na dad, agus ach rè uine thug m’ athair dhomh tè dha na cruitean a bh’ aigesan agus bha mi gan obair aig an taigh dìreach mar gum biodh iad agam fhèin, agus tha…agus bha an t-àm an IDP, ’eil fhios ’ad, am prògram a chaidh a chur air adhart leis a’ …uill , ’s e an EU a chuir tòrr den airgead a-staigh ann, agus an uair sin, can na, na gnothaichean a bha a dhìth orm fhèin a chur air bhonn, bha iad…och cha robh iad…cha robh iad a’ seasamh nam aghaidh na dad, is bha mise ga ob.. .ga obrachadh dhomh, mar gun robh e na ghnìomhachas dhomh fhèin.
EC―22 :21: Agus am biodh tu a’ reic laoigh a-mhàin no am biodh tu, am biodh tu cuideachd a’ reic feòil?
DC―22 :28: Uill, bha, bha mi an toiseach dìreach a’ reic an crodh, a’ reic a’ chruidh air a’ …aig na saleichean, aidh, is bha mi an uair sin o chionn…nuair a thàinig an gàbhadh a bha sin leis a’ …leis a’ BSE tha…thuit na prìsean gu dona agus bha mi a’ smaoineachdainn, uill, gum feuchainn ri beothaichean a reic, a mharbhadh is a reic na feòl’, agus bha mi ris an sin trì na ceithir bhliadhna, agus…ach bha, bha cus cus a bharrachd obair ann am beothaichean a reic air an dòigh sin. Ged a dhèanadh tu glè mhath asta, beothaichean a reic air an dòigh sin seach…seach nan seasamh, ’eil fhios ’ad, agus och…nuair a…nuair a…an ceann beagan bhliadhnaichean nuair a thàinig suidheachadh a’ chruidh air adhart anns na margaidhean, ghluais mi air ais gu gan creic anns an t-seann dòigh.
EC―23 :51: Bha sin na b’ fhasa dhut.
DC―23 :52: Oh bha bha, oh cha robh uimhir a dh’obair ann, aidh.
EC―23 :55: Thuirt thu rium uaireigin bho chionn fhada le obair na cruite nach eil, nach robh faireachdainn madainn Diluain ann, mar gum biodh, ach aig an aon àm chan eil faireachdainn feasgar Dihaoine ann nas motha, mar gum biodh. Tha, tha cuimhn’ a’m, agus, agus tha mi a’ smaoineachadh gu bheil sin gu math fìor tha mi a’ smaoineachadh, nach eil, nach eil thu…nach eil…oh tha mi a’ dol, a’ dol, a’ dol gu oifis, ach aig an aon àm chan eil, you know, chan eil thu a’ faighinn air falbh bhuaithe, mar gum biodh.
DC―24 :21: Chan eil, chan eil. Ach co-dhiù tha…an deaghaidh…ach gu math tric bidh mi a’ smaoineachdainn, ’eil fhios ’ad, nuair a bha mi a’ creic beothaichean air an gearradh is air a’ …gan dèanamh deiseil airson daoine dìreach ga…airson a chur dhanfreezeraca tha…oh , uill, bha mi air a bhith…bhithinn iomadach turas is a’ ràdh rium fhèin ‘Oh taing do Dhia gu bheil na làithean sin air falbh’ ’eil fhios ’ad, thoradh bha…dhèanadh tu glè mhath asta gun teagamh ach bha thu a’ cur tòrr ùine is obair…
EC―25 :01: Agus am biodh tu a’ reic gu, gu feadhainn ann a sheo fhèin no ann an àiteachan eile cuideachd?
DC―25 :05: Oh, bha mi a’ creic eadar…bhithinn a’ dol a-mach gu Àird nam Murchan, bha mi eòlach a bhith an sin is bhiodh iad a’ ceannach bhuamsa.
