Frater 2

PM―00 :06: Ceart ma-thà, Anna. Thèid sinn air adhart agus faighnichidh mi dhut a-nis mu na làithean agad anns an àrd-sgoil, an chuid, anns an Rubha airson bhliadhnas an uair sin chaidh thu dhan an. .. dhan an Nicolson. Ciamar a fhuair thu sin, . .. ?
AF―00 :17: Och, well, tha mise asmaoineachadh. .. tha mi asmaoineachadh geil bliadhnaichean na h-àrd-sgoile duilich ann an iomadach dòigh. Agus tha. .. tha thu feuchainn ri obrachadh a-mach, fhios agad, thu agus càita bheil thu, agus gu h-àraid, fhios agad, adol. .. tha thu coinneachadh, fhios agad, ri daoine ùr agus, fhios agad, feumaidh mi. .. fhios agad, chòrd an sgoil rium, chòrd e. .. chòrd e rium a bhith ag ionnsachadh. Chòrd na clasaichean rium. Bha pàirt dhe na rudan nach robh cho math fhios agad. .. aig an àm sin. .. airson. .. tha mi asmaoineachadh anns na ceithir bliadhnaichean a bha mi ann an sgoilicNeacail, fhuair mi aon teirm dha P.E. Bha. .. ’s e. .. ’s e. .. ’s e private study a bhann na clasaichean anns an robh mise afaighinn an àite P.E. Agus, fhios agad, bha mi air a bhith gu math spòrsail ann an. .. ann an Sgoil Phabail. Bha mi acluichechan eil mi ag ràdh gun robh mi math orra ach bha mi. .. bha mi. .. bha mi acluiche, fhios agad, netball, bha mi an ìre mhath air. .. air badminton, bha mi, fhios agad, adèanamh na, fhios agad, aruith agus fhios agad cross country fhios agad is rudan mar sin. Bha mi gu math. .. adèanamh tòrr spòrs agus cha dfhuair mi càil ann an SgoilicNeacail, aguseil fhios agad. ..

PM―02 :05: Tha sin rudeigin neònach.

AF―02 :07: Bha. Agus. .. agus. ..

PM―02 :10: Cha bann mar sin a bha e airson a h-uile clas eile ge-.

AF―02 :12: Cha bann, cha bann. Bha feadhainn. .. feadhainn eile bha afaighinn uiread dha. .. dha. .. dha P.E. Agus bha. .. bha agus cuideachds e. .. agus an aon teirm a fhuair sinn, ’s e atighinn suas gu àm na Nollaigaguss e dìreach Scottish Country Dancing a bha sin. Agus tha mi rudeigin diùid airson a bhith, ged a bha rudan adol às dèidh na sgoile, bha. .. bha mi rudegin diùid airson a bhith afeuchainn, fhios agad, agabhail pàirt anns na. .. anns na clubaichean a bha sin agus le sin tha mi afaireachdainn gun do. .. gun do chaill mi a-mach beagan air an taobh sin dheth. Ach. .. agus cuideachd a thaobh rudan. .. mòdan agus eile, cha. .. cha. .. cha do chuir mi mainm a-steach airson. .. airson càil dhen an sin. Bha mi, ann an dòigh chaill mi beagan misneachd ann a bhith adèanamh. .. tha mi asmaoineachadh gu bheil. .. bha, bha mi rudeigin. .. tha. .. tha. .. tha. .. ’s dòcha gu bheil e duilich a chreidsinn a-nis ach nuair, nuair a bha mi na bòiges nam dheugaire, bha mi rudeigin. .. bha mi rudeigin. .. bha feagal orm a bhith adol a-measg far nach. .. far nach aithnichinn daoine agus bha mi gu math sàmhach.

PM―03 :35: Beagan diùids dòcha.

AF―03 :37: Bha agus bha mi gu math sàmhach, fhios agad tha, bha mi afeitheamh ri duine a thighinn a bhruidhinn rium an àite a bhith ga mo. .. ga mo chur fhìn air adhart. Agus bha. .. bha, fhios agad, leis an sin fhios agad, cuid dha na cothroman mar sins e mi fhìn bu choireach nach. .. chan e nach robh na cothroman ann, ach cha do ghabh mi iad.

PM―04 :02: Ceart gu leòr. Agus na cuspairean a bu mhotha a chòrd riut nuair a bha thu anns an àrd-sgoil?

AF―04 :08: Well a-rithist. .. tha. .. ’s e science. Bha mi. .. ’s e. .. ’s e. .. ’s e chemistry gu h-àraid.

PM―04 :20: Aidh?

