Eairdsidh Caimbeul

Ach co-dhiù fhuair sibh cothrom tilleadh air ais a Bheinn na Faoghla co-dhiù so, agus rinn sibh an uair sin?

AM―00 :13: Bha mi ag obair air achruit is an uair sin chaidh mi a dhobair guGovan.

EC―00 :16: An robh beò-shlaint ri dhèanamh air achruit fhèin no.. .?

AM―00 :20: Cha robh, dhfheumadh tu obair eile còmhla rithe. Dhfheumadh. Bha e gu math doirbh beò-shlaint a dhèanamh air achruit, cha ghabhadh e dèanamh. Mar as trice, ’eil fhios agad, dhfheumadh tu.. .cruit mhòr a bhith agad.

EC―00 :36: No beag.. .no grunnd a thoirt còmhlas dòcha. Agus chaidh sibh guGovanan uair sin an tuirt sibh, companaidh ann anGovan?

AM―00 :44: Aidh, ’s e. Bha iad.. .àAyra bha iad, ’s ann aca a bhaMidlandsaig a’ Mhinistryshuas an seo. Bha mi ag obair ann an sin gu.. .dhfhalbh iad.

EC―00 :58: Agus an robh daoine eile cuideachd ag, ag obair an seo, feadhainn à àiteachan eile, an robh.. .an robh.. .bha.. .bha.. .luchd-obrach bho àiteachan eile ann?

AM―01 :06: Chaidh sinn a Hiort, bha mi trì mìosan ann an Hiort aigGovana bha sin, bha peantadh ann.

EC―01 :13: So, trì mìosan gun faighinn dhachaigh, cha robh.. .cha robh.. .? Ciamar a bha, ciamar a bha sin?

AM―01 :17: O, chòrd e glan rium.

EC―01 :23: Agus an dfhuair sibh cothrom a dhol air feadh an eilein acoimhead air na.. .?

AM―01 :26: Och fhuair, a ghràidh ort, cha robh oisean nach do shiubhal sinn, feasgar, ’eil fhios agad, nuair a bhiodh tu air sguir a dhobair.

EC―01 :33: Agus an robh latha gu math fada, latha fada obrach agaibh?

AM―01 :37: Uill, cha robh, bhathas ag obair ishudoch uill, cha mhòr nach robh sinn ag obair mar a thogramaid fhìn. Agus dhèanadh tu.. .bha thu adèanamh na h-obrach a bhagad ri dhèanamh dìreach, is sin agad e feasgar, is an uair sin dol sìos dhan champa agus agabhail.. .agabhail , biadh an sin. Bha an t-arm ann, ’s iad a bha gar biadhadh, is bha am ‘Puffin Inn’ ann.

EC―02 :03: An robh sin ann? So, bha cothrom, bha cothrom agaibh air balgam fhaighinn feasgar cuideachd?

AM―02 :06: O, bha a ghràidhein, bhitheamaid adol ann, Seonaidh Dhòmhnaill Sheonaidh bhiodh e còmhla rium à Ceann aBhàigh, a bheil thu eòlach air?

EC―02 :15: Chan eil mi eòlach air Seonaidh idir.

AM―02 :17: ’S e bha còmhla rium, mi fhìn is e fhèin napalsa bha thall an sin nuair a bha sinn ann an Hiort.

EC―02 :22: Agus an companaidh a bha sineach? , . ..

AM―02 :24: Govan.

EC―02 :25: ’S eGovanfhèin a bhann gabh mo leisgeul, ’s eGovanfhèin a bhann.

AM―02 :29: Ruairidh Dhòmhnaill na h-aibhne à deas bha e ann is Calum Chaluim Iain.

EC―02 :35: Agus am biodh sibh ag iasgach no dad sam bith feasgar? An robh sibh.. .an robh cothrom agaibh.. .?

AM―02 :40: Cha robh, cha robh sinn ag iasgach idir, cha robh. Cha robh cothrom againn air. Ach bhiodh amhòr-chuid den arm fhèin ag iasgach, o ghràidh, bha rionnach ann a bha.. .huda Dhia, monstersgràthail, bha e snog. Bhiodh an t-arm gan fhaighinn, agus gheibheamaid feadhainn dhiubh nam bitheamaid gan iarraidh, ach bha iad fhèin ga dhèanamh.

EC―03 :05: Seo nist. So, agus cho fads a bha an, an obair còmhla riGovanma-, .. .an robh, an robh sibh ann ùine mhòr?

AM―03 :13: Bha mi ann dìreach gus an do sguir iad. Chaidh iadburstann anAyr, bha.. .theann iad airhousing schemeair choireigin is chaidh iad ann anliquidation , so that was it.

