PM―00 :05: Ceart ma-thà, Anna, fàilte ort agus tapadh leat dha-rìribh airson bruidhinn rium an-diugh. ’S e achiad cheist a thagam dhut ma-thà às tha thu agus leis thu?

AF―00 :16: ’S ann à Pabail Uarach anns an Rubha ann an Leòdhas a tha mi aguss e Ciorstaidh Mary Ìomhair Iain Ìomhair a chanas iad ri mo mhàthair, Ciorstaidh Mary NicChoinnich a bhinn. .. a bhoirre mus do phòs i aguss e Bert Frater mathair, rugadh esan anns na Crìochan, ann am Melrose, achs ann à Port Mholair a bha a mhàthair. Ach bhàsaich athair nuair a bha e gu math ògcha robh e ach ma thrì bliadhna a dhaois agus thill iad dhachaigh an uair sin agus leis an sins ann am Port Mholair a thogadh esan an uair sin air achnoc nuair a phòs mo sheanmhair a-rithist. Agus ged is e Gàidhlig achiad chànan a bhaige, bha e air sguir ga bruidhinn mus tàinig iad dhachaigh agus leis an sin bha aige ri ath-ionnsachadh a dhèanamh air achuid Ghàidhlig as dèidh dha tilleadh dhachaigh. Ach gu dearbh tha Gàidhlig nas fheàrr aigesan na thagamsa, chanainn.

PM―01 :18: Ceart agus . .. an obair a bhaig dathair ma-thà?

AF―01 :23: Bha mathair aig muir an toiseach. Bha e bliadhnaichean mòra aseòladh agus mu dheireadh na chaiptean air soithichean Denholms mar achuid as motha dha. .. dhan an àm. Agus thàinig e air tìr nuair a bha e còrr is fhichead agus bha e an uair sin os cionn callachan nan Eilean Siar a bharrachd air. .. taobh a-muigh Challa Steòrnabhaigh, ’s e esan an Harbour Master airson achòrr dha na h-Eileanan an Iar gus an do leig e seachad a dhreuchd. Agus bha mo mhàthair na tidsear bun-sgoil agus, well, leig i seachad an obair sin nuair a rugadh mo bhràthair as sine ach. .. ach thill i an uair sin anns na, na h-ochdadan gu. .. gu teagasg dìreach ann an Sgoil Phabail agus bha i ann an sin gus an do leig i fhèin dhi a dreuchd.

PM―02 :36: Ceart gu leòr, so bha ceangal làidir aig an teaghlach ris amhuir co-dhiù, aig dathair gu h-àraid. Agus n aois a bha e nuair a chaidh e gu muir, fhios agad. ..

AF―02 :51: Bha e sia bliadhndeug.

PM― Sia bliadhna deug nuair a chaidh e gu muir.

AF― Sia bliadhna deug, uh-huh. Bha e aig. .. Elder Dempster a bha e an toiseach agus tha. .. ’s e sin as coireach gur e Liverpool an sgioba ball-sgioba a tha e aleantainn ann an Sasann. ’S ann a-mach à Liverpool a bha e, a bha e aseòladh agus bhiodh e adol. .. adol gu Anfield nuair. .. nam biodh iad air tìr aig an deireadh-sheachdain. Ach bha. .. le sin, bha e ann an Sgoil aChaisteil ann an Steòrnabhagh iss ann an uair sin chaidh e gu muir nuair a bha e sia bliadhndeug a dhaois.

PM―03 :22: Seo. .. seo anns achabhlach mharsanta, cha bann anns achabhlach rìoghail.

AF―03 :25: ’S ann, ’s ann, ’s ann anns achabhlach mharsanta, ’s ann, ’s ann.

PM―03 :27: ’S iomadh triop a chaidh e timcheall air an t-saoghal tha mi acreidsinn ma-thà. ’S iomadh, ’s iomadh sgeulachd a bha aige, tha mi cinnteach.