AF―04 :21: Bha. .. bha mise gus an dfhuair mi toraidhean na Highers bha. .. bha. .. bha dùil agamsa gur e. .. gur e pharmacy a bha mi adol a dhèanamh. Ach, fhios agad, chòrd Fraingis agus, agus Beurla agus Gàidhlig rium glè mhath ach chan ann sin a bha mi afaicinn, fhios agad, bha ùidh mhòr agam ann an science. Agus chaidh rudan. .. chaidh cùisean rud beag ceàrr dhomh air. .. air achòigeamh bliadhna agus cha robh. .. agus. .. agus an uair sin nuair a. .. nuair a fhuair mi, mar a thuirt mi, toraidhean na. .. nan deuchainnean, fhuair mi tro na. .. na. .. na deuchainnean science ach cha do rinn mi cho maths a rinn mi a thaobh cànain, agus an uair sin smaoinich mi gur dòcha gur ann. .. gur ann an taobh sin a bu chòir dhomh a dhol. Ach fhios agad, ach bha. .. bha ùidh mhòr agam ann an, ann an chemistry gu h-àraid.

PM―05 :26: Ceart gu leòr. Gu math inntinneach. Cha robh fios agam air an sin Anna. Agus an do rinn thu biology agus physics cuideachd ma-thà?

AF―05 :32: Rinn, rinn mi physics cuideachd agus rinn mi biology air an t-siathamh bliadhna mar crash higher, ach cha dfhuair mi ach compensatoryOgrade. Cha do. .. cha do rinn mi cus obair air a shon, feumaidh mi ràdh.

PM―05 :46: Sin, sin mar a bha an t-siathamh bliadhna co-dhiù anns. .. ann an Àrd-sgoil MhicNeacail.

AF―05 :50: Aidh, ’s e. .. ’s e an aon rud bha mi air Fraingis agus Beurla a dhèanamh anns achòigeamh bliadhna agus rinn mi Gàidhlig air an t-siathamh bliadhna agus sin an aon fhear far an do rinn mi obair ceart air an t-siathamh bliadhna, son bha mi. .. bha fhios agam gum faighinn mo mhì-thalamh mura faighinn an aon chomharra air. .. anns aGhàidhlig is a fhuair mi ann am Fraingis agus ann am Beurla.

PM―06 :04: Ceart, ceart gu leòr. So. .. ach bha ùidh agad ann an cànanan nuair a bha thu òg cuideachd.

AF―06 :21: Bha.

PM―06 :22: Rinn thu Fraingis mar eisimpleir. thug ort Fraingis a thaghadh?

AF―06 :25: Well, ’s e. .. bha sinn adèanamh Fraingis ann an. .. ann an Sgoil Phabail co-dhiù còmhla ri. .. ’s e. .. ’s e Nan S. NicLeòid a bha gar teagasg agus bha i. .. bha i fìor mhath. Tha mi creidsanns an latha sin gun canadh feadhainn, fhios agad, gun robh i. .. gun robh, fhios agad, cha robh iad aleantainn na fàsanan ùra ateagasg ach, fhios agad, bha iaig an. .. acoimhead air aisbha i adèanamh rudan gu math adhartach còmhla rinn, ’eil fhios agad tha cuimhnagam, tha mi asmaoineachadh gun robh gach feasgar Diciadain, bhiodh dictation againn agus bhiodh i aleughadh rud, pìos a-mach agus bha againn ri a sgrìobhadh sìos. Agusseil fhios agad bha thu afàs cleachdte ri bhith ag èisteachd ris achànan agus afeuchainn ri. .. agus nisnuair a chaidh mi a SgoilicNeacail, chùm mi orm le Fraingis agus. .. agus Gàidhlig. Agus, fhios agad, feumaidh, fhios agad, ged nach robh. .. ged nach robh mi asmaoineachadh gun robh. .. gun robh. .. gur e sin an slighe a bha mi. .. a bha mi adol a ghabhail, bha ùidh agam ann an cànanan, ann a bhith ag ionnsachadh chànain agus ann an litreachas agus cha mhòr gun fhiosta dhomh fhìn.

PM―07 :48: Uill dha-rìribh, dha-rìribh. Litreachas, tha thu nad bhàrd agus thig sinn chun an sin cuideachd fhathast. So an do chòrd an sgoil. .. an àrd-sgoil riut ann an Steòrnabhagh, an do chòrd am baile riut?

AF―08 :03: Chòrd, agus cuideachd a-rithist gu h-àraid achòigeamh agus an t-siathamh bliadhna nuair a thàinig clann às na h-Uibhistean agus às na Hearadh suas a Steòrnabhagh cuideachd. Aig an àm sin, fhios agad, cha robh sgoil Bhàgh aChaisteil adol seachad air acheathramh bhliadhna, tha mi asmaoineachadh.

PM―08 :26: Tha sin ceart.