EC―03 :26: So dhfhàg sibh an obair. Agus rinn sibh an dèidhGovanfhàgail?

AM―03 :31: Och uill cha robh mi ach, uill bha mi.. .ag obair thall is a-bhos.

EC―03 :39: Agus ach, cha robh.. .an robh obair sam bith eile agaibh aig companaidhean?

AM―03 :42: Chan e, bha, bha mi ag obair aig a’ Water Board.

EC―03 :45: Sin, sin a bhorm, sin a bhorm.

AM―03 :48: Bha, fhuair mi.. .theann mi aig a’ Water Boardan uair sin, ’eil fhios agad, aguss bha mi ann gus an doretiremi.

EC―03 :54: So, ’s e sin an obair a bfhaide a bhagaibh a-riamh mar gum biodh, aig a’ Water Board?

AM―03 :56: ’S e. Bha mi seachd bliadhna fichead ann.

EC―03 :59: ’S e cnap.. .cnap math ùine.

AM―04 :02: Bha mi an uair sin, bha mi trì ficheads a còig an uair sin.

EC―04 :08: Agus an obair a bhagaibh aig a.. .aig a’ Water Board?

AM―04 :10: A h-uile seòrsa. Càradh bhurstaichean is acur sìos pìoban ùra. O dìreach.. .dol a-mach aig.. .uaireannan gheibheadh tu brath gun robh.. .nach robh uisge aig siud tha uisge aig seo, cha robh e gu diofar an t-sìde a bhann dhfheumadh tu a dhol a-mach.

EC―04 :27: A bheil sibh afaicinn diofar sam bith as an t-sìde bhon a bha sibh nar dhuine òg as an latha an-diugh?

AM―04 :30: Tha. Diofar mòr ann.

EC―04 :34: A bheil e.. .a bheil iad.. .a bheil na ràithean adol an lùib a chèile no bheil.. .mar gum biodh.. .ciamar?

AM―04 :40: ’Eil fhios agad, chan urrainn dhut, chan urrainn dhut a ràdh, ciamar a chanadh tu.. .uaireiginO bidh i snog a-màireach’, ’eil fhios agad, nistha cuimhnagamsa gum biodhte adlùthadh an arbhair as t-fhoghar, deireadh an fhoghair, can gun robh thu afàs anmoch bhiodh bun agad agus chan fhaigheadh tuOch fàgaidh sinn e, cuiridh sinn crìoch air a-màireach’, cha robh thu ach ga fhàgail, cha leigeadh tu leas sian a chuir air, bha fhios agad gun robh i gus a bhith tioram. Ach chan urrainn dhut sin a dhèanamh an-diugh. Cha mhòr nach fheumadh tutarpaulina bhith nad, ri do thaobh an-diugh. Dìreach ag obair air dlùthadh, ach chan eil dlùthadh adol an-diugh.

EC―05 :18: Agus leis an obair a bha agaibh aig a’ Water Board, an robh sibh ag obair ann an Uibhist a Tuath is a Deas, air feadh Uibhist?

AM―05 :25: Bha, bha. Barraigh.

EC―05 :27: Barraigh cuideachd?

AM―05 :28: O, bha is Beàrnaraigh. Bhithinn adol a Bheàrnaraigh. Bhithinn am Barraigh is bhitheamaid a’ relieveadhgu math tric, Mìcheal Iain a bhair thall an sineach.

EC―05 :39: Cuideigin à Barraigh ach. ..

AM―05 :40: Uh - huh. An dèidh dhaibh, ’eil fhios agad, afalbh airholidayna rud den t-seòrsa sin, bha mise adol a-null. Och chòrd e math leam.

EC―05 :48: A bhith adol a Bharraigh?

AM―05 :49: Chòrd. Agus gu seachd àraid Beàrnaraigh.

EC―05 :54: Beàrnaraigh.. .Beàrnaraigh na Hearadh?

AM―05 :56: Uh - huh. Bu thoil leam a dhol a Bhèarnaraigh. Bha mistrandedann aon oidhche, ’eil fhios agad,

EC―06 :05: Cha robh an drochaid ann an uair sin.

AM―06 :06: Cha robh drochaid ann an uair sin.

EC―06 :09: Agus an robh, an robh oidhche mhòr agaibh ann am Beàrnaraigh?

AM―06 :11: Bha ghràidh, mi fhìn agus Niall MacAsgaill. ’S e.. .o bha laghach Niall. Dòmhnall Angaidh, bhiodh bàt.. . ’s ann aca a bha am bàta. O, thàinig stoirm eagalach, bfheudar dhomh fuireach còmhla riutha.

EC―06 :24: An robh pàrtaidh agaibh thall an Èirisgeigh an oidhche sin?