EC―25 :18: Ann an Àird nam Murchan? Seo a-nist.
DC―25 :20: Agus ann an…ann an…uill bha, bha mi a’ cur na…tha…na gamhna is na laoigh air falbh gu Eilginn.
EC―25 :34: Oh, bidh iad, bidh iad a’ geamhrachadh air falbh, seadh dìreach.
DC―25 :37: Agus bha…is an uair sin bha, bha iadsan a’ dèanamh deagh job dhiubh, agus bha taigh-spadaidh anabarrach math, tha mi a’ smaoineachdainn gu bheil e fhathast ann an Eilginn agus tha…spadadh iadsan iad, ’eil fhios ’ad, chuireadh an tuathanach…chuireadh e a-staigh iad dhan taigh-spadaidh an Eilginn, ’eil fhios ’ad, is a chur a dhà mu seach, eil fhios a’ d thoradh bha, thoradh bha dà bheothach bha sin dìreach gu leòr dhomhsa a làimhseachadh aig an àm.
EC―26 :16: Seadh dìreach, seadh.
DC―26 :19: Agus tha…agus bha an uair sin bùth-bhùidsearachd air an, air an àrd-rathad ann an Eilginn, agus tha…gheàrradh iadsan dhomh…chuireadh…nuair a bhiodh iad cola-deug crochte as an taigh-spadaidh, chuireadh à-san gun a’ bùth-bhùidsearachd ann an Eilginn iad, agus ghearradh iadsan suas iad, dhèanadh iad a h-uile gearradh a dh’fheumadh tu a dhèanamh le carcais agus bha mi…bha mise an uair sin bha bhan agam, tha…tha .. . bhan…freezer vanmar a chanadh tu agus a tha…bhithinn a’ dol a-mach a dh’Eilginn is an sgìre. Bhiodh e, bhiodh e uileag air a chur ann am, ann am bocsaichean agus bhithinn…bhithinn gan reic ann an ceathramhan no ann an, ann an leth-carcais, ’eil fhios ’ad, ach mar bu trice bha e ann an ceathramhan, ach cha robh sin…bha sin, mar gum biodh…an ceathramh a gheibheadh daoine bhiodh e, mar gum biodh, , eng>sharede cheathramh beothach, bhiodh sin dhen a h-uile cut a bh’ anns a’ bheothach, ’eil fhios ’ad, ’eil fhios ’ad, bhiodh mince ann is bhiodhsteaksann is bhiodhstewann agus bhiodh e, bhiodh e dìreach air a chur air adhart air adhart mar sin. Is bha e gu math tarraingeach airson teaghlaichean, ’eil fhios ’ad gheibheadh iad…
EC―28 :09: Diofar gearraidhean a bha a dhìth orra, math dha-rìribh. Agus innis dhomh beagan mu dheidhinn an duine a bhiodh a’ tighinn an seo ag ionnsachadh Gàidhlig còmhla riut, nach e Raghnall a bh’ air? Nach e mise a chuir, a chuir thu fhèin is e fhèin còmhladh?
DC―28 :26: ’S e, Raghnall à Dùn Èideann. Aidh, agus bhiodh…bha e…tha dreis, tha bliadhna on nach robh e an seo, cha chreid mi.
EC―28 :35: Ach bhiodh e a’ tighinn an seo o àm gu àm is ag obair còmhla riut agus a’ dol a-mach is a’ bruidhinn Gàidhlig is…
DC―28 :41: Aidh, bha, bha agus oh ’s e gille laghach a bh’ ann an Raghnall, aidh, agus.. .agus bha a’ Ghàidhlig aige fhèin glè mhath.
EC―28 :50: Am biodh e dìreach a’ tighinn an seo agus ag obair còmhla riut gach latha is a’ feans.. .a’ feansadh is ag obair air…rud sam bith a bha a’ dol?
DC―28 :54: Aidh, agus bhiodh tha…bhiodh sinn gu math tric aig a’ bhòrd a tha seo.