AF―08 :27: Agus. .. bha. .. Sir E. Scott cuideachd agus bha. .. bha. .. Sgoil BhailaMhanaichs bha. .. bha, agus an e Sgoil Phabail. .. chan eil cuimhne agam robh an sgoil ann an Uibhist a Tuath, Sollas, sgoil Shollais? Chan eil cuimhne agam. Ach cha robh gin de na sgoiltean eile ach Sgoil MhicNeacail adèanamh achòigeamh agus an t-siathamh bliadhna.

PM―08 :52: Tha sin ceart.

AF―08 :53: Bha aig achlann a thighinn suas a Steòrnabhagh. Is chan eil rian nach robh sin duilich dhaibh-san.

PM―08 :57: Aidh.

AF―08 :59: Ach aig an aon àm, thug e seòrsa de ath-bheòthachadh, spionnadh, ’eil fhios agad, air. .. air na clasaichean agus bha thu afaighinn, fhios agad, daoine ùra, beachdan ùra. .. agus tha. .. bha feadhainn ann a bha, fhios agad, gu math beòthail agus bha sinn adèanamh tòrr. .. well, tha cuimhnagam air abhliadhna bho dheireadh agam san sgoil. Agus a-rithist bha an luchd-teagaisg, bha iad ag èisteachd ri beachdan bho na sgoilearan. Bha. .. ’s ann ann an.. .an uair sin bha mi. .. ann an ceithir ficheads a ceithir, sin bliadhna Live Aid.

PM―09 :52: Aidh.

AF―09 :53: Agus feumaidh mi a ràdh mus do. .. mus do bheachdaich Bod Geldof air rudeigin a dhèanamh, bha sinne atòiseachadh air rudan a dhèanamh ann an SgoilicNeacail. Bha.. . dhe na caraidean agam, bha i. .. chaidh i gu Ceannard na Sgoile a dhfhaighneachd am faodadh sinne. .. aguss e dìreach, fhios agad, Sale of Work mòr a dhèanamh airson airgead a thogail airson. .. airson. .. agus fhuair sinn. .. fhuair sinn cead agus chaidh, fhios agad, agus, fhios agad, agus chaidh. .. bha. .. bha an siathamh bliadhna air fad ag obrachadh airson. .. airson, fhios agad, stuthan a chruinneachadh agus, fhios agad, thog sinn treallaich mhath de dhairgead tha mi asmaoineachadh. Chan eil cuimhnagam bhann a-nischan eil mo chuimhne cho math sin. Achs e. .. . ’s es e sùim mòr de dhairgead a bhann agus a-rithist aig deireadh na bliadhna chuir sinn consart air dòighreviewagus a-rithist rud a chuir na. .. na h-oilean. .. na sgoilearan, iad fhèin, ri chèile: bha sceidsichean, bha amhrain ann, bha, agus feadhainn ann is bha sinn fhìn air an sgrìobhadh, feadhainn ann amagadh air an luchd-teagaisg. .. air an luchd-teagaisgs a h-uile càil. Ach fhuair sinn cead sin a dhèanamh. Bidh cuimhnagad fhèin ann an SgoilicNeacail a h-uile bliadhna bha comic opera ga chur air dòigh le Bob Scott agus a-rithist feadhainn ann, bha ealain, bha an fheadhainn a bha adèanamh Home Ec adèanamh an aodaich air a shon agus bha na clasaichean ciùil agus bha. .. bha a h-uile duine an sàs ann an rud mòr a bha seo. Agus, a-rithist, fhios agad, bha rudan ann a bharrachd air na bha thu adèanamh anns achlas, bha. .. bha cothroman ann a bha fìor fìor mhath. Agus, mar a thuirt mi, bha iad deònach leigeil leis na sgoilearan rud fheuchainn agus rud a dhèanamh. Agus tha mi asmaoineachadh, fhios agad, gur e rud math a bha sin airson a bhith gad mhisneachadh mus deidheadh tu a-mach dhan an t-saoghal mhòr cuideachd, fhios agad. .. gun robh. .. fhios agad bha. .. aidh feumaidh mi a ràdh, anns an fharsaingeachd, chòrd, chòrd.

PM―12 :24: Chòrd, uhuh, aidh. So bha na tidsearan atoirt misneachd dhuibh an rud a dhèanamh agus lan fhios aig na tidsearans cinnteach gun robh. .. gun robh cuid gu bhith amagadh orra, bha fios aca. .. .
AF―12 :35: Aidh, aig a. ..

PM―12 :36: Fiùs aig an sin, bha iad. .. bha iad deònach ur brosnachadh.

AF―12 :40: ’S e sin e, ’s e sin e.