AM―06 :26: Chaidh sinn sìos dhanMhission Halla chluichebadminton. Sin anjoba bhagainn air an oidhche sin.

EC―06 :32: Agus an e rud mòr a bhann a bhith, a bhith acluichebadminton? An e rud a bhiodh.. .?

AM―06 :35: O, bha mi fhìn is Roddy ‘Red Tie’ eagalachkeenair a’ bhadminton, bha sinn anns angymann a sheo, cha robh sinn afalbh às.

EC―06 :42: Agus am biodh seo ann a h-uile seachdain?

AM―06 :45: Bha, ghràidh ort, bha, o thia bha.. .bha e sgoinneil, Dòmhnall Roddy is Neilly Ruairidh is Fearchar is och, seta bha sin, bhiodh grunn mhath ann, dìreach làn, aidh.

EC―06 :58: Seadh. Agus an chuid fireannaich is, is boireannaich acluiche, an robh? An robh boireannaich acluiche cuideachd?

AM―07 :04: Bha, mixed doubles.

EC―07 :06: Ceart. So, ’s e, ’s e rud math sòisealta a bhann.

AM―07 :09: ’S e, os e. Bha.. .an toiseach, ’eil fhiosad, chuir iadmeteranns angymis dhfheumadh tu tasdan a chuir ann, ach an dèidh dhuinn chuireadh ann e, cha robh glas idir air, agus bha sinn adèanamh ach bha sinn atoirt dheth amhullaich agus acur, acur an tasdain, an aon tasdan roimhe grunn thriopan agus bha e adèanamh an oidhche dhuinn! Gus an do sheall iad e.. . ’s ann a bhiodh.. .do bheatha.. .cha robh sgilling ach an tasdan ann is chuireadh glas ann an uair sin, is bhitheamaid. ..

EC―07 :46: Agus am biodh sibh acluiche an aghaidh feadhainn eile bho, bho.. .?

AM―07 :48: Aidh, bhitheamaid acluiche an aghaidh tuath agus acluiche an aghaidh deas, Dalabrog.

EC―07 :56: So bhiodh farpaisean gu math cruaidh, uill chan e cruaidh, ach bhiodh sibh, bhiodh sibh ag iarraidh glèidheadh.

AM―08 :02: O, bha, cinnteach, glè mhath. O, bha mi fhìn is Roddy aglèidhinn mar bu trice, bha, bha sinn math còmhla. Fhuair sinn sin a ghlèidhinn anns angym, bhacompetitionis ghlèidh mi fhìn is Roddy nadoublesis ghlèidh mise nasingles, ’s ann an aghaidh Roddy a bha mi cuideachd.

EC―08 :22: Agus am biodh spòrs eile sam.. .an robh sibh acluichefootballis.. .?

AM―08 :26: O, bha a ghràidh, ’s efootballbu mhotha a bha sin acluiche. Bhitheamaid adol sìos abuain mhònadh, bhiodh sinn adol tarsainn air anairporta chluiche gus am biodh i dorch, acluiche ann an shineach.

EC―08 :39: Agus a-rithist am biodh sibh acluiche an aghaidh sgiobaidhean à, à tuath is deas is.. .?

AM―08 :42: Bha, bha. Cuimhn’ ’am air amFestival of Britain, chan eil cuimhnam cuin a bhann anns na 40s no uaireigin.. .49 no.. .?

EC―08 :53: Gun teagamh, rudeigin, rudeigin timcheall air sin.

AM―08 :55: Bha mi acluiche as anteama bha sin, cha robh mi ach òg, mi a bòige a bhinnte, mi fhìn agus Tormod Aonghais Ruaidh à deas, agus an aghaidh tuath, 1-1 a bhann.

EC―09 :12: Bha.. .bha geama cruaidh ann.

AM―09 :13: O, geama cruaidh a ghràidhein, bha, bha e math, bha.

EC―09 :18: Agus an robh rud sam bith eile atachairt, am biodh, am biodh sibh aruiths dòcha no adèanamhathleticsno dad sam bith mar sin?

AM―09 :24: Ochs e glè bheag dheth sin a bha adol an uair sin, ’s e.

EC―09 :27: ’S e, ’s e an geama fhèin a bfheàrr leibh.

AM―09 :29: Tha cuimhnam nuair a thàinig a.. .an dèidh bha agheama seachad co-dhiù, dhfheumamaid a dhol siòs – hutfhuar fhada agus bha e làn biadh, bha iad adol mu chuairt le dram is cha robh, cha robh mise ach òg is bha mi ag òl ann, ach thuirt Tormod a bha ri mo thaobhOch nisgabh druthagis lìon e is bha mise.. .o Dhia.. .bha mi afaicinn an hall adol mu chuairt ùine mhòr is feuch an seitligeadh i!