AF―03 :34: Tha. Bha tòrr sgeulachdan aige. Agus cuideachd nuair a bha mise nam nighean bheag, bhiodh e, tha. .. tha. .. well, tha iad fhathast thall ann an taigh mo phàrantan, bhiodh e toirt dhachaigh doile dhomhsa bhon a h-uile dùthaich anns an robh e air a bhith. ’S e an aon dhùthaich a dhfhaillich sinn air, ’s e Albaniàbha e aig an àm sin fhathast fo bhuaidh na Communaich agus cha robh. .. cha robh càil cho faoin ri. .. ri doilichean. .. doilichean is souvenir ga. .. ga reic. Ach leis an sin, bha. .. bha. .. cha mhòr anns a h-uile ceàrnaidh. .. a h-uile. .. a h-uile rìoghachd far a bheil oir-thìr bha. .. tha e air a bhith ann.

PM―04 :25: Agus bha do mhàthair bha i. .. bha i na tidsear, thuirt thu, ann an Sgoil Phabail.

AF―04 :29: Bha, bha ann an Sgoil Phabail mu dheireadh ach thòisich i. .. bha i ann an Dalmuir nuair a thòisich i ateagasg agus, well, mar a thuirt mi, thill iad. .. thill iad dhachaigh dìreach mus do rugadh mo. .. mo bhràthair as sìne. Achs ann taobh Ghlaschu a bha iad an toiseach.

PM―04 :54: Ceart. Agus ciamar. .. agus cia mheud a tha anns an teaghlach agad, Anna?

AF―04 :57: Tha ceathrar againn ann.

PM―05 :00: Tha ceathrar agaibh ann.

AF―05 :01: Aon bhràthair nas sine na mi agus dithis nas òige.

PM―05 :02: So chaidh do thogail ann am Pabail, ma-thà, thu fhèin.

AF―05 :04: Chaidh, chaidh.

PM―05 :05: Agus chaidh thu dhan. .. dhan bhun-sgoil ann a shin. An robh do mhàthair anns abhun-sgoil, an robh i ga do theagasg an uair sin?

AF―05 :12: Cha robh, cha robh. Chaidh ise air ais a theagasg nuair a bha mo bhràthair as òige fhathast ann an Sgoil Phabail ach bha esan anns an. .. bha achiad bhliadhna dhan an àrd-sgoil ann an Sgoil Phabail cuideachd aig an àm a bha sin. Agus leis an sin cha robh i ateagasg fhads a bha. .. fhads a bha mise anns an sgoil. Ach. ..

PM―05 :35: An e faochadh a bha sin dhut, ’s dòcha?

AF―05 :36: ’S dòcha. .. ’s dòcha gur e barrachd faochadh a bhann dhi-se!

PM―05 :37: Tha mi cinnteach!

AF―05 :40: Ach, ach feumaidh mi a ràdh, fhios agad, chòrd an sgoil rium, fhios agad. Bha. .. tha mi asmaoineachadh bhon a bha na sgoiltean an ìre mhath beag mar sin, bha. .. bha na tidsearan eòlach air achlann agus bha iad eòlach air na dòighean as fheàrr airson do chuideachadh airson ùidh a bhrosnachadh ann am. .. ann am foghlam. Agus acoimhead air ais, fhios agad, rinn. .. rinn sinn an t-uabhas anns an sgoil, fhios agad taobh a-muigh na rudan foirmeil, fhios agad. Agus chan ann a-mhàin, fhios agad, agabhail pàirt ann am mòdan agus eile ach bhiodh na consartan a bha sinn adèanamh gach. .. gach bliadhna, agus deilbh-chluiche agus a h-uile càil, fhios agad, bha. .. bha cuid de na luchd-teagaisg aig an robh fìor thàlant airson a leithid a chur ri chèile. Agus tha mi asmaoineachadh gun robh iad, mar a thuirt mi, fìor mhath air a bhith.. .ga do phutadh nuair a bha thu feumach air putadh ach cuideachd airson dòighean a lorg air an ionnsachadh a dhèanamh inntinneanach dhan chlann.

PM―07 :02: Agus an ann às an sgìre a bha na tidsearan?