PM―12 :43: An uair sin, Anna, roghnaich thu a dhol dhan oilthigh agus bha. .. tha mi cinnteach gun robh taghadh de chusp. .. farsaingneachd de chuspairean a dhfhaodadh tu a bhith air a dhèanamh, ach an cuspair a thaghadh thu agus n deach thu?

AF―12 :59: Well, chaidh mi a Ghlaschu, pàirt dhen an adhbhar sin is gun robh. .. bha mi. .. bha mo bhràthair ann an Obar Dheathain agus leis an sin bha mi aseachnadh Obar Dheathain. Ach airson nuair a chaidh mise dhan oilthigh, bha an toiseach bha mi adol a dhèanamh Beurla agus Fraingis agus bha agam. .. an siostam a bhaca an uair sin dhfheumadh tu trì cuspairean a dhèanamh air achiad bliadhna. Fhios agad, cha robh. .. cha robh e gu diofar . .. an cuspair air. .. air pàipear a bha thu gu bhith dèanamh gum feumadh tu trì a dhèanamh air achiad bliadhna. Agus gu fortanach dhèist mi ri comhairle mo mhàthar agus dìreach thuirt i rium tha. .. tha thu. .. an chuspair a tha seo a tha thu adèanamh tha thu airson gum bi thu ga dhèanamh cho maths as urrainn dhuts dòcha gum biodh e na bu chiallaiche cuspair eile air a bheil thu rud beag eòlach mar-thà a thaghadh mar tritheamh chuspair agus leis an sin nach eil acaitheamh do thìde feuchainn rudeigin gu tur ùr ionnsachadh fhads thu adèanamh na cuspairean a chaidh thu. .. a chaidh thu a dhèanamh. Aguss e thachair an uair sin gun do chòrd taobh na Gàidhlig rium cho mòr gun do leig mi seachad aBheurla. ..

PM―14 :33: Ceart.

AF―14 :34: . .. anns an dàrna bliadhna. Rinn mi anns an dàrna bliadhna, an uair sins e Fraingis agus Gàidhlig agus rinn mi ìre achiad bliadhna dhe litreachas na h-Albann. Agus an uair sin bhon a bha mi adèanamh. .. gu bhith adèanamh Fraingis aig ìre urram, bha bliadhna agam anns an Fhraing, anns aBhreatainn Bhig. Agus an uair sin, ’s e. .. ’s e Fraingis agus Gàidhlig a rinn mi aig acheann thall.

PM―15 :03: Agus na tidsearan Gàidhlig a bhagad nuair a bha thu anns an oilthigh ma-thà?

AF―15 :12: Well, nuair achi. .. nuair a bha mi ann anns achiad bliadhna bha Richard Cox ann airson. .. airson bliadhna. Agus bha fear Iain Quick cuideachd. Ach. .. ’s e. .. thairis air na ceithir bliadhnaichean, ’s e Coinneach Dòmhnallach agus James Gleasure agus Ruairidh MacThòmais bu mhotha a bha adèanamh an teagaisg.

PM―15 :39: Sin agad e. .. abair. .. abair gun dfhuair thu deagh. .. deagh theagasg bhuapsan.

AF―15 :46: Fhuair, fhuair, feumaidh mi a ràdh gun dfhuair. Bha. .. bha iad. .. agus a-rithist, fhios agad, bha iad, fhios agad, fìor eòlaichean air na cuspairean aca fhèin ach cuideachd taiceil dha. .. dha na h-oileanaich.

PM―16 :06: Agus chuir thu seachad bliadhna anns an Fhraings tu adèanamh Fraingis cuideachd, anns aBhreatainn Bhig, thuirt thu.

AF―16 :12: Anns aBhreatainn Bhig, uhuh.

PM―16 :13: , am baile dhan deach thu agus ciamar a chòrd abhliadhna sin riut?