EC―29 :06: Tha fhios a’m taghta math gum biodh, agus balgam agaibh tha mi a’ creidsinn.
DC―29 :10: Aidh, bhitheadh agus bhitheamaid aidh, dìreach a’ còmhradh.
EC―29 :17: Sin, sin uill, tha mi, tha mi cinnteach gun do rinn e, gun do rinn e cuideachadh mòr mòr dha a bhith, a bhith…
DC―29 :22: Uill, tha mi a’ creidsinn gun do rinn, bha e a’ ràdh…bhiodh e a’ ràdh gun do rinn.
EC―29 :26: Tha mi, tha mi làn chinnteach gun do rinn, yeah…och well…yeah.
DC―29 :31: Oh uill bha, bhithinnsa a’ faighinn rud às cuideachd, is bha e a’ cordàdh rium, is bhiodh oileanaich againn o Sabhal Mòr Ostaig cuideachd, gu h- àraid…uill gu h-àraid nuair a bha m’ athair beò agus bràthair m’ athar.
EC―29 :46: Am biodh iad a’ tighinn airson, airson, son ùine, ùine-obrach mar gum biodh, greis, greis-gnìomhachais mar a chanadh iad?
DC―29 :51: Aidh, greis-gniòmhachais sin e, agus oh bhiodh m’ athair a’ dol air chèilidh an siud is an seo is bhiodh e gan toirt a-mach leis aidh, agus…ach cha robh duine aca agam on a…on a, on a chaochail m’ athair, aidh. Aidh, bha Eairdsidh anns an t-Sabhal Mhòr ’s e bhiodh a… . ’s e bhiodh a…
EC―30 :16: Oh, Eairdsidh MacIlleathainyeah. Agus a-niste tha thu air a’ chrodh a leigeil dhìot mar gum biodh, chan eil, chan eil gin agad air fhàgail.
DC―30 :27: Chan eil, chan eil.
EC―30 :29: A bheil, a bheil, a bheil thu gan ionndrainn beagan no a bheil thu…an e, an e faochadh a th’ ann ann an dòigh, no measgachadh den dà chuid?
DC―30 :34: Uill, tha mi a’ creidsinn mar a tha a’ chùis dhomh a-niste, bha mi…ghabh mi…och bliadhnaichean air ais ghabh mi mar a chanas iadmini - stroke, agus on uair sin ghabh mi feadhainn eile on uair sin, agus ach well, ann an dòigh nuair a chuir mi bhuam iad bha mi a’ ràdh ‘Och well, tha e cho math dhut ma tha crodh agad na…agus an sin, tha…an cur bhuat nuair a shuidhicheas tu, seach leigeil leis chon an àm nuair a dh’fheumas tu an cur bhuat’.
EC―31 :12: Seadh dìreach, seadh dìreach ’s e, ’s e deagh àm a bh’ ann sin, sin a dhèanamh co-dhiù. Agus can nuair a bha thu trang le crodh an sineach, an robh e, an robh e doirbh faighinn air falbh air làithean-saora, ciamar a, ciamar a bha e ag obrachadh mar gum biodh?
DC―31 :24: Och, uill nuair a bha m’ athair…nuair a bha m’ athair beò agus bha e meadhanach fiot cha robh e cho doirbh…tha…ach nuair a chaochail m’ athair…
EC―31 :39: Seadh, cha, cha robh e cho furasta dhut an uair sin, yeah. ’S e, ’s e uallach a bhiodh ann cuideachd crodh dhaoine eile nach e, no gum biodh cuideigin coimhead às an deaghaidh is, is tu air falbh, seadh. Agus saoil dè slighe air adhart airson, airson cruitearachd, a bheil, a bheil thu a’ faireachdainn gu bheil àm ri teachd aig cruitearachd mar gum biodh, a bheil, a bheil, a bheil feadhainn òg ag iarraidh a bhith an sàs ann is. .?