AF―07 :05: Cha bann, amhòr-chuid dha na. .. dha na tidsearan a bhagamsas ann à taobh a-muigh an Rubha a bha iad, a bharrachd air nuair a bha mi ann an chlas a sea. .. well, fuirich, chan ann. .. nuair a bha mi ann an class h-aons a dhà, cha, cha bann às an Rubha a bha e, dheug e, bha e gam theagasg an uair sin ach clas trìs a ceithir, well, bha i afuireach anns an Rubha, ’s ann à. .. ’s ann à Nis a bha i, ach bha i afuireach anns an Rubha. Agus an uair sin air clas a seachd, bha Alasdair MacLeòid, Alasdair Bàbaigs e an tidsear a bhagam airson an darna leth dha clas a seachd. Achs e sin, a bharrachd air an sin, anns abhun-sgoil, chan e tidsearan às an. .. às an Rubha fhèin a bhagainn. Anns an àrd-sgoil a-rithist bha, bha measgachadh ann ach bha, bha Nan S., ’s i bha ateagasg Beurla agus Fraingis agus Laidinn cuideachd ged nach do. .. bhon a. .. bhon a. .. bhon a roghnaich mise Gàidhlig a dhèanamh, cha robh mi adèanamh Laidinn achs ann às an Rubha a bha ise.

PM―08 :20: Is an robh tòrr anns an sgoil nuair a bha thu òg, Anna, anns abhun-sgoil?

AF―08 :22: Bha tòrr a bharrachd na. .. na tha inntan-diugh agus i afrithealadh. .. ’s e aon sgoil a thann airson na sgìre air fad. Bha achlas air an robh mise, cha robh ann ach ochdnar againn uile gu lèir. Well, chan e, bha ochdnar againn. .. cha robh ann ach ochdnar againn aig àm sam bith ged a bha naoinear againn ann uile gu lèir. Bha. .. bha, thòisich e le ochdnar, dhfhalbh aon theaghlach agus an uair sin thàinig teaghlach eile a-steach agus bha aon, aon nighean air a chur air achlas agus.. .tha mi creidsan rud a tha neònach mar deidhinn ged nach as e. .. .ged nach robh ann ach an naoinear uile gu lèir, aig an deireadh, bha a h-uile duine againn air ais anns an eilean. Well, tha. .. tha aon a tha anns na Hearadh ach a bharrachd air an sin, a h-uile duine air ais anns an eilean agus, mar a thuirt mi, ged nach. .. ged nach robh achlas ach beag, a dhaoindeoin sin chanainn gu bheil e a-mach às an àbhaist.

PM―09 :33: Gun teagamh sam bith, bha mi dìreach adol a ràdh sin. Tha e gu math neo-àbhaisteach gun. .. gun tàinig no. .. a h-uile duine air ais dhan an eilean aguss gu bheil iad afuireach eadar Leòdhas is na Hearadh.

AF―09 :47: Agus bha. .. ach bha cuid de chlasaichean nas motha na. .. na feadhainn eile ach nuair a smaoinicheas mi an-dràsta, fhios agad, nuair a thàinig na sgoiltean gu lèir còmhla son. .. anns an àrd sgoil, is achiad bhliadhna dhan an àrd-sgoil, bhiodh clann Sgoil na h-Àirde agus clann Sgoil aChnuic atighinn gu Sgoil Phabail cuideachd. Agus tha mi creidsgun robh timcheall air, bha co-dhiù deich air fhichead mura an robh achòrr air an sin air abhliadhna agamsa, fhios agad, bha aca ri chlas a dhèanamh air achiad bliadhna aguss e rud àbhaisteach a bha sin cuideachd, fhios agad, bha. .. bhiodh chlas air achiad bliadhnas an dàrna bliadhna dhan. .. dhan an àrd-sgoil mus deidheadh. .. deidheadh sinn suas gu Sgoil MhicNeacail. Is ann an dòigh, tha mi asmaoineachadh, tha mi. .. tuigidh mi carson a rinn iad e, ach dhan achlann tha mi asmaoineachadh gun robh e fìor mhath na h-àrd-sgoiltean bhliadhna a bhith ann. Oir bha e atoirt dhut cothrom fàs suas rud beag, fhios agad, mus tèid thu dhan an. .. dhan an àrd-sgoil agus às dèidh a bhith aig, mar gum biodh aig an ìre as àirde anns an fheadhainn as sine anns abhun-sgoil bha thu an uair sin adol a-steach aig abhonn anns an àrd-sgoil aguss ann a bha sinne adol a-steach anns amheadhan nuair a bha sinn adol suas a SgoilicNeacail. Agus tha mi asmaoineachadh gun robh e math dhan achlann a bhith afaighinn an bhliadhna a bha sin a bharrachd, on fhathast ann am buidhnean agus clasaichean nas lugha mus robh againn a dhol a SgoilicNeacail.