AF―16 :18: Well, a-rithists e. .. ’s e baile beag Pontivy a thann an teas-meadhan na Breatainn Bige. Agus, ann an dòigh, ’s e briseadh-dùil a bhann airson dhiarr mi a dhol dhan aBhreatainn Bhig air sgàths gun robh mi airson rud beag Breton ionnsachadh agus, fhios agad, bha mi air sin a chur air am foirm gur e sin a bha mi. .. agus chuir iad mi gu baile. .. tha e coltach gur e eachdraidh Phontivy ann an. .. ann an àm Napoleon gun do roghnaich esan gur e sin aphrìomh bhaile a bha gu bhith air aBhreatainn Bhig aguss e luchd Paris a thug e a-steach airson a bhith ariaghladh chùisean. Agus leis an sin, ged a tha e ann an teas-meadhan na sgìre chan e. .. chan e baile Bretonan a chanadh iad ris. Cha robh. .. cha robh achànan cho làidir sin anns abhaile. Chluinneadh tu achànan air an Disathairne latha nuair a bhiodh am margaidh ann anns abhaile agus bhiodh, bhiodh daoine atighinn a-steach bhon an tuath. Agus bha duine no dhithis bha. .. bha de na bha ag obair anns an sgoil aguss e. .. ’s e. .. achiad chànan a bhaicese. Ach a dhaindeoin sin, fhios agad, fhuair mi. .. a-rithist bha Ruaraidh MacThòmais air. .. air fiosrachadh a thoirt dhomhcaraid dhasan a bha ag obair ann an Oilthigh Rennes airson fios.. .fios fhaighinn mu dheidhinn, fhios agad, cùrsa. Chan e air-loidhne a tha iad ag ràdh. .. cha robh an leithid an rud ann. Bha. .. bha. .. bha teipichean ann agus bha. .. bha leabhar ann agus bha eacarsaichean agam ri bhith rin dèanamh agus gan cur tron aphost gach seachdain agus an uair sin gheibhinn an ceartachadh air ais tron aphost seachdain às dèidh sin. ’S ann dìreach, fhios agad, cha do rinn mi mòran adhartais ach dìreach abairt no dhà a tha. .. a tha air steiceil nam chuimhne. Tha na. .. tha na. .. tha na leabhraichean agus na stuthan teagaisg agam fhathast ach cha. .. cha do rinn mi na bha sin a dhadhartais. Agus cuideachd am baile fhèin, cha robh mòran ri dèanamh. ..

PM―18 :27: Nach robh?

AF―18 :28: . .. anns abhaile. Bhiodh. .. bhiodh. .. tha mi asmaoineachadh bhiodh taigh-deilbh, achs ann airson. .. airson turas anns amhìos a bhiodh. .. bhiodh dealbh ri fhaicinn ann. Bha ionad-spòrs ann ceart gu leòr cuideachd. Ach ann an dòigh bha sin na bfheàrr dhomhsa a thaobh ionnsachadh na bhith ann an aon dhe na bailtean mòra airsons e thachair na h-oileanaich a chaidh dha na bailtean mòra, bha iad dìreach afuireach còmhla ri chèile agus adol a-mach mar bhuidheann agus abruidhinn Beurla ri chèile fad an t-siubhail. Bhon a bha mise ann am baile beag mar sin agus bha aon thè à Èirinn còmhla rium anns abhaile, bfheudar dhuinn a bhith abruidhinn Fraingis, fhios agad, cha. .. cha bhiodh sinn air. .. cha. .. cha. .. cha burrainn dhuinn a bhith air càil a dhèanamh mura biodh sinn adèanamh oidhirp ris achànan a bhruidhinn agus mar sin, bha e air leth feumail dhomhsa a thaobh nan comasan cànain agam airsons ann air èiginn a chaidh mo leigeil a-steach gu bliadhna urram ann am. .. ann am Fraingis. Bha mi dìreach air an iomall agus tha mi asmaoineachadh mura bes gur e Ìleach aon dha na h-àrd-ollamhan a ghabh truas ri. .. ri eileanach eile, chan eil fhios agam am biodh. .. am biodh iad air mo leigeil troimhe. Ach nuair a thill mi, ’s e. .. ’s e bha an tuisgsagameil fhios agad agus na comasan agam, bha iad air tighinn air adhart gu mòr mòr. Achs e an rud a biongantaiche nuair a bha mi ann am Pontivy agus chan eil fhios agam chun an latha an-diugh agus tha mi acreidsnach bi fios agam a-chaoidh: an e cudeigin ann am oifis am badeigin a bha ariaghladh nan cùisean bha adol càite. Ach an sgoil anns an robh mise ateagasg, bha ann a bha ateagasg agus bha, bha an duine aice ateagasg anns an sgoil anns an robh Bronwen, an à Èirinn a bha còmhla rium. Agus bha mac dhaibhsan mar, ’eil fhios agad Assistant Français ann an SgoilicNeacail.

PM―20 :59: Ceart. .. och!

AF―21 :00: Bhais leis an sin. .. bha, bha esan ann an SgoilicNeacail am bliadhna a bha mise ann am Pontivy.

PM―21 :09: Ò, ist!

AF―21 :10: Agus, mar a thuirt mi, chan eil fhios agam chun an latha-diugh an e cudeigin a rinn sin air aona-ghnothach. Ach, agus. .. agus bha a. .. bha a phàrantan mar, ò, bha iad mar an t-òr. Bha iad cho. .. cho math nuair a bha mi thall agus bha mo phàrantan fhìn, fhios agad, chaidh iad a lorg am fear a bha seo agus thug iad sìos gu biadh e turas no dhà. Agus bha siud bha e neònach: chuir esan eòlas air an teaghlach agamsa, chuir mise eòlas air an teaghlach aigesan agus bha e bliadhna co-dhiù às dèidh sin mus do choinnich sinn càch a chèile.