DC―32 :06: Uill, tha duine…tha duine òg dìreach an taobh shuas dhen fhadhlainn, taobh shuas dhenchauseway agus… ’eil fhios ’ad tha sgeamaichean àrainneachd agam, agus mura h-eil crodh agad fhèin feumaidh tu crodh dhaoine eile no beothaichean no caoraich…
EC―32 :25: Feumaidh tu an talamh a chleachdadh air, air dòigh air choreigin.
DC―32 :27: Aidh, feumaidh an talamh a bhith air aon-fhillte, agus tha…tha…agus air an t-samhradh seo bidh Sam a tha…aig Crois Muire bidh e a’ cur ’s dòcha stoc caoraich, caoraich is crodh air a…
EC―32 :43: Nach math gu bheil, gu bheil daoine a’ cur feum…
DC―32 :45: Aidh, och tha, och tha.
EC―32 :49: Tha e air, air obrachadh mar gum biodh, sin agad e. Uill, tha mi a’ smaointinn gu bheil beatha gu math farsaing agus inntinneach air a bhith agad gu ruige, gu ruige seo co-dhiù, agus, agus, agus ceud taing airson innse dhuinn, b’ urrainn dhuinn bruidhinn na b’ fhaide tha mi làn chinnteach ach ’s dòcha, ’s dòcha gum bi, bidh cothroman eile ann, ’s dòcha.
DC―33 :07: Aidh, ma tha bìdeagan as an stòiridh faodaidh sinn a lìonadh a-staigh a-rithist.
EC―33 :12: Ach tha mi a’ smaointinn gun do chòrd na rudan a rinn thu riut gu mòr co-dhiù, a bhith a’ siubhal agus…ach thàinig, thàinig gnothaichean mar…gun robh agad ri tilleadh agus rinn thu beatha eile.
DC―33 :25: Rinn, rinn. Agus bha…ach…oh bha m’ athair uabhasach meadhanach aig an àm a thill mi, agus…ach uile gu lèir chuir e seachad trì mìosan as an…as an ospadal, agus eadhon gun robh an t-àm ann, tha mi a’ smaoineachdainn gun tuirt e ri mo phiuthar ‘Bha sinn…bha sinn a’ deasbad am fònamaid thugaibh an-raoir’ ach so.. .Ach ’s e duine…ach bha, bha fear ann an Griomasaigh a chaochail o chionn dhà no trì bhliadhna a’ ràdh rium gun robh seann Dotair MacLeòid a’ ràdh gun e m’ athair an duine a bu làidire ann an Uibhist, ach tha…tha mi làn a chreidsinn cha robh e, cha robh e car…a ’ ciallachadh gun e làidir san dòigh seo a bhith a’ togail rudan, ’eil fhios ’ad, is e làidir mar sineach, is gun ecardiovascularmar gum biodh, aidh, a chridhe is an anail, aidh, aidh. Ach, ach mar a bha mo phiuthar a’ ràdh, Malag, ’s e nurs a bh’ innte is bha ise…oh uill on àm a fhuair e os cionn na gnothaichean stamaig agus gu an latha a chaochail e, bha mu chòig bliadhna fichead ann, so uill, fhuair e deagh chòig bliadhna fichead às a’ ghnothach.
EC―35 :24: ’S e duine mòr tapaidh a bh’ ann.
DC―35 :26: Oh ’s e, ’s e…ach…aidh .
EC―35 :31: Glè mhath ma-tà. Uill, ceud taing a-rithist, is tha mi, tha mi a’ smaointinn gum faod sinn fhàgail aig an sin a-nochd, a-nochd, a-nochd thuirt mi!
title | 3 |
internal date | 2020.0 |
display date | 2020 |
publication date | 2020 |
level | |
parent text | Dòmhnall MacDhòmhnaill |