PM―11 :46: Gun teagamh sam bith. Tha mi asmaoineachadh gu bheil thu ceart. Chaidh mise well, . .. rinn mi bliadhna gu leth ann an Àrd-sgoil Shiaboist a-rithist sgoil bhliadhnail a bhann. Agus, aidh, tha mi asmaoineachadh gun robh e gu math feumail dha na. .. dha na sgìrean gun robh an leithid ann air a neo. .. air neo bhiodh agad ri dhol air abhuss tu aig dusan bliadhna a dhaois air ais is air adhart a h-uile latha agus cha bhiodh sin càilear. .. càilear sa gheamhradh. Bha thu ag ràdh gun robh na tidearsan ga do bhrosnachadh a bhith adol gu mòdan agus pàirt a ghabhail ann an seinn agus farpaisean agus gnothaichean mar sin. na farpaisean anns an do ghabh thu fhèin pàirt?

AF―12 :29: Well, ’s e rud bha na tidsearan. .. bha. .. bha rudan mar sin a bha sinn adèanamh tron an sgoil. Ach uaireannan eile bha iad dìreach a leigeil leinn rudan a dhèanamh air ar. .. air ar ceann fhìn. Agus cha robh. .. cha robh e ceangailtris aGhaidhlig. Tha cuimhnagam air clas a còig aguss e Mrs MacMillan, Annie MacMillan, agus dìreach dhfhaighnich sinneil fhios agad am faodadh sinn a bhith acleachdadh achlas airson. .. aig àm diathaid airson a bhith adèanamh practice mas fhìor, bha sinn adol. .. ’s e, bha girl-band againn mus robh leithid an rud ri girl-band ann agus. .. dìreach ag ionnsachadh. .. aseinn òrain còmhla, adèanamh. .. acur dannsan ri chèile agus an uair sin rinn sinn e dhan chlas. Ach, fhios agad, dìreach, fhios agad, gun tuirt an tidsear ruinn, “siuthad. .. siuthadaibh, mas e sin an rud a tha sibh adol a dhèanamh,” gun robh de dhearbsa aice annainn nach robh sinn adol a dhèanamh càil nach bu chòir dhuinn anns achlas, tha mi acreidsgu bheil sin ann cuideachd. Ach bhiodh sinn agabhail pàirt ann am mòdan, deilbh-chluiche, agus rudan a bha atoirt beagan dùbhlain dhan. .. dhan. .. dhan achlann cuideachd, ’eil fhios agad bha iad. .. bha iad agabhail ris gum burrainn dhuinn rud a dhèanamh, fhios agad, agus ged a bhiodh obair na lùib agus bhiodh sinneil fhios agad cha mhòr a h-uile bliadhna le dealbh-chluiche agus action song aig a’ . .. aig amhòd. Agus. ..

PM―14 :06: Seo, seo na mòdan ionadail agus nàiseanta?