EC―10 :01: An e sin achiad bhlas a bhagaibh air an deoch làidir?

AM―10 :03: ’S e.

EC―10 :07: Agus am biodh rudan eile atachairt as a’. . .air an eilean, am biodh, am biodh dannsaichean ann anhallna h-eaglaise, no.. .?

AM―10 :13: Bha dannsaichean as angyma ghràidh ort, bha, bha iad ainmeil nuair a theannadh a.. .fear-ciùil dhachaigh far a’ mhainland.

EC―10 :23: Agus bhiodh atighinn dhachaigh a chluiche? , na.. .nabandsa bhiodh.. .?

AM―10 :28: Bhiodh grunn atighinn dhachaigh. Bobby MacLeod, bha e math is. ..

EC―10 :31: An e Muileach a bhann am Bobby MacLeod?

AM―10 :33: ’S e. AgusScottish dance, fhios agad, feadhainn às.. . às a bha iad a-rithist.. .bha iad math, och bhiodh grunn atighinn, agus bhiodh anhalla bha sin a laochain dìreachpacked, o chan fhaigheadh tu a-staigh an doras cha mhòr. ’Eil fhios agad bhiodh bàla nagamesann, gamesAsgearnais.

EC―10 :57: Sin an t-àm as trainge buileach?

AM―10 :58: O, bha i dona an uair sin, bha i cianail. Ach bhiodh uidhir a chnogain is bhiodh gu leòr a-muigh. ’S ann nuair a thugadh air falbh na botail aca às an fheanndag.

EC―11 :09: Bha mi adol a dhfhaighneachd, nam, nam biodh tu ag iarraidh balgam, dhfheumadh tu rudeigin a thoirt leat, mar gum biodh?

AM―11 :13: Dhfheumadh, is dhfheumadh tu a chur am falach a-muigh.

EC―11 :17: Agus am biodh e adol air chall uaireannan?

AM―11 :18: Bhiodh!

EC―11 :19: Tha mi cinnteach gu bheil, gu bheil leth-bhotal ann fhathast, tha mi acreidsinn.

AM―11 :22: Chunnami aon triop, fhuair miphonecall à deas, agus thuirt e leamA bheil thu adol a Bhaile aMhanaich, Ailig? ’. ‘Thaars mise’. ‘Uill, tadhal air.. .son bhaplinthann agus bha siota sinc ann agus na bhroinn, is bha fiosam fhìn gun robh is thuirt eThahalf - bottle, ars esan, fon siota sinc anns a’ phlinthan sineach, ma bhios tu adol dhan bhùthaidh, faigh e’. Dhfhalbh mise suas co-dhiù agus mar a thuirt bfhìor, bha leth-botal ann a shineach. Uill bha druthag bheag air a thoirt às, bha e cho taingeil ag òl còmhla ri càch dhìochuimhnich e gun robhhalf bottleaige fhèin.

EC―12 :06: Agus an robh e cumanta daoine a bhith agabhail dhramaichean no an e dìreach rud a bhiodh atachairt bho àm gu àm mar gum biodh, corra uair no an robh, an robh e cumanta a bhith agabhail dramaichean air an oidhche no aig a.. .?

AM―12 :16: O, cha robh, cha robh, cha robh thu agabhail air oidhchebadmintonco-dhiù, cha robh leithid an rud aig a’. . .cha robh, cha robh.. .oidhche danns’, sin agad thu.

EC―12 :25: Seadh dìreach.

AM―12 :26: Sin agad nuair a bhiodh daoine agabhail tancairean. BliadhnÙr.

EC―12 :36: Aig àm na Bliadhna Ùire.

AM―12 :37: O, ghràidhein, bha àm na BliadhnÙire math, bha leisgeul aig a h-uile duine an uair sin air dram a ghabhail, cha chanadh duine guth leat.

EC―12 :45: Agus bhiodh atachairt aig àm na BliadhnÙire, air Oidhche Chullaig am biodh duine adol mun cuairt is atadhal air a chèile tòrr?

A―12 :52: Bha, atadhal air a chèile. Bha mi fhìn is Roddy bhitheamaid afalbh à Baile nan Cailleach, adèanamh Baile nan Cailleach uileadh, an uair sin bha sinn agabhail tarsainn gu An Àird, bha sinn adol a thaigh Nelson man tuirt iad, is Sandy MacLeod is bha sinn adèanamh na cuairtean a bha sin, is bha sinn an uair sin adol aCholumba Place, bha, a ghràidh, crowdsan sin is Dòmhnall Roddy is.. .bhitheamaid.. .Neilly Ruairidh thug e leis anlorryaon triop, dhfhalbh sinn as anlorrysuas a bha siud adol a thadhal Dòmhnallic Uilleim. Ghabhadh dram a-staigh an sin, is thàinig Neilly adràibheadh is thuirt e an toiseachO Dhia cho caols a tha an rathad a tha seo air fàs, is cha robh.. .bha e ga fhaicinn caol! Cumail air is e cho caol. Cumail air is.. .cha robh Neilly ag òl co-dhiù, ’eil fhios agad, ach, ach na dramannan a bha sineach chuir iad.. .chaidh e na cheann.