PM―21 :46: Ist, is càite an do choinnich sibh?

AF―21 :50: Bha esan a-rithist. .. bha. .. thill e a Leòdhas airson sealltainn air caraidean a rinn e anns abhliadhna agus nuair e. .. nuair e. .. an turas-sa nuair a thàinig e sìos a shealtainn air mo phàrantan, bha mise aig an taigh cuideachd agus. ..

PM―22 :01: Ah, glè mhath.

AF―22 :03: Ach aidh, bha. .. bha e gu math neònach rud mar sin.

PM―22 :06: Tha mi cinnteach, ach gu math feumail aig an aon àm.

AF―22 :08: Aidh, agus nuair a smaoineachas tu na ceudan de dhoileanaich a bha dol a-nalls a-null, thurchar gun. ..

PM―22 :19: Agus. .. agus sos ann ateagasg Beurla a bha thu airson bliadhna thall an sin.

AF―22 :22: ’S ann.

PM―22 :23: Cha robh thu, mar gum biodh, afrithealadh oilthigh sam bith?

AF―22 :27: Cha robh, cha robh.

PM―22 :28: À, ok.

AF―22 :29: Bha mi ann an sgoil, ach a-rithist rud a bha neònach an sin gun robh, fhios agad, ’s e. .. ’s e Beurla aBhBC a bhaig an luchd-teagaisg agus chaidh a channtain rinn, fhios agad, gur e pàirt dhen adhbhar a bha sinn dol a-null airson ionnsachadh dhan chlann nach be Beurla aBhBC a bha aig a h-uile duine. Ach tha mi asmaoineachadh. .. bha. .. tha cuimhnagam fhathast bha balach beag aleughadh rud a-mach, agus bha. .. ’s e. .. ’s e thuirt ethe farmer he lives on the farm,” agus bha an tidsear, “oh, no, no, its fahm, fahm, listen to Anne,” agus thuirt mise, “far-um.”

PM―23 :20: ’S ann mar sin a bha e anns an làithean sin, ge-. Rinn mi fhìn teagasg Beurla thall thairis. Agus cuimhnagad air na teipicean a bhiodh aca, na cassettes?

AF―23 :30: Linguaphone.

PM―23 :32: Agus bhiodh tu. .. bhiodh tu ag ràdh riuthaCeart, ma-thà, èistibh ris an seo.” RP a bhann, ’s an uair sin nan. .. nan canainnsa an aon rud bha e gu tur eadar-dhealaichte agus bha. .. bhiodh achlann rudeigin troimhe-chèile mun achùis, ’eil fhios agad, mar a thuirt thu.

AF―23 :47: Aidh, och aidh, bha. .. ach fhios agad, na. .. na daoine ris an do choinnich mi thall an sin, bha iad. .. bha iad cho snog. Agus bha. .. bha ach mar a thuirt mi, bha e duilich an toiseach ach a thaobh an adhbhair a chaidh mi ann airson piseach a thoirt air. .. air na sgilean Fraingis agam. Aguss e sin aon de na rudan cuideachd, leis nach robh na bha sin ri dhèanamh, bha leabharlann anns abhaile, cha robh mòran leabhraichean Beurla aca ach rinn mi tòrr leughadh agus a-rithist rudan a burrainn dhomh a chleachdadh às dèidh làimh anns acheum agam. Leugh mi na còig leabhraichean dhe Les Miserables ann am Fraingis.

PM―24 :38: O sin thu fhèin.

AF―24 :39: Sin e, ach. .. ’s e. .. ’s e. .. ’s e an rud. .. tha, fhios agad, mar a thuirt mi bha e, bha e duilich an toiseach ach bha e. .. bha e tòrr nas fheàrr aig acheann thall gur ann mar sin a bha e.

PM―24 :53: Ceart. Cha dèan math dhut a bhith ro dhiùid anns an t-suidheachadh sin.

AF―24 :58: Cha dèan.

PM―24 :59: Eil fhios agad, no ro shàmhach. Faodaidh tu, fhios agad, tha mi cinnteach do chab a chumail dùintagus beagan eagail a bhith ort airson achiad sheachdain no rudeigin mar sin.

AF―25 :07: Aidh.

PM―25 :08: Ach thig e chun na h-ìre agus gu feum thu feuchainn.