AF―14 :09: ’S e an fheadhainn. .. cha robh sinne a-riamh aig. .. aig mòdan nàiseanta, ach. .. ’s e dìreach mòdan ionadail. Ach bha e an-còmhnaidh rudan ann eadar bha. .. Cairistìona NicDhòmhnaill. .. ’s e seinneadar a thinntese co-dhiù agus nuair a thigeadh e gu action songs, bha. .. bha tòrr aicese, fhios agad, a thaobh na h-òrain a dhfhaodadh a dhol ann agus. .. agus Annie MacMillan fìor mhath air na. .. air deilbh-chluiche a chur ri chèile. Agus le sins ann às dèidh làimh a thuigeas tu na bha na tidsearan adèanamh, a bharrachd air an obair a bha iad adèanamh anns achlas airson a bhith atoirt cothroman dhuinn. Agus. .. agus a-rithist nuair a thigeadh e gu na consartan, ’s e rudan gu tur eadar-dhealaichte, bhiodh sin. .. bhiodh sin a-rithist, ’eil fhios agad, bhiodh. .. chan eil. .. chan eil cuimhnagam na. .. chan eil cuimhne agam, fhios agad, . .. an sgeulachd a bhair cùl an rud ach tha fhios agam gun robh.. .bha. .. bha fear againn turass e seòrsa de Wild West. Agus an àite nach e. .. an fheadhainn an e Buffalo Boys achs e. .. achs e Bayble Boys Wont You Come Out Tonight agus Garrabost Girls, ’eil fhios agad bha iad acur mar gum biodh car ionadail air an rud. Ach. .. fhios agad, bha iad adèanamh an t-uabhas mar sin. Agus cuideachd a thaobh spòrs agus rudan mar sin. Bha tòrr a bharrachd adol anns na làithean sin nuair a bha mise anns an sgoil. Bha. .. tha mi acreids’ . .. bi cuimhnagad fhèin cuideachd, bha. .. bha farpais, bha. .. bhiodh quiz adol eadar na sgoiltean is bhiodh sinn adol a-null gu na diofar sgoiltean agus tha mi asmaoineachadh gur e. .. gur e. .. na. .. na. .. chan eil cuimhnagam-s’ , tha mi asmaoineachadh gur e rudeigin, gur e na poilis a bha amaoineachadh sin na, na rudeigin no. .. agus cuideachd ball-coise eadar na diofar sgoiltean aig ìre bun-sgoil agus àrd-sgoil. Agus, fhios agad, chanainn, fhios agad, bha tòrr a bharrachd adol tron an sgoil na. .. na tha a-nis. Agus tha mi acreidspàirt dheth anns an latha an-diugh, fhios agad tha cosgaisean-siubhail is a h-ùile càil agus ach, fhios agad, bha, bha tòrr a bharrachd measgachadh eadar. .. eadar na diofar sgoiltean eadar na farpaisean. A-nis tha mi asmaoineachadh, well, a h-uile càil air stad an-dràsta, ach tha mi asmaoineachadh gur e na Rural Sports an aon rud de na tha sin a tha fhathast. .. fhathast adol, son chan eil cuimhnagam an e. .. an e bun-sgoil no àrd-sgoil a bha afarpais airson an Kemnay Cup. Tha cup. .. tha cuimhnam air ball-coise.

PM―17 :12: Aidh, tha cuimhnagam fhìn air. .. air aKhemnay Cup gun teagamh sam bith. Ball-coise aig. .. aig ìre. .. ìre na h-àrd-sgoil, tha mi asmaoineachadh gur e.

AF―17 :22: Aidh, ach a-nis chan eil ann ach an aon àrd-sgoil agus chan urrainn dhaibh a bhith adèanamh sin.

PM―17 :26: Aidh. Sin agad e, sin agad e. Agus nuair a bha thu anns abhun-sgoil ma-thà agus adol dha na mòdan is mar sin, an do thòisich thu air seinn no an robh thu acluiche ionnstramaid?

AF―17 :38: Well, cha robh mi acluiche ach uills e aon ionnstramaid anns an robh mi afaighinn leasanan aig an àm sin, ’s e am piàna agus chan eil sin uabhasach portable. Ach bhithinn aseinn ach gu -fhortanach dhomhsa bha mise air an aon chlas ri Eilidh NicCoinnich agus Sandra NicAoidh, nistha an dithis acasan air beò-shlàinta dhèanamh mar sheinneadairean. Agus bha mi air mo dhòigh an aon turas a thàinig mi anns an treasamh àitesin. .. sin cho àrds a burrainn dhomh a bhith ag amas, afarpais an aghaidh an dithis a bha sin. Ach tha. .. tha. .. tha a-rithist, fhios agad bha, agus anns na còisirean sgoile is mar sin cuideachd. Agus bhiodh sinn adèanamh rudan mar aithris bhàrdachd agus tha cuimhnagaman ann air clas a còig a-rithist. .. tha mi asmaoineachadh gur ann ann an clas Mrs MacMillan a bha e a-rithistbha buidheann againn agus chaidh sinn a-steach mar. .. airson farpais, fhios agad, buidheann ag aithris bhàrdachd ach le pìos a sgrìobh sinn fhìn mu dheidhinn. .. bonntaichte air na leabhraichean Spàgan, a bha dìreach air tighinn a-mach. Tha cuimhnam bhafhuair mo mhàthair lorg air. .. aphìos pàipeir air an robh eis tha e, tha e agam ann am badeigin sàbhailte, ach chan urrainn dhomh an-dràsta cuimhneachadh an àite sàbhaite anns a bheil e. Ach, tha cuimhnagam, fhios agad, ’s e. .. ’s echaidh Spàgans am balach beag sìos chun abhùth, fhuair iad fiodh agus tarragan is thog iad taigh mòr ùr’. Tha, fhios agad, bha triùir againn an sàs son a bhith ga. .. ga chur ri chèile. Agus tha, tha cuimhnagam bha sinn cho moiteil asainn fhìn nuair a fhuair sinn an treasamh àitleis an. ..