EC―13 :53: Seo nist. So, coltas gun robh an t-aite beòthail aig an àm, gun robh tòrr atachairt. Ciamar a.. .ciamar a thachair sibh fhèin is, is ur, ur bean le chèile, le Margaret? An robh.. .an ann aig dannsa a bha sibh?

AM―14 :07: Acluichebadminton, ’s ann. Dalabrog. Bha Margaret as achidsin is thàinig i a-mach às agus dhfhaighnich i dhomh an e bràthair de dhEairdsidh MacPhee a bhannam. ‘ ’S earsa mis’, agus ach.. .bha i, bha i ag obair aigMissShand, ’eil fhios agad, ’s e a bha adèanamh.. .ag obair air clòithean is gnothach shuas an siud greiseag, is bha i thall an Leòdhas. Bha Eairdsidh. .. [unclear] . .. ach chan fhaigheadh iad a-nall idir is bha iadstrandedann a shin, Margaret is e fhèin is i fhèin. Bha i ag iarraidh.. .bha e afaighneachd dhi am faigheadh i dha òran air choreigin a bha aig Dòmhnall Ailean Dhòmhnaill na Bainich agus sin an dòigh a bha i afaighneachd dhomhsa, ’eil fhios agad, an e.. ., sin mar astartmi fhìn is Margaret.

EC―14 :58: Dìreach, dìreach mar sin. Agus banais mhòr agaibh aig deas.. .an ann aig deas a phòs sibh?

AM―15 :05: ’S ann.

EC―15 :07: Chunnaic mi dealbh gu math snog is sibh adèanamh ruidhle na bainnse tha mi asmaointinn, ’s e dealbh uabhasach fhèin snog a thann.

AM―15 :13: ’S eDoctor.. . seo an t-ainm a bhair.. .?

EC―15 :17: O, DoctorRobertson, DoctorRobertson? Agus bha esan.. .bu toil leis a bhith atogail, atogail dheilbh.

AM―15 :22: O, bha e math air tarraing dhealbhannan, bha. ’S ann às a dhfhalbh Margaret uair a bha i, bha an taigh aca dìreach ann anKenneth Drive, bha an taigh acaoppositefar an robh Margaret afuireach.

EC―15 :37: an taigh a tha sin, taigh, taigh an dotair?

AM―15 :39: Uh - huh. Agus bha iad eagalach eòlach air a.. .màthair, ’s ann às an taigh sin a dhfhalbh Margaret a phòsadh, ’s ann, taigh an dotair, ’s ann.

EC―15 :50: Agus ris a bha banais coltach aig an àm sin, an robh, an robh rud sam bith ann ron bhanais, an robh, an robh Oidhche nam Preasant ann no rudeigin mar sineach, an robh?

AM―15 :58: Bha, bhiodh.. .Latha nan Cearc, a ghràidh.

EC―16 :02: Latha nan Cearc, Latha nan Cearc.

AM―16 :04: Bha.. .latha mòr a bha sin. Bha na cearcan gam bruich, ’s ann as an t-seada ann an sheo, as abhothy againne a bhruich sinn na cearcan air an taobh seo. Chaidh awhole lota bha sin suas an uair sin a Dhalabrog.

EC―16 :19: Agus an e rud mòr a bhann a bhith ag ithe feòil-circe, an e, an e trèat mòr a bhann?

AM―16 :23: ’S e ghràidh. Bha na cearcan atighinn, hudbha iad gam marbhadh as an t-seada mar a bha iad atighinn. Na boireannaich ann a shin aspìonadh is gam bruich is cia mheud dòigh, o ghràidh ort Dhias e latha mòr a bhann. Bha an aon rud adol aig deas.

EC―16 :41: Bhiodh iad.. .an aon rud, an aon rud is an chuid atighinn còmhla.

AM―16 :42: Bha.

EC―16 :45: Agus bhiodh banais-taighe ann cuideachd?

AM―16 :47: Bha cuideachd, banais-taighe, ’s ann a-bhos a bha i.

EC―16 :51: Agus bha sin airson an fheadhainn a bha acuideachadh aig abhanais?

AM―16 :53: Bha. ’S ann dhaibh a bha abhanais-taighe.

EC―16 :59: Agus an dèidh dhuibh pòsadh an tàinig sibh.. .an robh sibh afuireach as abhaile seo no.. .’, robh sibh afuireach?