AF―25 :10: ’S e. .. ’s e. .. ’s e sin e agus, fhios agad, bha, fhios agad, bha eile. .. bha sinn afuireach ann an. .. well, an sgoil anns an robh mise ateagasg chleachd gur e sgoil, fhios agad, far an robh clann na sgìre atighinn a-steachs afuireach tron an t-seachdain agus bha fhathast. .. bha ma leth-dusan nighean bho fhios agad bailtean a-muigh air an tuath, bhiodh iadsan afuireach ann tron an t-seachdain achs ann dhan an sgoil eile a bha iad adol. Agus, ach bha àiteachan-fuirich ann dha. .. dha luchd-teagaisg aguss ann an aon dhiubh sin bha mise agus bha Bronwen adol. .. agus bha feadhainn eile a bha ateagasg ann an sgoil eile shuas an staidhre agus mar sin, bha sinne air an deireadh-sheachdain bha, fhios agad, an àite mòr falamh a bha sin. Bha. .. bha. .. bha sinne. .. bha mise ann an aon cheann agus an eile aig acheann eile, trannsa fada dorcha agus an dithis eile shuas an staidhre agus. .. ach le sin, fhios agad, cha robh mòran Beurla aig duine dhen an dithis eile a bharrachd agus dhfheumadh sinn Fraingis a bhruidhinn agus eadarra. .. bha. .. aidh. .. chòrd e rium. Bha. .. bha.

PM―26 :25: Dha-rìribh, math dha-rìribh. Agus an uair sin chaidh thu air ais a Ghlaschu airson acheathramh bliadhna a dhèanamh, eil mi ceart?

AF―26 :31: Airson an tritheamh agus acheathramh.

PM―26 :33: Son an tritheamh agus an ceathramh bliadhna. Ò, ’s ann air an dàrna bliadhna a chaidh thu dhan an Fhraing.

AF―26 :36: Aig deireadh an dàrna bliadhna. .. eadar an. .. eadar an dàrna bliadhnas acheathramh bliadhna. .. tritheamh bliadhna.

PM―26 :42: À, ceart. Agus. .. agus ciamar a chòrd Glaschu riut nuair a bha thu ann, ma-thà?

AF―26 :47: Math dha-rìribh, math dha-rìribh. Tuigidh tu afàs suas ann an, ann an Leòdhasbha mi. .. chord Glaschu rium air sgàths nach aithnicheadh duine mi an toiseach, fhios agad, gu h-àraid le sloinneadh mar an sloinneadh agamsa, fhios agad. Cha. .. cha. .. cha burrainn dhomhsa a thoirt achreidsgur e cuideigin eile a rinn egur ann air cuideigin eile a bha iad abruidhinn. Fiuss leis mo bhràithrean bha triùir aca ann, dhfhaodadh gun robh iad ceàrr a thaobh fear aca a bhann. Ach cha robh. .. cha robh ach an aon. .. an aon nighean leis an sloinneadh. Agus, ach feumaidh mi ràdh às dèidh dhomhsa, fhios agad, bha mi. .. rinn mi achiad còig bliadhnaichean mar sin agus an uair sin rinn mi bliadhna ann an Cnoc Iòrdain airson ionnsachadh. .. na mo thidsear. Rinn mi an àirde minntinn anns abhliadhna a bha sin, às bith eile a bha bha mi dol a dhèanamh nach bi. .. nach bi tidsear àrd-sgoil a bha mi ag iarraidh a dhèanamh. Agus thill mi dhan. ..

PM―27 :56: Ann an. .. ann an. .. ann an Gaidhlig, Anna, no ann an. .. ?
AF―27 :59: Gaidhlig. .. Gaidhlig agus Fraingis.

PM―28 :01: Ò, an chuid.

AF―28 :02: An chuid. Agus an uair sin thill mi dhan an oilthigh airson ceum ollamhachd a dhèanamh. Agus bha mi dhà no thrì bhliadhnaichean às dèidh sin ag obair ann an Glaschu. Agus an uair sin, às dèidh ùine, dhfhàs mi sgìth dheth feumaidh. .. feumaidh mi ràdh aguss ann a bha mi ag ionndrainn nach robh daoine air an robh mi eòlach timcheall orm, fhios agad, tha mi asmaoineachadh. .. bha. .. an rud a bha air a bhith math aig an toiseach. .. bha. .. bha. .. bha dìreach bha fadachd orm. Tha mi asmaoineachadh gur e an rud a rinn an àirde minntinn gun robh mi, fhios agad, ag iarraidh a-mach às. .. bha, bha samhradh fìor fìor mhath ann. Agus bha mi asmaoineachadh rium fhìn nam bithinn aig an taigh, dhfhaodainn a bhith adol, fhios agad, shìos chun achladach, mach cuairt air amhòinteach, agus, fhios agad, chan ann sìos gu na. .. dìreach. .. gu na. .. na tràighean a tha. .. tha. .. .anns a h-uile baile tha àiteachan ann far nach eil ach muinntir an àit’ . .. air nach eil muinntir an àite fhèin eòlach, fhios agad, gheibheadh tu. Agus ann an Glaschu bhiodh agam ri bhith coiseachd co-dhiù leth-uair a thìde mus ruiginn pàirc a bhiodh loma-làn le daoine eile. Agus bha, bha mi dìreach, fhios agad, afaireachdainn, fhios agad, nach. .. sgìth dhan abhaile mhòr agus tha mi asmaoineachadh cuideachd nuair a tha thu atòiseachadh ag obair tron an t-seachdain, an rud a bha uabhasach tarraingeach nuair a chaidh mi sìos an toiseach, ’s e na bùithtean mòra agus. ..