PM―19 :38: Ma tha mi an dùil!

AF―19 :40: Airson an rud a sgrìobh sinn fhìn. Agus, och aidh, fhios agad, bha. .. ’s e latha mòr a bhann nuair a bha thu adol suas air abhus chun aMhòid agus tha mi asmaoineachadh gur e. .. gum biodh ah-uile duine afaighinn airgead-pòcaid airson adol gu. .. gu na bùithtean. Agus a-rithist anns na làithean sin, cha robh sinn adol a-steach am baile cho tric is tha achlann anns. .. anns an latha an-diugh, fhios agad, ’s e, ’s e fhathast rud mòr a bhann a bhith adol a Steòrnabhagh fiùs ged nach robh. .. ged nach robh sinn ach ochd mìle. .. mìltean a-mach às abhaile, cha robh sinn ann cho tric.

PM―20 :16: Mar, mar sin chòrd. .. chòrd na làithean sgoile riut anns abhun-sgoil. .. thig sinn chun an àrd-sgoil a dhaithghearr.

AF―20 :21: Chòrd. .. chòrd abhun-sgoil rium.

PM―20 :26: Agus seòrsa baile ma-thà a bhann am Pabal an uair sin nuair a bha thu afàs suas is tu òg?

AF―20 :30: Well, bhas e. .. ’s e baile an ìre mhath mòr a thann am Pabal agus. .. ach aig acheann far a bheil sinne dheth sa cheann shuas Chlèit. .. tha. .. tha. .. Pabal Uarach, tha air a roinn ann an dhà no trì earranan, mar. .. mar gum biodh, tha. .. tha. .. Geillear. Ged a than t-ainm sin a-nis, tha. .. tha chleachd iad an t-ainm sin airson nan taighean comhairle agus tha daoine a-nis asmaoineachadh gur e Geillear na taighean-comhairle, ach chan e, ’s e Geillear an rathad gu lèir. .. air fad far a bheil na taighean sin. Is an uair sin aig achòrnair bha an Tobhta Reithneach agus an uair sin agus Clèit, agus tha rathad Cùl aGhàrraidh ann cuideachd. .. eadar. .. ach cha robh mòran thaighean ann an sin aig an àm, tha. .. tha grunn mhath thaighean ann a-nis ach nuair a bha mise afàs suas cha robh mòran thaighean air. .. air, mar gum biodh cùl abhaile. Bha.. .tha. .. bha rathad a-mach air achùl. Ach bha, fhios agad, bhiodh sinn a-machs a-steach à taighean chàch-a- cèile, fhios agad, cha robh thu uair sam bith acnagadh air doras, fhios agad, bha thu adol a-steachs ag èigheachdA bheil duine a-staigh?” agus mura robh thu faighinn freagairt bha fios agad nach robh. Agus mar sineil fhios agad agus bhiodh sinn dìreach afalbh mar. .. mar.. .mar bhuidheann, ’s dòcha gun canadh cuid mar. .. mar ghràisg. Ach bhiodh achlann. .. fhios agad, diofar aoisean cuideachd, fhios agad, còmhla agus dìreach afalbh, fhios agad, falbh na sìtig, fhios agad, bhiodh sinn a-mach a-muigh anns an allt sìos, bhon t-sitig sìos chun achladach, sìos chun. .. chun nan creagan uaireannan ged nach robh còir againn a bhith adol sìos an sin. Agus acluiche anns abhuaile cuideachd, fhios agad, airsons bha gu leòr clann ann airson fhios agad sgiobannan ball-coise no. .. no rounders no cricket, ged nach robh duine againn dha-rìribh atuigsinn ciamar a bha e acluiche cricket ach bat cudeigin agus mar sin bha sinn atoirt a chreidsgun robh. .. gun robh beachd againn bha sinn adèanamh. Aguss sineil fhios agad. ..