AM―17 :04: Bha mi afuireach ann anColumba Place. Bha m’ auntiedhomh ann a shineach ann an shin, Number1.

EC―17 :11: Agus cùin a thogadh an sgeama a tha seoColumba Place? Ciamar. .an e.. .a bheil.. .?

AM―17 :15: Anns na 40, late40s, aidh.

EC―17 :18: ’S e Comhairle, Comhairle Inbhir Nis a thog iad?

AM―17 :20: ?

EC―17 :21S e Comhairle Inbhir Nis a bhann, Highland , Highland Region, High.. ., uillInverness -shire, Inverness-shire, Inverness- shire.

AM―17 :28: Sin an fheadhainn a bha. ..

EC―17 :34: ’S e taighean-fiodha a thannta, nach e?

AM―17 :35: ’S e.

EC―17 :36: An robh sin rud beag neònach san àite mar seo, taighean-fiodha ann an àite mar.. .?

AM―17 :40: Bha dhuinne an toiseach ach bha.. .taighean math a bhannta.

EC―17 :43: Tha e coltach.

AM―17 :44: O, ’s e. Thàinig mi seo agus an uair sin nuair a bhàsaich m’ auntiefhuair mi.. .fhuair mi an taigh dhomh fhìn.

EC―17 :55: Taigh na cruite?

AM―17 :56: Chan e, ach an taigh aig m’ auntie.

EC―17 :58: TaighColumba Place.

AM―17 :59: Columba Place, aidh. An uair sin thog mi seo, thàinig mi a-nuas an seo. Bha mi an dèidh a bhith atighinn a-nuas adèanamh na cruite nuair a bhithinn deiseil, deiseil obairGovan, bha mi adèanamh na cruite cuideachd.

EC―18 :16: So bha thu ag obair aigGovanagus ag obair , ag obair na cruite.

AM―18 :19: Innsidh mi stòiridh dhut, triop thàinig mi a-nuas, ’eil fhios agad beathaichean bha iad a-staigh an uair sin sa gheamhradh agus bha.. .bhiodh tu gam biadhadh is bha taigh-saorsainneachd aig mathair thall ann a sheo, ceann.. .bha cisteachan-laighe againn anneil fhios agad, bha iad atighinn dhachaigh an uair sinready - mademan tuirt iad, agus tha.. .bha, bha iad air aon cheann den t-sabhal agus bha an t-arbhar agam air acheann eile, bha doras ann faisg air abhàthaich. Bha doras air an taobh seo, tha e fhathast ann far an robh na cisteachan.

EC―18 :58: Cisteachan-laighe?