PM―29 :52: Seadh.

AF―29 :53: . . .nuair nach urrainn dhut a dhol gu na bùithtean ach Disathairne ann an Glaschu chan eil. .. chan eil toileachas sam bith ann agus, fhios agad, bha mi asmaoineachadh. .. bha mi aceannach rudan a-rithist cha robh. .. cha robh, chan ann air-loidhne idir, aig. .. aig. .. à catalogue. .. tha mi asmaoineachadh. .. dhfhaodainn a bhith adèanamh seo aig an taigh, fhios agad, carson? Agus nuair a thàinig an obair ann an. .. ann an Colaiste aChaisteil an àirde, bha mi. .. bha mi dìreach. .. bha mi deiseil airson tighinn dhachaigh. Agus leis an sin, fhios agad, bha. .. bha na bliadhnaichean anns abhaile mhòr, bha iad. .. bha iad math, bha iomadh rud math man dheidhinn, ach bha mi ro thoilichte an cothrom fhaighinn teicheadh às.

PM―30 :44: Seadh. Math dha-rìribh. Thàinig thu dhan Chaisteal ma-thà, thòisich thu ateagasg anns aChaisteal. . .. cuine a bha sin, Anna? Cuine a thàinig thu air ais?

AF―30 :53: Ann an naoi ceud deug, naochads naoi.

PM―30 :56: Naochads naoi, glè mhath.

AF―31 :00: Agus, aidh, bha mi gu math. .. bha mi air a bhith afeuchainn ri obair ann an oilthigh fhaighinn airson treis roimhe sin. Bha mi air a bhith ag obair anns na meadhanan. Bha mi ag obair air Machair mar eisimpleir, an toiseach dìreach acumail sùil air achòmhraidh, fhios agad, an robh. ..

PM―31 :23: Ceart.

AF―31 :24: . .. an robh daoine cumail ri. .. chan. .. chan. .. chan e an robh iad acumail ris an sgriobt ach ma bha iad ga atharrachadh an robh iad acumail ris an atharrachadh a rinn iad, bha. .. bha sin ann cuideachd. Agus an uair sin. .. mar sin. .. bha mi ag eadar-theangachadh airson aig àm sin bha iad an toiseach bha iad asgrìobhadh nan sgriobtaichean anns aBheurla. An uair sin nuair a thòisich iad gun robh iad gu bhith air an sgrìobhadh anns aGhàidhlig bho thùs, bha mi an sàs ann an sin. Agus mu dheireadh mar dheasaiche air sgriobtaichean agus bha mi adèanamh an uair sin, bha mi adol eadar Machair agus STV agus Eòrpa agus aBhBC adèanamh nam fo-thiotalan air. .. air. .. air Eòrpa. Sin a bha. ..

PM―32 :08: Ceart.

AF―32 :09: Agus an uair sin obair rannsachaidh agus mu dheireadh taobh radio agus taobh. .. taobh na Beurla bha. .. bha prògram aig Lesley Riddoch a bha adol a-mach bho Diluain gu Dihaoine agus bha mi ag obair mar neach-rannsachaidh air an sin. Agus cha mhòr nach robh mi air dìreach air leigeil seachad abheachd, fhios agad, tilleadh gu. .. gu obair a thaobh foghlaim nuair a thàinig an obair a tha seo anns aChaisteal an àirde agus a-rithist dhèist mi ri mo mhàthair. Thuirt e rium, “Siuthad, feuch, siuthad feuch air a shon co-dhiù, fhios agad, chan fhaigh. .. ” agus gu. .. gu fortanach fhuair mi an obair agus. .. agus. ..

PM―32 :59: Bha. .. bha do mhàthair ceart a-rithist.

AF―33 :03: Bha i ceart a-rithist. Bu chòir dhomh a bhith air ionnsachadh.

title2
internal date2021.0
display date2021
publication date2021
level
parent textAnna Frater
<< please select a word
<< please select a page