PM―22 :56: Bha sibh acaitheamh tòrr ùine a-muigh ma-thà.

AF―23 :00: Bha, bha. Agus aig an àm sin cuideachd, fhios agad, bha amhòr-chuid le caoraich aca, bha dhà no trì theaghlaichean aig an robh crodh cuideachd, bha. .. bha againn airson treiseag nuair a bha mi afàs suas. Bha, bha caoraich againn agus, fhios agad, obair an fhearainn, fhios agad, bhiodh sinneil fhios agad acur bhuntàta agus gu h-àraid buain na mònach agus bha a h-uile càil den sin fhathast. .. fhathast adol.

PM―23 :32: Agus mu dheidhinn fighe. .. obair. .. obair air abheairt is mar sin?

AF―23 :36: O bha, bha grunn mhath dha na. .. dha na teaghlaichean far an robh an athair afighe air abheairt agus leis an sin gum biodh achlann afaighinn oideachadh ann a bhith alìonadh iteachain.

PM―23 :52: Acluiche le fuigheagan is mar sin.

AF―23 :53: Sin e! Sin e!

PM―23 :57: Sheadh, dha-rìribh. Làithean sona ma-thà a-rèist. Agus leis mar a. .. mar a bha thu ag ràdh tha tòrr taighean ùra sa bhaile. A bheil am baile a-nis nas motha na bha e nuair a bha thusa afàs suas? A bheil, a bheil barrachd dhaoine ann a-nis na bha. .. ?
AF―24 :17: Chan eil fhios am. .. tha. .. tha. .. tha. .. taighean ùra ach tha taighean falamh. Tha tòrr dhe na tha air taighean a thogail aguss e rud math a thann gur e daoine a bhuineas dhan abhaile a tha air tilleadh nan inbhich, agus tha. .. tha. .. agus feumaidh mi ràdh dìreach anns an fhichead. .. an fhichead bliadhna bho thill mi fhìn, nuair a rugadh an leanabh as sine agam cha robh leanabh eile aig acheann-sa dhan abhaile agus, well, an leanabh a bfhaisge ann an aois bha e còig bliadhna dhaois. A-nis tha an t-àite, tha. .. tha. .. tha mi acreidsgu bheil mu dusan dìreach anns. .. anns acheann againne dhan abhaile, fhios agad, tha sin cho math, fhios agad, tha iad adol a-mach is acluiche còmhla, agus tha iad dìreach suass sìos an rathad air na bikean aca agus tha seòrsa de dhath-bheòthachadh air. .. air tighinn air an àite. Ach, fhios agad, agus mar sin. .. tha. .. ’s e. .. air sgàths gur e daoine às abhaile fhèin a tha ann an tòrr dhen an fheadhainn a thann, fhios agad, tha. .. pàirt den sin, fhios agad, gu bheil thu dìreach adol a. .. ’s dòcha gu bheil sinn afàs rudeigin dòighean abhaile mhòir gu bheil mi cnagadh air an doras mus coisich mi a-steach gun èigh miA bheil duine a-staigh’? ach chan eil thu. .. chan eil thu dìreach afuireach air an step gu freagairt an doras. .. tha sinn air beagan de dhfhasanan abhaile mhòir a thoirt dhachaigh ach chan eil. .. chan eil cus.

PM―26 :17: ’S math sin ge-. So chì thu. .. chì thu achlann bheag aruith timcheall na sràidean fhathast.

AF―26 :23: Aidh, chì.

PM―26 :24: Och, math dha-rìribh. Tha sin math, atoirt beagan beatha dhan abhaile, nach eil?

AF―26 :28: Sin e, tha.

title1
internal date2021.0
display date2021
publication date2021
level
parent textAnna Frater
<< please select a word
<< please select a page