AM―18 :59: Cisteachan-laighe. Chaidh mi a-staigh acoiseachd co-dhiù is mi bha as an triom, bha cathadh sgrathail an dèidhs a bhith ann an oidhche roimhe sin de sneachd agus bha, co-dhiù bha mi acoiseachd suas an cabhsair is afeadaireachd is latha snog ann, is dhfhosgail mi doras na bàthach is sheall mi a-staigh agus a h-uile sianall rightis och a-rithist an doras eile fhosgladh. Ma dhfhosgail, a ghràidhein, bhac mi air n-ais bha mi ag ràdh an siud, an e taibhse a tha mi afaicinn no ? Agus thill mi a-staigh a-rithist agus chaidh mi a-null air mo shocair agus bha an duine a bha seostretchedri taobh cistagusa Dhia, Dhia a bheil thusa beò no marbh?’ bha mi ag ràdh leam fhìn, is dhfheuch mi e co-dhiù is o bha, bha e beò. ‘O taing do Dhia gu bheil e beò co-dhiùthuirt mi leam fhìn! Agus tha.. .dhfhalbh mi agus chrath mi e is dhùisg e is bha e acrathadh achinn is ‘Where do you come from is who are you anyway? ’. Cha chluinninn ach ‘Lochmaddy , Lochmaddy, Lochmaddy’ siud a gheibhinn bhuaithe. O ghràidhein bha e na chrith leis an fhuachd, sneachd is deigh is reothadh. Agus, agus co-dhiù, thug.. .fhuair e, thug mi air chois e is thuirt mi leis ‘Oh youd better come down to the house’, is mo mhàthair, bha an uair sin.. .bha, bharangemòr as an t-seann taigh seo is Ciorstag bhiodh i adol gu obair tràth is bhiodh teine ann is roastadh e each cha mhòr leis gun robh na bha sin de theas ann. Thug mi sìos e co-dhiù. Chuir mi air abheingidh e is thug mi dha cupa . Chaidh mi suas far an robh mo mhàthair is thuirt mi. .. [unclear] .. .ars mise.. .tha duine neònach an seo agam. Bha mi ag ràdh rium fhìnO Dhia feumaidh gum buin e dhan arm air dòigh air choreigin, ach bidh Eachann a-bhos an ceartuair leis abhan is thig sinn suas dhan champa leis.’ Chaidh sinn an sin co-dhiù is chaidh mi fhìn chun a. .. a-staigh dhan rud co-dhiù, is bha fear airdutyann a shin is thuirt mi leis an robh saighdear sam bithmissingaca. ‘What ? Yes!’ arsesan. ‘I think Ive got him in the van here’ arsa mise leis, so thàinig e a-mach còmhla rium, sin agad am fear a bhann. Cha robh sgeul aca bhann a laochain ach.. .commandosa bhannta agus thàinig iad air tìr air Loch nam Madadh is bha aca rin rathad fhèin a dhèanamh a-staigh an sin dhan champa ach bha oidhche mhòr aca, chaidh iad gu am fear seo Charlie Campbell an ath-dhoras leamsa, ’s etelevision engineera bhann, cuimhnagad air? Tha. Agus chaidh iad dhan taigh aigesan agus och.. .bha.. .feumaidh gun robh deoch adol sa ghnothach co-dhiù ach nuair a dhfhalbh esan a-mach air feadh na h-oidhche bha cathadh de shneachd ann, an àite tionndadh gu tuaths ann a thàinig e gu deas. Chum e air, chunnaic e na solais is bha dùil aige gur ebarracksa bhann, ’eil fhios agad, nasteadingsagainne. Chaidh e chun an dorais chaidh e thall is bhrist e a-staigh e. Bha e ann a shin ach co-dhiù sinall right. Cha robh achòrr mu dheidhinn ach an oidhche bha seo thàinig Charlie far an robh mi fhìn is Margaret is thuirt e ‘Will you go out tonight with us, Pat and I, invitation to the mess? ’. Dhfhalbh sinn co-dhiù agus thuirt a.. .thuirt a.. ... .thachair am fear seo ris agus dhaithnich mi estraight awayach cha do dhaithnich esan misidir, is thuirt Charlie ‘Do you know this man’ arssan ris an fhear sin. ‘No’ arsesan ‘I ’ve never seen him before.’ ‘O yes but you have’ arsa Charlie, ‘That ’s the man that saved your life in Nunton when you broke into his barn.’ O ghràidhein, theann e a ghràidhein an uair sin, is fhuair mise na taingeannan a bha sin is cha robh math leam làmh a chuir nam phòcaid. Mi adol a ghabhail drama, esan a bha ga fhaighinn. Bha mise le ‘I got treated like a king’ mar a tuirt iad. Siud thu a-nis’. Sin agad ach dhfhaoidte.. .nam bithinnsa air a reportadh gun do bhrist e an doras a-staigh, o ghràidh bhiodh e an dèidh a bhith ann antroubleged a bha e air a’ Chommandofhèin. Sin a shàbhail e, gun robh e nachommando.

EC―23 :30: Tha e coltach gun robh, gun robh plana aca Uibhist air fad a bhith na champa mar gum biodh.

AM―23 :35: Bha, bha uill gu beagnaich. Bha campa mòr gus a bhith a-muigh ann an Hàcleit is bha an rathad ga dhèanamh a-mach tarsainn an rud, bha agus suas aig deas, an t-Ìochdar is Geirinis.

EC―23 :51: Ann an dòigh bha, bha Uibhist adol a bhith dìreach na champa, mar gum biodh.

AM―23 :54: Bha, bha.

EC―23 :56: Ach cha do thachair sin.

AM―23 :57: Cha do thachair. Sàilleabh a’ Sputnik. Chaidh anSputnikaig an Ruiseanach suas, is chunnaic iad cho fads a bha iad air deireadh, is chaidh, chaidh sin a.. .chaidh a leagail sìos gu. ..

EC―24 :10: So cha robh, cha robh, ’s dòcha nach robh, nach robh feum aca air, air an àite a leudachadh.

AM―24 :20: Cha robh i leth-thurass a bha i. . .och, leag iad gu h-eagalach i.

EC―24 :28: Agus an canadh sibh gun do rinn an t-arm feum ann am Beinn na Faoghla?

AM―24 :31: O. Dhia rinn do dhaoine, ’s e glè bheag de dhobair a bhiodh ann mura biodh iad.

EC―24 :37: Agus tha mi cinnteach gum biodh iad acosg airgid anns na bùithtean is anns na taighean-seinnse agus sin cuideachd.

AM―24 :42: Och uill, chan eil mòran adol dhan taigh-seinnse an-diugh ann.

EC―24 :45: Ach aig aon àms dòcha.

AM―24 :46: Aig aon àm bha, o bha a ghràidhein, evenna h-obraichean adol ‘civilians’, Creag Ghoraidh a ghràidhein ort bha iad trang, thog iad bàr ùr ann is. .. [unclear] . ..

EC―25 :00: Agus cuideachd agus ciamar a bhiodh iad afaighinn air adhart le muinntir an àite, an robh gnothaichean càirdeil eatorra?

AM―25 :05: Och bha leabhra, cha robh mòran, cha robh mòran de aimhreit a-riamh adol eadar iad, chanainn.

EC―25 :14: Agus phòs feadhainn cuideachd, nach do phòs, feadhainn, feadhainn à Uibhist is tha iad ann fhathast?

AM―25 :19: Tha iad ann fhathast, tha, bha fear ann an-diugh, chunnaic mi fear aca thàinig e.. .Robbie, Pete Grey, chan eil fhios am, ’eil cuimhnagad air?

EC―25 :27: Baithne dhomh Pete Grey.

AM―25 :28: Am baithne? O uill bha mise gu math eòlach air, bha a ghràidhein, bhiodh e adol gu Charlie Campbell, ’eil fhios agad an ath-dhoras. Bhiodh e a-staigh againne cheart cho trics bha e aig Charlie.

EC―25 :40: So bha càirdeas math eadar, eadar na saighdearan aguss muinntir an àite is na teaghlaichean.

AM―25 :46: O, bhithinnsa, bhithinnsa oidhche Shathairne, o uill bhithinnsa adol dhan leabaidh is bhithinn aglasadh an dorais, ach o Dhia bha iaddeterminedgun tigeadh iad a-staigh, chuireadh iad às an leabaidh mi.

EC―25 :58: An canadh sibh anns an latha an-diugh gu bheil, gu bheil cothroman-obrach gu leòr ann dha daoine òga, a bheil.. .a bheil.. .an urrainn dhaibh beatha a dhèanamh ann am Beinn na Faoghla is Uibhist?

AM―26 :10: Uill, feadhainn aca, ach chan eil uileadh. Feumaidh iad falbh.

EC―26 :18: Agus a thaobh seirbhisean ann an Uibhist is Beinn na Faoghla, a bheil sibh toilichte gu leòr le seirbhiseandotaireachd is siubhal, afalbh air plèana no bàta no rudan mar sineach?

AM―26 :28: Uill, cha robh na bàtaichean eagalach math idir an-uiridh no am bliadhna. Tha an t-àm aca bàtaichean ùra a chur ann. O tha, gu dearbh, seann tubaichean, tha iad. ..

EC―26 :46: A bheil sibh air atharrachadh mòr fhaicinn ann am Beinn na Faoghla bhon a bha sibh gu math òg, a bheil.. .?

AM―26 :51: Och tha, a ghràidhein.

EC―26 :53: A bheil an t-àite nas fheàrr no nas miosa no dìreach diofraichte, ’s dòcha?

AM―26 :56: Tha e diofraichte.

EC―27 :00: Saoil a bheil gnothaichean nas fhasa aig daoine anns an latha an-diugh, a bheil?

AM―27 :03: Tha. Och uill, ’eil fhios agad, tha de dhinnealan ann an-diugh a tha adèanamh na h-obrach dhut, bha mi fhìn.. . ’s e gràp a bhathar ag obair air feamainn, an-diugh chan eil achtractorsadol a-staigh dhan rud is. ..

EC―27 :17: So, tha iad asàbhaladh ùine ann an aon dòigh co-dhiù.

AM―27 :20: Tha, anns a h-uile seòrs’, combine harvestersis. ..

EC―27 :24: Agus ciamar a tha daoine aceannach an leithid sineach? Tha fios gu bheil iad gu math daor, a bheil daoine afaighinn cuideachadh-airgid sam bith son a bhith aceannach inneal mar sineach no.. .?

AM―27 :33: ’S ann a tha e mìorbhaileach.

EC―23 :34: Tha e mìorbhaileach nach eil?

AM―27 :36: ’S e natractorsmhòr an-diugh ann.

EC―27 :40: O, tha iad.. . ’s e dìreach coimpiutair a thannta tha mi asmaoineachadh, chan eil an còrr ann. So tha sibh air iomadach rud a dhèanamh co-dhiù agus iomadach atharrachadh fhaicinn.

AM―27 :51: O, tha mi air atharrachadh mòr fhaicinn o.. .o rugadh mise, a ghràidh.

EC―27 :55: Tha mi asmaointinn gu bheil sibh gu math sona fhathast.

AM―27 :57: O, aidh, och tha, och tha.

title2
internal date2020.0
display date2020
publication date2020
level
parent textAilig Mac a’ Phì
<< please select a word
<< please select a page